Bha duine bochd ann am baile Lunnuin, do ‘m b’ainm Ioseph, leth-amadan, a b’ abhaist bhi ruith air ghnthaichibh agus ag giulan eallaichean feadh a’ bhaile. Là do Ioseph ag gabhail na sràide, agus pocan smtha air a gualainn, thachair dha bhi dol seachad air eaglais; cluinnear sailm ‘g an seinn, agus rachar a steach a dh’ fheuchainn ciod a chitheadh na chluinneadh e. Chunnaic e ministir ‘s a’ phùpaid, agus comhthional de dh’ uaislubh urramach uigheamail ‘n an suidheadh ‘n a fhochair. Sheall gach fear is té a dh’ fhaicinn an duine bhochd luideagaich a thainig a steach air an dorus: ach dh’ amhairc Ioseph gu geur air a’ mhinitir, ag eisdeachd ciod a thireadh e. B’e ‘n ceann teagasg a leugh e na briathra brioghmhor blàsda ta ann, 1 Tim. i. 15:—”Is for an ràdh so, agus is fù e air gach aon chor gabhail ris, gun d’thainig Iosa Críosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach, d’am mise an ceud fhear.” Sheasmonaich am ministir, gu glam soilleir, for theagasc an t-Soisgeil, mar a rinn na h-Abstoil o shean, ag taisbeanadh gu bheil slàinte shiorruidh ann do na peacaich a’s gràineile, tre thoillteanas Iosa Críosd amhain, neach is e an Dia mòr a rinn na h-uile nithe. “Cha ‘n iomadh duine glic a thaobh na feola, cha’n iomadh duine cumhachdach, cha ‘n iomadh duine urramach, a ta air a ghairm,” mar a deir an t-Abstol, “ach roghnaich Dia nithe amaid each an t-saoghal so, chum gu n cuireadh e nàir air na daoimibh glic”—1 Cor. i. 26, 27.
Am uair a bha na h-uaislean ag cluimtinn briathra fallain na searmoin le beag suim, bha fear nan luideagan a toirt geur aire do gach focal; agus gus an do sguir am ministir, cha do thog Ioseph a shuil dheth. Sgaoil càch mar a chrunnich iad, gun umhail, gun chuibhne, air na chualadh; ach bha cridhe Ioseiph lán, agus e ‘g imeachd dhachaidh ag comhradh ris fein; “Cha chual Ioseph sud riamh roimhe; Iosa Críosd—an Dia a rinn na h-uile nithe —gun d’ thainig e do ‘n t-saoghal a thearnadh pheachach truagh mar Ioseph: agus gu bheil so gle fhior, agus gur cinntheach am focal e.”
Goirid ‘n a dheigh sud, dh’ fhàs Ioseph tinn, agus bha e ri h-uchd bàis. “Na laidhe ‘g a charuchadh air a leabaidh, b’i so an comhnuidh bu chainnt da, “Se Ioseph ceann-cinnidh nam peacach; ach thainig Iosa Críosd do ‘n t-saoghal a thearnadh pheacach; agus is ro chaomh leamsa Críosd air a shon sin.” Bu mhòr iongantas nan coimh-earsnach a thainig g’ a shealltainn, ag cluimtinn an fhocail ud an comhnuidh ‘n a bheul. Thubhairt cuid bu mhò foghlum na chèile ris, “Ach ciod do bharail mu do chridhe, Ioseph? Am faic thu comharan iompachaidh ort fein, a dhuine bhochd? An d’fhuair thu cridhe naomha? Am bheil creideamh fior agad? An do dhùin thu ri Críosd? An aithne dhuit sin a dheanamh, a thruaghain?” “Och: ‘ar’s esan, “cha’n aithne do Ioseph ni sam bith a dheanamh. Cha’n aithne dhomh ach so, gur mi fein ceann-cinnidh nam peacach; ach ma ‘s fior am focal agus is deimhin leam gur fior, gun d’ thainig Críosd do ‘n t-saoghal a thearnadh pheacach, c’uime nach feud Ioseph bhi air a thearnadh leis?”
An sin dh’ fhiosraich iad c’ait an cual e an teagasg, a bha co thaitneach dha; agus an uair a fluair iad brath, chuir iad fios dh’ ionnsuidh a’ mhíniisteir ag iarraidh gun tigeadh e a shealltainn Ioseph. Thainig esan air ball, ach bha ‘n duine tinn air fàs co lag gum bu ghann a bhéireadh e an aire do ni. Thòisich ann ministreir air labhairt, agus cha bu luaiteh a chual Ioseph a ghuth na dh’ eirich e gu grad air uilinn, rug e air a laimh, agus thubhairt e le guth famn, “O Ghaolaich, is tusa caraid an Tighearna Iosa; is toigh leam gu bràth thu air son mar a dh’ innis thu an deadh naidheachd mu Chríosd: is mise ceann-feadhna nam peacach; ach is fior am focal so, gun d’ thainig Críosd do ‘n t-saoghal a thearnadh pheacach, agus c’uime nach tearnadh e Ioseph? O dean thusa ùrnuigh air mo shon; guidh gun saoradh Críosd mise; abair ris gur mòr, thar leam, mo ghràdh dha, air son gun d’ thainig e do ‘n t-saoghal a teannadh pheacach mar mise.” Rinn am ministreir ùrnuigh. Air dha sgur, thug Ioseph buidheachas dha o’ chridhe. An sin, chuir e a lamh fo ‘n chluasaig, agus thug e as sin sean chlùdan anns an robh aige cuig gindhean ceangailte. Chuir e sud an laimh a’ mhíniisteir. “So dhuìtse,” arsa Ioseph, “an t-airgid a bha mise tasgaidh fa chomhair feum na sean aoise. Ach chan fhaic Ioseph gu bràth sean aois. Gabh thus e, agus roinn e am measg chairdean bochda an Tighearna Iosa; abair riu gun d’fhàg Ioseph sud aca air sgath am Fhirsacoraidh a thainig do ‘n t-saoghal a thearnadh pheacach, seadh a thearnadh ceann-feadhna nam peacach, ‘s e sin Ioseiph.”—Leis an t-sàruchadh a bha air ag labhairt dh’ fhalbh a lùgh, dh’ fhannaich a chridhe, leag e a cheann ris an adhart, agus thug e suas an deò.
A leughadair, ciod i do bharail mu sgeul Ioseiph?
1. Nach fhaic thu an so àrd uachdranachd agus saor gras an Tighearna?
Bha an comhthional ud uile a chual a t-searmoin ‘n am peacach co mhath ri Ioseph; bha iad uile ciontach ann an sealladh Dhe, a ‘s glaine stùl na gun amhairc e air peacadh ach le fuath agus gràin; bha iad uile feumach air an t-slàinte mhòir sin a chuireadh an cèill doibh anns an t-soisgeul. Ach am feadh a bha an co-chruinneach ag cluinninn an teagaisg gun umhail gun sgoinn, thainig am focal le cumhachd an spioraid gu cridhe Ioseiph, agus dh’ fhaicich e a bhrigh. Ciod a b’ a as bhar air so, ach saor ghràs tabhachdach an Ti sin a ni tròcair air an dream air an dean e tròcair; neach a dh’ foilaich na nithe sin o dhacoinibh eagnaiddh agus tuigseach, agus a dh’ fhoillsich do leanabaibh iad; neach a thagh bochdaimn an t-saoghail so gu bhi saibhir ann an creideamh, agus ‘n an oighreachaibh air an rioghachd a gheall e dhoibhsan aig am bheil gràdh dha. A chum gu faicte cia saor agus cumhachdach gras Dè tha an t-Abstol ag innseadh gu’n do roghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail, chum gu’n cuireadh e nàire air na daoinibh glèise; agus nithe amhunn an t-saoghail chum gu’n cuireadh e gu nàire na nithe laidir; agus gu’n d’rinn e mar sin chum na ceart crìche so, nach deanadh feòil sam bith uaill ‘n a fhitheas, ach esan a ni uaill gu’n deanadh e uaill anns an Tighearn—1 Cor. i. 27—31. Cha n ionann so agus barail iomra duine. Mar is tric, nuair a bheirear duine fuidh fhaireachdainn pheacaidh, ‘s ann bu mhath leis ni eigin a dheanamh leis an tugadh e as e fein o fheing Dhe, agus leis an cosnadh e a dheadh-gean. Is iomadh iad a ta ‘g iarraidh am fireantaichd fein a chur air bonn, gun stroichdadh do fireantaichd Dhe; agus muintir eile ag iarraidh an cridhe leasachadh le ‘n dchioll fein agus a chur am fonn gu gabhail ri Criosd. Cha b’ i sin idir barail a bha aig Ioseph mu shlighne na slàinte.
2. A leughadair, nach fhaic thu an so gur e toradh an t-Soisgeil gràdh do Dhia agus d’ a phobull?
Ghabh Ioseph ris an fhocal a chual e, cha b’ ann mar fhocal dhaoinne ach mar fhocal Dhe; ghabh am focal sin freumh ‘n a chridhe tre chreideamh; agus an sin dh’ fhàs e suas gu tarbhach. Fhuaradh ann an cridhe Ioseiph an gràdh do Criosd mu n do labhair an t-Abstol Eoin, “Tha gràdh againne dha-san do bhrigh gu’n do ghràdhaich esan sinne am toiseach.”—1 Eoin iv. 19. “O deam ùrnuigh,” arsa Ioseph ris a mhínistear, “air mo shon; guidh gu’n saoradh Criosd mise. Abair ris gur toigh le Ioseph e air son gun d’ thainig e do’n t-saoghail a teannadh pheácaich mar Ioseph.” Ged dhligh-ear mor grádh agus urram do Dhia mar a tá e ann fein, iomlan ‘na fheartaibh glormhor; gidheadh b’ e grádh Dhe ann a Mhac h-uile ionmhuinn a thabhairt thairis air son pheacach; b’ e grádh Criosd ann a theachd a shireadh agus a shaoradh pheacach truagh caillte; b’ e so an ceud ni a bhean ri cridhe Ioseiph, a dhuisg ‘fháireachdaimn, agus a bhuinig a ghrádh. Is ann mar sin a tharlas a thaobh gach anama a chosnar le saor ghràs. ‘Se grádh Criosd, air a sgaileadh feadh a’ chridhe leis an Spiorad naomh, a bheothaicheas grádh ann an cridhe a’ pheacaich. Taisbeamaidh an gràdh so e fein le umhlachd do uile aithntean an Tighearna, agus ann dichioll air “teagasg an Tighearna sgeadachadh,” agus maise chur air aidmheil nó diadhdheidheachd, le deadh bheus agus caithe beatha do reir an t-Soisgeil. Cha b’ urrainn Ioseph, air adhart a’ bhais, a ghradh do Dhia a thaisbeamadh le a chaithe-beatha; ach nochd e durachd a chridhe ‘n a dheadh rún d’ a phobull air son gu b’ iad cairdean Criosd. Co luath s a chual e guth a’ mhínisteir aig oir a leapa, ghlaodh e, “O is tusa caraid an Tighearna; is maith a dh’ innis thu m’ a thimchioll; is toigh leam gu bràth thu air son mar a labhairt thu mu Criosd; is ionmhuinn leam gach aon leis an ionmhuinn Criosd.” Agus dhearbh e gu’m b’ fhiar mar thubhairt, ‘nuair a thug e na bh’ aige ‘s an t-saoghail do cháirdibh bochda an Tighearna Iosa.
3. Nach fhaic thu an so rithist, gur e creideamh an t-Soisgeil an t-aon ni a chumas suas misneach duine, ‘nuair a chi e am bás teann a thoir?
Cha b’ ann a ghlaic Ioseph misneach, ri am bás, a chionn gun robh a pheacan beag no teare. Cha dubhairt e “tha iomadh fear a’s misoa na Ioseph anns an t-saoghail; tha Dia trócaireach, agus tha mi ‘g earbsadh nach cunnart domh; bu mhath do’ iomadh fear mur biodh r’a agairt air ach ‘na tha air Ioseph bochd.” Cha b’ i so idir bu chainnt da. B’ i iobairt Criosd an t-aon bhonn air an do leag e a thaic agus air an do thog e a dhòchas, an uair a bha e mar cheum do’n bhàs; an uair a bha breitheanas agus bithbhruantachd lám shoilleir ‘n a bhcachd. Air ‘fhireanachadh tre chreideamh, bha síth aige ri Dia trid an Tighearna Iosa Criosd, agus rinn e gairdeachas ann an dochas glòire Dhe.
We need grace alike to keep us from breaking the weightiest commandment of the law, and from falling into the most trifling vanity of the age.—Athanasius.