Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » November 1923 » Ceit Mhor, Loch=Carrunn

Ceit Mhor, Loch=Carrunn

GED nach eil ainn Mhr. Lachuin Mhic-Coinnich ministir urramach Loch-carunn, iomraiteach s’n taobh Deas, tha e ro chliùteach a meag Ghailheal Rois. Anns na ceithir siorramachdan mu thuath, is teare iad am meag luchd labhairt na Gaidhlig aig nach eil aithne, ann an tomhas àraid air Mr. Lachùn mòr mar dhiadhair urramach; ach s’ann an croichaibh Rois an iar —am meag n’ am beannta far am d’, rugadh e, an do chaith e làithean, an do shaothraich ‘s am do bhàs-aich e; tha fàile cubhraidh ainme-san, is iomradh air a bhriathraibh agus a ghniomhara eudthromach, air an cumail ann am beo chuimhne. Cha ‘n eil teagamh ‘s am bith agam na ‘n deanadh meach a bhiodh freagarach air a shon e féin a thoirt suas do ‘n ghnothach le comhnuidh a ghabhail beagan sheachduinean ann an siorramachd Rois, nach biodh e còmasach air sgeulaibh ni bu leoir mu dheidhinn fhaotainn, a dheanamh suas leabhar ro thaitneach. De na chuala mi air a bheul aithris mu Mhr. Lachuin, tha mi a tabhairt na leanas, air ughdarras ministir urramach diadhaidh, nach maireann, a bha an Ros, a bha na fhanuis air na nithe as sonruichte, ach bho ‘n am sin a bha air a thabhairt gu co-chomunn a bhràthar, chum gairdeachas a dheanamh na ghloir, agus comhpairteachadh na dhuais.

DLUTH do thigh ministir Loch-carrunn bha seann bhean aingidh a chomhnuidh, a bha air a meas ciontach de gach peacadh a tha air a thoirmesag ann an clàraibh an lagha ach mort a mhàin. Do thaobh meudachd a pearsa ‘s e Ceit Mhor a thugadh mar ainn oirre. “Bha i ‘na boirionnach grànda,” mar theireadh Mr Lachun “gun mhaise sam bith an seallaich Dhia no dhaoine.” Cha n’ eil e iongantach a chluinntinn nach deach bean a teisteanais riamh do eaglais, agus gun d’ fhairtlich air uile oidheirpean a’ mhinstir a h-aomadh gu dol eadhon cor uair do thigh Dhe. Bha innleachd an deigh innleachd air am feuchainn, ach gu diomhain; dh-fhailnich earailean, deoir, dol tric ga seall-tuinn agus geurlabhairt gu minic r’a coguis, ann an cridhe a h-aona ghlùasad, a thainig a reir coltais a dh’-ionnsùidh na h-inbhe uamhasaich sin mu m’ bheil an t-abstol a labhairt, a mhuinntir sin a tha gu iomlan air an tabhairt thairis leis an Spiorad “nach urrainn iad sguir do pheacadh.” Mu dheireadh ghnàtnaich Mr. Lachun innleachd nach b’ urrainn teachd ach ann an inntinn dhomhain agus iongantach mar a bh’ aigesan, ach a tha cur far comhair dian iarntas a’ mhinistir dhileas gu’ m biodh anam neo-bhasmhor air a thearnadh.

Bha e na chleachda am measg nan Gaidheal ‘san linn a chaidh seachad a bhi a’ cruinneachadh am beul na h-oidche ann an tighean a cheile, agus na h-oidchean fada geamhraidh a chur seachad a’ seinn nan seann òran Gaidhlig, agus ag innseadh d’ a cheile seann sgeulachdann na duthcha. Cha deach an cleachdadh so fathast as ann an cearnaibh do ‘n duthaich, ged tha e mar tha chuid is lionmhoire do sheana chleachduidhean na Gaidhealtachd a’dol air chul. Bheireadh na boirionnaich leotha gach té a cuigeal ‘s a fearsaid, agus bhiodh na fir aig amannaibh a’ càradh am bròg no ‘deanamh chliabh as chreitheag. Agus b’ abhaist do Cheit i fein a thoirt do ‘n chleachdadh so, le uile dhichioll seana mhna-ceilidh.

Rinn Mr. Lachun, a bha ro eolach mu chleachdadh agus aig an robh inntinn airson bàrdachd, e fein òran Gaidhlig anns an robh uile pheacannan follaiseach Ceit air an ainmeachadh, ‘s air an sgiursadh cho garbh ‘s a b’ urrainn am fear a rinn an t-òran. Chuir Mr. Lachun an t-òran so air fonn, agus a’ cur fios da os ialsal air cuid do’n òigridh d’am b’ abhaist dol air chéilidh le Ceit, ghabh e saothair mhòr ga ‘ionnsachadh dhoibh, agus dh’ iar e orra iad ga sheinn dhi a’ cheud chothrom a gheibheadh iad. – Bha so na h-oidhirp iongantaich, agus feudaidh cuid a smuainneachadh gun robh i neo-cheadaichte gu anam a chosnad; gidheadh shoirbhich i. Chaidh na briathran, a chur air an adhairt le mòr ioghnadh dhachaidh gu coguis an t-seann bhoirionnaich, air dhoibh teachd o chearn bho nach robh suil sam bith riu dh’ fhag so am buille geur agus cuimseach; fhuair an t-saighead alt anns an lùirich, agus air dhi a bhi air a cur air aghaidh le làimh an Spioraid, chaidh i domhain, domhain a steach ‘san t-seann anam sheargta a sheas riamh gu so an aghaidh gach impidh. Bha agartas Ceit a nis cho anabarrach sa bha a cruas michùramach roimhe. Bha trioblaid a h-inntinn da rìreadh uamhasach. Bha aonaranachd fhàsail Loch-carrunn ann an co-fhreagarachd iongantach r’ a faireachduinn. Am measg bheanntaibh an fhàsaich uaignich ud, tha an loch bho am bheil an sgireachd air a h-ainmeachadh, a’ ruith a steach; agus mar a bhriseas fadthonna a chuaìn-an-iar air a chladach, agus a shìneas na monaidhean donn air a chul, na aon fhairge neo-chriochnach de fraoch, ‘s gann tha fios aig an fhear thuruis cia an lamh air an tionndaidh e airson inntinn eutromachadh bho ‘n t-sealladh thiamhaidh so—a chum a’ chuaìn a bha mu choinneamh gus am briseadh beannta arda an eilean Sgiathanach a shealladh, no dh’ ionnsuidh na’n sleibhtean fàsail a bha air a chulaibh, gu dorcha, aonaranach agus lom. Is ann am measg nan ionadan fàsail so a chuir Ceit a nis seachad a’ chuid bu mhò da h-uine. Agus carson a chaidh i mach gu ionada samhach am fhàsaich “Dh’ iarr i,” mar a rinn Joseph, “ionad anns an guilleadh i.” Chluinneadh àitean fàsail Loch-carrunn, rè uairean le cheile, a’ freagairt do mhac-talla le guth a caoidh; agus is maith a b’aithne do luchd-còmhnuidh nam bothan aonaranach am measg nam beann, co na billean o ‘n robh an sgread chràiteach ud air a fàsgadh; b’ ann o bhean chumha chianail na’n gleann a thainig i—Ceit Mhor, a bha roimhe so gle chruaidh. Dh’ amhaire i airs an a rinn i a lot, agus a nis rinn i caoidh air a shon mar a ni neach caoidh air son aon ghin-mic, agus bha i ann an searbhadas air a shon, mar neach ann an searbhadas airson a cheud ghin.—Bha deuchainn fhad agus theinteach air a sòrruchadh air son na ban pheacaich phillte. Domhain s’ mar a bha a geur mhothachadh, cha robh a choltas air gun rachadh e idir na bu lugha; chaidh seachduinean, miosan, agus eadhon bliadhnaichan seachad, ach fathast bha troiblaid a’ pheacaich leointe cho geur agus cho ùr sa bha i riabh. “Cha do tharruing truaghan riabh anail cosmhuil rithe: dh’fheudadh dòchas a bhi ann do dhream eile, ach o, airson Ceit Mhoir cha robh dòchas!” Bha so da rireadh iongantach ann an aon a bha eadar ceithir fichead, agus ceithir fichead sa deich, an uair a chaidh a dusgadh; oir is aithne dhoibbsan aig am bheil a’ bheag ‘s am bith do dh’eolas air nàdur an duine, nach ‘eil suidheachadh sam bith, ann an seadh spioradail cho mi choltach ri cor neach a dh’ fhàs sean ‘s a’ pheacadh, aig am bheil a choguis air dùnadh roimh an fhirinn, agus aig nach dearg an Soisgeul na ‘n lagh air aon do bhuaith anama. Cha lugha na miorbhuil ann an saoghal nan gràs a dhùisgeas faireachdannan a tha air an tiormachadh suas le aois agus peacadh. Bha cuis Ceit da-rir-eadh; na aon a bha air leth; bha i “na h-ioghnadh do mhoran”—na h-ioghnadh da coimhearsnaich, na h-ioghnadh do dh’eas-creidmich, na h-ioghnadh do’n eaglais, na mòr aobhar ioghnaidh da mhinitir, agus os an ceann uile na h-ioghnadh dhi fein. Ach cha do dh’-innseadh an gnòthuch uile fathast. Am bi iongantas air mo luchd leughaidh a chluinntinn gun do ghuil i gus an robh i cho dall ri cloich? Ach ‘s ann mar so a bha, gun lide a chur ris—ghuil i air falbh fradharc a sùl! Ceit bhochd! Cha ghuil na sùilean gun fhradharc ud ni’s mò. Cha fheagair mac-talla ni ‘s mò do dh’ fluaim chràiteach do chaoich am measg beann-tan fàsail do dhùthecha; oir shiab Dia fein gach deur bho d’ shuilean: agus an uair a liubhras uaignean uaine Loch-carrunn do dhuslach, beannmaichte, gleusaidh tu le ro-aobhneas do ghuth ri clarsaich Dhe, n’ ad sheasamh air an fhaireg ghloine sin ‘san ionad anns nach bi pian, no bròn, no eìgheach nis mò, oir theid na ceud nithe thairis.

Dh’ainmich am ministir urramach, air ughdarras am bheil mi ag innseadh na naidheachd so, gun d’fhuair e cuir-eadh gu cuideachadh aig frithealadh Suipeir an Tighearna ann an Loch-carrunn ‘san am an robh Ceit ‘san trioblaid a chaidh ainmeachadh. Air dha bhi ‘g imeachd le Mhr. Lachun ‘sa mhoindh, chual e astar uaithe acain boirionn-aich ann an suidheachadh craiteach. “Eisd!” ars am ministir coigreach, “an cluinn thu ‘n glaodh? Ciod e th ‘ainn?” Thuig Mr. Lachun gu math e. “Leig leatha,” ars esan, “chosg a’ bhean ud iomadh deur dhomhsa; guilleadh i air a son fein a nis.” Gidheadh riamh bho ‘n’ am sin, chum e shuil oirre, agus bha e anabarrach caoimhneil rithe, mar athair ag amharc ‘s a deanamh faire thairis air gach ni bhuneadh dhi, airson tim agus slorruidheachd.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice