Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » April 1924 » Searmoin VI. Lucas, vii. Caib., 50 Rann. “Agus thubhaint e ris a mhnaoi, Shlànuch do chreidimh thu, imich an sith.” (Air a leantuin o t.-d. 351)

Searmoin VI. Lucas, vii. Caib., 50 Rann. “Agus thubhaint e ris a mhnaoi, Shlànuch do chreidimh thu, imich an sith.” (Air a leantuin o t.-d. 351)

2. Ach ged nach e creidimh Slànughear an anama, gidheadh tha e ann an seadh sonruichte na mheadhon eit-eachdach slàinte.

Cha ‘n e mhain gu bheil e do nadur spioradail agus slàinteil ann féin, na ni a bhuneas co ‘n t-slàinte a cheannaich Criosd d’ a phobull, ach tha e na mheadhon éifeachdach ‘s an leth a stigh, chum an t-anam a threòrachadh a dh’ ionnsuidh tobar na slàinte.—seadh, agus chum slàinte tharruing o ‘n tobar so a dh’ ionnsuidh an anama. Feudaidh beatha duine air uairibh a bhi air a teasairginn le meadhon gle chaol. Is tric a bha daoine air an saoradh o ghabhadh, agus o chunnart bàis air agh-aidh nan uisgeachan, agus mar an ceudna air talamh tior-am, le meadhon ro chaol, le inneal ro-anmhunn. An deigh do ‘n long anns an robh Pòl air a thurus do ‘n Ròimh dol na miribh briste, bha e féin agus a cho-luchd turuis air an giùlan tearuinte gu tìr air na miribh brist’ ud. Tha creidimh mòran do dheiscioibluibh Chriosd gu tric ional, agus anmhunn; ach ciod air bith co anmhunn ‘s a dh’ fheudas creidimh a bhi, ma tha e do nadur beò agus spior-adail, tha e treorachadh a dh’ ionnsuidh Slànughear a tha cumhachdach gu tearnadh. Tha e treòrachadh a dh’ ionnsuidh Slànughear, cha ‘n e mhain a tha cumhachd-ach, ach mar an ceudna iochdmhor, agus tròcaireach, nach bris a chuilc bhruite, agus nach much an lion as am bi deatach.

Nach bu chaol, a reir coslais, am meadhon leis an robh a bhean air an robh an dòrtadh fola air a leigheas? Cha d’ rinn i ach beantuin ri iomall eudaich Chriosd, agus bha i air ball gu h-iomlan slàn. Ach bha creidimh ag oib-reachadh leis an mheadhon a ghnathaich i; b’ e a creidimh a threòraich i dh’ ionnsuidh Chriosd, a tharruing i tre ‘n domhlas sluagh a bha mu thimchioll, agus a bhrosnaich i gu beantuin ris. Bhean i ri iomall eudaich, ann an cleachdadh beò-chreidimh, ann an dòchas ri leigheas, agus cha do nàraich a dòchas i. Ròimhe so chosd i mòran, agus dh’ fhuiling i mòran ag iarraidh leigheis o leighibh eile; ach cha robh an dàn dith leigheas fhaotainn gus an d’ thainig i dh’ ionnsuidh Chriosd. Feudaidh daoine fo mhothachadh air an cionta, agus fo iomaguin mu thim-chioll sláinte an anama, a bhi dol a dh’ ionnsuidh leighibh eile, a bhi ‘g earbsa ‘nan oibríbh, agus nam innleachdaibh féin air son sláinte; ach cha ‘n eil iad ach am mealladh an anama féin, co fhada ‘s a tha iad a deanamh stéidh dó-chais do chuspair sam bith seachad air Criosd. Gidheadh, tha e soilleir gur ann an uair a tha gach dòchas ri teas-airginn o chuspairíbh eile a fàilneachadh ‘s a faotainn bàis, a tha daoine anns a choitchion a teachd a dh’ ionnsuidh Criosd, agus ag earbsa sláinte an anama ris an leigh trocaireach so, nach do mheall, ‘s nach do dhiult aon neach a riamh a thainig d’ a ionnsuidh tre chreidimh. “An ti a thig a m’ ionnsuidh-sa,” dubhairt Criosd, “cha bhi ocras gu brath air, agus an ti a chreideas annamsa, cha bhi tart gu brath air.” “An ti a thig a m’ ionnsuidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e.”

3. ‘S ann trid creidimh a tha ‘n t-anam gràsmhor air a cheangal ri Criosd, agus a faotainn còir air sochaiream na saorsa a cheannaich e d’ a shluagh.

‘S e Criosd Slàn-uighear an t-saoghail, an t-aon ainn a thugadh fo neamh tre’ m feud peacaich, do gach Cinneach, a bhi air an tearnadh; agus air an aobhar so, tha uil’ iomalla na talmhaunn air an gairm gu bhi ‘g amharc d’ a ionnsuidh air son sláinte. Tha e na Shlàn-uighear uil’ fhoghainteach, ann an sealbh air cumhachd neo-chriochnaich, air gliccas neo-mhearachdach, agus air saoibhreas do-rannsachaidh do ghràs, do fheartaibh, agus do bheannachdaibh spioradail; tha e comasach na h-uile thig a dh’ ionnsuidh Dhè d’ a thrid a thearnadh gus a chuid a ‘s fhaide. Gidheadh, tha e soilleir nach ‘eil buanachd aig peacach air bith o ‘n lánachd a ta ann an Criosd, co fhad ‘s a tha e na choigreach do bheò-chreidimh. Feumaidh daoine bhi air an dùsgadh a codal trom a pheacaich, air an gairm gu h-éifeachdach o dhorchadas gu solus, agus air an ceangal ri Criosd tre chreidimh, mu ‘m feud còr shlàinteil a bhi aca air beannaichdan na saorsa tha air a tasgaidh suas ann.

Cha robh buannachd air bith aig a bhean air an robh an dòrtadh fola, o na feartaibh leigheis a bha ann an Criosd, gus an d’ thainig i d’ a ionnsuidh, gus an do bhean i ris tre chreidimh. Cha robh còir air bith aig Ester air stòras Ahasuerus, gus an robh i air a ceangal ris anns an dàimh phosda; mu ‘n do thachair so, bha Ester na dilleachdair gun athair, gun mhathair, gun inbhe, gun stòras; ach an uair a bha i air a posadh ri Ahasuerus, bha i air a h-àrdachadh gu h-inbhe, gu h-onoir, agus gu còir air stòras rioghail Phersia. Tha peacaich gu nadurra ‘nan creutairean ciontaich, uireasbhuidheach, gun ni maith air bith a gabhail comhnuidh annta, agus neo-airidh air an trocair is lugha o’n Tighearna; ach an uair a tha iad air an aonadh ri Criosd tre chreidimh, tha iad air an ardachadh gu inbhe, gu onoir,—seadh, gu còir air stòras dorannsaichaidh nam flaithais. “Tha iad air an deanamh ‘nan oighreachan air Dia, agus nan comh-oighreachan maillle ri Criosd.” “Ach a mheud ‘s a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ‘nan cloinn do Dhia—eadhon dhoibhsan a ta creidsinn na ainm.” Cha robh buannachd spioradail air bith aig Pòl, no aig Peadar, mo aig aon neach eile do na h-Abstoil, o shlàinte an t-soisgeil, gus an do ghabh iad ri Criosd, gus an robh iad air an ceangal ris trid creidimh; agus ‘s ann tre ‘m chreidimh cheudna a ta peacaich a teachd gu còir shlàinteil ann an Criosd, agus ann am beannachdan an t-soisgeil gus an là ‘n diugh. “Le gràs a ta iad air an tearnadh tre chreidimh, agus cha ‘n ann uathà féin, is e tiodhlae Dhé e.”

4. Anns an àite mu dheireadh’ air a cheann so, ‘s ann tre chreidimh a tha popull Dé, cha ‘n e mhain air an aonadh ri Criosd, ach mar am ceudna a fantuinn ann.

Tha peacaich gu nadurrafad as o Criosd, ach tha iad air an toirt am fagus, agus air an aonadh ris trid creidimh, agus a fantuinn ann, ‘s a beathachadh air tre ‘n chreidimh cheudna. Cha leòir leis an neach le ‘m miann da rìreadh a bhi air a thearnadh, a bhi ann an Criosd trid aideachaidh a mhain, a bhi na bhall do ‘m eaglais fhaicsinnich, agus am mealtuinn sochairean eaglais, do bhrigh gu bheil e tuigsinn gu bheil mòran am mealtainn sochairean eaglais air thalamh, a tha teachd goirid air rioghachd neimh. Cha leòir leis a bhi ‘g aideachadh Chriosd, agus ga leantuin car tamull, mar bha mòran da dheiscioibluibh o shean, a ghabh oilbheum r’ a theagasc, a chaidh air an ais, agus nach d’ imich ni bu mho maillle ris; oir cha ‘n àill leis am fhlòr chreidmheach dealachadh ri Criosd idir, ach a leantuin tre mhi-chliù, agus tre dheadh chliù, gu h-uair a bhàis. Ma dh’ fheudas neach sam bith Criosd a threigsinn, agus a bhi air a sgaradh uath gu tur, an deigh a bhi aon uair ceangailte ris, tha e na ni cinnteach nach urrainn an neach sin dol a steach do rioghachd neimh. Tha e gu neo-fhàilnichte feumail do ‘n neach le ‘n àill dol a steach do rioghachd Dhé, cha ‘n e mhain a bhi ceangailte ri Criosd, ach buanachadh ann gu crioch a shaoghail. ‘Se ‘n ti a bhuanaicheas chum na criche a bhitheas air a thearnadh.”

“Mur fan neach annam-sa,” deir Criosd, “tha e air a thilgeadh a mach mar ghéig, agus air crionadh, agus tion-alaidh daoinne iad, agus tilgidh iad san teine iad, agus loisgear iad.” ‘S ann le bhi fantainn ann an Criosd a tha ‘m fior chreidmheach a beathachadh air, a fàs ann an gràs, agus a giulan toraidh. “Mar nach urrainn a ghéug toradh a thoirt uaipe féin, mur fan i san fhionain, cha mho is urrainn sibhse,” dubhairt Criosd, r’ a dheiscioblubh, “mur fan sibh annam-sa.” Tha deisciobuil Chriosd anus an t-saoghail so nan creutairean truailidh, anmhuinn, uir-easbhuidheach, agus tha feum aca a bhi ‘n taic ‘r an Slainnighear o là gu là air son leasachadh d’ an uireasbhuidh. Mar tha leanabama beag an taice ra ‘m parantaibh air son biadh, is deoch, is dion, is teagasg, mar sin feumaidh iad-san a bhi ‘n taice ri Criosd air son fireantachd, agus neart, air son gràis agus glòir,—seadh, feumaidh iad buanachadh an taice ris a dol troimh fhàsach an t-saoghail so, gus am faigh iad erioch an creidimh, eadhon slàinte an anama. Tha mòran do luchd aideachaidh cealgach, o linn gu linn, a fuarachadh, a fannachadh, agus a dol air an ais chum sgrìos; ach bithidh am firean beò tre chreidimh.”

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice