Searmoin X. – “Co d’ an aithne neart t-fheirge, agus a reir t-eagail do chorruich.” (xc. Sailm, 11 Rann.)
(Air a leántuin o t.-d. 34.)
II.
Theid mi nis air m’ aghaidh gus an dara ceann teagaisg, le bhi toirt fa’near, nach ’eil creutair sam bith comasach seasamh roimh chumhachd feirge Dhé.
1.
Anns a cheud àite, ’s ann an aghaidh nan aingeal a thuit, a bha fearg Dhé an toiseach air a foillseachadh. Thaisbean Dia fhuath do ’n pheacadh, le bhi ga thoirmeasg mu ’n robh e idir ann; ach bha chorruich folaichte; cha ’n fhacas a riamh fearg ’na dheadh-ghnuis, a tha lán do ghlòir, gus an do thog am peacadh a cheann. Ach co luath ‘s a dh’ fhuaraich gradh nan aingeal a thuit, co luath ‘s a threig iad tobar nan uisgeachan beo agus a rinn iad ar-a-mach an aghaidh an Cruith-fhir, bha e air a bhrosnachadh gu feirg, chaidh deatach as a shroin a mach, agus loisg a chorruch ‘nan aghaidh, cho dian, a’s nach fheudadh iad air chor ‘sam bith seasamh. Dh’ fhuadaich Dia a mach iad o sholas, agus o sholas nam flaithéis; thilg e sios gu h-ifrinn iad, agus chuir e ann an slabhraidhibh dorchadais iad, fa chomhair breitheanais an là mhoir. Tha e fior, cha ‘n ‘eil peanas nan deamhan co mòr, cha ‘n ‘eil fearg Dhé ‘na luidh co trom orra, ‘san àm a ta, ‘sa bhitheas e an deigh là a bhreitheanais; gidheadh, tha Dia ann an corruich riu gach là, tha fhearg a gabhail comhnuidh orra. Tha iad mar cheannaircich ann an geimhlíbh, a cuir seachad na h-aimsir a ta làthair, le duil eagalach ri là a bhreitheanais, ris an fhearg theinteach a sgriosas iad fa-dheoidh mar eascairdean. Tha fios gu ro mhaith aca féin, gu bheil corruich Dhè an tòir orra, tha iad a creidsinn, agus a criothnachadh roimh an fhearg a ta ri teachd, a thig orra gus a chuid as fhaide aig là a bhreitheanais, agus a chlaoideas iad gu siorruidh ann am priosan an ea-dòchas.
2.
Tha e soilleir gu ‘n do luidh fearg Dhé gu trom air anam an Tighearn Iosa Críosd, an uair a sheas e mar urras an àite nan ciontach, agus a ghiulan e peacann’ a phoibull ‘na chorpr féin air a chrann. Bha ‘n Tighearn Iosa Críosd air ‘bhreith saor o pheacadh, agus bhuanach e naomha, neo-lochdach, agus dealaichte o pheacadh, fad aimsir a chuairet air an talamh. “Cha d’ rinn e peacadh, agus cha d’ fhuaradh cealg ‘na bheul;” agus uime sin, cha ‘n fheudadh e peanas air bith fhuallang air son aon lochd a rinn e féin a riamh. Ach cha b’ ann air son a pheacanna féin, na gu h-àraidh air son a bhuanachd féin, a dh’ fhuiling Críosd, ach air son peacann’, agus buannachd a phoibull. “Dh’ fhuiling am firean agus air son nan neofhirean, chum gu ‘n d’ thugadh e sinne gu Dia;”-bhàs aich e air son nan ciontach, agus dh’ èirich e ris chum am fireanachadh. Ach ged bha Críosd saor o pheacadh gin agus gniomh, gidheadh, cha robh e o pheacadh mar urras; oir bha peacanna nan daoinne taghta gu h-iomlan air a’ meas dha le àrd-Bhreitheamh còthromach na cruith-eachd: agus bha iad air a’ meas dha, ‘s air an leagadh air, chum ‘s gu fuillingeadh e teas na feirg a thoill iad gus a chuid a b’ fhaide. ‘S ann fo chudthrom na feirg so, a bha anam Chríosd air a bhruthadh, is air a dheanamh ro bhrònach, eadhon gu bàs. Ciod a b’ aobhar d’ a chruidh-ghleachd, d’ a fhallas fola, agus d’ a àrd éigeach maile-ri deuraibh, ann an gáradh Ghetsemane, ach teas na feirge so? Tha e soilleir, nach robh laimh creutair faicsinneach air bith a beantainn ri Críosd aig an àm so, oir cha do thuit e fathasadh ann an lamhan aingidh dhaoiné; ach mur robh lamh creutair faicsinneach sam bith a beantainn ris, bha lamh an Dé neo-fhaisinnich a beantáinn ris gu ro gneur; oir thoilich an Tighnearn a bhruthadh an uair a rinn e anam ‘na iobairt reitich air son peacann’ a shluagáigh. Bha ‘n cupan a fhuair Críosd r’ a òl an àite a phobuill, ‘na chìùpan ro shearbh, ‘na chìùpan a bha neo-mheasgta leis a bhraon a bu lugha do chomhfhurtachd sam bith; oir anns a cheart àm an robh a chorp air a lot, s’ air a bhruthadh gu ro amhgharrach, bha anam ro bhronnach, agus a chridhe leaghadh mar chéir fo theas na feirge a thoill peacann’ a phobuill. Aig an àm cheudna, bha gnuis Athar air a folach uait, agus bha e air fhagail ann an tigh dhrochadas, ag éigheach a mach, “mo Dhia, mo Dhia, ciod uime thréig thu mi?” Fhuair Críosd dearbhadh ro gneur, a fháireachdáinn féin, nach ‘eil creutair sam bith comasach seasamh roimh chumbachd feirge Dhé.
3.
An uair a tha mothachadh air corruich Dhé, eadhon ann an tomhas beag, a deanamh greim air coguiseam ciontach dhaoiné, tha iad anns a choitichonn air an claoidh, is air am bruthadh le diobhail misních? “Spiorad leòinte,” deir an duine glic, “co dh’ fheudas a ghùlan?” Tha mòran do luchd-àiteachaidh an t-saoghail so, a cuir seachad an laithean ann an neo-chùram, gun mhothachadh air cunnart a staid mar pheacaich agus gun eagal Dia fa chomhair an sùl. Tha na Cinnich aineolach anns a choitichonn, a caithdeadh am beatha gun umhail, gun chùram, gun eagal sam bith roimh ‘n fhearg a ta ri teachd; agus tha moran do luchd-éisdeachd an t-soiseigil a deanamh miodal riu féin le dòchas faoin, agus a cur seachad an annsir aig fois ann an Sion. Tha aobhar eagail mar an ceudna, gu bheil a chuid as mo do shluagh an t-saoghail, eadar Iudhaich is Chinnich, a buanachadh anns an anamothachadh so, gus am bheil iad air an dusgadh fa’dheoidh leis a chnuimh nach bàsaich, agus leis an teimne nach fheudar a mhùchadh. Gidheadh, tha e ‘na ni cinnteach nach ‘eil an t-iomlan do shlìochd Adhamh a dol troimh an t-saoghail, agus a fagail an t-saoghail, as eugmhais tomhas sam bith do agartas coguis. Cha luaite a dh’ i’th an ceud Adhamh am meas toirmeasg’, na dh’ éirich a choguis féin ‘na aghaidh, agus rinn an t-eagail anns am bheil pian, a chlaoidh gu goirt. Cha robh e ni b’ fhaide comasach seasamh suas le misneach, no amhairc le muinghin, a dh’ ionnsuidh an Dé mhòir an aghaidh an do pheacaich e; agus co dh’ fheudas a radh, ciod a dh’ fhuilg e o agartus a choguis féin, mu ‘n d’ fhag e saoghal na truailidh-eachd so? Tha e ‘na ni cinnteach gu ‘n d’ fhuilinn mòran do phobull an Tighearn air an doigh so, cha ‘n e mhain an uair a bha iad an toiseach air an dùsgadh, agus fo mhothachadh geur air an staid chailte, ach iomad là an deigh dhoibh a bhi air an gairm o dhorchas gu solus. Dh’ fhuilinn Iob, is Daibhidh, is Heman, agus mòran eile, gu ro gheur, fo eagal feirge, fo agartas coguis. Ach co a dh’ fheudas a thugsmn, ciod a dh’ fhuilinn mòran do na h-aingidh, ciod a dh’ fhuilinn Cain, is Saul, is Iudas, agus na miltean a bharr orra-san, fo eagal feirge an uile Chumhachdaich? Tha coguisean cuid do dhaoine aindiadhaidh a dusgadh o codal trom a pheacaideh air leabadh am bàis, agus gan lionadh le mòr eagal, agus ball-chrith. Thachair so gu tric do mhealltairibh a thréig an creidimh, agus a thog an sail an aghaidh Chriosd, an deigh dhoibh aideachadh follaiseach a dheanamh air diadhachd: agus thachair e gù tric, mar an ceudna, do luchd geur-leanmhuinn, a rinn am peacanna dearg mar sgarlaid, le bhi dortadh ful nan naomh. Is tric a fhuair cuid do ‘n t-seorsa so, mu ‘n d’ fhag iad an saoghal a ta làthair, dearbhadh geur o ‘m faireachdaimn féin, nach ‘eil creutair sam bith comasach seasamh fo chumhachd feirge Dhé.
4.
Anns an àite mu dheireadh, tha corruich Dhé a leantuinm peacaich neo-iompaichte as an t-saoghal so, a dh’ ionnsuidh saoghal nan spiorad, chum an claoich tre bhith-bhuiantachd ann an ionad na dòrainn. Tha peanas nan aing’each ann an ionad na dòrainn, folaichte o ar stilibh-ne, co fhad ‘s a tha sinn ‘n ar comhnuidh air that-amh. Tha brat tiugh eadar sinne agus iadsan, a tha ‘g an drituideadh a mach as ar sealladh, chor ‘s nach ‘eil sinn a faicinn meud an truaighe, na cluimtinn gaoir an amhghair: ach tha focal Dé a toirt solus, agus eolas dhuinn air na nithe nach fhaca sùil, agus nach cuala cluas. Tha ‘m focal so ag innseadh dhuinn gu soilleir, gur ann san t-saoghal ri teachd, a thig fearg Dhé air na h-aingidh gus a chuid as fhaide. “Na biodh eagal oirbh,” a dubhairt Criosd r’ a dheisciobluibh, “roimh ‘n mhuintir a mharbhas an corp, agus ‘na dheigh sin, aig nach ‘eil tuille dh’ fheudas iad a dheanamh; ach biodh eagal an ti ud oirbh, aig am bheil cumhachd, an deigh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinm: seadh, a deiream ribh, biodh eagal an ti ud oirbh.” Tha na briathra so teagasg gu soilleir, nach ‘eil ach ni faoin, ni eutrom, ann an amhghar sam bith a dh’ fheudas daoine fhalang air thalamh, ann an coimeas ri piantaibh ifrinm. Is tric a dh’ fhuilinn mòran do na naomh bàs ro amhgharach, o luchd geur-leanmhuinn; ach cha b’ urrainn luchd geur-leanmhuinn tuille dheanamh na’n corp a mharbhadh. Dh’ fheudadh iad an corp a bhruthadh, a reubadh as a cheile, na logadh le teine, mar rimneadh air mòran do fhanuisibh Chriosd ann an amannaibh geur-leanmhuinn; ach tuille cha robh nan comas a dheanamh. Co luath ‘s a bha ‘n corp marbh, bha iad reidh ‘san t-anam. Cha ‘n ‘eil ag* sam bith, nam biodh ‘nan comas nach pianadh iad an t-anam co maith ris a chorp; seadh, nach pianeadh iad an t-anam an deigh do ‘n chorp a bhi marbh; ach ‘s ni so a bha thar an comas; oir co luath ‘s a bha ‘n corp marbh, chaidh an t-anam gu glan as an lamhan, a dh’ ionnsuidh baile taimh is fois, far nach bu chomasach do namhaid air bith a leantainn, na chìurradh, trid saoghal nan saoghal. Ach cha ‘n ‘eil amhghar nan aing each ach a tòiseachadh aig uair a bhàis; oir an deigh do Dhia an cuirp a mharbhadh, tha e tilgeadh an anaman a dh’ ifrinn, far nach bàsaich an enuimh, agus far am bi toinn an deigh tonn, do theine loisgeach a chorruch, a rolladh tharta, agus gan claoidh, trid linntfènn na bith-bhuantachd.
III.
Tha mi nis gu bhi labhairt air an treas ceann teagaisg, le bhi toirt fa’neur, gu bheil corruich Dhé na h-aobhar eagail ro mhòr do na h-uile dhaoinibh mar pheacaich.
1.
Anns a cheud àite, ‘s e ciont’ a pheacaidh a’ ni àraidh a tha fàgail dhaoinne buailteach do eagal feirge. Thuit eagal féirge air a cheud Adhamh co luath ‘sa pheacaich e. Co luath ‘sa dh’ ith e ‘meas toirmeasgta, dh’ fhàs an creutair neo-chiontach ‘na chreutair ciontach, chunnaic se e féin lomnochd, agus chriothaich fheòil le eagal roimh chorruch a Chruthfhir. Uime sin, thug e oidheirp fhaoin air teicheadh, agus e féin fholach a ‘measg craobhan a ghàraidh. An uair a thainig Dia a nuas air sliabh Shinaí, agus a thaisbean se e féin do chloinn Israel a meadhon deataich, is teine, agus tairneachaich, chriothaich an sliabh, agus chriothaich an sluagh-tharruing an sluagh air an ais o bhonn an t-sliabh, agus sheas iad fad as air chrith le h-eagal. Bha iad ‘nan sluagh ro cheannairceach, ro chiontach, agus dh’ fhag so iad buailteach do agartas coguis, agus do eagal feirge. Dh’ fhag ciont’ a pheacaidh mòran do shliochd Adhamh, o linn gu linn, làn do iomaghun, agus do eagal feirge, air leabadh am bàis. Bha fios aca roimh laimh gu robh iad buailteach do ‘n bhàs; ach cha robh iad a saoilsmn gu robh am bàs co dlùth, no gu ‘n d’ thigeadh e co luath, agus uime sin, bha iad a deanamh miodal riu féin, le bhi gealltainn gu ‘n deanadh iad aithreachas, agus ullachadh air ceann a bhàis, an uair a gheibheadh iad àm iomchuidh air an son. Ach mu ‘n d’ thainig an t-àm iomchuidh so, thainig teachdaire a bhàis, chum an toirt an làthair cathair breitheanais. Tha iad a nis an sàs aig a bhàs, gun dol as aca; agus tha iad mar an ceudna, an sàs aig an eagal. An uair a dh’ amhairceas iad air an ais, agus air an aghaidh, cha ‘n ‘eil ach aobhar eagail rompa ‘s nan deigh; tha iad a nis ann an imcheist mhòir, oir dhearmad iad an obair là, gus an d’ thaimig an oidche anns nach léir obair a dheanamh. Tha ‘n obair ullachaidh uile r’ a deanamh, an uair a bu choir dhi ‘bhi crochnaichte; agus tha na h-uile nithe a h-ordugh co mor, as nach maith a tha fios aca ciod air an toir iad lamh an toiseach. Tha iad a tionndadh a null, agus a nall, ‘s ag amharc mu ‘n timchioll, ach co do na naoimh a ni cobhair orra, na bheir dhoibh roinn do ‘n ola? ach ‘s ni so nach ‘eil aig na naoimh as inblich a ta air thal-amh r’ a sheachnad. Feudaidh iad a radh riu, “tachaibh chum an luchd reic, agus ceannaichaibh dhuibh féin;” ach mo thruaighe! tha iad a nis co ammhunn, agus co uall-aichte le tìneas, as nach urrainn iad ni sam bith a dheanamh. O ciod a bheireadh iad a nis, air son beagan tuille neart, agus beagan tuille ùine, a dh’ ullachadh air ceann na siorruidheachd mhòir! Ach tha croich an turuis aig laimh, tha ‘m bàs a teannadh orra gu cas, tha ‘n cridhe air chrith, tha ‘n cuisle fàs iosal, tha ‘n teanga call a luth agus tha ceo a bhàis cheana air an stùlean. O, tha iad a nis anns na h-uspagan deireannach, a toirt suas an deò, agus a dol gan àite féin. “Is beannachtae na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna,” ach, O truaighe do labhart na muimtir a tha air an glacadh leis a bhàs. ‘nan coigich do ghràs tearnaidh, do choir shlàinteil anns an Tighearn Iosa Crìosd! B’ fhearr dhoibh nach beirt a riamh iad.
2.
Bithidh là a bhrèitheanais, an uair a thig e, ‘na aobhar eagail ro mhòr do na h-àingidh uile. Tha là a bhrèitheanais gu tric ‘na aobhar eagail do dhaoinibh mì-dhiadhaidh anns an t-saoghal so féin. An uair a reuson-aich Pòl mu thireantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, an làthair an uachdarain Romhanaich Felics, ghabh Felics eagal, bhual a choguis e, agus criothnaich fheòil, le h-eagail roimh cheart-bhrèitheanas Dé. Tha e soilleir gu bheil peacaich neo-iompaichte anns a choitenionn, ‘nan còdal gu trom ann an ana-mothachadh, a thaobh cunn-art ar staid anns an t-saoghal a ta làthair; gidheadh, cha ‘n ‘eil an t-iomlan dùibh a dol troimh an t-saoghal, agus a fagail an t-saoghail, as eugmhaireagail. Tha cuid, an uair a tha iad fo theagasg bagarach, an uair tha tairneach an lagha, agus dòrainn ifrinn air an seirm ‘nan cluaisibh, a tha da rireadh a criothnachadh le h-eagail, agus tha cuid a-dol a dh’ ionnsuidh a bhàis le dùil eagalach ris an fhearg theinteach a sgriosas na h-eascairdean. Ach bithidh là a bhreitheanais ‘na aobhar eagail do na h-aingidh uile, eadar bheag is mhòr, eadar àrd is òsal, anns gach àite do n talamh. Thig an là so gu h-obain, agus bithidh e air fhoillseachadh mar an ceudna, le mòran do chomharaibh eagalach air corruich an uile Chumhachdaich an aghaidh a naimhdean. Ni ‘n trompaid dheireannach fuaim ro àrd, agus ruigidh a fuaim crioch an t-saoghail, grunnnd a chuan, agus eridhe na talmhainn. ” Duisgidh na mairbh, agus thig iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole chum aiseirigh an dam-naidh.”
Thig na h-aingidh uile a mach as an uaighibh, le coguis chiontach, agus an uair a dh’ amhairceas iad suas agus a chi iad am breitheamh còthromach ‘na shuidhe air a righ-chaithir mhòr gheal, tuitidh uamhain an dara bàis gu sonruichte air an anamaibh. ” Chi gach sùil e,” deir an t-Abstol, “agus iadsan mar an ceudna lot e; agus ni uile threubha na talmhainn caoidh air a shonsan.” Ciod e aobhar na caoidh, na toirm bhròin so a chluinneam am fad ‘s am fagus air aghaidh an t-saoghail? Tha eagal peanais, eagal teachd an làthair a bhreitheamh,-“do bhrigh gu ‘n d’ thainig là mòr fheirge-san, agus co dh’ fheudas seasamh.” B’ fhear leis na h-aingidh an cinn chiontach fholach anns an uaigh, no ann an slochd dorcha éigin fo ‘n talamh, na teachd an làthair a bhreitheamh; ach cha ‘n ‘eil dol as aca, oir is eigin doibh uile bhi air an nochdadh an làthair cathair-breitheanais Chriosd, far am faigh gach neach a reir a ghniomhara. Ged ghlaodhas iad gu h-ard ris na sleibhtibh, agus ris na creagaibh, tuiteam orra, agus am folach o ghuis an Ti a bhios ‘na shuidhe air an righ-chaithir, agus o fheirg an Uain, cha ‘n fhaigh iad éisdeachd sam bith. Tha na h-angil cheana mu ‘n timchioll, gan iofan o cheithir àirdibh na talmhainn, an làthair a bhreithibh mhòir, chum ‘s gu faic gach sùil, nach fol ‘chear beud air-san, agus gu ‘n cluinn gach cluas a bhreith còthromach, neo-chlaon, a thig a mach as a bheul.
3.
Bithidh obair là a bhreitheanais, mar an ceudna, na h-aobhar eagail ro mhòr do na h-aingidh. An uair a tha ceannairceach air a ghairm gu cuantas an làthair bhreitheamh talmhaidh, agus cuis-dhitidh chudthromach ‘na aghaidh, tha e anns a choitchionn, fo thomhas éigin do eagal. An uair a tha’ chuis-dhitidh air a leughadh ‘n éisdeachd, agus a tha’ choguis féin ag radh ris, “Is tusa an duine, is tu an ciontach,” tha nis an t-eagal fo ‘m bheil e a meudachadh agus an uair a tha ‘chuis-dhitidh so air a dearbhadh, ‘s air a daingneachadh le fianuisibh firinneach, tha ‘n t-eagal fo ‘m bheil e fathasd gu ro mhòr air antromachadh: ach O ciod a chrith tha deanamh greim air an duine thruagh, an uair a tha binn eagalach a bhàis air a toirt amach ‘na aghaidh! Is tric a thuit cuid do chiontaich seachad le h-eagal, ag éisdeachd ri binn, an ditidh féin. Aig là a bhreitheanais, bidh luchd-àitheachaidh na talmhainn uile, eadar bheag is mhòr, eadar Iudhaich is Chinnich, air an gairm gu cumtas, bithidh na leabhraichean air am fosgladh, agus cuis-dhitidh nan aing’ each uile air a leughadh gu follaiseach a leabhar-cuimhne Dhé. Tha tomhas mòr do ‘n pheacadh a tha air a chuir an gnomh air thalamh o la gu la, folaichte o shuilibh dhaoine; ach “cha ‘n ‘eil ni sam bith folaichte nach foillseachar, no uaigneach, air nach fhaighear fios, air la a bhreitheanais.” Air an la mhòr so, bidh oibre an dorchadais uile air an lan-shoillseachadh, agus luchd-deanamh nan oibre so air an cuir gu nàire, agus masladh bith-bhuan. Cha bhi neach air bith dhiubh comasach a pheacanna fholach, no chionta féin aicheadh, no leithsgeul fhaotainn air son aon a mile d’ a lochdaibh. Cuiridh coguis gach neach a séula ris a chunntas a bhios ‘na h-aghaidh féin, mar chunntas fior, agus bidh gach neach air a dhitheadh le a chridhe, agus le choguis féin. Agus an uair a bhios na h-aingidh uile air an diteadh le ‘n coguisibh féin, cuiridh an t-ard Bhreith-eamh an ceill a bhinn chothromach féin, anns na briathraibh eagalach so;-“Imichibh uam, a sluagh mallaichte, dh’ ionnsuidh teine shiorruidh, a dh’ ullaicheadh do ‘n Diabhl agus d’ a ainglibh.” O! ciod an uamhunn a ni greim air na h-aingidh le fuaim nam briathra so! Bithidh iad uile air chrith, o mhullach an cinn gu bonn an cois. Bithidh an cor deich mile uair ni ‘s truaighe na bha cor Bhel-sasair, an uair a chunnaic e “Mene, Mene,” sgrìobhta fa chomhair air a bhalla, agus a chaochail a gnuis, a bhuail a ghluinean air a cheile, agus a ghaodh e le glaodh goirt. Bha glaodh goirt ann an tìr na h-Eiphit, an uair a bha gach ceud-ghin duine, agus spreidhe air am bualadh marbh gu h-obain le aingeal an sgrios; agus bha glaodh goirt am measg cuideachd Choradh, Dhatain, agus Abiraim, an uair a dh’ fhosgail an talamh a bheul, agus a chaidh iad féin, maille r’ an teaghlaichibh, beo sios do ‘n t-slochd mhillteach. Ach tha e ‘na ni cinnteach, nach robh glaodh, no tuireadh, no toirm bhròin a riabh air thalamh co mòr, no co goirt, ‘s a bhitheas ann aig la a bhreitheanais. Gidheadh, cha ‘n fhad a gheibh na h-aingidh cead a bhi ri caoidh air thalamh an deigh do obair an la so bhi seachad, oir thig ioma ghaoth loisgeach a mach o làthair an Tigh-earna, a chuireas an saoghal r’ a teine, agus a dh’ fhuadaicheas iad uile air falbh, lan do bhall-chrith, a dh’ ionnsuidh iomall dorchadais, far am bi gul agus giosgan fhiacal gu siorruidh.
(Ri leantuinm.)