Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1925 » March 1925 » Searmoinean leis an Arramach Honghas MacMhaolain: “Agus air gràdh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas.” (Ephesianaich, iii. Caib., 19 Rann.)

Searmoinean leis an Arramach Honghas MacMhaolain: “Agus air gràdh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas.” (Ephesianaich, iii. Caib., 19 Rann.)

Searmoin IX.

(Air a leantuin o t.-d. 393.)

  1. Tha gràdh Chriosd d’ a phobull, do nadur anabarr fial, agus toirbheartach; trid meud a ghràidh “rinn se e féin bochd, chum iadsan a dheanamh saoibhir.” Cha ‘n ‘eil ni sam bith as urrainn dhuiinn ainmeachadh, a tha co éifeachdach chum cridheachan dhaoine fhosgladh, agus an deanamh fial, agus maitheasach, ri gràdh. Ma tha cridhe duine shaobhir, aig am bheil pailteas do stòras an t-saoghail so, lan do ghràdh d’ a cho-chreutairibh, ni a ghràdh fial e, ullamh gu roinn, agus compairteach; agus ma tha cridhe duine bhochd lan do ghràdh, ni a ghràdh fial esan mar an ceudna, reir a chomas, no ‘s maith a dh’ fheudta, thar a chomas, mar bha na Corintianaich o shean. Tha ‘n Tighearn Iosa Criosd, mar Eadar-mheadhonair, ann an sealbh air saoibhreas neo-chriochnach do ghràs, do fheart-aibh, agus do bheannachdaibh spioradail, ach tha e fial a reir a shaobhreis; tha ‘ghràdh d’ a phobull ga dheanamh toileach a shaobhreas do-rannsachaidh a roinn orra, gus an fheoirling dheireannach. Tha ‘n saoibhreas a ta air a thasgaidh suas ann an Criosd, do nadur anabarr luachmhor, mile uair ni ‘s luachmhoire na stòras an t-saoghail so, no ‘n t-òr is deirge dreach; ach ciod air bith co luachmhor ‘s a ta e, cha duilich le Criosd a roinn air bochdan a shluaigh. Tha a ghràdh d’ a phobull ga dheanamh toileach, na nithe as luachmhoire th’ ann a rioghachd gu h-ionlan, a roinn orra gu saoibhir agus gu saor. “Ciod i t-athchuinge, agus ciod e t-iartus?” a deir Criosd, ri cuspair a ghràidh, “ agus gu ruige leth na rioghachd nith-ear dhuit e.” Chosd an t-slàinte cheannaich Chriosd d’ a phobull suim mhòr dha féin; ‘s mòr an t-suim a chosd e dhasan saorsa shiorruidh cheannach dhoibh-san o chionta, agus o thruaighe; ach tre ro-mheud a ghràidh, tha e toileach a’ ni a cheannaich e féin gu daor a chompairteach-adh riuth-san gu saor, eadhon gun aigiod agus gun luach. Tha Criosd a buintuin gun fial r’ a phobull anns an t-saoghail so féin, tha e gan leantuin le maitheas, le tròcair, agus le toradh a ghràidh o là gu là, gidheadh, cha ‘n ‘eil aca anns an t-saoghail a ta lathair, ach earlais air an t-sonas a tha feitheamh orra anns an t-saoghal ri teachd. “Cha ‘n fhaca sùil, cha chuala chuas, agus cha d’ thainig a riamh ann an eridhe duine,” meud an t-sonais a tha air a thasgaidh suas le Criosd fa chomhair na muinntir a ghradhaich e, agus a tha e ‘g ionnlaid o ‘m peacaibh ‘na fhuil féin. O nach maith, uime sin a dh’ fheudar a radh, gu’n deachaidh “a ghràdh thar gach uile eòlas.”

  2. Tha gràdh Chriosd do nadur dûrachdach, tha chridhe leasadh an comhnuidh le teas ghràdh d’ a eaglais. Tha iomad ni a teachd an rathad dhaoine anns an t-saoghail so, a tha gu tric a fuarachadh an gràidh, agus air uairibh a tionndadh gràdh gu fuath; cha mhòr an ni a chuireas as do ghràdh aon chreutair do chreutair eile, ach cha roin na h-uiseachan domhain do bhuairibh, agus do thrioblaidibh, tre ‘n deachaidh Criosd anns an t-saoghal pheacach so, a riamh comasach a gràdhsan a mhùchadh. An uair a tha neach sam bith a fulang tàir, agus di-meas o chus-pair a ghràidh, tha so gu tric a fuarachadh a ghràidh; ach dh’ fhuiling Criosd di-meas, mòr dhi-meas, o muinntir a dhùthcha féin, o muinntir a ghràidh; cha robh aon neach a riamh air thalamh a dh’ fhuiling uiread dò mhasladh o dhaoibh ri Criosd, gidheadh, cha d’ rinn an tarchuis so uile, am pobull a roghnaich e, a sgaradh o ghlacaibh a ghràidh. An uair a tha caoinmheas gràidh neach sam bith air a chuiteachachadh le eas-onoir agus neo-thaingealachd, nach leòir so chum a chridhe fhuarachadh, agus a ghràdh a thionndadh gu fuath? ach bha gràdh Chriosd air a dhearbhadh gu ro-mhòr air an doigh so mar an ceudna; bha olc air a dhioladh dha-san an eiric maith, agus fuath air son a ghràidh; ach fathasd cha do thionndaidh a chridhe air falon o muinntir ionmhuinn féin.

Thainig Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghal mar Shlànughear, thainig e cheannach agus a chompartachadh slàinte shiorruidh ri peacaich chaillte; uime sin, b’ e dleasdanas nan uile dhaoine gabhail ris gu toileach, gairdeach-as a dheanamh ann a theachd, a bhi measail air, a bhi frithealadh dha, agus gun fhaicinn ann an uireasbhuidh ni sam bith. B’ e so an dleasdanas, gu sonruichte, ‘n deigh do Chriosd teachd air astar co fada, agus e féin a chuir ann an cosd co mòr, air son leas anama ciontach dhaoine. Ach ann mar so a bhuinn clann nan daoine ris an teachd-aire ghradhach so? Cha ‘n ann, cha ‘n ann, dhiùlt iad ris, chuir iad an suarachas e, agus chum iad e air a bheagan, ‘s air a bhochdainn, fad aimsir a chuairet air an talamh. Bhui iad ris “mar mhuime choimheach, fhuar, gun tlus;” gidheadh, cha d’ fhuaraich a chridhe fathasd, agus cha do thionndaidh aignidhean air falbh o chuspair ibh a ghràidh. Dh’ fhuiling an Tigearn Iosa Criosd air doigh ro amhgharach ann a chorp naomha o a naimhdibh, bha iad ré úime fhada ga gheur-leanmhuinn, agus an tóir air a bheatha; fa-dheoidh thuit e ‘nan lamhan, agus an uair a fhuair iad ‘nan lamhan e, cha do chaomhain iad an lamhan aingidh air: cheangail iad e, bhuail iad e. lot iad e, agus dh’ fhag iad e fa-dheireadh ‘na chreich do bhàs maslach a chroinn-chéusaidh. Ach cha do mhuch na h-uiseachan so uile gràdh do-labhairt Chriosd d’ a phobull. O nach fior an radh so, gu ‘n deachaidh “gradh Chriosd thar gach uile eòlas.”

  1. Tha gràdh Chriosd d’ a phobull neo-chaoclaidh-each, “an ni ceudna an dé, an diugh, agus gu siorruidh.” Cha d’ rinn buaireadh, no trioblaid, no géur-leanmhuinn air bith a dh’ fuilling e air thalamb, caochladh sam bith air rùn siorruidh a ghràidh. Bha fios ro mhaith aig Criosd mu ‘n d’ thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail, air na ful-angasaibh géur a bha feitheamh air anns an fhàsach so; bha gach deuchainn is trioblaid a bha feitheamh air, eadh-on gu bàs maslach a chroinn-chéusaidh, làn shoilleir d’a shùilbhe uile-leirsinneach, mu ‘n d’ fhag e uchd an Athar. Ach cha do ghabh e suim do na nithe so uile, agus ni mo a mheas e anam féin luachmaor dha chum gu ‘n coimh lionadh e ‘n obair chudthromach a thug an t-Athair dhà r’ a dheanamh. Cha luaithe dh’ fhosgail e shùilean air thalamb, no dh’ eirich slioichd na nathrach suas ann an cogadh ‘na aghaidh; bha Herod agus Ieurealem uile fo throblaid, an uair a chual iad gu ‘n robh e air a bhreith, agus thòisich iad gun dail air innleachdain a dhealbh chum a sgrios o ‘n talamb; uime sin, b’ éigin d’ a pharantaibh teicheadh do ‘n Eiphit, do ‘n fhasach, leis an leanabh mic so, o aghaidh na nathrach. Ach cha robh aithreachas air fathas d’ a thuras a dh’ iarraidh a’ ni a bha caillte, agus cha d’ rinn an stoirm a choinnich e aig stairsneach an t-saoghail so, caochladh, no fuarachadh sam bith air a ghràdh.

An deigh dha tòiseachadh air a mhinistreileachd fholl-aiseach, bha e air a chuaireachadh o la gu la, le naimhdibh lionmhor, a bha ‘n tòir air a bheatha; fa-dheòidh, dh’ éirich neamh, is talamb, is ifrinn, an cuideachd a cheile ‘na aghaidh; bha e air a ghlacadh, air a dheanamh ‘na phriosonach, agus air a mhaslachadh gu ro mhòr le cumh-achdaibh an t-saoghail so; bha e air a chuaireachadh, air a bhuaireadh, agus air a chràdh le cumhachdaibh an dorchadais, agus bha e air a bhruthadh le Dia an t-Athair, ann an amar fion a chorruich, ionnas gu robh anam ro bhrònach eadhon gu bàs; ach fathas cha do chaochail a ghradh. Bha ‘n Tighearn Iosa Criosd air fhagail ‘na aonar anns an staid bhrònach so; thréig an t-Athair e, dh’ fholaich e ghuuis uaitb, thréig a dheiscioibuil e, bha a luchd-gaoil agus eòlas fada uaitb, thréig na h-uile e, dh’ amhairc e air son neach a ghabhadh truas, ach cha roibh e ann, air son luchd comh-fhurtachd, ach cha d’ fhuar-as iad. Ach anns a cheart am an roibh Criosd mar so air a bhuaireadh, air a bhruthadh, agus air fhagail gun luchd-truais na comh-fhurtachd, bhuaich a ghradh d’ a eaglais, gun atharrachadh, na sgaile tionndaidh. Cha roibh trioblaid, no amhghar, no gèur-leannhuinn, no cun-nart, no claidheamh, no beatha, no bäs, no ni air bith eile comasach a phobull a sgaradh o ghlaicaibh a ghraidd ” a chaidh thar gach uile eòlas.”

  1. Tha ‘n gradh a th’ ann an cridhe Chriosd d’ a phobull, a toirt barrachd air gradh gach creutair cruthaichte air neamh agus talamh. Tha cridheachan cuid do na naoimh, ni ‘s farsuinge, agus ni ‘s laine do ghradh na cridheachan cuid eile; ach cha roibh gradh na naoimh a b’ inbhich a bha riamh air an talamh, ach fuar agus fann, ann an coimeas ri gradh Chriosd. ” Tha airde agus doimhne, fad agus leud,” ann an cridhe, ‘s ann an gradh an Tighearn-Iosa Criosd, a chaidh thar tomhas aoin chreutair a bha riamh anns a chruitheachd,—seadh, a ” chaidh thar gach uile eòlas.” Tha aingil nam flaithes lan do ghradh, agus spioradan nam firean a tha foirfe ann an glòir, lan do ghradh; ach ged bhiodh gradh na bheil do chreutairib, cha bhiodh ann ach braon as a chuan neo-chriochnach a th’ ann an cridhe Chriosd. Tha gradh cuid do dhaoinibh air am bheil cunntas againn anns na sgriobtuirean, gu maith iomraiteach; tha cuimhne is iomradh maith air gradh Iacoib, is Dhaibhidh, is Ionatain, mu ‘n do labhair mi ‘cheana, ach is fù gradh Chriosd d’ a phobull a bhi ni ‘s cliùtaich, agus ni ‘s iomraitich, na gradh aon neach eile bha riamh air thalamh. Agus uime sin, bidh cuimhne, is iomradh maith a choidich, air a ghràdh-san. Bidh cuimhne thaingeil air ‘san t-saoghal a ta lathair, co fhad ‘s a bhios grian is gealach ann; agus bidh a chliù air a seinn le armaitibh neamh, ann an saoghal nan spiorad, gu siorruidh.

III.

Theid mi nis air m’ aghaidh gus an treas ceann teagaig, le bhi toirt fa ‘near, gur e’dleasdanas pobull Dé, a bhi gu dûrachdach ag iarraidh tomhas àrd do eòlas air gradh Chriosd.

  1. Anns a cheud àite, ‘s ann trid solus an t-soisgeil a tha eòlas air a thoirt do dhaoinibh anns gach linn air a so. Cha ‘n ‘eil solus naduir, no oibre faicsinneach na cruitheachd, a toirt eòlas do neach sam bith air Criosd, no air a ghradh; ach tha na h-uile aig am bheil an t-eòlas so, ann an comain a t-soisgeil air a shon; oir co fhad ‘sa tha daoiné ‘nan coigrich do sholus an t-soisgeil, tha iad aineolach maraon air Criosd, air fhireantachd, agus air a ghradh. Bha na Cinnich, fo ‘n t-sean-Tiomnad, ‘nan suidhe ann an dorchadas, air an druideadh a mach o mheadhona nan gràs, o sholus an t-soisgeil, agus uime sin, bha iad aineolach air an fhior Dhia, air slighe na slàinte, agus air Slànuighear an t-saoghail; bha iad gu h-iomlan ‘nan coigrich do ghradh do-labhairt Chriosd. Ach bha meadhona nan gràs aig na h-Iudhaich, bha focal na faidh-eadaireachd mar lòchran, a toirt solus uath ‘na’ measg-san, agus uime sin, bha eòlas aca-san air Criosd, agus air toradh a ghraiddh, nach robh aig na Cinnich. Ach ann an toiseach linn an Tiomnaidh nuaidh, dhealraich solus an t-soisgeil am measg nan Cinneach, agus le solus an t-soisgeil, bha eolas air Criosd, agus air a ghradh, air a chraobh-sgaoleadh ‘na’ measg mar an ceudna, agus bha’n t-eòlas so air a ghiùlan, mar gu ‘m b’ ann, air sgiathaibh an t-soisgeil o àite gu àite, agus o rioghhachd gu riogh-achd, gus an d’ ruig e ‘n ceann iomalach do ‘n t-saoghail anns am bheil sinne gabhail comhnuidh. ‘S ann trid solus an t-soisgeil, a tha eòlas air Criosd, agus air a ghradh, air a ghiùlan air an la ‘n diugh, gu ionadaibh dorchà na talmhainn, gu Africa, gu Asia, gu Innsibh na h-àirde an iar, agus gu eileanaibh na h-àirde deas; agus ‘se so a’ meadhon tre ‘m bi e fa-dheòidh air a ghiùlan timchioll an t-saoghail, agus am faic iomalla na talmhainn uile, slàinte ar Dé-ne. An uair a lionar an talamh le eòlas an Tigh-earna, mar chomhdàicheas na h-uiseachan aigin na fairge, an sin suidhe na h-uile Chinnich ‘sios fo sgàile Chriosd le mòr thlachd, agus bidh toradh a ghraiddh so milis d’ am blas.”

(Ri leantuin.)

A rithist thug e do ‘n mhachair iad, a chuir e le cruithneachd agus le coirce; ach an uair a chunnaic e gun robh ceann na deise air a bhearradh do’ n iomlan agus nach robh a lathair ach an coimhlein, thurit e, Bha ‘n talamh so air a dheagh leasachadh, air a dheargadh, agus air a chur, ach ciod a ni sinn ris a bharr? An sin thurit a Bhana-chriosduidh, loisg cuid deth, agus dean inneir do ‘n chuid eile. An sin thurit am Fear-miniechidh a rithist, ‘S ann ri toradh a bha dochas agad, agus o nach robh sin ann dh’ orduich thu cuid deth a losgadh, agus a chuid eile a shaltairt fo chosaibh dhaoine: thugaibh an aire leis a so nach dit sibh sibh fein.—Turus a’ Chriosduidh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice