Leis an Urramach Lachlan MacChoinnich.
Mar an crann-ubhal, ann a’ maise agus toradh, is amhul thà esan. Cha ‘m ‘eil toradh, fionnarachd, na fasgadh ri fhaotainn o chraobhan eile, ged is lionmhor na tha ‘dol thuca, a’ dh’ iarraidh bheathachadh agus ùrachadh d’ anam. Theid cuid gu craobh an eòlas, chum iad fein a’ lionadh le a toradh gun bhrigh; agus labhraidh iad mu ‘n t-soisgeul, ged nach do bheathaich an anam riamh air. Cha ‘m ‘eil ann an ni sam bith eile, anns am bheil iad a’ cur a’ muinighin, ach cuile bhriste; ach ann an craoibh na beatha tha lòn, agus fasgadh do ‘n anam. Is e Crìosd am fior chrann-ubhall a tha giùlan dà gnè dheug thoraiddh, agus a tha toirt a thoraiddh uathu gach uile mhios; agus tha a dhuilleadh chum leighis nan Cinmeach. Is lionmhoir ar n-eugailean, ach aige-sam tha iocshlaint air son euslaint ar ‘n anama. Tha beatha aige ann fein, agus bheir e beatha d’a shlughadh. Agus ‘nuair a dh’ ath-bheothaicheas e iad chum ‘s gu ‘m bi tlaichd aca ann am beatha nan gràs, bithidh a thoradh ‘na aran na beatha d’ an anamaibh truaighe gun treoir. Tha an lìlì tlaichdmhoir do ‘n t-sùil, cùbhraidh, agus min, ach mu ‘n droigheann eha ‘n ‘eil so fior. Tha gràs Dhé aig na fior chreidich, agus nàdur nuadh a tha ‘na thaisbeanadh fein ‘nan cathe-beatha, ‘s na giùlain. Tha a nadur naomh, ‘s tha an cathe-beatha a réir an t-soisgeil. Mar a dh’ aithnichear le fhàile ciod e an stuth a tha ann an an soitheach, mar sin aithnichear le ‘bhriathraibh, is le ghùilain, ciod e an gnè spioraid do ‘m bheil duine. Ma tha duine ann an Crìosd is creutair nuadh e, agus tha a ghiomhara comh-fhreagaireadh ri ‘nàdurra. Theid a’ t-uair a dh’ ionnsuidh an fheòir agus an tuning do ‘n uisge, oir ‘se so an nàdur; ach taisbeanadh an sionnach a dheigh air fùil. Tha an nadur, agus na gniomhara a tha a’ sruthadh uaith, maiseach agus tlaichdmhor mar an lìlì; ach tha na h-aingidh mar an droigheann; cha bhui thu dhoibh gun chròm dhuit fein. Is mòr an t-eadar-dhealachadh a tha eadar an lili’s an droigheann; agus mar is faisge iad air a chéile ‘s ann is soilleire bhitheas so. Shaoileadh thu gu ‘m bitheadh deadh bhuaidh aig eiseamplair mhaith a’ chreidich air an aingidh, ach cha ‘n e so idir a chi sinne a’ tachairt. Oir ged a bha Lot a’ gabhail còmpaich e iad. Nochd Noah mar an ceudna eiseamplair mhaith do ‘n t-sean saoghal. Bhá iad sin mar na lilidhean am measg droighich, agus gidheadh an deadh eiseamplair bhuanach na h-aingidh nan aingidheachd. Bithidh an droigheann ‘na droigheann dhain-dheoin cho dluth ‘s a bhitheas e air an lili. Feudaidh thu aolach a chur ri ‘bhun, agus mòr shaothair a’ chathamean air, ach cha dean sin a chaoithd lili de ‘n droigheann; mar an ceudna feudaidh thu muinntir a’ sgitheachadh le ùrnuighean ‘s searmoinean, feudaidh thu oirdheirceas subhailce, agus uamhasan an lagha agus geallaidhean priseil an t-soisgeil a chur ri an aghaidh, ach cha ‘n eil iad san ach na ‘m peacach neo-iompaichte—na droigheann. Ach thoir fainear briathra an t-Slànughear ag radh A Ghraadh ris an lili, a tha e faicinn ann am measg an droighich. Tha a shùil air a shluagh ann am measg an t-saoghal aingidh agus thruailidh, ge be air bith a their daoine mu ‘n timchioll.