Corintianach, viii. Caib., 9 Rann.
Searmoin VII.
(Air a leantuin o t.-d. 267.)
A nis, bha ‘n Tighearn Iosa Criosd co maith ri gheal-ladh. An uair a dh’ fhoillsicheadh e anns an fheoil, chionn mhion e ‘n lagh, agus thug e dioladh do cheartas Dé an àite a phobuill; agus le so a dheanamh, phaigh e ‘m fachan gus an fheòrling dheireannach. Cha ‘n theud neach sam bith a bhi saoibhir, co fhad ‘s a tha e fo ualach trom do fhiachaibh nach comasach e féin air chor sam bith a dhioladh; ach ‘s e so an cor anns an robh am pobull a ghabh Criosd mar Fhear-saoraidh air a chùram; agus air an aobhar so, bha e feumail dha-san chum an saoradh o chionta agus o pheanas, dioladh iomlan a thabhairt air an son; ach so ni nach robh furasda dheanamh, so ni chosd suim mhòr do ‘n Tighearn Iosa Criosd; gidheadh, ghràdhaich e a phobull air a leithid a dhoigh as gu robh e toileach iad-san a shaoradh, iad-san a dheanamh saoibhir agus sona, ciod air bith a chosdadh e dha féin. Bha e toileach e féin irosalachadh, e féin a dheanamh bochd, fhuil féin a dhortadh, seadh, a bheatha féin a leagadh sios mar éric air an son. O cia iongantach gràdh Chriosd d’ a phobull! Cia mòr an t-suim a chosd e dha-san an saoradh o chionta agus o thruaighe, agus an toirt gu seilbh air beatha mhaireannach!
2. Tha ‘n Tighearn Iosa Criosd a deanamh a phobull saoibhir le bhi gan tarruing d’ a ionnsuidh féin, agus gan aonadh ris féin, trid beò-chreidimh.
Tha iad uile bochd a thaobh nàduir, saor o fhireantachd, falamh do ghràs, agus ‘nan coigich do naomhachd, “as eugmhais dòchas, agus gun Dia anns an t-saoghal;” agus tha iad uile buanachadh anns an staid bhrònach, uireasbhuidheach so, gus am bheil iad air an dùsgadh, air an beothachadh, agus air an tarruing a dh’ ionnsuidh Chriosd trid oibreachadh an Spioraid Naoimh. ‘S ann anns an uireasbhuidh, agus ullamh gu bàsachadh le gort, a bha ‘m mac struidheach, an uair a phill e dh’ ionnsuidh athar agus ‘s ann bochd, uireasbhuidheach ‘nam faireachdunnn féin, a tha flor iom-pachain ann gach linn a teachd a dh’ ionnsuidh Chriosd; ach co luath ‘s a tha iad a gabhail ri Criosd, agus air an ceangal ris tre chreidimh, tha iad air an deanamh ‘nan luchd-compairt d’ a shaobhreas, do ‘n t-saoibhreas dorannsachaidh do bheannachdaibh spioradail a cheannaich e air son a phobuill le a umhlachd, le thulangasaibh, agus le bheochdainn anns an fhàsach so.
Tha atharrachadh staid, a’ measg dhaoine, gu tric gan toirt gu saoibhreas agus onoir anns an t-saoghal so féin. Feudaidh bean bhochd a bhi air a deanamh saoibhir, le bhi air a pòsadh ri dhùine saoibhir. ‘S ann ‘na h-uireas-bhach bochd a thainig Rut o thirr Mhoair gu tìr Israei; ach an uair a bha Rut air a ceangal anns a’ dàimh phòsda ri Boas, a bha ‘na dhùine beartach, agus urramach ann an Israei, bha i féin air a h-àrdachachadh gu saoibhreas agus urram. Air an amhul cheudna, ‘n uair a tha peacach chiontach air an iompachadh, agus air an ceangal ri Crìosd tre chreidimh, tha iad air an deanamh ‘nan luchd-compairt do shaobhreas Chrìosd, agus do gach sochair agus urram a bhùineas do chloinn Dé. Cheannaich Crìosd oighreachd bhreagh nach gann d’ a dheisciobluibh uile. “Is leo na h-uile nithe: ma se Pòl, no Apollos, no Cephas, no ‘n saoghal, no beatha, no bàs, no nithe a ta làthair, no nithe a ta ri teachd, is leibhse iad uile,” deir an t-Abstol Pòl, “agus is le Crìosd sibhse, agus is le Dia Crìosd.”
3. Tha ‘n t-ionlan do dheisciobluibh Chrìosd air an deanamh ‘nan luchd-compairt do shaobhreas a ghràis.
“As a lánachd-san,” a dubháirt an t-Abstol Eoin, “fluair sinn” uile, agus gràs air son gràis.” Tha ionnhas do-thraoghaidh do bheannachdaibh spioradail air a thasgaidh suas anns an Tighearn Iosa Crìosd, agus tha ‘n t-ionnhas so air a thasgaidh suas, cha ‘n ann a mhain air son a bhuanachd féin, ach air son buannachd a phobuill, chum a bhi air a roinn orra-san o linn gu linn, anns gach àm feuma. ‘S e Crìosd tobar slàinte na h-eaglais, an tobar o ‘m bheil gach beannachadh spioradail a sruthadh a dh’ ionnsuidh bochdan a shulaigh, agus tha gu leòir anns an tobar so chum an deanamh uile sacobhir agus soña gu siorruidh. Ach ged tha ‘n t-ionlan do dheisciobluibh Chrìosd ‘nan luchd-compairt do shaobhreas a ghràis, cha ‘n e ‘n tomhas ceudna do ghràs a th’ aig na h-uile, oir tha e soilleir gu bheil tomhas is àirde aig cuid na cuid eile; tha cuid do chlann Dé anns gach linn a cinneachdainn, a fàs, agus a gitlan toraidh ni ‘s pailte gu mòr na cuid eile. Tha gràs-am cuid beathail, làidir, agus gniomhach, an uair a tha gràsan cuid eile ammhunn mar a chuilc bhrùite, na mar lion na caol smuid. Ach ciod is aobhar do ‘n eadar-dhealachadh so a tha measg pobull an Tighearn, a’ measg clann a’ acim teaghlach? Co aig am bheil a choire gu bheil cuid co ammhunn ann an gràs, co icsal ann am misneach, agus fo chaoile co mòr, an uair a tha cuid eile sultmhor le deadh bhláth, agus a toirt mór mheas a mach, Tha e ‘na ni cinn teach nach ann aig Criosd a tha coire na h-anmhuinneachd, agus na caoile so. Tha Criosd co saoibhbir ann an gràs ‘s a bha e riamh, agus co toileach, air an là ‘n diugh, a bhi compartachadh a ghràis, a bhi leasachadh uireasbhuidh a phobuill, ‘s a bha e anns na linn-tibh a chaidh seachad. Co, uime sin, is coireach, gu bheil mòran diubh co amhunn, agus uireasbhuidheach? O a chreidmhich bheochd, amhunn, na fàg a choinnich air Criosd. Rannsaich gu géar, agus gheibh thu choire ann do chridhe, agus ann do chleachdaimibh féin. Tha thu ag altrum a pheacaidh, a toirt fàrdoch do d’ namhaidibh, do na h-ana-miannibh truailidh a tha cogadh an aghaidh t-anama. “Cuir an aghaidh an Diabhuil, chum ‘s gu ‘n teich e uait.” “Céus an fheoil, maill e r’ a h-an-tograidh agus a h-ana-miannaibh.”—”Cuir deadh chat a chreidimh,” gus an croichmaich thu do thuruis air thalamlh. Thig fathasd le dànachd gu righ-chaithir nan gràs, agus deam cruaidh-spàirn ann an ùrnugh, gus am faigh thu ‘n tomhas sin do ghràs a ni thu saoibhir agus sona. Iarr agus gheibh, buail aig dorus na tròcair gus am fosgail a’ dhuil. Tha gu leòir ann an Criosd a leasachadh t-uireasbhuidh, a dh’ath-nuadhachadh do neart, gu leòir chum an lag a dheanamh “laidir mar Dhaibhidh, agus tigh Dhaibhidh mar aingeal an Tighearna.”
4. Tha ‘n t-iomlan do muinnntir shaorta an Tighearna fa’ dheòidh, air am togail os ceann gach bochdaimn agus trioblaid, agus air an toirt gu seilbh air saoibhreas neo-chaochluidheach ann an saoghal nan spiorad.
“Thig iad,” deir am fàidhe, “gu Sion le caithream, agus aoibhneas siorruidh air an cinn, gheibh iad gairdeachas, agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus oisnaich air falbh.” Bha Criosd bochd ann an staid iroslaichaidh, agus ri linn a bhochdaimn cheannach e saoibhreas siorruidh air son a phobuill, agus tha e’gan toirt uile gu làn sheilbh air an t-saoibhreas so ann an rioghachd nèimh. Anns an t-saoghal a ta làthair, tha iomad trioblaid aca, tha aobhar aig mòran diubh a bhi gu tric a gearan gu bheil an creidimh lag, an gràdh fuar, agus an dòchas fann; seadh, gu bheil “uile do àireamh ag iadhadh mu ‘n timehioll,” gidheadh tha iad nam oighreachaibh air sonas buan, agus mar an ceudna, anns an t-slighe a tha treòrachadh a dh’ ionnsuidh an t-sonais so. Ach anns an t-saoghal so, tha iad mar oighreachaibh fo aois, mar oighreachaibh ann an atharrachadh dreach; cha ‘n eil e fathasd soilleir ciod a bhith eas iad, gidheadh tha Dia, trid fhocail agus a spioraid, gan glanadh, agus gan ullachadh air son na h-oighreachd a tha neo-thruailidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimhead ‘s na neamhaibh dhoibh. Tha ‘n Tighearn Iosa Criosd a toirt iomad beannachadh luachmhior d’ a phobull anns an t-saoghal so féin; ach cha ‘n ‘eil aig a mhuintir is mo sonas ‘nam measg air thalamh, ach ceud thoradh am t-sonais a tha feitheamh orra ann an rioghachd nèimh. “Cha d’ rainig iad cheana, agus cha ‘n ‘eil iad fathasd foirfe” ann an naombhachd, no ann an sonas. Ach an deigh dhoibh saoghal na tricblaid so fhàgail, agus dol a dh’ ionnsuidh an dachaidh bhuain, “cha bhi acras orra tuille, no tart ni ‘s mo, agus cha mho a bhuileas a ghrian orra, no teas air bith. Oir beathaichidh an t-Uan a tha ‘m meadhon na righ-chaithreach iad, agus treòrachidh e iad gu beò-tbobrachibh uisge, agus tiormaichidh Dia gach deur o ‘n suilbh.” “Cha ‘n fhaca suil, cha chuala cluas, agus cha d’ imtrig e ann an cridhe duine smuaineachadh,” meud an t-saoibhreas do ghloir agus do shonas a tha air a thasgaidh air son muinntir shaorta an Tighearna, anns an t-saoghal ri teachd.
(Ri leantuinm.)