LEIS AN URRAMACH LACHLAN MACCHOINNICH.
Tha Criosd ’n a dhaonnachd naoimh coltach ris na blàthan maiseach sin, oir tha fionnarachadh ’n faileadh cùbhraidh. ’Nis tha fàile o thrusgan Chriosd do Alos, Mhìrr, ’s do Chasia. Dhòirteadh gràs ’n a bhilibh. Ni teagasg ’Fhocail agus ghràsan a Spioraid an cridhe a mhisneachadh, agus a meartachadh. ’N uair a tha an cogais ’g an diteadh, agus iad fo iomaguin troimh mhoth-achadh air am peacaidhean, bheir a gheallaidhean fois dhoibh-san a tha airsnealach. ’N uair a gheibh duine sealladh air a pheacaidhean, agus a chreideas e ’n a staid chailte, tha an t-eas creidimh ro-bhualtach air a bhàth-adh ann am cuan am eu-dòchais. Ach aig a’ cheart uair sin thig geallanna an t-Soisgeil le fuasgladh, ’s beothachadh d’a chridhe anfhann. Agus mar a thug an Soisgeul air tùs misneach dha a thighinn agus a dhòchas a shuidh-eachadh air an t-Slànughear, ’s e daonnan bunait a dhòchais agus ’earbsa. Ma gheibh duine e féin trom-inntinneach, agus mi-shunndach, ni deadh thàile nam blàthan a bheothachadh. Mar sin cuirdh am focal treòir anns a’ chridhe, agus beatha anns an anam.
’S e bh’ ann an Saron ainn àite sònraichte, na earrainn dùthecha. B’ àite e a réir nan sgiobtairean, a bha ro-bhriagh agus ro-thorach, agus a bha àinnmeil air son a chluaintean, agus a lusan. Cha ’n ann ri ròs a’ ghàraidh, ach ri ròs o Sharon a tha e ’s a shamhlaich-adh féin. Tha a ghràs saor, agus a thaigse do na h-uile; agus cha dean e maoidheadh. Cha ’n ’eil flùr a’ ghàraidh ach air son ’a bheagan, ach tha blàth na mhacharach saor do na h-uile, agus mar na blàthan maiseach sin, anns an achadh, tha Criosd, ann an raon farsuinn an t-Soisgeil, saor do na h-uile, ach gu h-áraidh do na peacaich sin uile, aig am bheil an cridhe leonta leis a’ pheacadh. Co am fear a’ siubhal troimh Sharon ag amharc air a leithid so de mhaise, nach bitheadh air a thogail ‘na inntinn le aoibhneas. Ach na ‘m bitheadh lan-ghealltanas aige, gu ‘m b’ ann leis féin a bha na bha ‘na shealladh, cia mo gu mór a bhitheadh ‘aoibhneas. Is amhuil a bhiteas esain, a gheibh sealladh spioradail air raointean farsuinn an t-soisgeil. ” Bheirear gloir Lebanon dha, maise Charmeil agus Sharoir.” Mar sin, tha Criosd mar an ròs, agus an lili ‘na fhàile cùbhraidh, agus ‘na mhaise; agus ‘nuair a chi sinn a ghloir, agus a bhlaiseas sinn a mhiseachd, nach priseil a’ naigheachd do pheacaich air an gairm, agus gur e ‘m beatha tighinn thughe.