Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » November 1924 » Searmoinean leis an Arramach Flonghas MacMhaolain. Corintianach, viii. Caib., 9 Rann

Searmoinean leis an Arramach Flonghas MacMhaolain. Corintianach, viii. Caib., 9 Rann

Searmoiu VII. (Air a leantuinn o t.-d. 232.)

Cha robh Criosd cosmhuil ri mòran do dhaoine beart-ach an t-saoghail so, a tha cumhann, cruaidh, doighiolach ann am meadhon am pailteas; oir bha esan fial a reir meud a shaoibhreas, bha e tròcaireach agus maithneasach, ealamh gu roinn agus compàirteachadh. ‘S e meud a shaoibhreas a rinn bochd e, ‘s e saoibhreas a ghràis agus a thròcair a bhrosnaich e gu teachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so, agus e féin a dheanamh bochd chum a phobull a dheanamh saoibhir. Tha cuid do dhaoine saoibhir an t-saoghail, a tha saoibhir ann an deadh oibríbh, a tha toileach a bhi compartachadh d’ ann storas talmhaidh, a leasachadh uireasbhuidh nam bochd. Bha Sacheus air a dheanamh toileach leth a mhaoin a thoirt do na bochdaibh, agus bha cuid do dheiscioibluibh Criosd, ann an laithibh nam Abstoil, a reic tighean agus fearann chum an luach a roinn air a mhuinntir a bha ann an uireasbhuidh. Ach gu cinnteach, cha ‘n ‘eil iad lionmhor anns an t-saoghail chruaidh, pheacach so, a tha toileach iad féin a dheanamh bochd, chum muinntir eile a dheanamh saoibhir; gidheadh, ‘s e so a cheart ni a rinn an Tighearn Iosa Criosd. Bha ‘chridhe-san’ co fial, iochd-mhor, tròcaireach, agus ghràdhaich e a phobull bochd co mòr, as gu robh e toileach a shaoibhreas a roinn orra gus an fheòirling dheireannach; seadh, bha e toileach e féin fhalmhachadh, e féin a dheanamh bochd, chum iadsan a dheanamh saoibhir.

II. Ach tha na nithibh so g’ ar treòrachadh a dh’ ionnsuidh an dara ceann teagaig, gu bhi toirt fa ‘near an doigh anns an robh an Tighearn Iosa Criosd air a dheanamh bochd.

I. Anns a cheud àite, bha e air a dheanamh bochd le nadur na daonnachd a ghabhail air féin, le bhi air fhoill-seachadh air thalamh ann an coslas feòil pheacach.

Cho fhad ‘s a bhuanach e ‘na cheud staid, bha e ann an seilbh air saoibhreas neo-chriochmach; cha ‘n fhac e bochdainn, agus cha do mhothaich e uireasbhuidh a riabh, gus an robh e air fhoillseachadh anns an fheoil; ach an uair a thainig coimhliionadh na h-aimsir, dh’ fhàg e uchd an t-saoibhreas agus an t-sonais, agus thainig e nuas chum comhnuidh a ghabhail, car tamull, ann an saoghal na bochd-ainn agus na trioblaid. Ach ged tha tomhas mòr do bhochdaimn agus do thraighe anns an t-saoghail pheacach so, cha ‘n ‘eil luchd-aiteachaidh na talmhainn uile bochd; oir tha lionmhoireachd do dhaoinibh saoibhir agus inbh-each a gabbail comhnuidh air thalamh, gidheadh, cha b’ e crannchur na roghainn Chriosd, a bhi ‘na dhuine saoibhir, ach ‘na dhuine aimbheartach is bochd, co fhad ‘sa bhuan-aich e anns an fhàsach so. Cha b’ ann le bana-Phrionnsa, no ann an lùchairt roghail, no ann meadhon stòrais an t-saoghail, a bha Criosd air a bhreith, ach le òigh air bheag inbhe, ann an staid ialsal, agus uireasbhuidheach. Amhairceamaid gu Betlehem, gus an ionad anns an robh an leanamh so air a bhreith, am Mac so air a thabhairt! Faicemaid an staid ialsal anns an d’ fhosgail e a shùilean an toiseach air thalamh! Faicemaid e air a bhreith ann an stabull, paisgte le brat spéilidh, agus ‘na luidhe am prasaich! O cia bochd, cia uireasbhuidheach, a reir eos-lais, a tha ‘n Ti a bha saoibhir o bhith-bhuantachd! C’ àite a nis am bheil a shaoibhreas? C’ àite am bheil a ghloir, a ghloir a bha aige mun robh an saoghal ann? Bha ghloir so nis gu h-iomlan air a folach o rosgaibh dhaoine! An uair a bha Mac Dhé air fhoillseachadh anns an fheòil, bha nì nuadh air a dheanamh air thalamh, nì mach robh a leithid eil’ ann o thoiseach an t-saoghail! Bha ‘n Ti a bha gun t’us laithean air a bhreith le mnaoi, bha ‘n Ti a bha saoibhir o bhith-bhuantachd air a dheanamh bochd, bha oighre nan uile nithe air a chuartheachadh le uireas-bhuidh! Bha ‘n Ti is “maisich na clann nan daoinne, ‘mar fhreumh a talamh tioram, gun sgèimh na grinneas” aige gu ‘n amhairceamaid air, na gu ‘n iarramaid e.

2. Rinn am Tighearn Iosa Criosd e féin bochd, le a bheatha chaitheadh air thalamh ann an staid ialsal agus uireasbhuidheach.

Tha e ‘na ni gle chinnteach agus roshoilleir, nach robh mòr mheas aig Criosd air saoibhreas an t-saoghail so; cha d’ rinn gaol an airgid, an ni is e freumh gach uile, a riabh a chridhe neo-thruailidh-san a ribeadh. Nam biodh mòr mheas aig air ionnhas talmhaidh, dh’ fheudadh e gu cinnteach, ionnhas a bhi aige ann am mòr phaitheas, dh’ fheudadh an neach a thionndaidh uisge gu fion, agus a bheathaich milte do shluagh le àireamh bheag do bhuiionnaibh, dh’ fheudadh an neach aig an robh dùilean na cruitheachd gu h-iomlan fo a uachdaranachd, òr agus airgiod a chruinneachadh mu thiomchòil, ni bu phailte na bha iad ann an Ierusalem ann an laithibh Sholam: dh’ fheudadh e so a dheanamh gun spàirn air bith, nam biodh a chion air storas an t-saoghail a ta làthair. Ach chuir Criosd ionnhas agus onoir an t-saoghail so gu h-iomlan ann an neo-shuim; cha b’ e “ciod a dh’ itheadh, na dh’ òladh e, na chuireadh e uime,” a bha idir air a chùram, ach toil an Ti a chuir uaith e a dheanamh, agus obair a choimhlionadh. B’ e so a bhiadh ‘s a dheoch, a chùram ‘s a thoilinninn, o là gu là.

An uair a tha daoine dol air imrich o ‘n dùthaich féin gu dùthaich eile,—gu dùthaich chéin, ‘s ann anns a choit-chionn le dùil ri buannachd fhaotainn, ri stòras a chruinneachadh, no air a chuid is lugha, ann an dòchas an cor a dheanamh ni ‘s fearr a thaobh nithibh aimsireil. Ach cha robh uireasbhuidh sam bith air Crìosd ‘na cheud staid, a dh’ fheudadh an saoghal so leasachadh; cha ‘n ann an dùil sam bith ri stòras talmhaidh a thainig e idir a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, ach a chum a shaoibhreas do rannsachaidh féin a roinn air a bhochd, ‘s air an fheumach; agus chum ‘s gu ‘m biodh comh-fhulangas aige r’ a phobull bochd féin ‘nan uile thrioblaidibh. Bha Crìosd air a bhreith ann an staid ialsal chuirre e féin ann an co-inbhe riuth-san a bha ialsal, roghnaich e mar chompanaich, mar dheiscioibul, iadsan a bha ialsal, agus cbaith e laithean féin air thalamh ann an staid ialsal agus ur-easbhuidheach. Ged bu leis an talamh agus a làn, gidheadh, bha e ann an comain a luchd-leanmhinnn féin air son a theachd an tir, air son aran lathail. Bha e tur fhalamh do storas an t-saoghail so, gun òr, gun airdiod, gun mhaoinn, gun fhearann, gun ionad fein comhnuidh air bith a dh’ fheudadh e ràdh a bu leis féin. An uair a bha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eunlait an adhair, cha robh aig Mac an duine, aig oighre nan uile nithe, ionad anns an cuireadh e cheann fuidh.

3. An uair a bha ‘n Tighearn Iosa Crìosd air fhoirseachadh anns an fheòil, bha e, cha ‘n e mhain bochd, ach mar an ceudna, fo dhi-meas aig daoine.

An Ti a bha ann an cruth Dhé o shiorruidheachd, agus nach do mheas na reubainn, e féin a bhi comh-ionann ri Dia, chuir se e féin ann an di-meas, an uair a ghabh e cruth seirbhisich air féin, agus a bha e air a dheanamh ann an coslas dhaoine. Tha di-meas gu tric a leantuininn na bochdann anns an t-saoghail pheacach so. Ma tha neach air a bhreith ann an staid ialsal, agus air àrach ann an teaghlach bochd, agus neo-inbheach, is leòir so a tharruing di-meas air a’ measg dhaoine uaibhreach, àilghiosach an t-saoghail so. Bha ‘n Tighearn Iosa Crìosd, ann an staid irioslachaidh, air a chuaiteachadh le peacaich uaibhreach, fhéin-spèisail, a bha deanamh tàir air, air sgàth bochdann an teaghlach o ‘n d’ thainig e. “Nach e so mac an t-saoir?” a dubhairt na h-Iudhaich, “nach e ainn a mìathar Muire? nach iad a bhràithre Seumas agus Ioses, agus Iudas, agus a pheathraiche, nach ‘eil iad uile maillle ruinn? agus fhuair iad oilbheum ann.”

Bha ‘n Tighearn Iosa Criosd, mar dhuine, làn do shubh-aileibh spioradail, bha e naomha, neo-lochdach agus deal-aichte o pheacadh; bha e macanta, agus iriosal ann an cridhe; bha e làn dò thròcair, agus a ghnath a dòl mu ‘n cuairt a deanamh maith; gidheadh cha bu leòir a shubh-aileean, agus a dheadh oibre uile, chum a dhion o tharcuis nan uaibhreach, do bhrigh gu ‘m b’ e mac an t-saor. Ach nam biodh an Tighearn Iosa Criosd ‘na dhroch dhuine, nam biodh e ‘na dhuine co ole ri Iudas am brathadair, na ri Barabas a’ mortair, na ris na gaduichean a cheusadh maille ris air Calbhari, bochd ‘s mar bha e, cha bhiodh e ‘na chuspair fuath agus fancid co mòr aig na h-Iudhaich; ach do bhrigh gu ‘m b’ e ” an t-Aon naomh agus am Fìr-ean,” agus do bhrigh gu robh naomhachd a theagaig agus a chaithe-beatha, a toirt fianuis an aghaidh ‘nan Iudhaich, agus a dearbhadh gu robh an cridhe agus an gniomharran ole, bha fuath aca dha, bha iad air ghoil le naimhdeas ‘na aghaidh. Bha Criosd co tàireil ann an sealladh nan Iudhaich anns a choitchionn, as nach b’ àill leo gu ‘m faigheadh e cead a bhi beò, na ‘n talamh imeachd na’ measg; agus ni mo a b’ àill leo gu ‘m faigheadh e cead a an saoghal fhàgail ach le bàs maslach a chroinn-chéusaidh. ‘S ann a thaibseanadh an di-meas air gus a chuid a b’ fhaide, chuir iad gu bàs e eadar dà ghaduich air a chrann; ach ” air-soin an aoibhneas a chuineadh roimhe, dh’ fhuiling e ‘n crann-ceusaidh, a cuir na nàir ann an neo-shuim.”

4. An uair a bha ‘n Tighearn Iosa Criosd air fhoill-seachadh anns an fheòil, bha e bochd ann an spiorad, co maith agus a tìaoibh a staid o ‘n leth a mach.

Cha robh e cosmhui ri dàoine saoibhir an t-saoghail so, a tha anns a choitchionn mòr ‘nan sùilean féin, a tha àrd-inntinneach, uaibhreach, agus ullamh gu deanamh tàir air a bhochd, ‘s air an uireasbhuidheach. Cha ‘n e so an intinn a bha ann an Iosa Criosd idir; oir ged bha shaobhreas mar Dhia neo-chriochnach, gidheadh mar dhuine bha e air a sgeadachadh le h-irioslachd, o mhullach a chinn gu bonn a choise. Tha spiorad an uaibhir nadurra do dhaoine mar pheacaich, agus gu tric ag oibreachadh anns an dùine bhochd co maith as anns a bheartach; feudaidh an neach a tha icsal agus uireasbhuidheach o ‘n leth a mach, a bhi làn do n àrdan mhòr san leth a steach, agus a bhi taisbeanadh gu tric ‘na ghuth, ‘s na ghnìomh, gu ‘m bheil e ‘na choigreach do bhochdainn spioraid. Ach bha ‘n Tighearn Iosa Criosd cha ‘n e mhain ann an staid icsal o ‘n leth a mach, ach làn do spiorad na h-irioslachd san leth a steach; cha robh aon neach a riamh air thalamh co iriosal agus féin àicheil ri Criosd. Ciod air bith co bochd ‘sa bha e, cha d’ rinn e riamh monnthur an aghaidh a chrannchuir, cha robh e riamh neo-thoilichte le a staid.

Ma bha e aimbheartach ‘na chor, bha e bochd ‘na spiorad, ma bha e ional a thaobh staid, bha e do chridhe iriosal mar an ceudna; bha cordadh iomlan eadar a chor o ‘n leth a mach, agus fonn diomhair a chridhe. Fo gach deuchainn agus trioblaid troimh an deachaidh e anns an t-saoghail pheacach so, bhuanach e cillín, macanta, agus iriosal ann an cridhe.

5. Bha ‘n Tighearn Iosa Críosd air a dheanamh bochd air doigh àraidh, an uair a striochd e do ‘n bhàs, do bhàs maslach a chroinn-cheusaidh.

Bha e air a bhreith ann an staid ional, air a dheanamh fo ‘n lagh, buailteach do thruaighibh na beatha so, agus air a chuartachadh le an-mhuinneachdaibh neo-chiontach naduir na daonnachd. Anns na nithibh so uile, rinneadh e ré ùine bhig, ni b’isie no na h-ainglibh, ach bha e ‘na chéum irioslachaidh a bu mho fathasd, striochdadh do namhaid deireanach, am bàs. Feudaidh duine th’ ann an àrd-inbhe agus urram anns an t-saoghail so, a bhí gu mór air ioslachadh, mu ‘m bheil e co ional ris a bhàs; feudaidh a thiodalan dealachadh ris, feudaidh e bhi air a lomadh d’ a stóras talmhaidh, feudaidh e slàinte cuirp a chall, agus fo chumbachd euslainte agus uireasbhuidh a bhi dluthachadh gach là ris an duslach, ach an uair a tha e air a chur fo chosaibh a bhàis, air a chàradh fo ‘n fhòd, agus air a thasgaidh anns an uaigh thosdach tha e co ional ‘s is eomasach e bhi anns an t-saoghail so. A nis, chroim Críosd gus an staid ional so. Dh’ irioslaich se e féin gu duslach a bhàis, chum saorsa agus saoibreas siorruidh a cheannach d’ a phobull.

‘S ann lomnochd a tha na h-uile dhaoine teachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, agus ‘s ann lomnochd a tha iad a fàgail an t-saoghail. Ciod air bith saoibhreas a dh’ fheudas a bhí aig duine ‘s an t-saoghail a ta làthair, cha lean e ris a dh’ ionnsuidh saoghail nan spiorad; aig doruis bàis ‘s éigin da dealachadh ris an iomlan d’ a mhaoín, agus d’ a stóras talmhaidh. “An uair a theid e sios do ‘n éug, aon seud cha toir e leis.” Bha ‘n Tighearn Iosa Críosd falamh do stóras an t-saoghail so, mar thug mi cheana fa’ near; bha e gun òr, gun airgid, gun mhaoín, gun fhearann, gun ionad anns am cuireadh e cheann fuaidh, agus uime sin, cha ‘n fheudadh am bàs féin a dheanamh mòran ni bu luime na bha e rè laitheam a bheatha; cha robh ni sam bith ‘na sheillbh a bhuiheadh do ‘n t-saoghail pheacach so ach a thrusgan amhain, agus bhui a naimhdean so féin uait. “Roinn iad a thrusgan eatorra, agus thig iad croinn air a bhrat;” agus mar so bha e air fhàgail bochd, agus lomnochd gus a chuid a b’ fhaide, chum ‘s gu’m biodh a phobull air an deanamh saoibhir tre bhochd-ainn-san.

III. Ach tha na nithe so g’ ar treòrachadh chum an treas ceann teagaig, gu bhi toirt fa’near na crich air son an d’ rinn a’ Tighearn Iosa Criosd e féin bochd.

Tha briathra ar teagaig ag innseadh dhuiinn, gu ‘n d’ rinn se e féin bochd, chum a phobull a dheanamh saoibhir.

I. Anns a cheud àite, rinn Criosd e féin bochd le fiach-aibh a phobuill uile phaigheadh.

Bha pobull taghta Dhé air a’ toirt do n’ Tighearn Iosa Criosd, air an cuir air a chùram le Dia an t-Athair o bhith-bhuantachd; ach bha iad ‘nam pobull ro bhochd, dh’ fhàg am peacadh iad dall, agus bochd, agus lomnochd, dh’ fhàg e iad cha ‘n e mhain bochd agus lomnochd, ach mar an ceudna fo fhiachaib trom do lagh ‘s do cheartas Dé, nach bu chomasach iad féin air chor sam bith an dioladh. Bha ‘n lagh ag iar-raidh umhlachd iomlan uatha, agus bha ceartas ag iar-raidh lan dioladh air son eas-umhlachd, ach cha robh iad sam comasach lagh na ceartas a riarachadh; uime sin bha iad ann an cunnart a bhi air an toirt thairis leis a Bhreith-eamh do ‘n mhaor, agus air an tilgeadh do phriosan domhain, dorch ifrinn, as nach tig neach air bith a mach gus an ioc e ‘n fheòirling dheireannach. An uair a ghabh Criosd air a chùram iad, ghabh e os laimh am fiachan uile phaigheadh; thubhairt e mar gu ‘m b’ ann r’ a Athair,— “O Athair, tha ‘m pobull so a thug thu dhomhsa ‘n am pobull ciontach, agus uireasbhuidheach, ach tha mise ri freagair mar urras air an son:” “Ma dhligheas iad ni sam bith’ dhuit-sa, cuir sin as mo leth-sa;” iarr orm-sa gach ni a tha lagh is ceartas ag again ‘nan aghaidh, agus diolaidh mi e gus a chuid as fhaide.”

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice