Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » June 1924 » Searmoinean leis an Urramach Honghas MacMhaolain. Searmoin VII: Lucas, vii. Caib., 42 Rann. “Agus do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon. Innis dhomhsa, uime sin, co dhiubh is mo a ghràdhaicheas e?”

Searmoinean leis an Urramach Honghas MacMhaolain. Searmoin VII: Lucas, vii. Caib., 42 Rann. “Agus do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon. Innis dhomhsa, uime sin, co dhiubh is mo a ghràdhaicheas e?”

(Air a leantuinn o t.-d. 30.)

Bha Críosd ‘na shuidhe aig biadh an tigh Phairisich ar-aidh, d’ am b’ ainn Simon, an uair a labhair e na briathra so. Tha e air innseadh dhunnn, aig an t-seachdamh rann deug thar fheichead, do ‘n chaibidil, an uair a bha e’n tigh an Phairisich so, gu ‘n d’ thainig bean a muinntir a bhaile steach, a bha roimhe so ‘na bana-pheacach mhoir, ach a bha nis ann an cleachdamh fior aithreachais. Air do ‘n mhnaoi so bhi làn do thùirse cridhe air son a peacanna, agus a leaghadh ann am bròin diadhaidh, sheas i air cul-aobh Chríosd a gul, agus thoisich i air a chosan a nigh-eadh le a déuraibh, agus an tiormachadh le folt a cinn. Ach thug droch chliù na mna so ‘san aimsir a chaidh seachad, agus an deadh ghniomh a rinn i ‘san àm a bha lathair, oilbheum do ‘n Phairseach a bha glan na shùilean fein, agus a deanamh tàir air muinntir eile. Agus labhair e ann féin mu thimchioll Chríosd, ag radh, “nam b’ fhàidh an duine so, bhiódh fhios aige co i bhean so a ta beantuin ris, agus ciod is gne dhi; oir is peacach i.” Ach chum am Phairseach a chur as a ‘lharail mhealltach a bh’ aige mu thimchioll féin, agus chum a thoirt gu tuigse cheart, agus breith chothromach mu dhaoine eile, “Thubháirt Iosa ris, A Shíomoin, a ta ni agam ri radh ruit. Agus thubháirt esan, A mhaighstir, abair e. Fhreagair Iosa e, Bha aig fear fiacla àraidh dithis do fhèichneimibh; bha aige air aon fhear cuig ceud peighin, agus air am fhear eile leth cheud; agus do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon. Innis dhomn-sa, uime sin, co is mo a gradhaicneas e?” Leis an t-samhladh so, theagaig Criosd do’n Phairiseach, agus do mhuinntir eile mar an ceudna, gu bheil na h-uile dhaoine gu nadurra ‘n am peacaich, agus gu bheil feum aig na h-uile air saor mhaitheanas peacaidh, gu bheil am peacach is lugha, co maith ris a pheacach is mo, fo fhiachan do lagh is do cheartas Dé, nach comasach iad féin air chor sam bith an dioladh. “Do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon.”

I. Gu bheil na h-uile dhaoine fo fhiachan do lagh Dhé, nach comasach iad féin air chor sam bith an dioladh.

Tha mi ‘n toiseach gu bhi toirt fa’near, gu bheil na h-uile dhaoine fo fhiachan do lagh Dhé, nach comasach iad féin air chor sam bith an dioladh.

1. Anns a cheud àite, tha truaillidheadh ar naduir g ar fágail neo-chomasach umhlachd iomlan a thoirt do lagh Dhé, no bhi air ar fireanachadh tre oibríbh an lagh.

Chruthaich Dia an duine ‘n toiseach le nadur fior-ghlan agus naomha, le eridhe glan agus lamhan neo-chiontach, saor o ‘n smal a bu lugha do thruaillidheadh a pheacaidh. Anns an staid naomha so, bha làn chomas aig na fiachan a bha ‘n lagh ag iarraidh, a phaigheadh, an lagh a choimh-lionadh gus a chuid a b’ fhaide; agus bhuanach e a toirt umhlachd iomlan do ‘n lagh, gus an do bhuaire an t-sean nathair e le a cuilbheartachd, gu ithe do’n mheas thoir-measgte. Ach co luath ‘sa dhith e do’n mheas so, thainig caochladh brònach air a nadur, thuit e o ghràs, dhealaich iomhaigh Dhé r’ a anam, agus dh’ fhàs e neo-chomasach an umhlachd a thoirt seachad a bha ‘n lagh ag iarraidh. Tha ‘n lagh a thug Dia mar riaghailt umhlachd do ‘n duine ‘n toiseach, naomha. “Tha ‘n àithne naomh, agus cothromach, agus maith;” agus tha ‘n lagh naomha so ag iarraidh naomhachd o ‘n duine, cha ‘n e mhain o ‘n leth mach, ach san leth a steach mar an ceudna,—naomhachd cridhe agus beatha,—seadh, foirfeachd ann an naombachd. Ach so ni nach ‘eil an duine, ‘na staid nadurra, comasach a thabhairt, no thaigse do ‘n lagh.

Rinn am peacadh nadur an duine gu h-iomlan a thruailleadh, agus dh’fhág a thruailidheachd e neo-chomasach ni maith sam bith a dheanamh. “Chlaon iad uile as an t-slighe, tha iad uile mi-tharbhach, cha ‘n ‘eil neach a tha deanamh maith, cha ‘n ‘eil fiù a h-aon.” An uair a thuit an duine gu staid peacadh agus truaighe, dh’fhás e mi-dhiadhaidh agus guin neart,—thachair dha mar thachair do Shamon; an uair a bha duail a chinn air am bearradh, agus a dh’fhalbh a neart uath,—thuit e air ball an laimh niam Phìlisteach, an laimh na muintir a bha ‘n tòir air a bheatha. Air an amhul cheudna, thuit an duine truagh trid amaideachd féin, ann an laimh a naimhdean spioradail, an saoghal, an diabhul, agus an fheòil; agus thug na naimhdean so e gum dàil fo dhaorsa na truailidheachd. Dhall iad a shùlean, chruadhaich iad a chridhe, agus lion iad e le naimhdeas an aghaidh Dhé, ionnas nach “‘eil e umhal do lagh Dhé, agus cha mho tha e ‘n comas da bhi.”

2. Tha lagh Dhé ag iarraidh umhlachd iomlan o ‘n duine, cha ‘n e mhain car tamull beag, ach fad aimsir a bheatha air an talamh.

Feudaidh an creutair umhlachd iomlan a thoirt d’ a Chruith-fhear car tamull, agus an deigh sin a bhi ciontach ann an eas-umhlachd. Bha na h-ainigil a thuit freagarrach, agus umhal do thoil Dé ré tine bhig; ach cha robh an umhlachd maireannach, cnà do “bhuanachd iad anns na h-uile nithibh a ta sgriobhta ann an leabhar an lagha chum a deanamh.” Thug an ceud Adhamh umhlachd iomlan do ‘n lagh car tamull, ach thur esan mar an ceudna, gu staid peacadh agus truaighe. A nis, tha e ‘na ni cinnteach, an uair a thuit e, ‘s a bhris e ‘n lagh, gu robh gach umhlachd a thug e roimhe so do’n lagh caillte; cha robh buanachd air bith dha anns an umhlachd a thug e seachad ‘na staid neo-chiontach, an deigh dha tuiteam fo bhinn dìtidh, agus fo mhallachadh an lagha. Anns an t-saoghal so, feudaidh iochdaran a bhi saor o cheannaire, agus umhal d’ a uachdaran car tamull, ach ma dh’ éireas e suas ann an ceannaire an aghaidh an uachdaran, an deigh iomad bliadhna do umhlachd, tha gach umhlachd a thug e seachad a riambi caillte; oir tha e nis ann an sealladh an lagha ‘na chiontach a tha toillteanach air peanas.

Ged tha mòran do luehd-aiteachaidh an t-saoghal so a deanamh stéidh an dòchais d’ an umhlachd, agus d’an oibre féin, gidheadh tha e soilleir, nach ‘eil iad a toirt umhlachd iomlan, no eadhon umhlachd threibh-dhireach do lagh Dhé. Co aca tha daoine da rireadh a creidsinn gu bheil iad comasach umhlachd iomlan a thoirt do ‘n lagh no nach ‘eil, tha e ‘na ni cinnteach nach ‘eil a chuid mhór a deanamh cruaidh spáirn air bith chum a coimhlionadh. Cha ‘n ‘eil a chuid is mó do shluagh an t-saoghail a fáirgse bhi deanamh gach ni tha ‘n lagh ag iarraidh, na seachnadha gach ni a tha e toirmeasg, le tomhas air bríth do threibh-dhíreas cridhe. An áite bhi coimhlionadh an lagh fad uile laithean am beathá air thalamh, tha iad a teachd gearr gach là air an umhlachd a tha ‘n lagh ag iarraidh. Tha cuid do shluagh an t-saoghail, air am bheil fior eagal an Tighearna, agus tha ni ‘s cùramach agus ni ‘s treibh-dhírich ann am dleasdanas a choimhlionadh a thaobh Dhé agus dhaoine, na cuid eile; gidheadh, tha mhuinntir is treibh-dhírich a ta coimhlionadh an dleasdanais, a briseadh an lagh gach là, an smuaintibh, focal, agus gniomh. “Cha ‘n ‘eil neach air thalamh a tha deanamh maith, agus nach ‘eil a peacachadh.”

3. Tha fior phobull an Tighearna, tha eadhon a mhuinntir is treibh-dhírich na’ measg, a teachd gearr gach là air glór Dhé, air umhlachd iomlan a thoirt d’ a lagh.

Tha ‘m pobull so uile air am breith a ris, air am fiosrachadh le iomlaid na h-ath-ghineamhuinn agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh; agus tre ‘n atharrachadh ghràsmhor so, tha ‘n iomhaigh a chaill iad le eas-umhlachd a cheud Adhamh, air a h-aisig ann an tomhas a dh’ ionnsuidh an anama; gidheadh, cha ‘n ‘eil iad air an naomhachadh ach ann an cuid, ré aimsir an cuairt anns an fhàsach so. Tha aobhar aca, co fhad ‘s as beò iad air thalamh, a bhi ‘g aideachadh leis an Abstol, “nach d’ ràinig iad cheana, agus nach ‘eil iad fathasf forfse.” Tha e ro chosmhuil nach robh aon neach a riabh air thalamh, do shlochd ciontach Adhamh, a fhuair tomhas a b’ àirde do sholus, do ghràs, agus do thiodhlacaibh spioradaibh eile, no ‘n t-Abstol Pòl; agus tha e cosmhuil, mar an ceudna, nach robh aon neach eile riabh a bhuilich a thàlanta ni bu treibh-dhírich, a bha ni b’ fhrinnich ann a dhleasdana a choimhlionadh a thaobh Dhé, agus dhaoibh; gidheadh bha e gach là teachd gearr air fhiachan a dhioladh, air umhlachd iomlan a thoirt do ‘n lagh. Bha ‘n lagh ag iarraidh cridhe glan, saorsa iomlan o ‘n pheacadh; ach cha robh an t-Abstol air a làn-shaoradh o ‘n ni mhallaichte so; bna ‘m peacadh fathasf a gabhail comhmuidh ann, bha ‘n t-olc so làthair maille ris. Bha chruaidh ghleachd a bh’ aige o là gu là ris na h-ana-miannaibh a bha cogadh an aghaidh anama, a dearbhadh gu robh e fathasf ann an tomhas feolmhor, agus air a reic fo ‘n pheacadh. Bha ‘n lagh ag radh ris an Abstol, “gràdhaich an Tighearna do Dhia i t-uile chridhe, le t-uile anam, le t-uile neart, agus le t-uile inntinn;” ach co:fhad ’s a bhuanach e anns an staid neo-iomlan so, cha robh a chridhe co làn do ghradh Dhé ’s a bha ’n lagh ag iarraidh. Uime sin, tha e soilleir gu robh an t-Abstol gach là teachd gearr air fhiachan féin a dhioladh, agus co feumail air maitheanas peacaidh ri daoine eile. Ach ma bha ’n duine naomha so, d’an do dheònaich Dia tomhas cho àrd do sholus, agus do ghràs, a teacnd gearr air glòir Dhé gach là, c’ àite idir am bheil aon neach r’a fhaotaoin air thalamh, a tha coimhead àitheantán Dhé gu fòirfe, na dh’ fheudas a bhi air fhireanachadh tre oibribh an lagha? C’ àite am bheil an duine dh’ fheudas a radh, ‘rinn mi mo chridhe glan, tha mi saor o pheacadh; is mise an duine air nach ’eil lagh, no ceartas, ni sam bith r’ a agair nach ’eil mi comasach a dhioladh gus a chuid as fhaide?’ Cha ’m ’eil a leithid so a dh’ ionrac-an air thalamh, cha ’n ’eil fù a h-aon.

4. Anns an àite mu dheireadh air a cheann so. Tha daoine gu nadurra neo-chomasach, cha ’n e mhain ùmhlachd iomlan a thoirt do ’n lagh, ach làn dioladh a thoirt do cheartas Dé mar an ceudna.

Cha ’n ’eil an lagh ag iarraidh ni sam bith air a chreutair neo-chiontach, ach ùmhlachd. Cha robh tuille air iarraidh air Adhamh ’na cheud staid; cha robh ni sam bith air iarraidh air, ach buanachadh anns na h-uile nithibh a tha sgriobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh. Agus nam buan-aicheadh an ceud Adhamh a toirt umhlachd iomlan do ’n lagh, fad aimsir a dhearbhaidh air thalamh, cha bhiodh tuille air iarraidh air a shlìochd gus an là ’n diugh. Ach an uair a tha ’n creutair neo-chiontach a tuiteam ann am peacadh, agus a fàs na chreutair ciontach, tha tuille as umhlachd air iarraidh uaith; tha ’n lagh ag iarraidh na h-umhlachd a bha dlìgheach dha o thùs, agus mar an ceudna, dioladh iomlan air son eas-umhlachd. Tha firinn is ceartas Dé ag iarraidh gu ’m biodh bagraidhean an lagha air an coimhliomadh, gu ’m biodh am peanas a thoill am peacadh air a chuir an gniomh, gu faigheadh an ciontach am bàs a thoill a gniomharan. Agus tha e ’na ni cinnteach, ma bheanas Dia ri daoinibh anns an t-saoghail ri teachd, a reir an toilteanais anns an t-saoghail a ta làthair, gur e so an duais a gheibh iad uile; oir ’se tuarasdal gach peacadh am bàs.

Tha e fior, co fhad ’sa tha daoine fo mheadhona nan gràs, fo sholus an t-soisgeil, gu ’m feud iad a bhi air an iompachadh, air an deanamh réidh ri Dia, agus maitheanas fhaotainn ’nan uile pheacanna;—feudaidh Dia na fiachan as mo a mhaitheadh, na peacanna as truime dath a ghlanadh as, trid feartaibh fuil a Mhic féin, a bha air a dortadh air son maitheanas peacanna mhòrain; ach as eugmhais a bhi air an ionnlaid air an doigh so, cha ‘n ‘eil dol as aig peacaich o ‘n fheirg a ta ri teachd—o cheart bhreitheanas Dé. Tha lagh, tha ceartas, tha ‘bàs, agus breitheanas an tòir orra; tha iad cheana an laimh a bhreitheamh a bheir thairis do ‘n mhaor iad, chum an tilgeadh do phriosan domhain, dorcha ifrinn, as nach ag aon neach a mach am feasd, gus am iochd e an fheòirling dheireannach. Agus do bhrigh nach ‘eil peacaich through comasach an t-iocadh so dheanamh, ‘s eigin doibh buan-achadh ‘n am priosanaich eu-dòchais, trid saoghal nan saoghal.

II. Tha mi nis gu bhi labhairt air an dara ceann teagaisg, le bhi toirt fa’neair, gu bheil Dia a maitheadh fiachan, no peacann’ a phobuill féin gu saor.

I. Anns a cheud àite, tha e soilleir gur ann o shaor ghràs a tha maitheanas peacaiddh, agus gach tiodhlac spioradaidh eile, gu h-iomlan a sruthadh.

‘S e Dia tobar a ghràis agus na tròcair, agus tha saoibhreas do rannsachaidh do bheannachdaibh spioradaidh, air a thasgaidh suas anns an tobair so. Ach ‘sann uaith féin a tha ‘n saoibhreas so uile aig Dia; ‘se chuid féin gu h-iomlan a ta ann; cha ‘n ‘eil e ‘n comain creutair sam bith air a shon; agus uime sin, feudaiddh e dheanamh r’ a chuid féin mar is toileacn leis. Feudaiddh e tròcair a dheanamh air an neach as aill leis—air a pheacach as mo, co maith ris a pheacach as lugha—ma tha so a cordadh r’ a thoil naomha féin; oir cha ‘n ‘eil e fo fhiachan do aon neach ni ‘s mo no neach eile. Cha robh comain air bith, a thaobh naduir, aig Maois air Dia, ni ‘s mo na bh’ aig Pharaoh; cha robh e fo fhiachan do Eoin Baiste, ‘bha air a naomhachadh o ‘n bhroinn, ni ‘s mo na do Phòl, a bha na dhuine ea-corach, na fhear géur-leanmhuinn, agus labhairt toibheum; cha robh comain air bith aig a bhan-fhàidh Anna air, a bha deanamh seirbhis dha a là agus a dh’ oidheche, ni ‘s mo no aig a bhana-pheacach a bha gul aig cosan Chriosd, an uair a labhair e briathra ar teagaisg. Ciod an tròcair, ciod am beannachadh a bha aig aon seach aon, do na naoimh so uile, nach d’ fhuair iad gu saor o Dhia A’ measg luchd-fiachan anns an t-saoghal so, tha cuid ni ‘s doimhne ann am fiachan no cuid eile; ach feudaiddh an neach as lugha air am bheil, a bhi co lom-falamh ris an neach as mo air am bheil;—feudaiddh a’ neach air nach ‘eil ach leth cheud peigheam, a bhi co neo-chomasach an leth cheud a phaigheadh sios, ‘sa tha ‘n neach air am bheil cuig ceud, an t-suim as mo a dhioladh. Tha peacaich is mo na cheile ‘measg luchd-aiteachaidh an t-saoghal so mar an ceudna; tha peacanna cuid do dhaoinibh ni ‘s lionmhoire, ni’s graineile, agus ni’s antruime am fianuis Dé, na peacanna cuid eile; agus air an aobhar so, tha iad fo fhiachan ni’s mo do lagh, is do cheartas am uile Chumhachdaich. Gidheadh, tha e soilleir, gu bheil na peacaich as lugha, lom-falamh a thaobh nadur, agus co neo-chomasach’ lagh is ceartas a riarachadh, ris na peacaich as mo. Uime sin, feumaidh am peacach as lugha, co mhaith ris a pheacach as mo, a bhi an comain saoir ghràis air son maitheanas peacaidh. “Do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon.”

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice