Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » September 1924 » Searmoinean leis an Urramach Aonghas MacMhaolain

Searmoinean leis an Urramach Aonghas MacMhaolain

Searmoin VII. Lucas, vii. Caib., 42 Rann. “Agus do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araoi. Innis dhomhsa, uime sin, co dhiubh is mo a ghràdhaicheas e?”

(Air a leantuin o t.-d. 150.)

3. Tha ‘n dream a fhuair aithreachas agus maitheanas peacaidh, air an deanamh deonach, toileach, a bhi cuir onoir air an Tighearn Iosa Criosd.

Thaisbean a bhana-pheacach so, a fhuair le trócair folach air a cionta ‘s easaontas, gu robh i ro-thoileach onoir a chuir air a Fear-saoraidh;—thaisbean i so ‘n uair a dh’ ionnlaid i a chosan le a déuraibh, a dh’ ung i iad le oladh chúbhraidh, agus a thiormaich i iad le folt a cinn. Dh’ fhuiling Criosd mòran do mhasladh, agus do eas-onoir air son a phobuill,—bha e fo dhimeas agus tharcuis dhaoine fad aimsir a chuairt air an talamh. Anns a cheart àm an robh e dol mu ‘n cuairt a deanamh maith, a leigheas gach eucail, agus a dearbhadh gu robh e airidh air cliù, urram, agus onoir o a luchd-dutcha féin gu h-iomlan, ‘s ann a bha e ‘na aobhar fuath agus fanoid aca. Co is comasach a chuir an ceill, ciod e ‘n tomhas do dhimeas, agus do mhasladh a dh’ fhuiling Criosd, o ‘n àm san do thuit e ‘n lamhan ain-gidh dhaoine, gus an d’ thug e suas an deò air a chrann-chéusaidh! Nach robh Sgriobhaichean is Phairisich, nach robh seirbhisich is sagartan, nach robh maoir is saighdearan, nach robh Pilat agus Herod, agus an Diabhul air an ceann uile,—’carnadh suas masladh agus eas-onoir air an Uan so. Gidheadh, air son an aoibhneis a chuireadh roimhe, dh’ fhuiling e na nithe so uile, a cuir na nàire ann an neo-shuim. Ach an uair a bha na h-Iudhaich anns a choitchionn a deanamh di-meas air, agus a toir eas-onoir dha, bha ‘threud bheag féin,—bha fhiar dheisciobuil féin,—ro mheasail air, agus deonach, toileach, a bhi toirt urram dha. Thug iad so an cridheachan dha, thréig iad na h-uile nithe air a shon, agus bha iad toileach a leantunn tre mhi-chliù, agus tre dheadh-chliù, gu h-uair am bàis Mheas iad gu’m bu mho an saoibhreas masladh Chriosd, na uil’ ionnhas an t-saoghail a ta láthair. Ach tha fior iompachain anns gach linn ‘nan luchd leanmhuinn air an tréud bheag so,—seadh, tha iad a leantuin Buachaille na tréud, toileach an t-Uan so leantuinn, ge b’e áite an d’theid e, a bhi cuir onoir air, a bhi ga ghlorachadh o là gu là, le ‘n cuirp, agus le ‘n spioradaibh as leis féin. Cha ‘n ‘eil aobhar, na onoir sam bith air thalamh, co luachmhor ‘nan sealladh ri aobhar agus onoir Chriosd: b’fhearr leo a bhi faicinn a chumbachd, agus a ghloir, air am foills-eachadh anns an eaglais, agus a rioghachd a soirbheachadh air thalamh, na bhi faicinn an soirbheachadh is mo do madur aimsireil, a dh’fheudas a bhi a’ measg rioghachdan an t-saoghail so. Tha ‘n spiorad ceudna aca a bh’ aig an t-Salmadair, an uair a thubhairt e—”Leanadh mo theangadh ri m’ ghial mur cuimhnich mi ort,—mur fearr leam Jerusalem na m’ aoibhneas as àirde.

4. Anns an àite mu dheireadh air a cheann so, tha gràdh do ‘n Tighearn Iosa Criosd, ‘na thoradh a tha lean-tuinn aithreachas agus maitheanas peacaidh.

Tha so soilleir o eisimpleir an iompachain mu ‘n do labhair mi cheana gu tric anns an t-searmoin so. Bha miann d’ur-achdach a cridhe ‘n geall air a bhi dlùth do Chriosd, agus a cuir onoir air; a dearbhadh gu ‘n do ghràdhaich i gu mòr, gu robh i tinn le gràdh. Anns a cheart àm an robh a ceann mar uisge, agus a sùilean mar thobar dhéur, bha cridhe lasadh le gràdh do ‘n Fhear-shaoraidh, a rinn tròcair oirre, a dh’ fhosgail a sùilean, a mhaith a peacanna, agus a spion i mar àithne as an teine mu ‘n robh i air a caitheadh. Bha ‘m mothachadh a bh’ aice air a cionta féin, agus air meud na tròcair a fhuair i, a leaghdha a cridhe le taingealachd do Chriosd, nach do bhuiu rithe a reir a peacanna, ach ann am meadhon m’ feig’ a thoill i, a chuimhnich oirre ann an tròcair. Co fhad ‘s a tha dàoinn buanachadh ‘nan staid neo-iompaichte, tha ‘n cridheachan cruaidh agus fuair mar chloich, gun aon sràd do ghràdh Dhe a gabhail comhnuidh annta: tha iad marbh ann an eu-ceartaibh, agus ann am peacaibh, agus co fal-amh do ghràdh ris a mharbh a th’ anns an uagh. Acù anns an ath-ghineamhuinn, tha anail na beatha air a séideadh anns an anam mharbh, tha ‘m marbh air a bheothachadh, tha chridhe gabhail teas, agus a tòiseachadh air lasadh le gràdh dha-san a ghràdhaich an eaglais, agus a thug e féin air a som. Agus tha e gu tric a tachairt, gu bheil an dream a tha ‘nan cinn-fheadhna anns a pheacadh ‘nan staid neo-iompaichte, an deigh dhoibh a bhi air an iompachadh, ni ‘s teotha ann an gràdh, ni ‘s d’urachd-aich ann an seirbhís Chriosd, agus ni ‘s eudmhoire air son soirbheachadh a ricghachd, na muinntir eile, nach robh fo fhiachan co mòr. “Far an do mheudaich am peacadh, bu ro mho mheudaicheadh gràs,” agus far an do mhaith-eadh mòran, tha ‘n gràdh agus an taingealachd mòr d’a reir. Bha ‘n t-Abstol Pòl ‘na pheacach ni bu mho na na h-Abstoil eile ‘na staid neo-iompaichte; agus air an aobhar so, bha e féin a meas nach b’ fhiù e Abstol a ghairm dheth; ach an deigh dha bhi air a ghairm o dhorchadas gu solus, shaothraich e ni bu mho na iad uile. Bha gradh Chriosd ga cho-éigneachadh, ‘s ga dheanamh toileach caitheamh, ‘s a bhi air a chaitheamh, gu uair a bhàis ann an seirbhis an t-soisgeil.

1. Anns a cheud àite, tha aobhar mòr irioslachadh againn ann am truaillidheachd ar nadur féin.

Tha ‘n nadur a thug Dia dhùinn an toiseach naomha, neo-lochdach, agus dealaichte o pheacadh, a nis air a thruailleadh gu h-iomlan. Cha ‘n ‘eil buaidh do ‘n anam, na ball do ‘n chorp, nach ‘eil air an truaillleadh leis a pheacadh: “tha ‘n ceann uile tìon, agus an eridhe uile fann; o mhullach ar cinn gu bonn ar coise, cha ‘n ‘eil fallaineachd spioradail idir annainn.” Rinn am peacadh, cha ‘n e mhain ar nadur a thruailleadh, ach dh’ fhàg e sinn mar an ceudna fo chorroich an Uile-chumhachdaich, agus buailteach do thruaighe shiorruidh anns an t-saoghail ri teachd. A nis, nam biodh mothachadh ceart againn air truaillidheachd ar naduir, agus air cunnart ar staid mar pheacach, bhith-eamaid ullamh, leis a chis-mhaor, gu bhi bualadh air ar n-uchd, agus ag éigheach. “A Dhia, dean tròcair oirne peacach.”

2. Tha e soilleir o ‘n teagasg so, gu bheil na h-uile dhaoine fo fhiachan do lagh, agus do cheartas Dé, nach comasach iad féin, air chor sam bith an dioladh.

Bha Adhamh ‘na cheud staid, comasach fhiachan féin a phaigh-eadh. Cha robh an lagh ag iarraidh ni sam bith uaith ach nadur naomha, agus umhlachd iomlan; ach bha nadur Adhamh ‘na cheud staid, foirfe ann an naomhachd, cha robh easaonachd air bith eadar a nadur féin agus nadur an lagha, agus ni mo bha amhuiinneachd air bith mu thimchioll a bha ga dheanamh neo-chomasach an lagh a choimhlionadh. Ach an uair a thuit e gu staid peacaidh agus truaighe, dh’ fhàs e na chreutair amhunn agus truaillidh, neo-chomasach an lagh a choimhlionadh, na ni maith sam bith a dheanamh. Ged bhiodh beatha mhair-eannach air a tairgse do ‘n duine a’s subhaileich air thalamh, air chumha umhlachd iomlan a thòirt do ‘n lagh,fad ceithir uaire ficheud, cha rachadh e ‘m feasd a steach do riogh-achd néimh air a chumhnaist so. Cha ‘n fheud feòil sam bith a bhi air a fireanachadh tre oibrbh an lagh am fian-tuis Dé.

3. Tha aobhar taingealachd ro mhòr aig a mhuinntir a fhuair maitheanas ‘nan uile pheacann’, a fhuair le tròcair folach air an cionta ‘s easaontas.

Tha fior chreidmhich an comain Chriosd air son na tròcair so. ‘S ann le fuil Chriosd a bha maitheanas peacaidh, agus gach beannachadh spioradail eile air an ceannach dhoibh. Agus an uair a bheir sinn fa ‘near, gu bheil na beannachdan a chosd co daor do Chriosd, a bha air an ceannach le luach comór, air an taigse, agus air an compairteachdach ri creutairbh ciontach mar a ta sinne, gun airdiod agus gun luach, O cia mór aobhar ar taingealachd! Tha aobhar aig an dream a rinneadh ‘nain luchd compairt do ‘n tròcair so, a bhi ‘g àrd mholadh an Ti a ghràdhaich iad, agus a dh’ionnlaid iad o ‘m peacaibh ‘na fhuil féin, an uair a bha iad mi-dhiadhaidh, agus gun neart. Gidheadh tha e soilleir nach bi e ‘nan comas tre blith-bhuantachd, iocadh do ‘n Tighearna, a reir na rinn e dhoibh do mhaith, ann ann sacradh o chionta, agus o thruaighe.

4. Tha e iomchuidh gu ‘m bitheamaid gar ceasnachadh féin leis na nithibh a bha air an ainmeachadh, air an treas ceann teagaig, mar thoradh fior aithreachais.

1. Anns a cheud àite, Ceasnaich, a leughadair, an d’fhuair thu riamh dearbhadh spioradail air ole a pheacaidh?

An robh am peacadh air a dheanamh searbh dhuit—na-eire thrium—na thineas eridhe? An robh thu ga aideachadh le thurse—ga chaoidh le déuraibh aig cosan Chriosd—agus air t-rioslachadh anns an dùslach air a shon? An d’fhuair thu ‘n eridhe briste, agus brùite, tha ‘na iobairt thaitneach do n’ Tighearna?

2. Ceasnaich le mór chùram, am bheil beò-mhiannan spioradail an geall air Chriosd, ag oibreachadh ann a t-anam?

Tha thu ‘g eisdeachd an t-soisgeil, a feitheamh air meadhona’ nan gràs, a coimhlionadh dleasdanasan spioradail; ach am bheil thu ‘n geall air Chriosd—air a lathair-eachd, agus air a bheannachadh anns gach dleasdanas? Am bheil meas àrd agad air Chriosd—am bheil e ‘na neamhnuid ro luachmhor ann ad shealladh?—agus am bheil thu toileach na h-uile nithe a reic air son còir shlàinteil fhaotainn ann?

3. Ceasnaich, an e miann dûrachdadh do eridhe bhi cuir onoir air Chriosd?

An d’fhosgail thu riamh do eridhe dha? Am do shuidhich thu t-aignidhean air? An e t-iarrtas a bhi ga ghlorachadh le d’chorp, agus le d’spiorad a ‘s leis féin. An e miann dûrachdadh do eridhe bhi faicinn rioghachd, agus aobhar Chriosd a soirbheachadh air thalamh?—a chumhachd, agus a ghloir air am foills-eachdadh?—gach iomal th’ a pilleadh d’ a ionnsuidh, a stroichdadh dha, agus a cuir onoir air? Am bheil thu ‘g iarraidh rioghachd Dhé an toiseach air do bhuanachd thalmhaidh féin?—agus a meas Ierusalem thar t-aobhneas a ‘s àirde?

4. Ceasnaich le mòr chùram, am bheil gràdh agad do Chriosd?

Chuir Criosd aon uair a cheisd so air Simon Peadar,—“A Shimoin, a mhic Ionais, an toigh leat mise?” A nis, ged bha Peadar ’na pheacach, agus air a chuart-achadh le iomad anmhuinneachd, gidheadh bha e comas-ach a ràdh le firinn, gu ’m bu toigh leis Criosd, gu ’n robh gràdh aige dha. Am bheil thusa, ’leugadair, comasach an ni ceudna ràdh? Am bheil thu comasach a ràdh le firinn, gur toigh leat Criosd?—gu bheil gràdh agad dha? Ceasnaicheadh gach neach againn, am bheil gràdh aige do Chriosd, agus thugadh gach neach a tha ’g aideachadh a ghràidh so, oidheirp air a ghràdh a dhearbhadh, le bhi coimhead àitheantan.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice