LEIS AN URRAMACH BHATAIR MARSHALL.
A chum gu ‘n dean sinn na dleasdanasan naomhachd agus fireantachd a tha air iarraidh oirnn anns an Lagh, feumaidh sinn, anns a’ cheud àite eòlas fhaotainn air a’ mheadhon chumhachdach agus éifeachdach leis an urrainn sinn ruighinn air inbhe cho àrd.
Is coir a chumaill air chuimhne gur e ni spioradaid a tha ‘s an naomhachd so (Rom. vii. 14). Tha e air fhaotainn, cha ‘n ann a mhàin ann an oibrìbh diadhachd agus caoimhneis, ach ann an smuaintean, ann am mac-meannma, ann an aignidhean naomha, agus gu sonruichte ann an gràdh—an aon tobair as a bheil gach obair a tha taitneach do Dhia ag eirigh. Tha e air fhaotainn, cha ‘n ann a mhàin ann a bhi seachnad anam-miann, ach ann a bhi gabhail tlaichd ann an lagh Dhé, agus ann an ùmhlachd thoileach do Dhia, gun chàrran, gun ghearrain.
Is coir a chumaill air chuimhne, mar an ceudna, gu bheil lagh Dhé ro fharsuinn. Uime sin feumar a choimhead ann an dòigh a bhios coionnan farsuinn. Ma bhios Dia air a ghràdhachadh ann an dòigh a bhios cubhaidh feumaidh e bhi air a ghràdhachadh le ar n-ùile chridhe agus spiorad agus chumhachd. Feumaidh sinn a ghràdhachadh air dhòigh ‘s gu ‘n toir sinn sinn fhìn suas dha gu h-iomlan a chum seirbhis a dheanamh dha an comhnuidh, agus a chum gu ‘n dean e a thoil ruim mar ar Tighearna, co dhiùbh bhios sin le soirbheachadh no le mi-shoirbheachadh, le beatha no le bàs.
Is e an ùmhlachd iomlan spioradaid so a’ chrioch mhòr a tha againn anns an amharc. Mar sin feumar sùil a chumaill air na meadhanan, oir tha mòran ann a tha meas nam meadhanan mar ni gun stà. Aon uair ‘s gu faic iad nàdur agus òirdhearcas dleasdanasan an lagha tha iad an dùil nach ‘eil air ach sìneadh air an deanamh le dichiol, mar sin a’ deanamh barrachd cabhaig na adhartas. Tha iad ealamh air gealltainn, “Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne” (Ecs. xix. 8), gun a bhi toirt smaoinn air cuantadh na cosguis. Tha iad ag amharc air naomhachd mar am meadhan a chum na crìche, eadhon slàinte shiorruidh, agus cha ‘n ann chrioch mhòr innte fhèin. Is e their mòran an ceud thòiseachadh beatha dhiadhaidh, “Ciod am maith a nì mi chum gu faigh mi a’ bheatha mhaireannach” (Mat. xix. 16). Cha ‘n e, ciamar a bhios mi air mo dheanamh comasach air nì maith air bith a dheanamh? A chum nach tuislich thu air an stairsnich, feuchaidh mi ri shealltuinn dhuit nach leòr fios a bhi agad air suim agus aobhar do dhleasdanais, ach gu’ feum thu mar an ceudna eòlas fhaotainn air na meadhonan cumhachdach agus éifeachdach leis an teid agad air a dheanamh mu n’ tòisich thu air a cleachdadh.
Is e gràs Dhé a tha ann an naomhachdadh, d’reabh mar is e gràs a tha ann am fireanachadh, agus tha e air a thoirt tre mheadhonan—tre theagasg leis a bheil sinn a’ foghlum ni-eigin nach fhaic sinn as aonais an Fhacaill (Gniomh. xxvi. 17, 18). Tha iomadh nì a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd a tha air an toirt tre eòlas (2 Pead. 1-3). Tha cumadh teagasg air a chleachdadh le Dia a chum daoine a chur saor bho pheacadh agus an deanamh ‘n an seirbhisich fireantachd (Rom. vi. 17, 18). Cha ‘n fhaodar dearmad a dheanamh air an teagasg sin.
Tha eòlas cinnteach air na meadhonan cumhachdach agus éifeachdach sin ro fheumail a chum ar daingneachdadh ann, an cleachdadh naomh, oir cha ‘n urrainn mòran dòchais a bhi againn ri soirbheachadh mur a bi earbsa againn ann an còmhnadh Dhé. Ach cha ‘n urrainn sin a bhi againn mur a cleachd sinn na meadhonan a chomharrach Dia air son sin. Tha mòran Chriosduidhean riaraichte le cleachdadh corporra a chionn nach do thuig iad a riabh ciamar a b’urrainn iad ruighinn air seirbhis spioradail. Tha mòran a’ cur cùl ri slighe na naomhachd, is iad ‘g a meas cruaidh, a chionn nach ‘eil fhios aca ciamar a ghearras iad dhiubh fhéin an làmh dheas no a spionas iad an t-sùil dheas gun pian ro mhòr fhulang. Na ‘m b’ aithne dhaibh slighean a’ ghliocais bhiodh fhios aca gur “slighean subhachais a slighean agus sith a ceuman uile” (Gnàth. iii. 17). Tha mòran eile a’ sinedadh air naomhachd le eud dian, agus a’ ruith glé luath, ach gun a bhi toirt ceum air an t-slighe cheart. Agus an uair a tha iad a’ faicinn gu bheil iad air am mealladh, agus a tha iad air an claoidh le ana-miann, tha iad a’ toirt thairis.