Searmoin IV.
Galatianaich, Caib. VI., Rann 15.
“Oir ann an Iosa Criosd cha ‘n ‘eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh; ach ann an cruthachdhlh nuadh.”
(Air a leantuin o t.-d. 19).
3. Tha soillseachadh spioradail inntinn, na ni a bhuineas do ‘n chruthachadh nuadh.
‘S e ‘n Diabhul Prionsna dorchadais an t-saoghail so, ach ‘s e Dia Athair na soillse, tobair gach solus. Tha Sàtan a gabhail tlachd ann an an obair an dorchadais, ach tha Dia a gabhail tlachd ann a bhi tionndadh dorchadas gu solus. ‘S e obair an Droch-Spioraid a bhi dalladh suilean dhaoine, ach ‘s e obair an Spioraid Naoimh a bhi fosgladh sùl nan dall, agus a gairm pheacach o dorchadas gu solus. Bha ‘n solus nadurra am measg nan ceud nithibh a chruthaich Dia. An uair a bha ‘n talamh gun dealbh, agus falamh, agus a bha dorchadas air aghaidh na doimhne, ghluais Spiorad Dé air aghaidh nan uisgeachan; agus thubhairt Dia “Biodh solus ann,” agus bha solus ann. Agus O nach iongant-ach! nach glormhor an lòchran soluis a dh’ ullaich Dia, agus a chroch e suas ann am meadhon na cruitheachd, a thoirt soluis do na saoghail lionmhor a tha crochte air neo-ni mu thimchid! Cha do chaith a choinneal so—cha deachaidh an lòchran so as, o cheann dluth air sia mile bliadhna.
Chruthaich Dia an duine an toiseach, le solus cuirp, agus inntinn; le suilbh cuirp, a bheadachadh le h-iongantas air oibrbh faicsinneach a làmh; agus le suilbh inntinn, a bheachdachadh le h-iongantas agus le h-aobhneas air glòir, agus maisc spioradail a bhuaidhaibh neo-chriochnach féin. Ach an tair a thuit an duine, bha suilean inntinn air an dalladh le Dia an t-saoghail so, bha a chridhe air a lionnad le dorchadas a pheacaidh, agus dh’ fhad agus dorchadas mar oighreachd aig gach eon d’a shliochd. Tha an sliochd so uile gu nàdurra aincolach air nithe Spioraid Dé, agus neo-chomasach eolas a glabhaill orra, gus am bheil folach an eas-creidimh air a thoirt air falbh o shuilibh an intinn, tre oibreachadh an Spioraid Naoimh. An uair a ta Athair na soillse a teachd le gràs iompacaidh a dh’ ionnsuidh peacach air bith, tha e ga fhactairt na shuidhe an dorchadas, agus tiugh dorchadas a comhdachadh na doimhne do thruailidheachd a tha gabhail comhuidh ann a chridhe; ach ann an obair iompacaidh, tha ‘n Dia a thubhair ris an t-solus soillseachadh a dorchadas, a dealradh a steach le a sholus glan féin, agus a lasadh suas coinneal anus an anam, nach bi cumhachdan an dorchadais am feasd comasach a cuir gu h-ionlan as. Ann an solus na coinnle so, tha ‘n duine faicinn olc a pheacaidh, truailidheachd a nàduir, agus cunnart a staid, mar nach robh o riamh a roimhe,—tha faireachduinn aig’ a nis, mar an ceudna, air a chionta féin, air a thoillteanas mar pheacach, agus air fheum air Criosd mar Shlànugh-eair, nach robh aige roimhe. Tha Criosd,—tha tuireantachd, agus a ghràs a nis ro luachmor ann a shealladh, agus tha e toileach call nan uile nithe fhuailang chum ‘s gu ‘m b’ e bhuannachd Criosd. Tha slighe na beatha, slighe na slàinte air a foillsachadh, air a fosgladh dha, air doigh nach robh i roimhe, agus tha e nis le durachd cridhe ag oidheirpeachadh dol a steach do ‘n ionad is ro naomha, anns an t-slighe nuadh agus bheò a dh’ fhoigil, agus a chòisrig Criosd d’ a phobull le fhuil féin.
4. Tha ‘n creutair nuadh, do nàdar fior-ghlan, agus naomha.
Chruthaich Dia an ceud Adhamh na chreutair naomha. Bha e air a chruthachadh cha ‘n e fhain le corp fior, agus anam reusorta, le buill agus le buaidhibh nàdurra, ach le cridhe glan, agus spiorad ceart,—a giulan iomhaigh mhaiseach naomhachd a Chruith-fhir. Tha ‘n nuadh chreutair, mar an ceudna, air a chruthachadh a reir Dhé, ann am fireantachd, agus ann am fior naomhachd; a giulan iomhaigh naomh an Ti a ghairm e o dhorchas gu solus. Tha e, mar an ceudna, a compartachadh a naomhachd, agus a mhaise féin, ann an tomhas éigin, ris an anam anns am bheil e air a dhealbh agus a gabhail comhnuidh. Tha e treòrachadh an duine gu caithe-beatha naomha gu bhi deanamh roghainn do shlighe ghloin na fireantachd, agus a gluasad innte. Ach annsa cheart chridhe anns am bheil an nuadh chreutair a gabhail comhuidh, tha ‘m peacadh a gabhail comhneidh, agus ag oibreachadh mar an ceudna; tha ‘n sean duine nà choimhearsnach aig dosuis an duine nuadh; gidheadh cha ‘n eil sìth na reite air bith eadar na coimhearsnaich so, eadar an nuadh chreutair agus an sean duine. Tha ‘n dà nàduir, an iartais agus an obair, calg-dhreach an aghaidh chéile.
Tha ‘m peacadh ag iarraidh uachdaranachd an anama a bhi gu h-iomlan na làimh féin, agus tha ‘n nuadh chreutair, air an taobh eile, ag iarraidh gu ‘m biodh uachdaranachd an anama gu h-iomlan aige féin; agus uime sin, tha ‘n cogadh a toiseachadh air nach teid crioch, gus an croichnaich an duine a thurus air an talamb. “Tha ‘n theòil a cogadh an aghaidh an spioraid, agus an spiorad an aghaidh na feòla,” ionnas nach comasach an nuadh chreutair gu tric an ni is àil leis a dheanamh. Anns a chogadh leanailteach so, tha ‘n creutair nuadh gu tric air a shàrachadh, agus mar biodh gu ‘m bheil caraid maille ris is treise na na h-uile a ta na aghaidh, thuiteadh a lamhan laga sios, agus rachadh a mhisneach uil’ air cul. Ach tha ‘n Comh-fhurtair naomha maille ri leanabh Dhé anns a cogadh spioradail so, a glanadh a chridhe, a ceusadh an t-sean duine maille r’ a ghniomharaibh, a neartachadh an duine nuaidh, agus a giulan air a h-aghaidh na deadh obair a thoisich e fein anns an anam, o aon tomhas do ghràs agus do naomnachd, gu tomhas eile, gus am bheil i fa-dheoidh air a deanamh foirfe aig uair a bhàis, agus air a croichnachadh ann an glòir.
5. Tha n’ nuadh chreutair, do nàdur beathail agus gniomhach, a tha cuir an duine ri saothair gu durachdach ann an seirbhís a Chruith-fhir.
Tha daoine gu nàdurra marbh ann an eu-ceartaibh, agus ann an peacaibh, agus neo-chomasach, fhad ‘s a tha iad a buanachd anns a chor so, air seirbhís thaitneach a dheanamh do Dhia; ach ann an obair na h ath-ghineamhuinn, tha iad air an dûsgadh, air am beothachadh, agus air an ullachadh chum seirbhís a dheanamh do Dhia ann an nuaidheadh spiorad. Cha ‘n eil an nuadh chreutair, mar cheud fhàs anabaich gun chomas ni sam bith a dheanamh; ach na chreutair beò agus spioradail, a tha “air a chruthachadh ann an Iosa Criosd chum deadh oibre.” Cha ‘n eil e air a chruthachadh chum a bhi na thàmh, chum a bhi aig fois ann an Sion, na chum ùine air thalamh a chuir seachad ann an diomhanas gun tairbh; ach chum a bhi saothrachadh ann am fion-lios Criosd, chum toradh a thoirt a mach do Dhia,—seadh, chum a bhi eudmhor mu dheadh oibríbh. Agus uime sin, co luath ‘s a tha peacaich air an gairm gu h-éifeachdach o dhorchadas gu solus, tha iad ri leugh-adh, ri ùrnuigh, a feitheamh air meadhonaibh nan gras, agus a coimh-lionadh dleasdanasaibh spioradail le díchioll, agus troibh-dhireas, mar nach robh iad a riamh a roimhe. Feudaidh daoine a bhi ‘g aideachadh diadhachd a tha falamh do ghràs, ach cha ‘n eil neach air bith a tha falamh do ghràs comasach fior thoradh na naomhachd a thoirt a mach; oir ‘s e gràs tearnaidh anns an anam, na beò-chreidimh anns an Tighearn Iosa Criosd, an fheumh o ‘m bheil an toradh so gu h-iomlan a fàs. “An ti a dh’ fhanas ainnam-sa,” thubhairt Crioed, “agus mise amsan, bheir esan mòr thoradh uath; oir as m’ eugmhais-sa cha ‘n urrainn sibh aon ni a dheanamh.”
III. Theid mi nis air m’ aghaidh gu bhi toirt fa’near an éifeachd, na bhuanachd a tha do anamaibh dhaoine, anns a chruthachadh nuadh.
1. Anns a cheud àite. ‘S ann anns a chruthachadh nuadh a tha toiseach slàinte shiorruidh a teachd a dh’ ionnsuidh anamaibh dhaoine.
Tha slàinte cuirp ro luachmhor leis an duine tha tinn., Ciod nach d’ thugadh an duine a tha ann am péin, is an an amhghar geur, air son saorsa o amhghar, air son slàinte cuirp? Tha faochadh, tha toiseach slàinte féin luachmhor ‘na shealladh. Ach tha e na ni cinn teachd gu bheil slàinte an anama mìle uair ni ‘s luachmhoire na slàinte chuirp. O ciod nach d’ thugadh an dream a tha air am bioradh ‘nan cridhe le geur mhothachadh air an cionta? ciod nach d’ thugadh an dream a dh’ fhosgail cheana an shìleach ann an ifrinn, air son fois d’ an anamaibh? Gidheadh, am fad ‘s a tha daoine buanachadh ‘n an staid neo-iompaichte, tha iad nan coigrich do’n t-slàinte so; cha d’thainig toiseach slàinte féin fathasda dh’ ionnsuidh an anamaibh. Ach ma tha daoine gu nàdurrà nan coigrich do shlàinte an t-soigeil, o’ ùine tha pobull taghta Dhé air am fiosrachadh leis an t-slàinte sholasach so? Tha toiseach na slàinte eo a teachd d’ an ionnsuidh, air a cheart là anns am bheil iad air am fiosrachadh le gràs tearnaidh, agus a dol thairis o bhàs gu beatha.
An uair a dh’ inntrinn Criosd a steach do thigh Shacheuis le gras iompachaidh, thainig sláinte dh’ ionnsuidh a thighe,—thainig toiseach sláinte dh’ ionnsuidh anama. An uair a choinnich Criosd Pòl air a thurus gu Damascus, agus a ghairm se e o dhorchadas gu solus, thainig teis-each sláinte dh’ ionnsuidh anama. Agus feudar an ni ceudna a radh mu thimchioll gach fior chreidmheach anns a choimhthional so air an là ‘n diugh: O chreidmfich, air a ceart là anns an d’ rinn Dia t-fhiosrachadh le gràs iompachaidh, bha éucail a pheacaidh, ann an tomhas, air a leigheas, agus thainig toiseach sláinte dh’ ionnsuidh t-anama. Ach feudaidh duine tinn faochadh fhaotainn, a bhi pilleadh ri leigheas, agus toiseach sláinte bhi aige cuid a dh’ ùine mu ‘m bheil e air aisig gu sláinte iomlan. ‘S ann mar so a tha tachairt do phobull an Tighearna thaobh sláinte an anama,—tha toiseach sláinte aca anns a choit-chiom, cuid a dh’ ùine mu ‘m bheil iad a teachd gu seilbh air sláinte iomlan. Cha ‘n ‘eil da rreadh, ach toiseach sláinte aca fhad ‘s a tha iad air thalamh. ‘S ann anns an t-saoghail ri teachd a tha iad a faotainn làn sheilbh air an t-slàinte mhòr a cheannaich Criosd air an son; ach, O nach luachmhor toiseach na slàinte sin a tha criochmachadh ann am beatha mhaireannach! Cha ‘n fhiù na sochairean is luachmhoire do nàdur aimsireil a bhi air an coimeas ris an t-slàinte mhòr so.
2. Tha ‘n cruthachadh nuadh na bhuannachd ro mhòr do ‘n duine, do bhrigh gur ann da thrid a tha e air a dheanamh iomchuidh air toradh a thoirt a mach do Dhia.
‘S ann tre ‘n nuadh chruthachadh a tha e air a dheanamh deonach agus comasach Dia a ghlorachadh le a chorpa, agus le spiorad. Tha ‘n duine gu nàdurra marbh anns a pheacaidh, cosmhuil ris a chraobh fhige mhallaich Criosd, agus a shearg o a freumhaibh. Tha e searg fo ‘n mhal-lachadh; a crionadh fo fhuar dhealt a pheacaidh, agus neo-chomasach toradh a thoirt a mach do Dhia; gus an bheil e air a bheothachadh, air a bhreith o ‘n Spiorad, air aonadh ri Criosd, agus air a dheanamh na ghéig do ‘n fhionain fhior. ‘S ann a nis a tha e toiseachadh air toradh a thoirt a mach chum glòir an Athar. Cha ‘n eil an tomhas as àirde do foghlum litireil, do eolas cinn, na do ghibhtibh nàdurra, a dh’ fheudas a bhi aig daoiné, ga ‘n deanamh comasach toradh a thoirt a mach chum glòir Dhè, as eugmhais a bhi air am breith o ‘n Spiorad. Feumaidh gràs a bhi air a phlanndachadh anns a chridhe, mu ‘m feud a thoradh a bhi air fhaicinn anns a chaithe-beatha. Far nach ‘eil an cruthachadh nuadh, tha ‘n ffreumh a dh’ casbhuidh air daoiné, o ‘m bheil toradh na naomhachd gu h-iomlan a fàs. Cha ‘n eil ofig, na dreuchd air bith, anns am feud daoiné bhi air an gnàthachadh anns an t-saoghail so, ga ‘n deanamh leòir-fhoghainteach chum toradh a thoirt a mach do Dhia, as eugmhais a bhi air an ungadh leis an Spiorad Naomha. Feudaidh neach a bhi na mhinistear, a bhi searmonachadh an t-soiseil, agus a rithealadh orduighean,—seadh, a bhi iomad bliadhna air a ghnàthachadh am measg nithibh spioradail, agus gidheadh, mur an robh e féin air a bhreith o ‘n Spiorad, tha e fathasid feolmhor, tha ‘n fheumh a dh’ easbhuidh air o ‘m bhèil toradh an Spiorad a fàs. Feudaidh daoine bhi ùine fhada fo sholus an t-soiseil, a bhi nam buill do ‘n eaglais fhaicsinnich, agus am mealtuinn sochairean eaglais, agus gidheadh, a bhi nan crionach gu toradh ann am fion-lios an Tighsarna. Feudaidh tomhas mòr do choslas na diadhachd a bhi, far nach ‘eil an tomhas is lugha do chumhachd na diadhachd, far nach ‘eil an t-srad is lugha do ghràs tearnaidh anns an anam, nan tomhas is lugha do thoradh na fior-naomhachd anns a chaithe-beatha; ciod air bith sochairean, na aidmheil, na coslas dhaoine, cha ‘n ‘eil eifeachd air bith dhoibh annta, as eugmhais a chruthachaidh nuaidh. ‘S ann tre ‘n nuadh chruthachadh a tha daoine da rreadh air an ullachadh air son an toradh a thoirt a mach, a tha chum naomhachd agus a croichmachadh ann am beatha mhaireannach.
(Ri leantuin.)