(Air a leantuin o t.-d. 278).
Bha na briathra so air an labhairt le Criosd ri mnaoi, a bha aon uair na bana-phaeacach mhòr, ach a bha air a dusgadh, air a h-rioslachadh, agus air a toirt gu fior aithreachas. An ‘uair a bha ‘n t-atharrachadh gràsmhor so air a dheanamh oirre, bha miamam spioradail air an dùsgadh suas ann a cridhe, an geall air a bhi leantuin Chriosd, agus ag éisdeachd ris na briathraibh gràsmhor a bha sruthadh o a bhlìbh. Air dhith a chluimtinn gu robh Criosd air aoidheachd car tamull ann an tigh aom d’ a choimhearsnaich d’ am b’ ainn Simon, leán i e, ann an dòchas ri tuille buammachd fhaotainn d’ a spiorad leonta; agus air dhith teachd na làthair, agus a bhi ‘g éisdeachd r’ a chomhradh spioradail, bha i air a leaghadh gu mòr ann am bròn diadhaidh. Sheas i air a chulaobh a gul, agus air cromadh sios dith, “nigh i a chosan le a deuraibh, agus thiormaich i iad le folt a cinn.”
Ach anns a cheart àm an robh a bhean so a leaghadh ann am bròn diadhaidh, agus a taisbeanadh teas-ghràdh do Chriosd, bha Simon am Phairiseach a gabhail oilbheum, agus a gearan amn féin am aghaidh Chriosd, do bhrigh gu robh e ceadachadh do ‘n bhana-phaecach mhòr so bean-tuinn ris. Gidheadh, bha spiorad briste na mna so na iobairt ni bu taitnich gu mòr, ann an sealladh Chriosd, na cuirm, agus deadh choslas am Phairisich. Cha do chuir Chriosd cùl rithe air son meud a cionta, cha d’ rinn e dìmeas oirre air son lionmhoireachd a lochdan, cha do chron-aich e i air son a dànachd; ach chuir e ‘n ceill gu follais-each, gu robh a peacanmha bha lionmhor air an maithheadh dhith; seadh, chuir e air falbh i leis na briathraibh sòlasach so—”Shlànuch do chreidimh thu, imich an sìth.”
Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fa ‘near,
I. Nadur fior chreidimh, na ciod a tha air fhilleadh ann an creidimh tearnaidh.
II. An seadh anns am bheil creidimh a tearnadh, na slànachadh an anama.
III. Ainnichidh mi cuid do na nithibh a tha mar thoradh a leantuinm creidimh slàinteil anns an Tighearn Iosa Chriosd.
Ann an labhairt mu thimchioll nadur creidimh tearnaidh, bheir mi fa ‘near.
- Anns a cheud àite, gu bheil creidimh slàinteil, na ghràs a tha air a chompartachadh gu saor le Dia ri anam-aibh a phobuill. Cha ‘n eil creidimh tearnaidh na nì a tha nadurra do pheacaich—cha ‘n ‘eil e na luibh a tha cinneachduinn, na fàs, na giùlan toraidh gu nadurra ann an cridhe neach air bith; ach na thiodhlaic a tha os ceann naduir, agus air a chompartachadh gu saor le Dia. Tha eadar-dhealachadh mòr eadar gíbhtibh nadurra agus gràs-aibh an Spioraid. Tha gíbhtean nadurra ann an tomhas éigin coitchionn do na h-uile dhaoinibh, do ‘n àrd agus do ‘n ìosal, do ‘n ionraic agus do ‘n aingidh. Tha e fior, cha ‘n ann san aon tomhas a tha iad air am buileachadh le Dia air na h-uile; oir tha tomhas gu mòr is àirde do thalamna nadurra aig cuid do dhaoinibh, ua aig cuid eile; gidheadh, tha gíbhtean nadurra ann an tomhas éigin coitchionn; ach cha ‘n ‘eil creidimh tearnaidh na nì coitchionn, “oir cha ‘n ann aig na h-uile dhaoinne a ta creidimh.”
Tha ‘n t-ionlan do shliochd Adhamh gu nadurra falamh do ghràs, nan coirich do bheò-chreidimh, agus a buanachadh anns an staid bhrònach so, gus am bheil iad air am fiosrachadh le gràs iompachaidh. Tha siol gach gíbht agus tiomhlae nadurra, air a chompartachadh ris an duine na cheud chruthachadh, an uair a tha e ‘n toiseach air a ghairm gu bith, agus air a dhealbh le corp flor agus anam reusonta; ach ‘s ann anns an muadh-chruthachadh, anns an ath-glhneamhurinn, a tha siol gach uile ghràs air a chompartachadh ris a chreidmheach. Ciod air bith tomhas do ghibhtibh nadurra, no do choslas na diadhachd a dh’ fheudas a bhi aig duine, tha e na choigreach do bhèochreidimh, gus am bheil e air a bhreith o ‘n Spiorad, agus air a dheanamh na chreutair muadh.
(Re leantuinm).