2.
Tha fior chreidimh a filleadh ann aonta na h-inntinn, no inntinn an duine a bhi ‘g aontachadh le fianuis an t-soisgeil, agus a gabhail rithe mar radh fior. An uair a tha aon neach ag innseadh sgeul, na naigheachd air bith do neach eile, ma se ‘s nach ‘eil an neach d’ am bheil an sgeul air innseadh a gabhail ris mar fhirinn, cha ‘n fheudar a radh gu ‘m bheil e ga chreidsinn; ach ma tha e gabhail ris an sgeul mar radh fior, feudar an sin a chiomh-dhunadh, gu ‘m bheil e toirt creideas da. Tha creidimh tearnaidh, air an amhuil cheudna, a filleadh ann, an inntinn a bhi ‘g aontachadh le fianuis an t-soisgeil mu thimchioll nithibh spioradail mar radh fior. ‘S e Criosd cuspair fior chreidimh, ach ‘s e focal Dé stéidh a chreidimh. Cha ‘n ‘eil fior chreidimh air a stéidheachadh air beul-aithris dhaoine, na air faoin sgeulachda a dhealbhadh gu h-innleachdach le daoinibh, na air bunait neochinnteach air bith. ‘S e focal an Dé bheò, nach comasach breug a dheanamh, an stéidh air am bheil fior chreidimh a seasamh.
Tha na sgiobtuirean a teagasg dhuinn, gu bheil an Dia a chruthaich na h-uile nithibh, agus d’ an éigin duinn uile cunntas a thabhairt, na ard Bhreitheamh naomha, cothromach, a bheir do na h-uile dhaoine a reir an gniomh-arr; agus tha creidimh a gabhail ris an teagasg so mar fhirinn neo-mhearachdach. Tha focal Dé ag innseadh dhuinn gu ‘n do pheacaich na h-uile dhaoine, gu ‘n d’thainig iad gearr air glòir Dhé, agus gu bheil iad buailteach mar pheacaich do phiantaibh ifrinm, do thruaghe fhiorchuidh. A nis, tha creidimh a gabhail ris an fhiaruis so mar radh fior. Tha focal Dé, ag innseadh dhuinn gu ‘n do rùnaich Dia o bhith-bhuantachd cuid éigin do’n chinneadh dhaonn’ a thearnadh, gu ‘n d’ ullaich e Fear-saoraich air an son, gu ‘n d’ thainig am Fear-saoraich so a dh’ ionnsuidh an t-saoghail a shireadh an ni a bha caillte, gu ‘n do phaigh e fiachan a phobuill, agus gu ‘n do chiannaich e saorsa shiorruidh air an son: agus tha creidimh a gabhail ris an teistean so mar an ceudna mar fhirinn neo-mhearrachdadh. Tha focal Dé ag innseadh dh’uinn gur e ‘n Tighearn Iosa Criosd Fear-saoraidd dhaoine taghta Dhé, gu ‘m bheil e na Shlànughear uil’ fhoghainteach, a tha comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhé d’ a thrid, thearnadh gus a chuid as fhaide: agus tha ‘m fior chreidmheach am meas gu bheil an fhanuis so air-idh air gach aon chor, gu ‘n gaibhte rithe mar radh fior. Uime sin, tha e treigsinn a pheacaiddh, a teachd a dh’ionnsuidh Chriosd, agus a cuir a muinighin ann mar Shlàn-uighear.
3.
Tha fior chreidimh, cha ‘n e mhain a gabhail ri fianuis Dhé mu thimchioll a Mhic, ach mar an ceudna a treórachadh, ‘s a tarruing an anama a dh’ ionnsuidh a Mhic, a dh’ ionnsuidh Chriosd mar shlànughear. Cha ‘n ‘eil éifeachd anns a chreidimh nach ‘eil ag oibreachachadh air an doigh so. Cha ‘n ‘eil an creidimh sin beò, ach marbh, nach eil a tarruing an anama a dh’ ionnsuidh Chriosd. ‘S e Criosd cuspair a chreidimh, agus co luath ‘s a tha creidimh tearnaidh air a chompartachadh, agus air a thoirt gu beò-chleachdainn ains an anam, tha e ‘g amharc, ‘s a ‘g iarraidh a dh’ ionnsuidh a chuspair so, agus cha ‘n àill leis tamh na fois a ghabbail, gus an toir e ‘n t-anam a dh’ ionnsuidh Chriosd. An uair a bha Criosd air thalamh, a dol mu ‘n cuairt a deanamh maith, bha mòran, o àm gu h-àm, a bha fulang fo iomad gnè do eucailibh a teachd d’ a ionnsuidh chum a bhi air an leigheas; agus tha e soilleir gu ‘m b’ e ‘n creidimh ann mar am Mesiah a bha ri teachd, mar àrd-Leigh an anama agus a chuirp, a bhrosnaich iad gu teachd d’ a ionnsuidhsan seachad air gach léigh eile. Cha robh a muinighin cheudna aca ann an aon leigh eile air thalamh, a bha aca annsan Tighearn Iosa Criosd. “Ghlaodh iad ris, agus theasaig se iad, dhearb iad agus cha robh nair orra.”
‘N uair a tha daoine fo mhothachadh géur air an staid chaillte mar pheacaich, agus air eucailibh spioradail an anamaibh, ma ‘s e ‘s gu bheil iad a creidsinn fianuis an t-soisgeil mu thimchioll Chriosd mar Shlànughear uil’-fhoghainteach, ni ‘n creidimh so gu cinnteach an treórachadh d’ a ionnsuidh. Bithidh iad ullamh gu radh,—”A Tighearna, co dh’ ionnsuidh an teid sinn? agad-sa tha briathra na beatha maireannaich. Cha ‘n ‘eil slàinte air ar son-ne ann an tneach air bith eile.” An uair a bha Criosd air thalamh, cha ‘n e mhain gu robh na doill, na bacaich, agus na balbhain a teachd d’ a ionnsuidh a dh’ fhaotainn leigheis, ach bha mhuinntir a bha tinn le mothachadh air olc a pheacaiddh, a bha fo thrioblaid anama, a bha ri saothair, agus fo throm uallaich, a teachd à a ionnsuidh, chum ‘s gu ‘m faigheadh iad fois. Cha ro’n dòchas air bith aca ri fois anama o na sgríobhaichibh, na o na Phairisich, na o leigh talmhaidh air bith; ach bha iad air an treorachadh tre chreidimh a dh’ ionnsuidh Chriosd, “anns am bheil an sgith a faotaínn fois.” Bha ‘n súil ri fois, ri sláinte fhaotaínn uaith-san a dh’ ung Dia an t-Athair chum an soisgeul a shearmonachadh do na bochd-aibh, a chuir e shlànuechadh muinntir a chridhe bhriste, a ghaírm fuasgladh do na braighdibh, agus a thoirt saorsa dhoibh-san a ta ceangailte.
4.
Tha creidimh a filleadh ann, an t-anam a bhi gabhail ris an Tighearn Iosa Criosd, agus a socrachadh air arson sláinte shiorruidh. Tha Criosd air fhoillseachadh, agus air a thaigse do pheacaich gu saor anns an t-soisgeil; ach tha daoine gu nadurra a diultadh ris,—cha ‘n aill leo teachd d’ a ionnsuidh chum ‘s gu ‘m faigheadh iad beatha. Tha droch chridhe a mhi-chreidimh a ghnath a dol air seacharan o ‘n Dia bheò,—a ghnath a diultadh gabhail ri Criosd mar Shlànuighear; ach ged tha mi-chreidimh a diultadh ris, tha fior chreidimh, air an taobh eile, a gabhail ris gu toileach; agus uime sin, tha e ro-shoilleir gu ‘m bheil creidimh tearnaidh a filleadh ann, co-aonta na toil, co maith ri aonta na h-inntinn.
Co fhad ‘s a tha ‘m peacach a buanachadh fo uachdar-anachd eas-creidimh, tha e anns an dorcha thaobh glòir, agus maisé spioradail Chriosd; ach an uair a tha súil a chreidimh air a fosgladh, tha e toiseachadh air a bhi faicinn glòir Chriosd, mar ghloir aoin-ghin Mhic an Athair; agus co luath ‘s a tha e faicinn glòir Chriosd, tha a chridhe fosgladh dha, agus a dlùth leantuin ris. Tha e nis air a dheanamh, deonach, toileach, gabhail ri Criosd mar a Thighearn agus a Shlànuighear. Gus a so, bha chridhe duinte an aghaidh Chriosd,—bha ‘n duine làidir a stigh, agus Criosd air a dhruideadh a mach, mar nach b’ airidh e air fàrdach fhaotaínn; ach a nis tha e toileach an t-àite is àirde na chridhe thoirt do Chriosd, agus ullamh gu radh, “Thig-se a ta beannaichte o ‘n Tighearna steach, cia uime sheasas tu a muigh.” Gus a so, bha Criosd ann a shealladh mar fhreumh a talamh tioram, gun sgèimh, na grinneas, ach tha e nis na neamhnuid co luachmhor ‘na shealladh, a’s gu bheil e toileach gach ni a ta aige reic chum an neamhnuid so a cheannach, chum ‘s gu ‘m b’ e bhuanachd Criosd. Tha e nis gu toileach a deanamh roghainn do Chriosd mar stéidh a dhòchas, agus a socrachadh air, air son sláinte shiorruidh d’ a anam neobhàsmhor. Agus cha leòir leis a chreidimheach a bhi teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd aig àm iompachaidh, no uair na dhà anns a bhliadhna, an deigh dha bhi air iompachadh; ach ‘s e a mhiann a bhi teachd ‘d a ionnsuidh, agus a faotainn as a lánachd o là gu là. ‘S e a mhiann a bhi ‘g a leantuin tre fhàsach an t-saoghail so, agus a bhi ‘n taice ris air son fireantachd agus neart gu croich a thuruis air thalamh. Bha Pòl, ann a staid neo-iompaichte na namhaid do Chriosd, a deanamh tair air, agus a cogadh na aghaidh; ach an deigh dha bhi air a ghairm gu h-éifeachdach o dhorchadas gu solus, mheas e na h-uile nithibh nam call air son Chriosd; ninn e roghainn dheth mar a Shlànughear, agus dh’ imich e suas troimh fhàsach an t-saoghail so an taice ris mar chuspair a ghraidh, mar steidh a dhòchais, agus mar charraig a shlàinte.
II. Tha mi nis gu bhi labhairt air an dara ceann teagaig, le bhi toirt fa’near, an seadh anns am bheil creidimh a slànachadh an anama. “Agus thubhairt e ris a mhnaoi, Shlànuch’ do chreidimh thu.”
1.
Anns a cheud àite, air a cheann so, cha ‘n eil na briathra so a ciallachadh gur e creidimh da rireadh Slànughear an anama, na gu ‘m buin an onoir, na ‘n t-àite ceudna do chreidimh ann an innleachd na slàinte, a bhuineas do Chriosd. ‘S e Criosd a mhain Slànughear pheacach, aon Fhear-saoraidh dhaoine taghta Dhè. ‘S ann air-san na aonar a leag Dia cuideachadh a phobuill so. ‘S ann ris-san na aonar a dhearb e saorsa shiorruidh a cheannach dhoibh. ‘S e Criosd, is cha ‘n e creidimh, a thainig a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a shireadh agus a thearnadh an ni a bha caillte. ‘S e a choimhlion an lagh, a thug dioladh do cheartas, a phaigh fiachan a phobuill, agus a cheannaich saorsa shiorruidh air an son. Agus am deigh dha obair na saorsa choimhlionadh air thalamh, bha e air àrdachadh le deas làimh Dhé gu bhi na Phrionnsa agus na Shlànughear, air a sgeudachadh le h-ughdarra agus cumhachd, chum beannachdan na saorsa a cheannaich e le fhuil, a chompartachadh ris na h-uile thigheadh d’ a ionnsuidh tre chreidimh. ‘S e féim ughdar agus fear-cricheanaich slàinte nam daoine taghta gu h-iomlan, agus glòir na h-oibre so cha tabhair e do chreidimh, no do chuspair air bith eile.
(Ri leantuinm.)
We must know this for a ground, whatsoever is done to us, is done to Christ first; and whatsoever we have, Christ hath it first. Therefore, life is first in Christ, and then in us; justification for our sins first in Christ—He is freed from our sins—and then in us; ascension first in Christ, and then in us; glory in heaven first in Christ, and then in us. We have nothing in us, but it is derived from Christ.—Sibbes.
Literary Notices.
The Personality of the Devil, being Chapter I. of THE SATAN OF SCRIPTURE, by the Rev. James Ormiston. Sovereign Grace Union, 98 Camberwell Grove, London. Price 2d, post free; 25 for 3s 6d, post free.
This is an excellent piece of work, by the late Rev. James Ormiston, Bristol. The pamphlet is the first chapter of Mr Ormiston’s “The Satan of Scripture,” and it is the intention of the Sovereign Grace Union to publish the whole book if funds be forthcoming. If the rest of the book (which we have not seen) is anything like the opening chapter, it well deserves to be republished. There is a fine thoroughness of treatment, careful and well-balanced exposition of Scripture, and lucid presentation of the facts of God’s Word, which are refreshing and instructive. We regret we cannot give a quotation sufficiently long in this short notice to allow our readers to judge for themselves the excellent way in which the subject is treated.
TWO INTIMATE FRIENDS, by Samuel Levermore. London: Sovereign Grace Union. Price 2d; 100 for 8s; 50 for 4s; 25s for 2s.
The “two intimate friends” are Protestantism and Sound Doctrine. And Mr Levermore means by Protestantism not traditional or political, but that which is living, evangelical, aggressive, and spiritual. This kind of Protestantism has always had sound doctrine as its companion. Loose views of doctrine, he says, means tolerance of Rome, and he turns away from the milk-and-water kind of doctrine so prevalent in our day to the gospel of the grace of God, with its strong consolation and message of a sure hope to every one that believes. “The weak, emasculate, invertebrate gospel, alas! so common and popular to-day, has its roots in man. Man’s suffrage, man’s free-will, and man’s consent. The gospel of God has its roots in His unchangeable purpose, His eternal love, His sovereign decrees. Unregenerate man hates it; it humbles him and puts him in his right place. Yet that place is the only place of blessing.” There is a fine, true ring in Mr Levermore’s pamphlet which will appeal to all who love God’s truth. We wish the pamphlet a wide circulation.
The whole life of a Christian should be nothing but praises to God.—Sibbes.