Ann an toiseach a chaibideil so, tha cunntas againn mu thimchioll miorbhuil comharaichte, a bha air a dheanamh leis na h-Abstoil, Peadar agus Eoin, air neach a bha na bhacach o bhroinn a mhathar. An uair a bha ‘m bacach air a leigheas, agus a deanamh gairdeachas anns an t-sláinte dheonaicheadh dha, chruinnich sluagh mór mu thimchioll nan Abstol, ag amharc orra le h-iongantas, mar gu ‘m b’ ann le ‘n cumbachd féin a dh’ oibrich iad am miorbhuil so. Ach chum an sluagh a chuir as am barraal mhearchidach, agus chum gu ‘m biodh cliù na deadh oibre a rinneadh do ‘n bhacach air a toirt do ‘n Tighearn Iosa Críosd, dh’ innis Peadar dhoibh nach b’ ann ‘nan ainn féin, no tre ‘n cumbachd féin a rinn iad am miorbhuil so, ach ann ainn Iosa o Nasaret, a dh’ àicheadh iad-san an lâthair Philait, agus a chuir iad gu bàs maslach air a chrann-chéusaidh. Ach ged bha Chríosd air áich-eadh, agus air a chuir gu bàs maslach le a naimhdibh gidheadh cha d’ fhaig Dia ‘s an uaigh e, cha d’ fhuiling e d’ a Aon Naomh gu ‘m fac e truaillidheachd, dh’ fhoillsich e dha slighe na beatha, dh’ àrdaich se e le dheas laimh, ‘na cheannard agus na Shlānguighear, a thoirt aithreachais agus maitheanais pheacanna do Israel. A nis, do bhrigh gu ‘n robh an Tighearnn Iosa Críosd air árdachadh chum aithreachas a thabhairt do Israel, bha ‘n t-Abstol Peadar, ann am briathraibh ar teagaig, a gairm an t-sluaigh cheannaircich so, gu bhi treigsinn a pheacaidh, agus a pilleadh a dh’ ionnsuidh Dhé le fíor aithreachas. “Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gu ‘m bi bhur peacanna air an glanadh as, an uair a thig àmanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna.” Tha fíor aithreachas a ghnath a crochnachadh ann an iompachadh, agus tha fíor iompachadh ann a choitchionn, a tòiseachadh ann an aithreachas; uime sin, tha na briathraibh so le chéile a ciallachadh an t-atharrachadh gràsmhor, agus slàinteil, a ta air a dheanamh air an duine, ‘n uair a tha e air a ghairm gu h-éifeachdach o dhorechadas gu solus.
Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fa ‘near I. Ciod a ta air fhilleadh ann am fíor iompachadh.
II. Gu bheil iompachadh gu neo-fhailnichte feumai, chum ‘s gu ‘m biodh peacanna dhaoine air an glanadh as.
III. Gu bheil an t-àm anns am bheil peacanna dhaoine air an glanadh as, ‘na àm fionnuaireachd o làthair an Tighearna.
Tha mi ‘n tús gu bhi toirt fa’near, ciod a tha air fhilleadh ann am fíor iompachadh.
1. Anns a cheud àite, tha obair iompachaidh, anns a choitchionn, a tòiseachadh ann an dùsgadh spioradail an-ama; ann an anam an duine bhi air a dhùsgadh, agus air a thoirt gu mothachadh géur air ole a pheacaidh, agus air cunnart a staid mar chreutair ciontach agus càillte.
Tha e ro shòilleir gur ann air an doigh so a tha obair iompachaidh, anns a choitchionn, a tòiseachadh; do bhrigh gu bheil Críosd ag innseadh dhuinn, an uair a tha ‘n Spiorad Naomha teachd a dheanamh na h-oibre so am measg dhaoine, gu bheil e “toirt dearbh-shoilleireachd dhoibh mu pheacadh, mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas.” ‘S ann air an doigh so a thòisich obair iompachaidh air la na Cuingis, agus bha obair là na Cuingis, ann an tomhas eigin, na samplair air obair iompachaidh anns an eaglais o ghinealach gu ginealach. Thug an leagadh an cinneadhdan uile gu staid peacaidh agus truaighe, agus cha ‘n ‘eil Dia anns a choitchionn a toirt dhaoine as an staid so gu staid slàinte, gun dearbhaidh an tòiseach air an staid chiontach agus chailte. Anns an t-saoghal a ta làthair, feudaidh duine a chailt a mhothachadh, no tha gu trom ‘na chiodal, a bhi air a ghiùlan o aon àite gu àite eile, gun mhothachadh na tuigse, air caochladh ‘sam bith ‘na staid; ach an uair a tha Dia a gairm dhaoine o dhorchadas gu solus, tha e, trid fhocail agus a Spioraid gan dhùsgadh as an ana-mhothachadh, agus a toirt dearbhadh spioradail doibh air meud an cionta, agus air cumart an staid. Ach cha ‘n e ‘n aon tomhas do gheur-mhothachadh a th’ aig na h-uile a ta air an iompachadh. Tha cuid air am bioradh nì ‘s doimhne, agus air an cumail nis fhaide fo gheur-mhothachadh, no cuid eile; gidheadh tha Dia a toirt an tomhais do gach neach a tha feumail chum a dhùsgadh a codal trom a pheacaiddh, anns am bheil na h-uile dhaoine gu nàdurra aig fois.
An uair a tha ‘n duine air a dhùsgadh, agus a mosgladh as a chodail so, tha e làn do imcheist agus do chùram mu thimchioll sláinte anama fèin, tha faireachdainn aig air a chionta agus air a chunnairt mar pheacaich, nach robh aige riamh a roimhe, agus tha e nis le dùrachd cridhe ullamh gu bhi cuir na ceist chudthromach so—“Ciod a ni mi gu bhi air mo thearnadh?” Tha eagal agus cùram an duine tha fo ghéur mhothachadh, mar an ceudna; ga chuir ri saothair, ri ùrnuigh, ri cruaidh spairm gu dol a steach air an dorus chumhann; agus an uair a tha ‘n Tighearn air an doigh so ga irioslachadh, agus ga tharruing am fagus da féin, tha e mar an ceudna gu tròcaireach ga choinnleachadh le gràs iompachaidh. Mar ruith athair an codhail a mhic struidich, an uair a chunnaic se e air irioslachadh, agus le tuirse cridhe a pilleadh o a droch shlighibh, mar sin tha Dia a teachd an codhail a pheacaich a tha le déuraibh a toirt aghaidh air Sion, agus le dùrachd cridhe ag iarraidh saorsa o chionta agus o thruaighe. Tha Dia gu tròcaireach, cha ‘n e mhain teachd na chodhail, ach mar an ceudna compartachadh beatha spioradail r’ a anam, iontas gu bheil am mac a bha marbh beò a ris,—air dol thairis o bhàs gu beatha.
2. Tha iompachadh a filleadh ann soillseachadh spioradail inntinn. An uair a tha gràs iompachaidh air a chompartachadh ris an duine, tha thuisge air a fosgladh, agus tha inntinn air a soillseachadh ann an eòlas air glòir Dhé, air maise Chriosd, agus air luachmhoireachd nithe spioradail.
Tha folach an eas-creidimh air a toirt o a shuilibh, agus tha dorchadas a pheacaiddh a teicheadh air falbh roimhe sholus gréine na fireantachd, ag éirigh air anam, le slàinte ann a sgiathaibh. Co fhad ‘s a tha ‘n duine buanachadh ‘na staid neo-iompachte, tha e cosmhuil ri neach a bhiodh ‘na shuain chodail ann an tigh dubh, dorcha; na dorsa duinte, agus na h-uinneagan air an comhdachadh, agus solus na gréine gu h-iomlan air a dhruideadh a mach. Tha leithid so do chor ‘na shamhlach firinneach air staid dhorcha peacaich neo-iompaichte. Ach an obair iompachaidh, tha Dia a dûsgadh an duine a codal trom a pheacaidh, a fosgladh a shûl, agus a dealradh a steach ‘na chridhe, chum a thoirt gu eolas air a ghloir féin ann an gnûis Iosa Críosd. Anns a cheart am an bheil an t-anam a mosgladh a codal a pheacaidh, tha ‘n solus fior a dealradh mu thimehioll,—seadh, tha e nis air a ghairm o dhorchadas gu solus iongantach rioghachd agus lâthaireachd spioradail an Tighearn Iosa Críosd. Tha a thuigse air a fôsgladh, tha inntinn air a soillseachadh, agus ‘na nithe a bhuineas d’ a shith air an deanamh aithnichte dha. Anns an t-solus so tha e faicinn glôir, agus uil-fbhoghainteachd Chríosd mar Shlânugheair, agus mar an ceudna, co luachmhor ‘s a tha na nithibh a bhuineas do Chríosd, co luachmhor ‘s a tha fhireantachd, a tha fhuil, agus a ghrâs,—seadh gach beannachadh spioradail a cheannaich e air son a phobuill. Tha Críosd ‘na neamh nuid co luachmhor ann a shealladh, as gu ‘m bheil e toileach na h-uile nithe a reic, chum an neamhnuid so a cheannaich, chum ‘s gu ‘m b’ e a bhuanaichd Críosd. Tha e toileach an fheoil a chéusadh, dealachadh ri iodholaibh, fhireantachd féin áicheadh, agus a bhí gu h-iomlan an taice ri Críosd air son fireantachd, agus neart. ” Seadh, gun amharus,” a deir e, ” tha mi meas nan uile nithe ‘nan call air son ro-oidheirceis eolais Iosa Críosd mo Tighearna.” ‘S e miann dûrachdach an iompachain, mar an ceudna, a bhí air aonadh ri Críosd trid beó chreidimh, air a sgeadachadh le a fhireantachd, air ionnlaid na fhuil, air atharrachadh chum iomhaigh, agus a bhí ga ghloirachadh le a chorpa, agus le spiorad. Fhuair e cheana a leithid a bhlas air Críosd, a leithid a shealladh air a mhaise, as gu ‘m bheil e toileach an t-uain so a beantuinng ge b’ e àite an teid e.
3. Ann an fior iompachadh, tha blas air a thoirt do ‘n duine air nithibh spioradail nach robh aige roimhe. Tha nithe spioradail neo-thaitneach le peacaich neo-iompaichte, cha ‘n ‘eil tlaichd sam bith aca ann am focal Dé, ann an ûrnugh an uaigneis, ann am féin-cheasnachadh, no ann an co-chomunn maille ri Dia, tha ‘n t-Sâbaid féin ‘na sgios lec, agus tha seirbhís Dé na cuing throm, an áit a bhí na h-uallach eutrom.
Ach tha nithe spioradail ro thaitneach le blas an fhor iompachain, tha geallaidhean an t-soisgeil, ûrnugh an uaigneis, agus co-chomunn maille ri Dia, ‘na nithe a tha milis, blasda, le a anam, ” O cia iomhuinn leam do lagh,” a dubhairt Daibhidh,” ” cia milis le ‘m hlas do bhriathra! ni ‘s milse tha iad na mil do m’ bheul.” Ach ciod e ‘n t-aobhar gu bheil nithe spioradail co milis blasda, le cuid do dhaoinibh seach cuid eile? Tha ‘n t-aobhar so, mo chairdean, r’ a iarraidh, agus r’ a fhaotainn ann an gràs iompachaidh. Mu ‘n robh Pòl air iompachadh, bha fuath aige do Chriosd, d’ a aobhar, agus d’ a phobuill; ach an deigh dha bhi air iompachadh, cha robh aon ni air thalamh co taitneach leis ri soirbheachadh rioghachd agus aobhair Chriosd. Mu ‘n robh Muire air a h-iompachadh, bha a tlachd ann an sólasaibh a pheacaidh, ach an deigh dhi a bhi air a gairm gu h-éifeachdach o dhorchadas gu solus, b’ e a tlachd a bhi na suidhe aig cosaibh Chriosd, ag éisdeachd ris na briathraibh grasmhor a bha sruthadh o a bhilibh. Chruthaich Dia an duine an toiseach le blas taitneach air nithibh spioradail, le tart anama ‘n geall air comh-chomunn maillle ris fèin. Tha e fior, bha blas aige mar an ceudna air nithibh aimsireil, air a bhiadh ‘s air an deoch a bha feumail agus freagarach a leasachadh uireasbhuidh a chuirp; ach bha a mbhòr thlachd ann an nithibh spioradail, mar bhiadh, ‘s mar deoch d’ a anam. Bha nùthe spioradail taitneach le a anam so luath ‘s a bha anam aige, co luath ‘s a shéid Dia ama’ na beatha ‘na chuinmeinibh, agus a dh’ fhàs e ‘na anam beò, bha thlachd ann an tobar nan uisgeachan beò. Air an amhuiil cheudna, tha ‘n creutair nuadh air a chruthachadh le blas taitneach air nithibh spioradail; agus uime sin co luath ‘s tha e air a dhealbh, air a ghairm gu bith, tha e mar naoidhean air ùr bhreith ag iarraidh bainne flor-ghlan an fhocail, chum as gu ‘m fàs e leis. Feuch tha e ri leughadh, ri h-urnuigh, agus ri cnuasachd nithibh spiora ta làthair, tartmhor an geall air bainne flor-ghlan an fhocail, agus ag iarraidh gach là bhi tarruing uisge i h-aoibhneas a tobar na slàinte.
(Re leantuin.)