Searmoin V.
Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann.
“Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gum ‘m bi bhur peacanna air an glanadh as an uair a thig àmannn fionnuaireachd o lathair am Tighearna.”
(Air a leantuin o t.d. 254).
AN COMH-DHUNADH.
-
O ‘n teagasg so, feudaidh sinn fhaicinn anns a cheud àite, co feumail ‘s a tha gràs iompachaidh. Tha gràs iompachaidh gu neo-fhàilnichte feumail, chum atharrachadh spioradail agus slàinteil a dheanamh air staid agus nadar am duine, chum a thoirt o staid peacaidh agus truagh gu còir shlànteil anns an Tighearn Iosa Crìosd. Tha daoine gu nadurra ann an staid chailte, fo chiont’ a pheacaidh, fo mhallachadh an lagha, agus buailteach do thruaighe shiorruidh anns an t-saoghal ri teachd; agus tha na h-uile buanachadh anns an staid chunnartach so gach là is bliadhna, gus am bheil iad air am fiosrachadh le gràs iompachaidh. O nach mòr ar feum air a ghràs so! ‘S éigin iompachadh, no bàsachadh; aithreachas a dheanamh no bhi air ar sgrios. Cha ‘n ‘eil focal Dé, no gliocas dhaoine g’ ar seòladh chum slighe air bith, tre ‘m feud sinn dol as o ‘n fhearg a ta ri teachd, no seilbh fhaotainn air beatha mhaireannach as eugmhais iompachaidh.
-
Tha iompachadh gu neo-fhàilnichte feumail chum ‘s gu ‘m faigheamaid maitheanas peacaidh. Tha e fior, cha ‘n ann air sgàth toilteanas air bith a ta ann an iompachadh dhaoine tha ‘m peacanna air an glanadh as, ach air sgàth toilteanas fuil Chriosd; gidheadh, tha briathra ar teagasg a cumail amach gu soilleir, gu bheil iompachadh feumail chum maitheanas peacaidh. Criosd, anns an tomhas spioradail na saorsa cheannaich Criosd, anns an tomhas as lugha, aig daoine, co fhad ‘s a tha iad a fàntuinn ‘nan staid neo-iompaichte. Ma chaitheas iad am beatha, agus ma gheibh iad bis anns an staid so, cha ‘n ‘eil ach truaighe shiorruidh a feitheamh orra an taobh thall do ‘n uaigh. ‘S ann an obair iompachaidh a tha ‘n Spiorad Naomha tòiseachadh air a bhi compartachadh na saorsa cheannaich Criosd. ‘S anns an obair so a tha ‘n t-anam air a bheothachadh, air a tharruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus air a cheangal ris; agus co luath ‘s a tha ‘n t-anam air a cheangal ri Criosd, tha còir aig air maitheanas peacaidh.
-
Tha iompachadh gu neo-fhàilnichte feumail chum ar deanamh iomchuidh air son rioghachd nèimh. ‘S ann trid aithreachais a tha daoine tréigisinn a pheacaidh, agus a tionndadh o ‘n t-slighe leathan a tha treòrachadh gu sgrios; agus ‘s ann tre iompachadh a tha iad a pilleadh a dh’ ionnsuidh Dhé, a dh’ ionnsuidh na slighe aimh-leathain a tha treòrachadh gu beatha. Bha ‘n t-ionlan do phobuil taghta Dhé air an òrdachadh chum slàinte shiorruidh. Rùnaich Dia o bhith-bhuantachd an toirt gu seilbh air beatha mhaireannach; ach cha do rùnaich e neach sam bith dhiubh a thoirt gu seilbh air a bheatha so, as eugmhais iompachaidh. Bha Peadar ‘na shoitheach taghta, agus bha Pòl na shoitheach taghta; ach cha ‘n fheudadh Pòl na Peadar dol a steach do rioghachd nèimh as eugmhais a bhi air an iompachadh. “Mur bi duine air a bhreith o uisge, agus o ‘n Spiorad, cha ‘n urrainn e dol a steach do rioghachd Dhè.”
-
Do bhrigh gu bheil gràs iompachaidh gu neo-fhàilnichte feumail chum ar n-ullachadh air son rioghachd nèimh, tha e ro fheumail do na h-uile a tha ‘g aideachadh diadhachd, a bhi ceasnachadh, ‘s a ramnsachadh an robh iad da rìreadh fathasd air an iompachadh. Ceasnaicheamaid an d’fhuair sinn dearbhadh spioradail air ole a pheacaiddh. An robh am peacadh air a dheanamh searbh dhuinn? an robh sinn le irioslachd, le deuraibh, agus le dûrachd ag aideachadh, agus ag iarraidh saorsa uath? Ceasnaicheamaid an robh sinn air ar soillseachadh ann an eolas air glòir Dhé, a dealradh ann an gnuis Chriosd? Am bheil Criosd luachmhor ann ar sealladh? Am bheil sinn toileach na h-uile nithe a reic air son an neamhnuid ro mhaiseach so? a meas nan uile nithe ‘nan call air son ro-irdheirceis eòlais Iosa Criosd ar Tighearna? Ceasnaicheamaid an d’fhuair sinn blas taitneach air nithibh spioradail? Am bheil tart oirnn an geall air Dia, air a lâthaireachd ghràsmhor, air solus a ghnuis, agus air comhchomunn spioradail maillle ris? Am bheil fhocal, a gheallanna, agus òrduighean taitneach le ar n-anamaibh? Ceasnaicheamaid an robh ar cridheachan a riamh air an tarruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, trid oibreachadh an Spioraid? An d’ rinn sinn roghainn dheth mar stéidh ar dòchas, mar chuspair ar gràidh? Am bheil sinn a toirt fuath do ‘n pheacadh, a treigsinn a pheacaiddh, a gràdhachadh naomhachd, agus a leantunn naomhachd, ni as eugmhais nach fhaic neach air bith an Tigharna?
-
Anns an àite mu dheireadh, feudaidh sinn fhoghlum o ‘n teagasg so, gu bheil an t-àm anns am bheil peacaich air an iompachadh, agus air an deanamh réidh ri Dia, ‘na àm fionnuaireachd o lâthair an Tighearna. Tha e ‘na àm anns am bheil solus agus saorsa spioradail air an compartachadh ris an iompachan, anns am bheil a pheacanna air an maitheadh, dochas maith air a bheothachadh ‘na anam, agus Dia a labhairt sith ris tre Iosa Criosd an t-Eadar-mheadhonair. An uair a tha mòran do pheacaich ann an àite air bith, air an dûsgadh, air an iompachadh, agus air an lionadh le aoibhneas anns an Spiorad Naomha, tha leithid so a dh’ àm gu sònruichte ‘na àm fionnuaireachd o lâthair an Tighearna. O cia mòr an gairdeachas, agus an fionnuaireachd o lathair an Tighearna bhios a cómhdachadh aghaidh na talmhainn, an uair a dhealraicheas glòir nan laithaibh deireamach, an uair a thig iomlanachd nan Cinneach a steach, agus a bhitheas “Israel uil’ air an tearnadh!”
Ma tha thu faotainn nach ‘eil a bhi creidsinn anns an dòigh cheart so a’ toirt a mach nan toraidhean naomhachd as miann leat, cha ‘n ann na’s lugha ach na’s modha is còir dhuit do mhuinghinn a chur an Criosd, is bhios agad gu faod anmhuinneachd do chreidimh a thoraidhean a chumail air ais, agus mar is mò do mhuinghinn a thaobh gradh Dhé a bhi dhuit ann an Criosd, is ann is mò bhios do ghràdh do Dhia agus d’a sheirbhis.—Marshall.