Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1924 » December 1924 » Creideamh Mar Mheadhon Aonaidh Ri Criosd

Creideamh Mar Mheadhon Aonaidh Ri Criosd

LEIS AN URRAMACH BHALTAIR MARSHALL.

Dh’ fhoillsich Dia dà mheadhon tre bheil an Spiorad a’ coimhlonadh aonadh diamhair agus co-chomunn eadar sinn agus Criosd.

Is e aon diubh soisgeul gràs Dhé anns a bheil Dia a’ foillseachadh saoibhreas do-rannsachaidh Chriosd, agus Criosd annainn, dòchas na glòire (Eph. iii. 8; Col. i. 27), agus anns a bheil e ‘g ar cuireadh agus ag àithne dhuinn creidsinn ann an Criosd a chum slàinte. Tha e ‘g ar misneachadh le gealladh saor na slàinte sin dhaibh-san a chreideas air (Gniomh. xiii. 38, 39; Rom. x. 9, 11.) Is e so meadhon Dhé fhèin leis a bheil e tairgse-leis a bheil e cur Chriosd d’ar n-ionnsuidh a chum ar beannachadh le slàinte (Gniomh. iii. 26). Is e so ministrealachd an Spioraid agus na fireantachd. Tha creideamh a’ tighinn tre a bhi ag éisdeachd so, agus air an aobhar sinn is e am meadhon mòr tre bheil sinn air ar gneamhuinn ann an Criosd agus Criosd air a dheilbh annainn. Tha am facal am fagus duit, facal a’ chreidimh, anns a bheil Criosd e fhèin gu gràsmhor ‘g a irioslachadh fhèin gu thighinn faisg oirnn, air chor ‘s gu faod sinn a thighinn thige ann an sin, gun a dhòl na ‘s fhaide, ma ‘s miann leinn a bhi air an n-achadh ris (Rom. x. 6-8).

Is e am meadhon eile creideamh a tha air oibreachadh annainn leis an t-soisgeul. Is e so am meadhon leis a bheil sinn a’ gabhail—am meadhon a tha sinne a’ cleachdadh tre bheil aonadh air a choimhlonadh eadar sinn agus Criosd—le bhi gabhail Chriosd d’ar n-ionnsuidh le uile lànachd.

Tha dà ghniomh ams a’ chreidimh theàrnaidh: a bhi creidsinn firinn an t-soisgeil; agus a bhi creidsinn ann an Criosd, mar a tha e air ghealltuinn dhuinn gu saor ams an t-soisgeul air son slàinte iomlan. Leis an darna gniomh tha e a’ gabhail ris a’ mheadhon tre bheil Criosd air a thoirt do ar n-ionnsuidh, agus leis an fhear eile tha e gabhail ri Criosd e fhéin agus a shlàinte ams na meadhonan. Tha an darna fear coltach ris a’ chich no ris a’ chopan ams a bheil am bainne no am fion, agus am fear eile coltach ri deoghail a’ bhainne as a’ chich, no ri òl an fhiona as a’ chopan. Agus feumaidh an dà ghniomh so a bhi air an deanamh gu cridheil, le gràdh gun cheilg do ‘n fhirinn, agus mìomh air Criosd agus air a shlàinte os cionn nan uile nithean. Is e so ar càil spioradaidh gu bhi ag ithe agus ag òl Chriosd, biadh na beatha. Cha ‘n ‘eil a’ cheud ghniomh ‘g ar n-aonadh ri Criosd air ball, a chionn gu bheil e croichmachadh air a’ mheadhon-giùlan—an soisgeul. Gidheadh, is e gniamh teàrnaidh a tha ann, is e air a dheanamh gu ceart, a chionn gu bheil e a’ cur an anam ann am fonn gu bhi a’ deanamh an ath ghniomh, tre bheil Criosd e fhéin air a gabhail a steach ams a’ chridhe. Cho cinn teach ‘s a tha neach a’ creidsinn an t-soisgeil le gràdh agus le tlachd cridhe, mar an fhirinn as ro-òirdhearc, tha e mar an ceudna a’ creidsamh gu cridheil ann an Criosd a chum slàinte. Cuiridh iadsan d’an aithne ainn an dòchas ann (Salm. ix. 10). Uime sin tha an Sgriobtur a’ labhart mu chreidimh teàrnaidh, an darna h-uair mar nach biodh ainn ach a bhi creidsinn an t-soisgeil (Rom. x. 9), agus an uair eile mar a mhàin a bhi creidsinn ann an Criosd (Rom. x. 11).

Tha cuid a’ dol am mearachd a thaobh flor àite a’ chreidimh ann am beatha nan gràs. Cha téid sinn air seachran dh’a thaobh ma chumas sinn air chumhne gur e am meadhon tre bheil sinn a’ gabhail Chriosd ‘n ar eridheachan, agus tre bheil againn naomhachd cridhe agus slighe, cho maith ri fireanachadh, tre aonadh agus cò-chomunn ris-sam. Tha ni no dhà a dhearbhais sin:

1. Tre chreidimh tha seilbh dha-rìreath againn air Criosd e fhéin, agus cha ‘n e mhàin air maithneas ach air beatha, agus mar sin air naomhachd.

“Ionnus gu ‘n gabh Criosd còmhnuidh ann ‘ur eridhe tre chreidimh (Eph. iii. 17). Tha sinn beò do Dhia, gidheadh cha ‘n e sinn, ach Criosd a tha beò annainn, tre chreidimh Mhic Dhé (Gal. ii. 19, 20).?

2. Tha an Sgriobtur a’ cur an céill gu soilleir gu bheil sinn a’ gabhail Chriosd tre chreidimh—’g a chur umainn—air ar freumhachadh ann—a’ gabhail an Spioraid, maith-eanas peacaidh, agus oighreachd maille riusan a tha air an naomhachadh.

Tha e a’ samhlachadh so le ithe agus òl, ni tha ciallachadh a bhi creidsinn ann an Criosd. Tha esan a tha a’ creidsinn ann an Criosd ag òl uisge beò, no a Spiorad. Is e Criosd aran na beatha. Is biadh gu firinn-each fheoil Mar sin tha sinn a’ gabhail còmhluaidh ann an Criosd, agus Criosd annainne, agus tha a’ bheatha mhaireannach againn.

  1. Tha Criosd, le uile shlàinte, air a thoirt gu saor tre ghràs Dhé dhaibh-san uile a chreideas ann. Is e an aon chumha a tha air saor thiodhlac: Gabh agus sealbhaich. Is leòr tairgse shaor de Chriosd gu còir a thoirt dhuit gabhail ri Criosd agus a shlàinte mar do chuid fhéin. Agus a chionn gu bheil sinn a’ gabhail ri Criosd tre chreidimh mar shaor thiodhlac faodaidh sinn a mheas gur e creidimh am meadhon—am làmh—leis a bheil sinn ‘g a gabhail.

  2. Chaidh a dhearbadh a cheana gu bheil a’ bheatha spioradail gu léir agus naomhachd air an tasgaidh suas anns an lànachd a tha ann an Criosd, agus air an co-pàirteachadh ruinn tre aonadh ris-san. Is e ceud obair gràis anns a’ chridhe a bhi coimhlionadh an aonaidh sin ri Criosd.

  3. Tha creideamh ‘n a mheadhon ro-fhreagarrach air a bhi ag aonadh ar n-anam ri Criosd; agus air nàdur nuadh agus naomh a thoirt do ‘n anam; agus air cleachdadh naomh tre aonadh agus co-chomunn ris. Tha e a réir gné a’ chreidimh—is e sin earbsa chridheil ghràdhach ann an Criosd air son a shlàinte uile, is e air a ghealltuinn gu saor—gu ‘n lòbadh e sinn, agus gu n’ deanadh e comasach sinn air a bhi cleachdadh naomhachd, a chionn gu bheil e gabhail a steach earbsa gu bheil sinn, tre Chriosd, marbh do pheacadh agus beò, dè Dhia, agus gu bheil ar seann dùine air a cheusadh (Rom. vi. 2-4), agus gu bheil sinn beò tre ‘n Spiorad (Gal. v. 25), agus gu bheil maithneas peacaidh againn agus gu re Dia ar Dia-ne (Salm xxxi. 14), agus gu bheil againn anns an Tighearna fireantachd agus neart, tre bheil sinn comasach air na h-uile nì a dheanamh (Isa. xlv. 24; Phil. iv. 13).

An deigh sin thug e iad do lios, far an robh iomadh gnè luibhean; agus thuirt e, Am faic sibh iad sin uile? Thuirt a Bhama-chriosduidh ris, Chi. An sin thuirt e a ris, Faicibh mar tha na luibhean eugsamhuiil an airde, am feothas, an dath, am faile, agus buaidh; tha cuid is fearr na cheile; agus fanaidh iad far an suidhich an Garadair iad, gun chuir a mach air a cheile.—Turus a’ Chriosduidh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice