Bha na h-Ephesianaich, a dh’ ionnsuidh an do sgiobh an t-Abstol Pòl an lithir so, a thaobh naduir nan “Cinnich aineolach, as éugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t-saoghal.” Bha iad eolach air iodholaibh, agus a deanamh seirbhais do iodholaibh; ach bha iad aineolach air an fhiar Dhia, air slighe na sláinte, agus ag Slánuighear an t-saoghal. Bha iad “a gluasad a réir gnàtha an t-saoghail so, a réir uachdarain cumhachd an athair, an spioraid a tha ‘g oibreachadh ann an cloinn na h-eas-umhlachd; ach bha iad anns an dorcha mu thimchioll grádh do-labhairt Chriosd, gus an d’ fhiosraicheadh iad le solus an t-soisgeil. An uair a dhealraich solus an t-soisgeil ‘na’ measg, bha grádh Chriosd air fhoillseachadh, agus an uair a bha ministreileachd an t-soisgeil air a deanamh éifeachdach, chum sláinte an anama, bha ‘n grádh so, cha ‘n e mhain air fhoillseachadh o’ ‘n leth a mach, ach air a dhoraidh ann ann cridheachaibh tríd an Spioraid Naomh, ionnus gu robh eolas spioradail aca air, ann an tomhas éigin, o am faireachdainn féin. Gidheadh, cha d’ rainig iad fathasid air an tomhas do eolas air nithe spioradail a bu mhian leis an Abstol, agus uime sin bha e tagair gu dureachdach, gu deonaichadh Dia dhoibh tomhas a b’ áirde, chum ‘s “gu ‘m biodh iad comasach, maillé ris na naomhaibh uile, air a thuigsinn, ciod e leud, agus fad, agus áirde, agus doimhne; agus air grádh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eolas.”
Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fa’near,
I. An doigh anns an d’ fhoillsich Criosd a ghráidh d’ a eaglais.
II. Labhraidh mi air cuíd do bhuaiddhibh a ghráidh so, a tha dearbhadh gu ‘n deachaidh e thar gach uile eolas.
III. Gur e dleasdanas deisciobuil Chriosd, a bhi gu dureachdach ag iarraidh tomhas árd do eolas air a ghrádh so.
I. Tha mi ‘n toiseach gu bhi toirt fa’ near, an doigh anns an d’ fhoillsich Criosd a ghráidh d’ a eaglais.
-
Anns a cheud àite, feudaiddh grádh a bhi ann an cridhe aon neach do neach eile, cuid a dh’ ùine mu ‘m bheil e ga fhoillseachadh. Tha so gu tric a tachairt anns an t-saoghal a ta làthair,—tha grádh gu tric ag oibreachadh cuid a dh’ ùine, no ‘s maith dh’ fheudta, ùine fhada, ann an cridhe neach, mu ‘m bheil e ga fhoillseachadh,—ga dheanamh aithnichte do chuspair a ghráidh. Air an amhuil cheudna, bha grádh d’ a eaglais ann an cridhe Chriosd, ùine fhada mu ‘n robh ‘n grádh so air fhoillseachadh. Ghráidhach Criosd a mhuintir a thug an t-Athair dha, le grádh siormuidh; bha iad air a chridhe, seadh, ann a chridhe, mar chusparean gráidh, o bhi-th-bhuantaechd. “Mun do dhealbhadh an talamh, mun d’ thugadh reachd do ‘n fhainge, mun robh bith aig creutair air bith faicsinneach na neo-fhaiscinneach, bha Criosd a ðeanamh gairdeachas ann an ionadaibh-àitichte na talmhamn, agus bha ‘thlachd maillé ri cloinn nan daoine.” Tha e soilleir o na briathraibh so, a bha air an deachadh leis an Spiorad Naomha, gu robh grádh d’ a phobull taghta a gluasad, ‘s a ag oibreachadh air doigh dhiomhair, ann an cridhe ‘n Tighearn Iosa Crìosd, mun do leaghadh bunait an domhain. Ach cha ‘n fheudadh e ghràdh fhoillseachadh do n chruitheachd mu ‘n robh a chruitheachd ann, cha ‘a fheudadh e ghradh fhoillseachadh do shliochd Adhamh, mu ‘n robh sliochd aig Adhamh. ‘S ann an deigh do Adhamh a bhi air a chruthachadh, agus an deigh dha, mar an ceudna, tuiteam gu staid’ peacaidh agus trúaghe a bha gràdh do-labhairt Chrìosd air fhoillseachadh. Gidheadh, cha ‘n ann an uair a chruthaich e ‘n duine, na ‘n uair a thuit an duine, na ‘n uair a thainig e féin a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a thòisich a ghràdh, ach o bhith-bhuantachd, no mar is fearr a dh’ fheudar a ràdh, tha ‘ghràdh d’ a phòbull gun toiseach, gun deireadh, an ” ni ceudna, an dé, an diugh, agus gu siorruidh.”
-
Dh’ fhoillsich Crìosd a ghràdh d’ a phòbull, le nadur’ a phòbull, le nadur na daonnachd a ghabhail air féin, ann an ceangal do-dhealachaiddh ri nadur na Diadhachd. An uair a bha Mac Dhé air fhoillseachadh anns an fheòil, bha ni nuadh air a dheanamh air thalamh, ni a bhuineas do dhiomhaireachd mhòir na Diadhachd, agus a bhios ‘na aobhar iongantais agus aoibhneis, do ainglibh, agus dò dhaoinibh, trid saoghal nan saoghal. Bha ‘n Tì ” a bh’ ann an cruth Dhé, agus nach do mheas ‘na réubain e féin a bhi comh-ionann ri Dia,” air a sgeadachadh le nadur na daonnachd, air faghail ann an cruth mar dhuine, agus air irioslachadh gu duslach a bhàis, chum a phòbull àrdachadh gu glòir, onoir, agus neo-bhàsmhoireachd anns an t-saoghal ri teachd. Bha nadur na daonnachd air àrdachadh gu imhe, agus sonas ro-mhòr, le bhi air a ghabhail ann an dàimh cho diomhair agus dlùth ri nadur na Diadhachd, ann am pearsa Chrìosd; ach ‘s ann do bhrigh gu ‘n do ghràdnaich Dia air doigh ro-iongantach an nadur so. An uair a roghnaich Ahasuerus Ester mar mhmaoi, agus a bha i air a ceangal ris anns an dàimh phòsda, tha e soilleir gu robh i air a h-àrdachadh gu imhe, agus onoir, seachad air gach òigh eile bh’ ann an rioghachd Phersia. Ach e’ ar son a roghnaich Ahasuerus Ester, agus a dh’ àrdaich e i air an doigh so? Nach ann do bhrigh gu ‘n do ghràdhaich e i os ceann gach neach eile bh’ ann a rioghachd gu h-ionlan? C’ar son a chaiddh Crìosd seachad air nadur nan aingeal, agus a ghabh e nadur na daonnachd air féin? Nach ann do bhrigh gu ‘n do ghràdhaich e ‘n nadur so os ceann nadur gach creutair eile air neamh agus talamh? Bha Ester ‘na dilleachdan, gun athair, gun mhathair, gun imhe, gun stòras, an uair a ghràdhaich Ahasuerus i. ‘S ann an deigh do ‘n duine tuiteam, agus do nadur na daonnachd a bhi air a thruailleadh, agus air a lomadh d’ a cheud ghòir, agus d’ a mhaise, a ghabh Críosd an nadur so air féin; agus le so a dheanamh, thaisbean e grádh do ‘n chinneadh dhaonna a “chaidh thar gach uile eolas.”
-
Dh’ fhoillsich Críosd a ghradh d’ a eaglais, le fluil a dhortadh, agus le bheatha leagadh sios mar eiric air a son. Tha e fior, gu ‘n d’ fhoillsich Críosd a ghrádh d’ a eaglais, fada mun d’ fluiling e ‘m bás air a son; thug e iomad dearbhadh air a ghrádh d’ a phobull o thoiseach an t-saoghal; ach tha na sgiobtuirean a labhairt mu thimchioll a bháis, mar an dearbhadh is mo,—a’s iongantach a fluair an saoghal a riamh, air a ghrádh do pheacaich chaillte. “Grádh is mo na so, cha ‘n ‘eil aig neach sam bith, gu ‘n leagadh duine amam sios air son a cháiirdean.” Feudaidh grádh dúrachdach a bhí aig aon neach do neach eile, agus feudaidh e ‘ghrádh a thaisbeanadh air iomad doigh, gun a bheatha leagadh sios air son cuspair a ghráidh. Bha grádh dúrachdach aig Iacóib do Rachel, agus thaisbean e ‘ghrádh dhi air iomad doigh; gidheadh, cha do leag e sios a bheatha air a son. Bha grádh dúrachdach air Ionatan do Dhaibhidh agus thaisbean esan a ghrádh air iomad doigh, mar an ceudna, gidheadh, cha do leag e sios a bheatha air son Dhaibhidh. Ach thug grádh Chríosd barrachd air grádh Iacóib, agus air grádh Ionatain,—oir leag esan sios a bheatha air son cuspair a ghráidh. An uair a tha grádh co mór aig aon charaid do charaid eile, as gu bheil e toileach a bheatha a leagadh sios air a shon, tha e toirt an dearbhadh is mo air grádh, is comasach aon chreutair anns a chruitheachd, a thabbhairt do chreutair eile. “Grádh is mo na so cha ‘n ‘eil aig neach sam bith.” A nis, ‘s e so an dearbhadh air a ghrádh a thug Críosd d’ a eaglais; thug e ‘n dearbhadh a bu mho a dh’ fheudadh e, le e féin a thoirt mar iobairt-réitich air a son. Ghrádhaich e phobull ni bu mho na ghrádhaich e bheatha féin,—ghrádhaich e iad air a leithid a dhoigh, as gu robh e toileach saorsa agus sonas a cheannach dhoibh-sam, ciod air bith a chosdadh iad dha féin; bha e toileach e féin írioslachadh, fluil féin a dhortadh, agus bás maslach a chroinn-chéusaidh fhuilang, chum ‘s gu ‘n rachadh iadsan thairis o bhás gu beatha. Agus tha ‘m bás amhgharach a dh’fluiling e air son a phobull, cha ‘n e mhain ‘na dhearbhaidh soilleir air a ghráidh, ach a molladh a ghráidh, agus ga dheanamh ‘na aobhar iongantais, o linn gu linn, ann an suilibh a shluagh.
-
Tha Críosd a taisbeanadh a ghráidh d’ a phobull, le bhi gan ionnlaid o am peacaidh ‘na fluil féin, agus gan deanamh ‘nam pobull sonruichte do Dhia. “Ghrádhaich Críosd an eaglais” a deir an t-Abstol, “agus thug se e féin air a son, chum gu ‘n naomhaicheadh, agus gu’n glanadh e i le ionnlaid an uisge tre ‘n fhocail; agus chum gu ‘n cuireadh e ‘na lathair féin i, ‘na h-eaglais ghliormhóir, gun smal, gun lochd.” Tha pobull taghta Dhé, a thaobh nadur, co ciontach, neo-ghlan, ri muintir eile, tha iad fo ‘n diteadh cheudna, fo ‘n mhallachadh cheudna, agus buailteach do ‘n pheanas cheudna, d’ am bheil muintir eile buailteach; tha iad gu nadurra ‘nam cloim feirg eadhon mar chach. Gidheadh, bha iad uile air an taghadh le Dia chum sláinte, agus air an orduchadh chum beatha mháireannach. Agus chum an deanamh iomchuidh air son na h-oighreachd neamhuidh, tha ‘n Tighearn Iosa Críosd, le a fhocal, agus tríd oibreachaidh a Spioraid, gan dùsgadh, gan beothachadh, agus gan tarruing a dh’ ionnsuidh an tobair a dh’ thosgail e féin, chum peacadh, agus neo-ghloin a thoirt air falbh; agus tha e mar an ceudna, a coimhlionadh rún siorruidh a ghráidh d’ an taoibh, le bhi gan ionnlaid tre chreidimh anns an tobar so.
An uair a tha mathair chaoimh a faicinn leanamh d’ am bheil mór thlachd aice, a tuiteam ann an clabar, agus gu mór air a shalachadh, cha ‘n ‘eil i tionndadh uaith, no g áicheadh a leinibh gu tur, do bhrigh gu bheil e nis ‘na creutair salach; ‘s ann a tha ‘n grádh a th ‘aice d’ a leanabh, ga bhrónachadh gu thoirt a dh’ ionnsuidh soitheach ionnlaid, chum a lamhan, a chosan, a cheann, agus a thrusgan a ghlanadh o gach smal. Air an amhul chudna, tha grádh Chríosd do ‘n mhuintir a thug an t-Athair dha, agus air son an do dhoirt e fluil, ga bhrónachadh chum an tarruing amach a clabar a pheacaich, an glanadh o gach salachar, feòla agus spioraid, agus an deanamh iomchuidh air son oighreachd nan naomh san t-solus, far am bi iad gu siorruidh a seinn,—“ Dha-san a ghrádhaich sinn, agus a dh’ ionnlaid sinn o ar peacaidh ‘na fluil fein, agus a rinn righe dhinn, agus sagairt do Dhia agus d’ a Athair-san; dha-san gu robh glóir, agus cumbachd, gu saoghal nan saoghal. Amen.”
- Tha Críosd a taisbeanadh a ghráidh d’ a phobuli, le bhi gan saoradh fa-dheoidh o thruaillidheachd, agus o thrioblaidibh an t-saoghal so, agus gan toirt dhachadh a dh’ ionnsuidh an tighe nach do thogadh le lamhaibh, a ta siorruidh anns na neamhaibh. Tha fior chreidimhich ann an dlùth-dhàimh ri Críosd anns an t-saoghal so féin, tha iad air an aonadh ris tre chreidimh, air an sgeadachadh le a fhreantachd, agus gu tric a mealtuimn comhchomunn blasda maille ris, ann an dleasdamasaibh spioradail; tha iad cheana nam buill d’ a chorpa diomhair, ‘nan “ luchd aon-bhaile ris na naoimh, agus ‘na’ muintir teaghlaich Dhe.’’ Gidheadh, cha ’n ’eil iad fathasd chò dlùth do Chriosd ’s as àill leis. Tha esan air neamh, agus iadsan air thalambh, agus tha astar mòr eadar neamh agus talambh; ach cha bhi gràdh Chriosd làn-thoilichte, co fhad ’s a bhios an t-astar so eadar e féin agus a phobull; oir ’s àill leis gu ’m bi iad uile maillle ris far am bheil e féin a gabhail comhnuidh. S’ miannach le pàrantan, aig am bheil gràdh d’ an cloinn, am faicinn a soirbheachadh ’nan gnothaichean aimsireil, am faicinnuil’ air àirde mhaith anns an t-saoghal a ta làthair. ’S e miann Chriosd, mar an ceudna, am pobull a ghràdhaich e, a cheannaich agus a shaor e le fhuil, fhaicinn a soirbheachadh,—seadh, am faicinnuil’ air àirde co maith ’s àill leis, gus am bi iad maillle ris ann a rioghachd, agus le aghaidh gun fholach, a faicinn na glòir a bha aige maillle ris an Athair mu ’n robh an saoghal ann. ’S àill leis an t-iomlan diubh fhaicinn aig bord maillle ris féin ann an tigh Athar, agus a compartachadh do ’n chuirim do nithibh maith, blasda, agus làn do smior, a dh’ ullaich e air son muinntir a ghráidh.
II. Theid mi nis air m’ aghaidh gus an dara ceann teagaig, le bhi labhairt air cuid do bhuaidhibh a ghráidh so, a tha taisbeanadh gu deachaidh e thar gach uile eòlas.
- Anns a cheud àite, tha gràdh Chriosd d’ a phobull ’na ghràdhi saor, na ghradh nach ròbh riann air a chosnad, na air a thoilltinn le ni sam bith ann an cuspair a ghráidh. Tha eadar-dhealachadh mòr eadar gràdh Chriosd do dhaoinne, agus gràdh dhaoinne d’ a cheile. An uair a tha aon neach a’ measg dhaoinne, a toirt gràidh do neach eile, ’s ann, anns a choitchionn, air sgàth maise, no subhailean éigin, a tha e faicinn san neach eile, no ann an dòchas ri buannachd éigin fhaotainn uaith. Ghràdhaich Jacob Rachel le gràdh ro dhùrachdach, ach ’s ann air sgàth na maise bha e faicinn ann an Rachel; ghràdhaich Ionatan Daibhidh le gràdh ro-dhùrachdach, ach ’s ann air sgàth subhailean éigin a bha e faicinn ann an Daibhidh. ’S ann air sgàth na maise agus na luachmoireachd a tha na naoinn a faicinn ann an Chriosd, a ta ’n eridheachan a lasadh le gràdh do Chriosd; agus ’s ann air sgath Chriosd, mar an ceudna, tha na braithrean a gràdachadh a cheile, ’s e iomhaigh a bhrathar a sine tha cosnad a ghràidh so. Ach cha ’n ’eil ni sam bith ann an daoine mar pheacach, as urrainn dhuinne a bheitheachadh, na ainmeachadh, a tha toillteanach air gràdh Chriosd, na cosnadh a ghráidh-san. Tha grádh Chriosd d’ a phobull ‘na ghrádh gun choimeas, ‘na ghrádh a tha sruthadh gu h-iomlan o dheadh-ghéan, agus o mhaithreas neo-chriochnach a naduir féin; agus uime sin, tha e saor o fhéinealachd air bith, saor o bhi air a tharruing, na air a chosnadh, le ni sam bith ann an euspáir a ghráidh. An robh ni sam bith anns an duine bha fo uachdaranachd an legion do dheartain, a bha airidh air grádh Chriosd, an uair a thilg e mach na deamhain? An robh ni sam bith ann an Saul o Tharsuis a bha airidh air grádh Chriosd, an uair a bha air boil le naimhdeas ‘na aghaidh, agus a gétur-leannmuinn a phobull? An robh ni sam bith anns a mhuintir a bha air am bioradh ‘nan eridhe air là na cuingeis, a bha airidh air grádh Chriosd, an uair a bha ‘n lamham dearg le fuil neo-chiontach an Uain so? Cha robh, cha robh, cha ‘n eil ni sam bith ann an daoine gu nadurra, a tha airidh air a ghrádh so. “Chaidh grádh Chriosd d’ a phobull thar gach uile eòlas.”
(Ri leantuinm.)