Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » October 1923 » Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacDhaolain: Gearmoin V. Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann. “Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum ’m bi bhur peacanna air an glanadh as an uair a thig àmanna fionn-uaireachd o làthair an Tighearna.”

Searmoinean leis an Urramach Eonghas MacDhaolain: Gearmoin V. Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann. “Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum ’m bi bhur peacanna air an glanadh as an uair a thig àmanna fionn-uaireachd o làthair an Tighearna.”

(Air a leantuinm o t.-d. 158).

4. Tha gràs iompachaidh a tionndadh cridhe an duine gu h-iomlan o ghràdh a pheacaidh, agus ga tharruing gu toileach a dh’ ionnsuidh an Tighearna.

Tha cridhe nuadh agus spiorad nuadh air an compartachadh ann an obair iompachaidh; agus uime sin, tha ’m fior iompachan, cha ’n e mhàin a pilleadh a dh’ ionnsuidh an Tighearna, ach a dlùth leantuinm ris le rùn cridhe. Cha ’n ’eil gràs iompachaidh a cruth-atharrachadh an duine o ’n leth a mach, agus ga fhàgail gun atharrachadh sam bith ’s an leth a steach; oir tha ’n gràs so a deanamh grèim air uile bhuaidh-bh an amama, a soillseachadh na h-intinn, a glanadh na cognis, ag ath-nuadhachadh na toil, agus ag aomadh a’ chridhe gu h-iomlan a dh’ ionnsuidh Dhè. Tha ’m mothachadh a th’ aig an iompachan air a staid chaillte mar pheacach, ga bhrosnachadh gu bhi tréigsinn a pheacaidh; agus tha ’n sealladh a fhuair e air glòir Dhè, agus am blas taitneach a th’ aig air nithibh spioradail, ga threòrachadh gu toileach a dh’ ionnsuidh Athair nan spiorad, Tha cridhe ’n duine gu nàdurra cho ceangailte ri iodholaibh, as nach dean ni sam bith a sgaradh uatha, agus a philleadh a dh’ ionnsuidh Dhé, ach gràs iompachaidh. Cha dean comhairle caraid air bith feum, cha dean cuir-eadh, no rabhadh, no smachdachadh air bith an gnòthach, cha ’n ’eil ni sam bith fo neamh a philleas droch chridhe mhi-chreidimh a dh’ ionnsuidh an Dè bheò, as eugmhais gràs iompachaidh. Ach ciod air bith cho cruaidh ’s a tha ’n cridhe gu nàdurra, ciod air bith cho ceangailte ’s a tha e ris an t-saoghail, na cho diam ’s a tha e dol am deigh iodholaibh, no cho iomlan ’s a tha e fo uachdaranach a pheacaidh agus an Droch-spioraid, tha gràs iompachaidh leòir-fhoghainteach chum a sgaradh o ghradh a pheacaidh, chum a leaghadh ann am bròn diadhaidh,—seadh, chum an cridhe cloiche dheanamh na chridhe feola, ’na chridhe briste, ’na iobairt thaitnich ann am fianuis an Tighearna. Is tric a rinn gràs iompachaidh na cridhheachan a bu chruaidhe, ’mhaothachadh, na ceannairceich a bu mho, irios-machadh, agus cinn-fheadhna nam peacach, deonach, toil-each, striochdadh do Chriosd, an cridheachan a thabhairt da, agus a leantuin tre urram, agus eas-urram, gu uair am bàis. Ciod a tha do-dheanta do chumhachd a ghràis a lùb, a dh’rioslaich, agus a ghlan cridhe Mhanasch, a sgar an t-àrd cheannaireach so o ghràdh a pheacaidh, agus a phill e o dhroch shlighibh uile, dh’ ionnsuidh Dhé le fior aithreachas?

5. Tha ‘n t-atharrachadh gràsmhor a tha air a dheanamh air cridhe an duine ann a iompachadh, air fhoilleachadh o ‘n leth a mach ann a chaithe-beatha.

Cha ‘n ‘eil fior iompachadh a co-sheasamh gu h-iomlan, ann an ath-leasachadh sam bith o’n leth a mach; oir feudaidh daonu ath-leasachadh mòr a dheanamh as eugmhais a bhi air an iompachadh,—feudaidh iad cuid d’ an sean-chleachdain-nibh a tharéigsinn, a bhi dol as o shalachraibh an t-saoghail, a bhi glanadh an taobh a muigh do ‘n mheis ‘s do ‘n chop-an, agus gítheadh a bhi as eugmhais cridhe glan, agus spiorad ceart. Cha ‘n ‘eil teagamh sam bith nach robh na h-oighean amaideach fo dheadh choslas o ‘n leth a mach, co maith ris na h-oighean glic, oir bhuanaich iad an cuid-eachd nam òighean glic gus an d’ rinn glaoth a mheadhon-oidhehe an sgaradh o chéile; gidheadh, tha e na nì cinn-teach gu robh iad gu uair am bàis ‘nan coigrich do ghràs iompachaidh. Tha obair iompachaidh a tòiseachadh anns a chridhe, agus a tionndadh a chridhe o dhorchadas, agus o ghràdh a pheacaidh, a dh’ ionnsuidh Dhè; ach tha atharrachadh slàinteil a chridhe air fhoillseachadh o ‘n leth a mach ann an nuaidheachd beatha. Tha ‘n solus nuadh a ta soillseachadh an duine san leth a stigh, a dealradh a mach ann an caith-e-beatha nuadh, a réir mar a dh’ àithn Chriosd d’ a dheisciobluibh, ag ràdh, “Gu ma h-ann mar sin a dhealraicheas buir solus an làthair dhaoin, chum gu’ m faic iad bhur deadh oibre, agus gu ‘n toir iad glòir do bhur n-Athair a ta air neamh.” Tha e ‘na nì faoin do dhaoinibh a bhi ‘g aideachadh gu bheil iad ‘n an deisciobuil do Chriosd, mur ‘eil spiorad Chriosd aca, agus mur eil iad a leantuin èisemplèir Chriosd, a gluasad eadthon mar ghluais esan. Tha gràs iompachaidh gu nàdrra teagasg do dhaoinibh, gach mi-dhiadhachd, agus ana-mian-na saoghalla àicheadh, agus am beatha chaitheadh gu stuaama, gu còthromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghail so làthair.” Uime sin, tha ‘n dream a ta ‘g alt-trum ana-mianna na feòla, a tha beò ann an gràdh, ‘s ann an cleachdann a pheacaidh, a dearbhadh gach là nach ‘eil an cridhe ceart ann am fiamuis Dé, nach ‘eil iad na ‘n creutairean nuadh. “Ma tha neach sam bith ann an Chriosd,” deir an t-Abtol Pòl, “is creutair nuadh e, chaidh na seann nithnean seachad feuch rinneadh na h-uile nithnean nuadh.”

II. Rachamaid a nis air n-aghaidh gus an dara ceann teagasg, le bhi toirt fa ‘near, gu bheil iompachadh gu neofhailmichte feumail, chum ‘s gu ‘m biodh peacanna dhaoinne air a glanadh as.

1. Anns a ceud àite, cha ‘n ‘eil e iomchuidh gu ‘m faigheadh daoine maithneas peacaidh co fhad ‘s a tha iad a buanachadh ann an gràdh do ‘n pheacadh.

Tha na h-uile dhaoinne gu nàdurra, cha ‘n e mhain ‘nam peacaich, ach a caithheadh am beatha gu toilach anns a pheacadh. Cha ‘n ‘eil am peacadh ‘na ni a tha ‘n aghaidh an toil, ‘na ni d’ am bheil iad a toirt fuath, na chuing a b’ àill leo a thilgeadh dhiubh, oir tha cuid a giùlam na cuing gu toilach; tha iad beò ann an gràdh ‘s ann an cleachdann a pheacaidh gach là. Tha daoine, thaobh nàdrra, cha ‘n e mhain beò anns a pheacadh, ach mar an ceudna ‘meudachadh ann, a cuir peacadh ri peacadh, ag antromachadh an cionta, agus a “tasgaidh suas feirg fa chomhair là na feirg, agus foillseachadh ceart bhreitheanais Dé.” Cha ‘n eil iad idir a fàs sgith do ‘n pheacadh. Feudaidh daoine fàs sgith do iomad ni anns an t-saoghail so,—feudaidh iad fàs sgith do aon àite, agus dol a dh’ ionnsuidh àite eile, na feudaidh iad fàs sgith do aon obair, agus toiseachadh air obair eile,—ach ‘s anns a tha e nàdurra do dhaoinne dol air an aghaidh anns a pheacadh gun sgios, gun fhois. Cha ‘n fhàs iad idir sgith, cha sguir iad, agus cha phill iad uath am feasd le ‘n uile chrìdhe dh’ ionnsuidh Dhé, as eugmhas a bhi air am fiosrachadh le gràs iompachaidh. A nis cha ‘n ‘eil e iomchuidh gu ‘m faigheadh daoine maithneas peacaidh, co fhad ‘s a tha iad a buanachadh air an doigh so anns a pheacadh; cha deanamh iad ach an tròcair so a mhi-bhuileachadh, ach an gràs so a thionndadh gu macnus, ach an ni naomha so shaltairt fo ‘n cosaibh, gus am bheil iad an toiseach air an deanamh timn le mothachadh air olc a pheacaidh, agus le dtrachd cridhe ag iarraidh saorsa uath. Cha ‘n ‘eil cumtas againn ann an leabhar Dhé, o thoiseach gu deireadh a Bhiobuill, air aon neach a fhuair maithneas ‘na pheacaidh, a fhuair ‘e tròcair folach air a chionta is easaontas, ann an staid neo-iompaichte. Tha maithneas peacaidh, “ionnlaid na h-atighneamhuinn, agus atì-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,” ‘nan sochairbh a tè ghnàth dol an cuideachd a chèile; agus uime sin, na mealladh daoine iad féin le dòchas faoin ri sonas an taobh thall do ‘n bhàs, as eugmhais a bhi air an saoradh o chionta, agus o uachdaranachd a pheacaidh am taobh a bhios. ‘S e ‘n ti a dh’ aidicheas, a dh’ fhuathaicheas, agus a thréigeas a pheacanna, a gheibh tròcair.

2. Co fhad ‘s a tha ‘m duine buanachadh ‘na staid neo-iompaichte, tha ‘m peacadh ‘na luidhe aig a dhorus; tha cionta pheacaidh a dlùth leantuimm ris, agus tha e gach la buailteach do ‘n fheirg a ta ri teachd.

Tha gach pris eadh lagha anns an robh e riomh ciontach, an diomhair agus am follais, lán shoilleir do ‘n Dia a ta uile-léirsin-neach, agus tha iad uile air an cuir sios ann an leabhar a chuimhne, tha iad uile air chumtas an aghaidh a pheac-aich. Mar is fhaide tha ‘m peacach a buanachadh ‘na staid neo-iompaichte, tha ‘n cumtas a ta ‘na aghaidh a ghnáth a meudachadh, tha e dol am meud gach là is bliadhna, gus am bheil an duine air a thoirt gu còir shlàinteil anns an Tighearna Iosa Crìosd. Ach an uair a tha e air a ghairm gu h-éifeachdach, agus air a cheangal ri Crìosd tre chreidimh, tha pheacanna air an glanadh as, tha na fiachan a bha ‘na aghaidh air an dubhadh a mach gu h-ionlan a leabhar cuimhne Dhé. Agus tha so air a dheanamh, cha ‘n ann air sgàth aon ni rinn am peacach e féin, no tha e comasach a dheanamh, ach air sgàth ‘na rinn agus na dh’ fluiling Crìosd air a shon. Tha e feumail domh a thoirt fa ‘near, gu bheil na nithe a rinn Crìosd air son nan daoine taghta air chumhne aig Dia, co maith ri peacanna a phobuill so. Tha ‘n umhlaichd a thug e do ‘n lagh, an dioladh a fhuair ceartas, agus an t-saorsa chean-naich e air son a shluaigh, air chumhne mhaith aig Dia, agus ro thaithneach ann a shealladh; agus an uair a tha e faicinn neach air bith do ‘n t-slugh air son an do chean-naich Crìosd saorsa shiortruidh, air a thoirt gu fior aith-reachas, tha e ‘g amharc, cha ‘n e mhain air a chumtas a tha ‘na aghaidh ann an leabhar a chumhne, ach mar an ceudna, air a chumtas a ta air a thaoibh, air an dioladh ionlan a thug Crìosd air a shon, agus air sgàth an diol-aidh a thug an t-urras so air a shon, tha pheacanna uile air an glanadh as, tha fhiachan air an dubhadh a mach a leabhar Dhé, chor ‘s nach cuimhnichear iad ni ‘s mo, chor ‘s nach tog iad ceann am feasd anns a bhreitheanas an aghaidh a chiontaich. Aig là a bhreitheanas, ” iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhí i ann, agus lochdan Iudah, ach cha bhí iad r’ am faicinn,” do bhrigh gu robh an t-ionlan diubh air an glanadh as, an uair a phill iad a dh’ ionnsuidh Dhé le fior aithreachas. Bha ‘n dream a bha ‘nan lobhair fo ‘n t-Sean-Tiomnadh, fo neo-ghloin dheas-ghnáthach a bha gan druideadh a mach o orduigh-ean Dé, agus o chomh-chomum maillé r’ a phobull, gus an robh iad air an glanadh. Bha ‘n luibhre so ‘na samb-laidh air cionta, agus neo-ghloin a pheacaidh, a tha druid-eadh dhaoinn mach o chomh-chomum maillé ri Dia, gus am bheil iad air am fiosrachadh le ionmlaid na h-ath-ghin-mhuinn; ach an uair a tha peacaich air an ionnlaid air an doigh so, tha iad mar an ceudna air am fireanachadh, air an uchd-mhacachd, agus a faghail còir air gach soch-chair agus urram a bhuineas do chloinn Dé.

3. Anns a cheart àm am bheil peacaich air an iompachadh, tha iad air an toirt a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus air an aonadh ris trid beò chreidimh; agus co luath ‘s a tha iad air an ceangal ri Chriosd, tha còir aca air maithneas peacaidh.

‘S e Chriosd Fear-saoraidh dhaoinne taghta Dhé; cheannaich e saorsa shiòrruidh air an son an uair a leag e sios a bheatha air a chrann-chéusaiddh; ach cha ‘n ‘eil buannachd spioradail na saorsa cheannaich Chriosd aig neach sam bith, gus am bheil e air iompachadh. Tha e flor, gur ann air sgàth na nithe a rinn, agus a dh’ fhuil-ing Chriosd a tha peacaich air an iompachadh; ach tha e flor mar an ceudna, nach ‘eil buannachd, na comh-fhurtachd nam nithe so aig duine air bith, co fhad ‘sa tha e deal-aichte o Chriosd, agus na choigreach do ghràs iompachaidh. Bha Pòl na shoitheach taghta; ghràdhaich Chriosd Pòl; leag e sios a bheatha, agus cheannaich e saorsa shiòrruidh air a shon; ach cha robh buannachd na saorsa so aig Pòl gus an robh e air a ghairm o dhorchasdas gu solus. Tha uile bheannachdan na saorsa cheannaich Chriosd air an tasgaidd suas anns an lànachd neo-chriochnach a tha gabhail comhnuidh ann féin, agus tha iad air an tasgaidd suas, cha ‘n ann air son a bhuanachd féin a mhain, ach buannachd a phobuill, chum a bhi air an roinn orra-san gu saobhir agus gu saor, ‘na dheadh àm féin. Ach tha àm iompachaidh ‘na àm graidh, ‘na àm anns am bheil Dia a nochdadh a dheadh-gean do dhaoinibh, anns am bheil an Spiorad Naomha toiseachadh air a bhi compartachadh na saorsa cheannaich Chriosd ri anam-aibh a phobuill. ‘S ann a nis a tha peacaich air an toirt a dh’ ionnsuidh Chriosd, air an dlùth cheangal ris, agus a faotainn còir air maithneas peacaidh, air saorsa o chionta agus o thruaighe. ‘S ann a nis a tha iad air an ionnlaid, air an naomhachadh, agus air am fireanachadh ann an ainnm an Tighearn Iosa, agus tre Spiorad ar Dé-ne. Tha pobull taghta Dhé fo chionta a pheacaiddh, fo mhallachadh an lagha, agus ‘man cloinn feirge eadhon mar chàch, gus am bheil iad air an gairm gu còir shláinteil anns an Tighearn Iosa Chriosd; ach an uair a tha iad air an gairm gu staid gràis, tha Chriosd air a dheamamh dhoibh le Dia na ghliocas, ‘na fhreantachd, na naomhachd, agus ‘na shaorsa. Do bhrigh gur leò Chriosd, is leò na h-uile nithe; air sgàth an daimh ri Chriosd, tha còir aca air maithneas peacaidh, air uchd-mhacachd na cloinne,—seadh air uile bheannachdaibh a choimheangail muaidh.

(Ri leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice