Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1925 » October 1925 » Co-Eigneachadh Soisgeulach

Co-Eigneachadh Soisgeulach

SEARMOIN LEIS AN URRAMACH TOMAS BOSTON.

“Co-eignich iad gu teachd a steach.”—Lucas xiv., 23.

‘S an dara aite.—A pheacacha, nach eil fhiös agaibh gu bheil sibh ciontach, agus nach comasach dhuibh dol a steach fhaotainn gu Dia neo-reidh? Chaidh briseadh mor a dheanamh eadar Dia agus an duine le peacadh. Tha ceartas a’ tagar iobairt; is eigin reite a bhi air a deanamh. Do bhrigh ‘s gu bheil am peacach neoghlan, cha ‘n urradh dha bhi an sagart; agus cha ‘n eil e comasach air iobairt ullachadh, oir cha leor na bheil do spreidh air mhile cnocadh gu iobairt loisgte. Uime sin rinneadh Iosa Criosd ar sagart; b’e nadur a dhaonachd an iobairt; b’e a nadur-diadhaidh an altair a naomhaich an tiodhlaic; b’i feirg Dhe an teine a loisg an iobairt: chaidh fhuil a ghiulan a stigh do ‘n ionad bu ronaomh, nuair a chaidh Criosd suas do neamh, agus a shuidh e air deas laimh an Athair, gu bhi ag eadar-ghuidhe airson pheacach, air steidh an riarachaidh a thug e. A nis si so an reite; agus b’aill leinn sibh gabhail ris an innleachd slainte so, le Criosd ceusda, a cuir dhibh bhuir fireanteachd fein, chum ‘s gu ‘n direadh sibh suas gu neamh air faradh eadar-mheadhonaireachd Chriosd. Anns a pharras thalamhaidh, chuir Dia suas faradh, air am feudadh an cinne-daoine uile direadh suas gus a pharras neamhaidh. B’e sin coimh-cheangal nan gniomh; faradh a bha comasach air cudthrom an t-saoghail uile a ghiulan comhlath; ach air a dheilbh air leithid do dhoigh, ‘s na’n lasaicheadh ach an’ dealg bu lugha dhieth, gu’m briseadh e uile na bhloighdean. Chaidh an cinne-daoine uile suas air, eadhon a cheud Adhamh agus a shlochd uile na leasraidh; ach air dhasan aon dealg dnech a lasachadh, ann am priobadh na suil, bhris am faradh, agus thuit esan agus a shlochd uile gu doimhne truaigh, agus gu slochd oillteil, far am faiceadh iad neamh fada uatha, ‘s gun doigh air bith gu a ruigsinn. Chuir am briseadh eagallach so aoibhneas air na deamhnaibh; chuir e uamhas air na h-ainglibh; chumnaic iad nach b-urrainn dhoibh a charamh, na h-aon eile a dheanamh, agus bha iad ni bu glie na feuchadh iad ris. Chunnaic Mac Dhia, nach robh a h-aon a’measg nan creutairean a bheireadh cobhair, agus uime sin dhoibh a ghairean fein a mach slainte. Chaidh faradh eile a dheanamh, Iosa Criosd, Dia-dhuine, an t-Eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an t-shlighe chum an Athair.—Gen. xxviii. 12. Tha bhonn air a chuir air an talamh, oir tha esan na dhuine; bha ‘m faradh air a chuir co ialsa ‘s gu ‘n ruigeadh peacaich air; bha e air a shuidheachadh ro-iosal, eadhon “ann an ionadaibh iochdarach na talamhainn”—Eph. iv. 9—duthaich a bhais. Tha bharr a ruigheachd gu neamh, oir is Dia esan: tha ‘m faradh co arda, ‘s gu ‘n cuir e am peacach suas gu neamh. Cha ‘n urrainn e aon chuid fuasgladh na briseadh leis a chudthrom is mugha a theid a leigeadh air, oir tha e air thathadh sa cheile le fuil do luach neo-chriochnach, a chaidh a dhortadh, gus a chuid a b-fhaide do agartais ceartais—Eabh. ix. 14. Thigibh a pheacacha, leigibh bhur cudthrom air, ‘s-na biodh eagal oirbh. Cha ghiulanadh a cheud fharadh ni sam bith ach pearsaibh dhaoine; cha b-urradh dna aon pheacach a ‘ghulain le eallach ciont air a dhruim, oir bhriseadh e fodha; ach giulanaidh am faradh so sibh, agus bhur eallach ciont mar an ceudna, ged bu truime e na gaineamh na fairge. Ach cha ‘n eil ach beagan air an fharadh so; b’ aill leinn ‘ur co-eigneachadh gu tighinn air. Am bheil sibh a ruineachadh luidhe fathast anns an doimhne? an do ghabh sibh ‘ur sealladh deireannach do neamh? an do ghabh sibh ‘ur cead siorruidh do ghloir, no nach do ghabh, c’uime mata nach bi sibh air ‘ur co-eigneachadh gu theachd air an faradh? O thigibh mu’m bi am faradh air a tharruing suas. Tha fios agam ciod a ta sibhse nach bi air ‘ur co-eigneachadh gu theachd air an faradh, a smaoin-eachadh ” mar ghaduich, ‘s mar fhear-reubainn ” gu ‘n “streap sibh suas air dhoigh eile.” Tha fios agam ciod ata sibh a deanamh; tha sibh a deanamh aon do dhia ni: tha sibh an dara cuid, ag caramh an sean fharadh, agus a’ deanamh a chuid a’s fearr is urradh dhuibh de na miribh briste, le ‘ur modhalachd, agus le bhur imeachd laghail; air neo tha sibh a deanamh faradh ur de bhur deanadas fein, faradh do throcair neo-chumhnantaichte, ag earbsa ri trocair Dhia, gu’n bhi aonaichte ris an Eadar Mheadhonair. Ach cuiribh a bhonn cho iosal sa ‘s aill leibh, cha leig ceartas De da bharr neamh a ruigsinn gu brath. Leigibh bhur cudthrom air, mata, mar dean sibh a chaochladh, leigibh bhur anama air thuairmeas air, leigibh ‘ur siorruidheachd air thuairmeis air, agus streapaiddh suas, ach biodh dearbh chinnt agaibh, ged fhaigheadh sibh suas co ard is gu ‘m burradh dhuibh bualadh aig dorus neamh, agus a’ radh ” Thighearn, a Thighearn, fosgail dhuinne” ann an sin dibiridh e sibh, ‘an sin brisdidh e, agus tilgidh e sios sibh gus an ifrinn is iochdaraich—Eoin xiv. 6.

San treas aite—Fhuair Criod rioghachd o Athair—Salm. ii., 6, 7, 8; ach cha ‘n eil aig ach beag iochdarain. Chuir e suas a bhratach an so an diugh, agus tha sinne gu ‘ur co-eigneachadh gu tighinn a stigh agus stroichdadh dha mar ‘ur Tighearn agus ‘ur Righ. Tha sibh fo’ thighearnaibh coimheach, agus is fhada dhiult sibh dillseachd da bhur fior Thighearna. O cuirbh cul ri bhur uile iodhalaibh a nis, agus thugaibh sibh fein dhasan, gu bhi o so amach a chuid-san amhain, a chuidsan gu h-iomlan, a chuidsan gu siorruidh. Thigibh a stigh a nis, agus “pogaibh am Mac”—Salm. ii. 12. Lubaibh a ghlun dha; cuiribh an crun air a cheann.—Dan. iii., 11. Fosglaibh dorsan siorruidh bhur cridheachaibh, chum ‘s gu ‘n tig Righ na gloire a stigh—Salm. xxvi., 7. Ma tha anam bochd air bith ag radh ann fein, Mo thruaigh, cha ‘n eil armailtean na h-ifrinn an taobh a stigh dhion, cho fusadh an cuir o’n seilbh; tha sin fior gu cinnteach, ach tha mi’n duil nach eil thu cho teann air do druideadh suas, ‘s nach eil e’n comas teachdaireachd fhaotainn eadar Criosd agus thusa; tha thu cluinntinn a thairgse e bhi na Righ dhuit, an toir thu t-aonta dha sin? Cha ‘n fheoraich mi ach da cheisd riut chum a chuis so a shoilleireachadh. (1) Mar urrainn thu tuilleadh a dheanamh an toir thu seachad an rioghachd gu toileach dha? Am bheil thu toileach dealachadh ri t-anamhiannaibh, ged nach eil thu comasach an cuir air falbh? Ged nach urradh dhuit cuing ná daorsa a chrathadh dheth do mhuineal fein, an toir thu t-aonta thoileach do Chriosd gu sin a dheanamh, agus a chuing fhein a chuir ort? Mar Righ, “Bheir e buaidh air ar n’easontais” Micah vii. 19. (2) An urradh do bhur cridhe aontachadh le lanaichd a riaghlaidh-san? Feumaidh esan a mhain a bhi na Righ! si a thoilsan anns na h-uile nithe a dh’ fheumas a bhi na lagh dhuibh. Agus c’arson nach biodh e mar sin? oir cha ‘n urrainn dhasan eucoir a dheanamh—Salm xiv. 6, 7. An toir thu t-aonta gu ‘n dean esan an rioghachd a chumadh ‘na do chridhe mar is aill leis? an cuir e suas, ‘san tilg e sios ‘an sin mar is toileach leis? am bheil nithe diomh-air agad, anamhiann nach eil ach “na h-aon bheag,” agus a dh’ fheumas a bhi air a caomhnadh; am bheil priunsa do fhuil na h-ifrinn ris am feum e “buintinn gu min air do sgathsa?” Mar eil, “Thig e stigh, thusa a ta beannuichte o’n Tighearna, c’uime a sheasadh tu a muigh?” Se t-aonta dhasan mar tha e ga thairgse fein, do theachd a stigh.

III.—Tha cead aig peacaich tighinn a stigh. Biodh fhiios aghaibh, uime sin, gu bheil cead aghaibh o Mhaighstir an tigh, gu teachd a stigh. Mar biodh e mar sin, cha chuireadh e a sheirbhisich gu’r co-eigneachadh gu teachd a steach. Cha chuireadh, fheara, chrannadh e a dhorsa ‘nar ‘n eudan, mar bi a thoil sibh teachd a stigh: agus na’m biodh do dhanachd aghaibh, na thigeadh agus bualadh aig an dorus, na ainneart a chleachdadh ris, b-urrainn e focal a labhairt, a leigeadh sibh a thaobh bhur cuil. Tha ar Tighearn Iosa Criosd, a’ toirt lan shaorsa dhuibh uile, eadhon do’n dream is measa agaibh, teachd. Sibhse a ta giulan comharra an diabhuil ann an clar ur ‘n eudainn; sibhse a ta gu follaiseach mi-naomh, a ta ‘nur suidhe mar gu ‘m b-ann ‘an rathaidibh mora an diabhuil; sibhse ta giulan a chomharraidh ‘nur laimh dheas, is urrainn dhuibh fholach nuair is aill leibh, a chealgairean is salaiche, a ta ga ‘ur folach mu gharachaidh an diabhuil; tha sibh uile deagh-bheathta o Chriosd, cha thilg e n’ dorus ‘nur n-eudainn. Gu cinnteach cha ‘n urrainn da chaochladh bhi air fhilleadh ann’s an sparradh a ta e toirt gu’r co-eigneachadh gu tighinn a stigh? Agus uime sin b-aill leam sibh ceum a thoirt air aghaidh. Thugaibh fainear guidheam oirbh.—(1) Am bheil e na ni faoin leibh, cead a bhi agaibh tighinn a stign? Cha robh e mar sin a ghnath. Na ‘n toireadh am peacach ionnsuidh air thighinn a stigh, ma’s robh Criosd air fhoill-seachadh, choinnicheadh e ri claidheamh lasarach ceartais, a dh’ iomaineadh air ais e gu a ghauntir do thruaighe agus do dhorachadas. Mar biodh Criosd air a bhleath eadar cloch-aibh muillinn iochdarrach, agus uachdarrach feirg Athair, cha b-urrainn e bhi na aran do pheacaich, ged a bhiodh iad air oeras as a dheidh. (2) Cha ‘n eil aig na h-ainglibh a thuit cead gu teachd a steach, o chaidh iad a mach, ‘s cha bhi am feasd.—Jude 6. Ged’ bhiodh e comasach gu ‘m b-urrainn doibh creidsinn ann an Criosd, agus a bhi toueacn tighinn da ionnsuidh rachadh an dorus a thilgeadh ‘nan eudainn, oir cha d’fhuair iad riamh cead teachd a steach. Chaidh an dorus a chrannadh orra, cha deachaidh an crann a thoirt deth riamh, ‘s cha teid gu siorruidh.—Eabh. ii. 16. Agus cha robh Dia fo fhiachaibh dhuinne ni’s mo na bha e dhoibhsan. (3) Biodh bhr cor a ni is aill leis, tha so ni’s leor gu’r deanamh suidhichte air tighinn a stigh. Mu dh’ ‘thanas sibh a mach, tha sibh caillte, oir tha na h-uile dorus dochais air a dhruideadh ach an dorus so.—Gniomh. iv. 12. Tha ‘n dorus fosgailte, cha ‘n eil sibh air ‘ur bacadh tigninn a stigh, theid sibh a dhith mar tig; ged nach b-urrainn dhuinn tuilleadh a’ rath ach, theagamh gu ‘m faigh sibh cead tighinn, bu choir dha sin fhein, ‘nur deanamh suidhichte air ionnsuidh reidh a thoirt, na gniomhaicheadh sibh ach gu reusanta.

San aite mu dheireadh.—Cha mhair an cead so a ghnath maille ribh. “Nuair a dh’ eireas fear an tigh, agus a dhuineas e ‘n dorus,” cha bhi tuille cead gu tighinn a stigh.—Lucas xiii. 25. Cha ‘n urrainn iadsan tha ‘n ifrinn an diugh tighinn a stigh, ged air bith co aoibhneach ‘sa b-aill leo; cha ‘n eil doigh air dol troimh doimhne mhor tha eadar Criosd agus iadsan.—Lucas xvi. 26. Dhuin a cheud Adhamh an dorus oirmne, ach bha dara Adhamh ann gu fhosgladh; ma dhuineas an dara Adhamh an dorus, cha ‘n eil treas Adhamh ann gu fhosgladh.—2 Cor. iv. 3. Ach ma tha ar soisgeul-ne air fholach is ann dhoibh-san a ta caillte tha e folaichte.” Tha suil aig an Abstol an so, ris na thuirte mu an fholach a bha air aghaidh Mhaois—Caib. iii. 13—am folach a bha air a sgaoleadh thairis air an t-Seann Tiomnadh, rann 14; ach tha ’n soisgeul a toirt air falbh a chomhdaich so, roinn 16, 17, 18. “Ach,” deir esan, “ma tha ar soisgeul-ne air fholach, is ann dhoibhsan tha caillte tha e foluichte;” cha ’n eil suil ri frithealadh grais eile gu bhi toirt air falbh a chomhdach sin. Is e gras deirreanach Dhe do ’n t-saoghal e.—Eabh. i., 1, 2. Tha ’n Tighearn a deanamh feisd do ’n t-saoghal a chionn chug mile bliadhna, agus a nis tha ’n riarachadh mu dheireadh air a bhord; tha ’n long mu dheireadh tha dol gu tir Immanuel a’ deanamh ullamh gu cur fo sheol; uime sin feumaidh sibh dhol gu fairge, mar teid a nis, cha teid gu brath.—Eabh. x., 26, 27.

IV.—Tha peacaich air an cuireadh gu teachd a stigh. Cha ’n e a mhain gu bheil cead aca gu teachd a stigh, ach tha iad air an cuireadh le Maighstir an tigh, tighinn a stigin. Eiribh uime sin a pheacacha is measa tha “Maighstir ga ’ur gairm.” Tha sibh air ’ur gairm, cha ’n ann gu adhlaiceadh, ach gu cuirm: cha ’n ann gu priosan, ach chum an t-seomar aoidheachd far an dean e deagh-bheatha sibh le uile mhilseanaibh neamh. Mar fhaigheadh sibh cuireadh, c’arson a chuireadh e mach a sheirbhisich gu’r co-eigneachadh gu theachd a steach? agus an diult sibh, nuair a ta sibh a faota-inn cuiridh? Thoiribh fainear guidheam oirbh. (1) Is olc a thig e dhuibh, a chnuimhbihb salach, a ghairm a dhiultadh. Tha mi dearbhta gu ’m biodh e gu siorruidh sona ann fein, ged a bhithinnse agus sibhse anns an aite, reir fior cheartas anns bu choir dhunin a bhi, ann an slochd an dubhaigein. Cha ’n eile feum aig air a h-aon againn. Co sinne gu ’m bu toil leis e fein a chuir gu trioblaid airson a h-aon againn, co aca rachadh sinn fodha no a shnamhadh sinn! Tha na h-ainglibh ga mholadh, tha Athair a cuir urram air, agus tha dh’ eudainn aig truaghain shalach da ’m bheil e toirt cuireadh, an diultadh a thoirt dhasan tha ’n t-Athair a ghnath ag eisdeachd. (2) Tha moran co-math ribhse nach d’fhuair riabh cuireadh uaith gu tighinn a stigh. Cha ’n ann do bhrigh ’s nach eil muinntir eile aig a ghairmeauz e gu thigh a lionadh a ta e toir gairm dhiubhse. Dh’ fheudadh e ’n soisgeul so atharrachadh uaibhse, agus a chuir gu aitean dorcha na talamhainn, agus luchd iodhol aoraidh e cho eigneachadh gu theachd a steach. Na ’n deanamh e sin, tha e ro choslaich gu faigheadh a thairgsean deadhbheatha ’ni b’ fhearr uathsan, na tha iad a faota-inn ’nar measgne. Tha cuid a roinn an t-saoghail na dheich part fheichead, agus tha iad a deanamh mach gu bheil naoi-deug dhiu air an sealbhachadh le luchd iodhol aoraiddh, sea pairtean le Iudhaich, Turcaich, agus Mahomataanaich; agus cuig pairtean amhain le Criosduidhean; tha moran de na cuig pairtean a ta ‘g aideachadh Criosdalachd na ‘n Ana-criosduidhean, ‘nan luidhe fathast fo dhorchadas Papanachd, agus an do thagh an Tighearna sinne as an lionmhoireachd so, gu chuiridhean a thoirt dhuinn gu thighinn a stigh, agus an toir sinn an diultadh dha? San aite mu dheireadh,— Cia mar sheallas sibh na eudainn, nuair a thaisbeannar sibh an lathair caithir a bhreitheanais, mar tig sibh a stigh a nis air a chuireadh? Cionnus a sheallas sibh air ais a ghradh a dhiult sibh, agus air an d’rinn sibh taire? Ciod a ni sibh nach tig da ionnsuidh a nis air a chuireadh, nuair a thig esan do ‘r ‘n ionnsaidhsan ann am feirg.

Cunnuil.—Ach their cuid, am faod e bhi gu ‘m bheil e ga mo ghairmais, creutair truagh, salach mar a ta mise? Freagradh,—Se ta againne cuiridhean coitchionn, gu n’ bhi air an trumachadh le cumha sam bith, taigsean saor do na h-uile leis an aill teachd.—Isaiah iv. 1; Taisb. xxii. 17. Agus tha ‘n Tighearna a feuchainn gu soilleir nach cuir truailleachd na neo-airidheachd sam bith eis air neach leis an aill teachd.—Isaiah i. 18; Jerem. iii. 1; agus ciod tuille a dh’iarradh sibh? Tha sinne air ar cuir an diugh, ann an ainnm ar Maighstir, gu’r co-eigneachadh chum biodh ‘ur cor a ni a’s aill leis. Agus na ‘n deanadh sin toil-each sibh gu teachd, rachadh sinn do ‘ur ‘n ionnsuidh gu aon an deigh aon agaibh, agus dh’ innseadh sinn dhuibh, gur e thusa, agus thusa, agus thusa, a ta Criosd a’ gairm gu teachd a steach. Ach ma chreideas sibh air teagasg-ne o’n fhocal mu thruaigh bhrur staid nadurrach, gu’n bhi eluinntinn ‘ur ‘n-aism agus bhrur co-aism air mhodh araiddh, c’ uime a dh’ iarradh sibh tuille dearbhachd anns an teagasg, mu ‘n leigheas?

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice