Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1925 » April 1925 » Searmoínean leis an Urramach Flonghas MacMhaoláin: Searmoin IX. “Agus air grádh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eólas.”—Ephesianaich, iii. Caib., 19 Rann

Searmoínean leis an Urramach Flonghas MacMhaoláin: Searmoin IX. “Agus air grádh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eólas.”—Ephesianaich, iii. Caib., 19 Rann

(Air a leantuinm o t.-d. 431.)

2. Tha feum air solus agus teagasg an Spioraid Naoimh, a bharr air solus an t-soisgeil, chum daoine thoirt gu eólas slainteil air gradh Chriosd. Feudaidh solus an t-soisgeil a bhi dealradh, an soisgeal a bhi air a shearrmonachadh gu treibhdhíreach, agus tomhas mór do eólas litireil a bhi air a chraobh-sgaoileadh a’ measg dhaoinne, far nach ‘eil an tomhas as lugha do eólas spioradail agus tearnaidh. Feudaidh teagasg dhaoinne, teagasg ministeirean, agus leabhraichean maith, daoine thoirt gu eólas cinn air nithe spioradail; ach tha teagasg an Spioraid Naoimh gu neofhailnichte feumail, chum an toirt gu eólas tearnaidh air gradh Chriosd. Bha tomhas àrd do eólas litireil aig Pol air focal an Tighearna, anns a cheart àm an robh e air boil le naimhdeas an aghaidh Chriosd; agus tha tomhas àrd do eolas cinn air firinnibh an t-soisgeil aig na múltibh air an là ‘n dàugh, a tha ‘nan naimhdean do chrann-céus-aidh Chriosd. Uime sin, tha e soilleir, nach dean ministreileachd an fhocal, as eugmhais teagasg an Spioraid, daoine thoirt gu eolas slainteil air na nithe a bhuineas d’ an sìth; cha ‘n ‘eil fuil agus feòil comasach na nithe so fhoillseachadh, air doigh éiteachdach, do intinnibh dorcha dhaoinne. Ach an uair a tha ‘n soisgeul air a shearmonachadh leis an Spiorad Naomha air a chuir a nuas o neamh, tha mothachadh spioradail air a thoirt do dhaoinibh air ole a pheacaiddh, air an staid chaillte mar pheacaich, agus air am feum air Críosd mar Shlànugheair; agus tha ‘m mothachadh so a dùsgadh suas iomaguin, agus cùram ‘nan cridheachan mu thimchioll slàinte ‘n anama féin, ionnus gu bheil iad ullamh gu bhi cuir na ceisd chudthromach so, “Ciod a ni sinn gu bhi air ar tearnadh?” Ach cha ‘n ‘eil an Spiorad Naomha stad aig a phuing so, oir tha e giùlan air aghaidh obair mhaith féin beagan ni ‘s fhaide fathasd, tha e fosgladh na tuigse, a soillseachadh na h-inntinn, agus a dealrachadh a steach anns a chridhe gu saor, le eòlas air gradh do-labhairt an Tighearn Iosa Críosd. ‘S ann an cuideachd gràs iompachaidh, a tha eòlas slaint-eil air gradh Chríosd a teachd a steach do ‘n anam; tha ‘n gradh a bha roimhe air fhoillseachadh o ‘n leth a mach, trid ministreileachd an fhocail, a nis air fhoillseachadh san leth a steach, air a dhortadh anns a chridhe, trid an Spioraid Naoimh. Tha eòlas aig gach fior iompachan air gradh Chríosd, cha ‘n e mhain o na nithibh a chual e, ‘s a leugh e, ‘s a dh’ aithris muinntir eile dha mu thimchioll, ach o fhaireachdainn féin; oir bhlais e ‘na anam féin so maith, ‘s co milis, ‘s a tha toradh a ghraidh so.

3. ‘S e dleasdanas pobuill Dé a bhi gu díchiollach, durachdach, ag iarraidh eòlas àrd air gradh Chríosd. Bha tomhas pailt do eòlas aig Pòl air Crìosd, agus air luachmhoireachd a ghraidh, an uair a sgrìobh e ‘n litir so; agus bha tomhas do eolas aig na Ephesianaich, a dh’ ionnsuidh an dò sgrìobh e, air a ghradh cheudna; ach bha ‘n t-Abstol a tagair gu dùrachdach, gu deonaicheadh Dia dhoibh tomhas a b’ àirde, agus tha e cinnteach gu ‘m b’e ‘n dleasdanas féin, agus gur e dleasdanas deisciobuil Chríosd anns gach linn, a bhi gu dùrachdach ag iarraidh tomhas àrd do’n eolas cheudna. Thaisbean Críosd a ghradh do shloichd ciontaich Adhamh, le e féin írioslachadh, le theachd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so, a dh’ iarraidh, agus a thearnadh an ni a bha caillte,—thaisbean e ghradh ann an umhlaichd do ‘n lagh, anns an lagh a choimhlionadh, agus àrdachadh ann an àite a phobuill,—thaisbean e ‘ghradh ann a fhuilangasaibh, anns na nithhe geur, agus amhgarach a dh’ fhuilng e ‘na anam, ‘s na chòrp, air son peacanna a shluaigh,—agus thaisbean e ‘ghradh le fiachan a phobuill a phaigheadh, agus ann an saorsa shiorruidh cheannach dhoibh-san le cosd co mòr dha féin. O ‘s iongantach an dearbhadh a thug Críosd air a ghradh d’ a phobull anns na nithibh so. Ach tha e foillseachadh a ghraidh, mar an ceudna, ann an oibríbh a ghràs, ann a bhi dùsgadh, ag iompackadh, agus a cruinneachadh d’ a ionnsuidh féin, na muimtir air son an do dhoirt e fhuil, agus a leag e sios a bheatha; agus tha e ga fhoillseachadh le bhi glanadh, ‘s a naomhachadh a phobuill, agus gan ullachadh o la gu la, air son sonas buan anns an t-saoghal ri teachd. Ach tha àirde agus doimhne, fad agus leud, anns a ghradh a tha air fhoillseachadh anns na nithibh so gu léir, a chaidh thar gach uile eolas, nach comasach creutair sam bith anns a chruthachd a lan rammsachadh, no thuigsinn, no luadh. Gidheadh tha ‘n Spiorad Naomha faicinn, a tuigsinn, agus a rammsachadh nithe doimhne. Dhé, agus comasach an dean-amh aithnichte do ‘n dream as isle tomhas do ghibhtibh nadurra ann an teaghlach Chriosd. Uime sin, do bhrigh gu bheil an Spiorad Naomha comasach eolas árd a thoirt dhuinn air nithe diomhair Dhé, ‘s e ar dleasdanas, agus ar gliocas, a bhi gu durachdach ag iarrdaidh gu fosgladh e ar tuigse, gu soillsicheadh e ar n-intinnean dorcha, agus gu ‘n d’ thugadh e dhuinn eolas árd, farsuing, spioradail, air gradh do-labhairt Chriosd, chum ‘s gu ‘m bi sinn a tuigsinn, o ar faireachdainn féin, co maith ‘sa tha toradh a ghraidh a chaidh thar gach uile eolas.

4. ‘S ann ann an gràs iompackaidh, a tha toradh graidh Chriosd an toiseach air a chompartachadh ri anam-aibh dhaoinne, agus uime sin, tha àm iompackaidh air a ghairm, anns na sgriobtuiribh, “àm a ghraidh.” Tha e ‘na àm anns am bheil gradh Chriosd air fhoillseachadh, agus air a dhortadh ann an cridhe ‘n fhiar iompackain leis an Spiorad Naomha, agus tha e, mar an ceudna, ‘na àm, anns am bheil gradh do Chriosd air a bheothachadh, agus air a lasadh suas ann a chridhe, a tha ga chomh-éigneachadh-gu bhi beò dha-san a bhasaich air a shon, agus a dh’ éirich a ris. Tha gradh ‘na ni ‘a tha cosnadh graidh. Ghradhaich Criosd an eaglais, mar a ghradhaich e anam féin, agus tha gradh Chriosd a cosnadh gradh na h-eaglais, a tarruing cridheachan agus aignidhean a phobuill d’ a ionnsuidh féin. Thaisbean Criosd a ghradh air doigh shonruichte do ‘n bhana-phemach mhoir, a nigh a chosan le a déuraibh, agus a thiormaich iad le folt a cinn. Bha bhean so ro-thairseach air son lionmhoireachd a peacanna; ach thaisbean Criosd a ghradh agus a thròcair, ann a peacanna bha lionmhor a mhaithdeadh dh’ ith; agus uime sin, ghradhaich i gu mòr, bha ‘cridhe leaghadh, agus a lasadh, le teas ghradh do Chriosd. Thaisbean Criosd a ghradh, air doigh araidh, do Abstol mòr nan Cinneach, an uair a ghairm se e o dhorchadas gu solus, agus bha ‘n gradh so na aobhar iongantais, agus taignealachd do ‘n Abstol rò aimsir a chuairt air an talamh. Ann a staid neo-iompaichte, bha Pòl ‘na dhuine eucorach, ri geur-leanmhuinn, agus a labhairt toibheun, ach fluair e trócair, agus bha e ga fhaicinn féin gach la an comain Chriosd air son na trócair so. Uime sin, ghradhaich e gu mór, agus bha ‘ghradh ga chomh-eigneachadh, ga dheanamh toileach, catheadh, ‘sa bhi air a chaiththeadh, ann an seirbhís an Ti a ghradhaich e, ‘sa thug e féin air a shon. Tha na h-uile dhaoiné gu nadurra, fuar, falamh do ghradh spioradail; ach an uair a tha peacaich air am fiosrachadh le gràs iom-pachaidh, agus air an soillseachadh ann an eòlas air gradh do-labhairt Chriosd, tha ‘n cridheachan a gabhail teas, agus a lasadh le gradh d’ am Fear-saoraidh, a tha ‘g an deanamh toileach a chuingé a ghabhail orra, agus a lean-tuinn tre mhi-chliù, agus tre dheadh chliù, gu uair am bàis. Agus ‘s ann mar as mo tha gradh do Chriosd a lasadh, agus a rioghachadh ‘nan cridheachan, is tograchta tha iad gu dol a dh’ ionnsuidh an dachaidh bhuain, chum a bhi gu siorruidh maille ri cuspair an gradh.

1. Anns a cheud àite, feudaidh sinn gradh do-labhairt Chriosd d’ a phobull fhoghlmh o ‘n teagasg so. Ghradhaich Chriosd a phobull le gradh neo-chriochnach, le gradh anns am beil àirde agus doimhne, fad agus leud, a tha dò-rannsachaidh do chreutair sam bith, le gradh a tha co fad ‘sa ta o blith-bhuantachd gu bith-bhuantachd, a tha ni ‘s farsuinge na ‘n saoghal, ni ‘s àirde na na neamhan, agus a tha co domhain as gu bheil e saoradh nan ciontach o dhol sios do ‘n t-slochd is isle th’ ann. Ghradhaich, e iad le gradh a tha saor, a tha fial, a tha durachdach, agus neo-chaochlaidheach, le gradh nach comasach creutair sam bith anns a chruitheachd, a lan rannsachadh, no thuigsinn, no luadh.

2. ‘S ann le mòr iongantas a thigeadh dhuinn a bhi beachdachadh air gradh Chriosd d’ a phobull. Ged nach ‘eil sinn comasach air a ghradh so a lan rannsachadh, gidheadh, feudaidh sinn a bhi beachdachadh air le sùil a chreidimh, gus an gabhl ar cridheachan teas, gus an las iad le gradh dha-sam is maisiche na clann nan daoine, agus a tha gu h-ìomlan ionmhuinn. Bha gradh Chriosd na aobhar iongantais anns an eaglais o linn gu linn. Tha e ‘na aobhar iongantais gu ‘n do ghradhaich e creutairean co ciontach, truailidh, agus neo-airidh ri slioichd Adhamh; tha e ‘na aobhar iongantais gu ‘n do bhuanaich a ghradh gum atharrachadh no sgàile tionndaidh, fo gach aobhar brosnachaidh a dh’ fluiling e o dhaoiné ceannaireach anns an t-saoghal so; agus tha e ‘na aobhar iongantais, agus ‘na ni a tha moladh a ghraidh gu ro mhòr, gu ‘n d’ fluiling e ‘m bàs air son a phobull, an uair a bha iad fathas d’nam peacaich, agus neo-airidh air an trócair as lugha.

3. ‘S e ar dleasdanas a bhi gu dúrachdách a tagair Dia, gu soillseachadh e ar n-intinnean doreha ann an eólas air g radh do-labhairt Chriosd. Tha e flor, cha ‘n ‘eil neach sam bith air thalamh comasach air gradh Chriosd a rannsachadh gu h-iomlan a mach; gidheadh ‘s e ar dleasdanas a bhi gu díchiollach ag iarraidh eólas ard, agus spioradail, air a ghradh so, agus le bhi air ar gnáthachadh air an doigh so, fó sheòladh an Spioraid Naoimhe, feudaidh sinn a bhi fàs ann an eólas air a ghradh a chaidh thar gach uile eólas. Tha àirde, agus doimhne, fad agus leud, ann an oibríbh faicsinneach na cruitheachd, nach comasach neach sam bith am faotaínn gu h-iomlan a mach; gidheadh, cha do sguir daoine o bhi rannsachadh nan oibríbh so. Tha mòran do dhaoinibh foghluinte an t-saoghail, mar gu ‘m b’ ann, gun fhois, a streap suas gu tomhas as àirde do eólas air na h-oibríbh mòr agus iongantach so, agus tha gach tomhas do eólas nuadh a tha iad a faotaínn orra, ‘na aobhar uaill, agus gairdeachas ‘na’ measg; ach, O mo chairean, cha ‘n ‘eil eólas air ni sam bith talmhaidh, no faicsinneach, r’ a choimeas ri eólas air gradh do labhairt Chriosd. Tha buannachd, tha tairbh do ‘n anam neo-bhasmhor anns an eólas so, os ceann gach eólas eile as urrainn dhuinn ainmeachadh, na chuir an ceill. Uime sin, iarramaid le dúrachd cridhe, bhi fàs ann an eólas air Críosd agus air a ghradh, gus am bi tomhas neoiomlan an t-saoghail a ta lathair, air a shlugadh suas le tomhas iomlan an t-saoghail ri teachd.

4. Tha e feumail dhuinn, mar an ceudna, bhi ‘g iarraidh le dúrachd cridhe, gu ‘m bitheamaid air ar deanamh ‘nar luchd-compairt do thoradh a ghraidh so. Tha toradh a ghraidh so gu sonruichte a comh-sheasamh anns an t-saorsa cheannaich Críosd air son a phobuill, agus tha ‘n t-saorsa so air a compairteachadh ri anamaibh ciontach dhaoinne, tre oibreachadh an Spioraid Naoimhe. An uair a tha peacaich air an gairm gu h-éifeachdach, air an aonadh ri Críosd, agus air an sgeudachadh le a fhíreantachd, tha iad cheana, ann an tomhas éigin, ‘nan luchd compairt do ‘n t-saorsa so. A nis, tha e feumail dhuinn uile bhi rannsachadh, le mòr churam, an robh sinn féin fathast air an deanamh ‘nar luchd-compairt do na nithe so. Cha bhi tairbh sam bith dhuinn anns an t-saorsa cheannaich Críosd, mur bidh i air a compairteachadh, mur bi sinn air ar n-ionnlaid, air ar fireanachadh, agus air ar naomhachadh ann an ainm an Tighearn Iosa, agus trid Spiorad ar Déne. Uime sin, thugmaid an aire nach bi sinn toilichte le ainn, le aideachadh, le coslas, no le sochair sam bith o ‘n leth a mach, as eugmhais toradh spioradail a “ghraidh a chaidh thar gach uile eólas.”

5. Tha e feumail dhuinn a bhi ‘g iarraidh, le mòr dhùr-achd, gu ‘m biodh gradh Chriosd air a dhòrtadh ann ar cridheachan trid an Spioraid Naoimhe, chum ‘s gu ‘m bi eòlas againn, o ar faireachdainn féin, air a ghradh a tha ni ‘s fearr na fion sam bith; agus chum ‘s gu ‘m bi e gar comh-éigneachadh gu bhi beò do Chriosd, agus g’ ar dean-amh toileach an t-Uan so leantuininn, ge b’ e àite an teid e, gus an croichnaich sinn ar turus air an talamh. Amen. (Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice