Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » November 1923 » Searmoinean leis an Urramach Aonghas MacMhaolain: Searmoin V. Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann. “Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum ’m bi bhur peacanna air an glanadh as an uair a thig àmanna fonnuaireachd o lathair an Tighearna.”

Searmoinean leis an Urramach Aonghas MacMhaolain: Searmoin V. Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann. “Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum ’m bi bhur peacanna air an glanadh as an uair a thig àmanna fonnuaireachd o lathair an Tighearna.”

4.

Tha iompachadh feumail, cha ’n e mhain chum gu ’m biodh cionta pheacaidh air a ghlanadh as, ach truaillidheachd a pheacaidh mar an ceudna. ’S ann anns an atharrachadh ghràsmhor so a tha obair naomhachaidh a tòiseachadh, agus ’s ann trid naomhachadh an Spioraid a tha truaillidheachd a pheacaidh air a ghlanadh air falbh, a chuid ’sa chuid, gus am bheil an t-anam air a lán shaoradh, agus fa’ dheoidh air a dheanamh iomchuidh air son oighreachd nan naomh san t-solus. Co fhad ’sa tha clann Dè air chuaart anns an fhàsach so, tha fùigheal a pheacaidh a gabhail comhnuidh annta, tha ’n t-ole so lathair maille riu. Tha ’m peacadh, cha ’n e mhain a gabhail comhnuidh annta, ach gu tric ag oibreachadh gu laidir, a cogadh an aghaidh an Spioraid, agus a ghàith ag iarraidh a bhi gan cumail ’nan traillibh fo a uachdaranachd fèin. Agus tha e soilleir o fhocal Dè, gu bheil iad gu tric air an ribeadh, a tuiteam ann am buaireadh, agus a toirt iomad cràdh agus trioblaid air an anamaibh fèin trid meairteaireachd, a pheacaidh. Tha iad a thaobh nàduir cno-truaillidh, a tuiteam cho tric anns a chlabar, agus gan salachadh fèin, as gu ’m bheil feum aca gach la bhi teachd a dh’ ionmsuidh fuil Chriosd, a tha glanadh o gach peacadh. Ach tha e ’na aobhar misnich do pheacaich bhochd a tha gam faicinn féin uile mar ni truaillidh, gu bheil tobar glanaidh ghnàth fosgailte, agus cuireadh aig na h-uile teachd d’ a ionnsuidh, agus a bhi ‘g ionnlaid ann, ciod air bith co neo-ghlan, agus neo-airidh ‘sa dh’ fheudas iad a bhi ‘nam faireachdann féin.

‘S e ‘n Spiorad Naomha ùghdair agus fear-crochnaich obair naomhachaidh; tha ‘n obair so, o a toiseach gu deir-eadh, gu sonruichte air a chùram-san, ach tha ‘n Spiorad Naomha gu tric air a chràdh le neo-chùram à phobuill, agus air uairibh air a bhrosnachadh gu bhi toirt air falbh a làthaireachd spioradail o an anamaibh; gidheadh, ena ‘n ‘eil e gam fàgail gu tur, na tréigisinn obair a làmha féin. Tha e gan cronachadh, agus gan irioslachadh air son am mi chùram, agus an cul-shleamhnachaidh mhinic; ach tha e anns an àm cheudna cumail a làmh ris an deadh obair a thoisich e ‘nan cridheachai bh, gus am bheil i air a deanamh foirfe. An uair a thòisich na h-Iudhaich air Jerusalem a thogail, an deigh dhoibh pilleadh air an ais o Bhabilon, bha iad air an cuartachadh le mòran do eas-cairdibh a bha ‘g amharc orra féin, agus air an obair le stùl a mhi-ruin, agus a gnàthachadh iomad meadhon chum an làmhan a dheanamh làg, chum stad a chuir air an obair; ach bha làmh an Tighearna le a phobull ann nan obair; agus uime sin, a dh’ aindeoin na bu chomasach an naimhdean a dheanamh, bha i air a giùlan air a h-aghaidh, a chuid ‘sa chuid, gus an robh i air a crochnachadh. Tha ‘m fior chreidmheach a tha gu treibh-dhireach a leantuinm naomhachd, air a chuartachadh le mòran do eascairdibh spioradail, a tha ro mhanach an deadh obair anns am bheil e saothrachadh a mhilleadh gu h-iomlan; ach tha làmh an Tighearn maille risean mar an ceudna ann a obair; agus uime, sin a dh’ aindeoin na ‘s urrainn a naimhdean a dheanamh, tha i air a giùlan air a h-aghaidh, gus am bheil i air a deanamh foirfe aig uair a bhais, agus air a crochnachadh ann an glòir.

III.

Theid mi nis air m’ aghaidh gus an treas ceann teagaisg, le bhi toirt fa ‘near, gu ‘m bheil an t-àm anns am bheil peacanna dhaoine air am maitheadh, no air an glanaidh as, ‘na àm fionnuaireachd o làthair an Tighearna.

1.

Anns a cheud àite, an uair a tha daoine air an dùsgadh gu mothachadh air an truaighe mar pheacaich, tha iad anns a choitchionn, làn do iomaguin, agus do chùram mu thimchioll slàinte an anama. ‘S e so an cor anns an robh a mhuimntir a bha air am bioradh ‘nan cridhe air là na Cuingis. Bha ‘n cridhe air a lot le géur mhothachadh air an cionta, bha ‘n coguis ga ‘n agairt air son lionmhoireachd am peacanna, agus bha iad ann an imcheist mhòir mu thimchioll staid chunnartach an anama. Nach bu bhrònach an cor nam fágadh Dia iad fad bliadhna le saighead a ghèur-mhòthachaidh so saithte ‘nan cridhe, gun fhurtachd na cabbhair sam bith a dheanamh orra? Bhiodh i na bliadhna thrioblaideach dhoibh; bhiodh e cho furasda bhi giùlan teasach fiabhruis fad bliadhna, a ‘s a bhi giùlan a leithid so do bhiòradh cridhe, do spiorad leòinte. Ach cha d’ fhàg Dia iad fad bliadhna, no eadhon fad seachduinn, anns an staid bhrònach so; oir tha aobhar a chreidsinn o ‘n chunntas a th’ againn mu ‘n timechioll ann am focal Dé, gu robh iad ann an úine ghoirid air an toirt gu fois anama tre chreidimh anns an Tighearn Iosa Criosd. Bha iad gun dàil air an irioslachadh, air an leaghadh ann am bròn diadhaidh, air an toirt gu flor aithreachas, agus air an aisig gu slìth maillle ri Dia, trid feartaibh na fola rinn iad féin a dhortadh air sliabh Chalbhari. Agus tha e ‘na ni cinnteach gu robh àm na sithe agus ma réite so, ‘na àm fionnuaireachd o làthair an Tighearna.

Chunnaic an t-Abstol Peadar nithe mòr agus iongantach, air là na Cuingis,—chunnaic e sluagh mòr do pheacaich air an dùsgadh as an ana-mothachadh, air am bioradh ‘nan cridhe, agus ag eìgheach fo eagal feirg,—“Fheara agus a bhràithre, ciod a ni sinni?” Chunnaic e mar an ceudna, “cumhachd an Tighearn làthair chum leigheas,” “a shlànachadh muinntir a chridhe bhriste, a thoirt saorsa do na braighdibh, agus a dh’ fhosgladh a phriosain dhoibh-san a bha ceangailte,”—seadh, chunnaic e mòran a bha ri saothair, agus fo throm uallaich air an toirt gu fionnuaireachd, gu fois anama, tre chreidimh anns an Tighearna Iosa Criosd. A nis, an deigh na nithe mòr so a chunnaic an t-Abstol, bha e nàdurra dha sùil a bhi aige ri tuille fhaicinn do na nithe ceudna, ri tuille do chumhachd agus do ghloir Criosd fhaicinn air am foillseachadh, ann an slàinte anamaibh neo-bhàsmhor dhaoine. Agus uime sin, tha e ro chosmhuil gu robh e ann am dòchas ri tuille do na nithibh tròcaireach so fhaicinn am meag nan Iudhach, an uair a thubhairt e riu, ann am briathraibh ar teagaig, “Deanaibh-se aithreachas, agus bithibh air bhur n-tòmpachachadh, chum gu ‘m bi bhur peacanna air am glanadh as, an uair a thig amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna.”

Thoir air tus fainear ciod e beachd Criosd mu na chreideach—“Mar an lili am meag na droighnich, is amhuil mo gradhsa, am meag nan nighean.” Cha ‘n eil Criosd a faicinn aon eile anns an t-saoghal a ta cho maiseach na shealladh ris a chreideach. Tha a chuid eile cosmhuil ri droighneach, ach tha an creideach na shealladh cosmhuil ri lili mhaiseach.—R. M. MacCheyne.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice