Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1925 » January 1925 » Dleasdanas a bhi Creidsinn

Dleasdanas a bhi Creidsinn

Tha e soilleir gu leòr gur e creideamh ann an Criosd an dleasdanas leis a bheil beatha naomh a’ toiseachadh, agus leis a bheil bunait gach dleasdanas eile air a shuidh-eachadh anns an anam. Chaidh a dheanamh soilleir gu leòr gu bheil Criosd e fhéin, maille ris gach sochair a tha feumail air son cleachdadh naomh, air a gabhail anns a’ chridhe tre chreidimh. Is e so an gràs aonaidh leis a bheil Spiorad Dhé a’ ceangal snaim a’ phòsaidh dhiamhair eadar Criosd agus sinne—leis a bheil e ‘g ar deanamh ‘n ar geugan anns an fhionan fhiar—’n ar buill anns a’ chorp uasal ud, air ar n-aonadh ris a’ Cheann òirdhearc—’n ar clachan beò anns an teampull spioradail ud, air a thogail air a’ chlaich-oisinn bheò agus luachmhor, an sàr bhunait—’n ar luchd-compàirt dhe ‘n aran agus dhe ‘n deoch a thàinig a muas bho nèimh agus a tha toirt beatha do n t-saoghail. Ma chuireas sinn a’ cheisd, “Ciod a nì sinn a chum gu’n oibrich sinn oibrbh Dhé?” tha Criosd a’ freag-art, “Gu’n creid sinn annsan a chuir e uaithe” (Eoin vi. 28, 29). Tha e ‘g ar cur an toiseach ri obair a bhi creid-sinn, nì as e obair Dhé air mhodh sonruichte, obair nan oibrbh, a chionn gur ann uaithe a tha gach deagh obair a’ sruthadh.

Is e so a’ cheud obair—feumaidh tu gach dichioll a dheanamh anns an obair so, eadhon a bhi creidsinn ann an Criosd. Feumaidh sinn dichioll a dheanamh air dol a steach do’n fhois sin air eagal gu’n tuit aon neach tre as-creidimh (Eabh. iv. 11). Feumaidh sinn dichioll a nochdadh chum làn-dearbhaichd an dòchais gus a’ chrioch, a chum gu ‘m bì sinn ‘n ar luchd-leanmhuinn orrasan a tha tre chreidimh agus fhoighidinn a’ sealbhaichd nan geall-aidhean (Eabh. vi. 11, 12). Is e obair a tha ann a tha ag iarraidh neart agus cumhachd, agus air an aobhar sin tha sinn a’ cur feum air a bhi air ar neartachadh le cumhaich ‘s an duine an taobh a stigh, a chum gu’n gabh Criosd comhnuidh ‘n ar cridheachan tre chreidimh (Eph. iii. 16, 17). Ged a tha e air a dheanamh furasda le tarruing gràdh Chriosd air a’ chridhe, tha e air a dheanamh ro dhulich le truaillidheachd ar nàduir agus le buairidhean Shàtain. Ged nach urrainn sinn an obair mhòr so a dheanamh ann an dòigh cheart gus an oibrich Spiorad Dhé creid-eamh ‘n ar cridheachan le chumhachd ro-mhor, gidheadh tha e iomchuidh gu’n deanadh sinn oidhirp, eadhon roimh dhuinn mothachadh a bhi againn air Spiorad Dhé a bhi ag oibreachadh gu h-éifeachdach annainn, no a bhi torr dhuinn neart gu creidsinn. Is e an dòigh air a bheil an Spiorad ag aoibreachadh creideamh anns an taghadh, a bhi ‘g an gluasad gu oidhirp a dheanamh air creidsinn. Cha ‘n oibrich an Spiorad creideamh gu h-éifeachdach, cha mho bheir e neart gu creidsinn, gus an dean sinn an oidhirp. Mar a dh’aithnichear siol anns an talamh le e bhi fás, aithnichear gràsan a stigh agus cleachdaidhean a muigh, an uair a tha iad a’ gniomhachadh. Cha ‘n fhaic sinn gràdh ‘n ar cridheachan do Dhia no do dhuinne gus am bi e air a chleachdadh. Uime sin, cho luath ‘s is aithne dhuinn dleasdanas a bhi creidsinn, is còir dhuinn air ball oidhirp dhùrachdach a thoirt air a dheanamh, agus anns an oidhirp sin chi sinn mar a tha Spiorad Chriosd ‘g ar neartachadh gu bhi creidsinn, ged nach urrainn fios a bhi againn air an sin roimh làimh.

Feumaidh sinn mar an ceudna oidhirp a thoirt air an dleasdanas so a dheanamh ann an dòigh cheart. Is e ni ro chudthromach a tha an so, oir ma tha sinn as aonais cha ‘n urrainn ar creideamh a bhi éifeachdach a chum slàinte agus naomhachadh. Feumaidh dleasdanas mòr a’ ghràidh, ni as e crioich an lagha agus pìomh thoradh na naomhachd sruthadh bho chreidimh neo-chealgach (I. Tim. i. 5).

Mar a chunnaic sinn, tha dà ghniomh anns a’ chreidimh theàrnaidh: air an darna làimh, a bhi creidsinn firinn an t-soisgeil, agus air an làimh eile, a bhi creidsinn air Chriosd, mar a tha e air fhoill-seachadh, agus air a gheallt-ainn gu saor anns an t-soisgeul, air son uile shlàinte. A nis, feumar an dà ni so a dheanamh ann an dòigh cheart.

Annas a’ cheud aite, tha e ro-chudthromach gu ‘n deandah sinn oidhirp air creideamh ceart a bhi againn ann am firinn soisgeul Chriosd, a chum gu ‘m bì sinn air ar cur ann am fonn agus air ar misneachadh gu bhi creidsinn ann an Chriosd mar a tha e air fhoillseachadh agus air a ghealltainn anns an t-soisgeul. Feumaidh tu creidsinn gu cinnteach, nach ‘eil dòigh air teàrnaidh gun a bhi gabhail ri uile shochairean-teàrnaidh Chriosd, a spiorad cho cinnteach ri airidheachd, naomhachadh cho cinnteach ri maitheanas peacaidh, tre creidimh. Tha e ‘n a sgrios air iomadh anam gu bheil iad ag earbsa ri Chriosd air son maitheanas peacaidh gun ghuth air naomhachd. Tha an dà nì mhòr sin, maitheanas agus naomhachd, air an ceangal ri chéile ann an Chriosd, ann an dòigh nach gabh sgaradh, agus mar sin cha ‘n ‘eil duine air a chur saor bho dhiteadh le Chriosd, nach ‘eil air a dheanamh comasach air a bhi gluasad gu naomha, cha ‘n ann a réir na feòla ach a réir an Spioraid (Rom. vii. 1). Tha e mar an ceudna ‘n a sgrios air anamaibh gu bheil iad ag iarraidh maitheanas peacaidh tre chreidimh ann an Chriosd, agus ag iarraidh naomhachd, cha ‘n ann tre chreidimh, ach air dhòigh eile, eadhon le an oidhirpean féin a réir an lagha. A nis, cha ‘n urrainn dhuinn a chaoidh a bhi beò do Dia ann an naomhachd, ach le bhi marbh do ‘n lagh agus a bhi beò a mhàin le Criosd a ohi beò annainn tre chreidimh. Cha naomhaich an creideamh ud sinn a chaoidh nach ‘eil a’ gabhail naomhachd cho math ri maitheanas peacaoidh bho Chriosd, agus air an aobhar sm cha toir e sinn a chaoidh gu glòir néamhaidh (Eabh. xii. 14).—Marshall.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice