SEARMOIN LEIS AN URRAMACH TOMAS BOSTON.
“Co-eignich iad gu teachd a steach.”—Lucas xiv., 23.
(Air a leantuinn o t.-d. 233).
V. Feumaidh peacaich a thighinn a stigh. “Co-eignich iad gu teachd a steach.” Fheara, cha ’n e amhain gu ’m feud sibh thighinn, ach ’s fheudar dhuibh thighinn a stigh, eadhon an dream is measa agaibh—Cha ’n e amhain gu bheil cuireadh agaibh thighinn a stigh, ach cha ’n fheud sibh fuireach a muigh. Thugaibh fainear.
Sa cheud aite—“Is i so aithne-san gu ’n creidead sibh.—1 Eoin iii. 23. Tha e air iarraidh oirbh le teann ughdarras thighinn. Tha Dia rireamh ribh, agus feumaidh sinne a bhi da rireamh mar an ceudna. Uime sin innseam dhuibh, gu feum sibh teachd; agus sparram oirbh ann an ainmsan sibh a thighinn, gu ’n bhi toirt easumhlachd do aithne theann. Uime sin cuiribh ’ur laimh air ur cridheachaibh, agus biodh fhios agaibh ciod a ni sibh, co aca a dh’ fhanas sibh fathast a muigh, ’sa bheir sibh umhlachd do ’n diabhul, do ’ur teagamhan, eagallan, agus amhurasan mu Chriosd; no thig sibh a stigh an umhlachd do aithne Dhe. Am bheil suim air bith agaibh do ughdarras Dhe? am bheil meas idir agaibh air aithne? uime sin thugaibh freagrath eimteach, ann bhur broilleach fein, co dhiu thig na nach tig sibh. Am bheil sibh da rireamh nach tig sibh, mar na peacaich ghruamach, rag-mhuinealach sin, Jer. ii. 25, “Cha tig, oir ghradhaich mi coigrich, agus nan deigh theid me.” Oh an cruadhaich sibh, sibh, fein ’an aghaidh an Tighearna, an dean sibh amach ’ur lamh an aghaidh Dhe, agus a’ neartaich sibh sibh fein an aghaidh an Uile-chumhachdaich? Air sgath Chriosd, air sgath bhur ’m anamaibh, thugaibh am focal sin air ais.
San dara aite—Ach mar dana dhuibh bhi da rireamh nach tig sibh, uime sin bithibh da rireamh gu ’n tig; oir tha bhur teachd air aithneadh air a leithid do dhoigh, ’s nach gabhtar leithsgeul. Iadsan a fhuair air tus cuireadh chum na suipeir so, cha tigeadh iad, ach chuir iad an leithsgeulaibh; ach an deachaidh an leithsgeulan a ghabhail? cha deachaidh; cha ghabhaidh Dia o’n laimh iad, oir thug e binn theann ’nan aghaidh—rann 24—“Cha bhlais aon do na daoinibh ud a fhuair cuireadh do m’ shuipearsa.” Cha dana dhuinne leith-sgeulan a ghabhail ’sa chuis so, co dhiu bheir sibh iad o neamh os ’ur cionn, o’ ifrinn a ta annaibh,
na o ‘n t-shaoghal mu’r tiomchioll; co dhiu ‘s ann o mòrachd Dhe, o’r truailleachd fein, na o bhacaidhean an t-saoghal. Ciod air bith ata ur cor, is i aithne Dhe sibh a theachd, agus cha ‘n fheud sibh cuir an aghaidh aithne-san ach umhlachd a thoirt di. Uime sin mar bhi sibh da rireamh gu ‘n tig sibh, feumaidh sinne innseadh do ar Tigh-earna nach tig.
San treas aite—Tha ‘n dleasdanas so air a h-aithneadh cho teamn, ‘s gu ‘m feum sibh teachd, agus teachd air ball; cha ‘n fheudar dail a chur ann. “An diugh ma chluinneas sibh a ghuth na cruaidhichibh bhur cridhe.” “Is e nis an t-am taitneach.” Cha dean dhuinn la, cha dean dhuinn uair, a cheadachadh dhuibh gu smaoineachadh air co aca thig sibh no nach tig; gu ‘n fhios nach dean an ath la, no an ath uair ‘ur tilgeadh do ifrinn, no ifrinn a thilgeadh an-naibhse, airson diultadh na taigse a thugadh dhuibh air a mhomaing so, a bhios air falbh, mu ‘n ainmichear i. Uime sin na cuiribh dail ni’s faide; ach air ball fosglaibh na dorsaibh siorruidh, chum ‘s gu ‘n tig Righ na gloire a steach.
Sa cheathramh aite—Is e so an dleasdanas a dh’ aithn Dia dhuibh—Eoin vi. 29—”Is i so obair Dhe gu ‘n creid sibh anns an ti a chuir e uait.” Cha ‘n urrainn sibh taitneas na ‘s mugha a thoirt do ‘n Tighearna, na sibh a thighinn a stigh. Am b’ aill leibh àrdachadh an diugh, uime sin thigibh air a ghairm”—Hosea xi. 7. Am b-aill leibh an crun a chuir air ceann Chriosd? am b-aill leibh a dheanamh na “la subhachais a chridhe.” Ma’s aill, thigibh a stigh, Dan Sholaimh iii. 11. Tha e na mhor thaitneas do chiochaibh lan a bhi air an deothal; tha ciochaibh trocair agus graidh lan; thig a pheacair a ta dol bas le goirt, thoir an taitneas dha, gu ‘n deothail thu ciochaibh a sholais. Is i so an dleasdanas mhor thugseach; ma ni sibh so, ni sibh na h-uile; mar dean, cha dean sibh dad idir. Ciod is ciall duibh a bhi criomadaich ri oibrbh Dhe, a’ di-chuimhneachadh a ni so, is i an t-aon obair. Tha sibh cumail bhur uinneagaibh duinte ri meadhon la, agus a’ lasadh coineal an so ‘san sud air feadh ‘ur tighe; gidheadh tha cuiltean uamhasach dorcha ‘san tigh fathast; fosglaibh mata bhur uinneagaibh, guidheam oirbh, agus leigibh a stigh a ghrian, “Grian na fireantachd” agus bithidh sin an aite na ‘n uile, agus ni ‘s fearr na na h-uile. Am b-aill leibh bhi coltach glic, ionraic, agus naomh? thigibh mata gu Criosd—1 Cor. i. 30. Sibhse nach urrainn ni sam bith a dheanamh thigibh gu Criosd, agus mar sin ni sibh na h-uile ni—Philip. iv. 13. Am b-aill leibh urram a chuir air Dia, urram a chuir air a lagh? uime sin thigibh gu Criosd. Ach mar tig sibh gu Chriosd, deanaibh na ‘s aill leibh, cha dean sibh dad idir. Ged a ghleidheadh sibh
o so a mach na deich aitheantan uile, agus so a dhi-chuimhneachadh, ‘se uile na gheibheadh sibh, clár dubh o neamh ‘s ‘ur dìteadh sgríobhta air. Cuimhnichibh guidheam oirbh “an ti nach eil a toirt urraim do ‘n Mhac, cha ‘n eil e toirt urraim do ‘n Athair”—Eoin v. 23. Cha ‘n eil ‘ur dleasdanais eile uile, ach na ‘n neoni, as eugmhas an aon so; meudaichibh iad mar is aill leibh, bithidh iad uile gu ‘n fheum, mar bi an dleasdanas so air thoiseach.
San aite mu dheireadh—Is dleasdanas i ta air a h-aithneadh, le teisteas air diùmhail agus feirg siorruidh Dhe, an aghaidh nan uile nach tig—Marc. xvi. 16—”Esan nach creid ditear e.” Pogaibh am Mac, air eagal gu ‘m bi fearg air, agus gu ‘n sgriosar sibh san t-shlighe—Salm ii. 12—”Agus uime sin tha mise mar theachdair an ionad Chriosd, a’ Sparradh agus a thoirt aithne dhuibh, do gach aon agaibh teachd a steach, air chunnart diùmhail Dhe, air chunnart dioghaltais, eadhon dioghaltas an Eadar-mheadhonair; a’ deanamh fianuis, mar tig sibh, gu ‘n tig an Tighearna Iosa Chriosd a mach o neamh nur n-aghaidh, agus bithidh sibh “air ur marbhadh na lathair”—Luc. xix. 27. Is mile bas ann an aon, a bhi air ‘ur marbhadh an lathair Chriosd, a bhàsaich chum peacaich a thearnadh; is ifrinn da fhillte sin—Ach iadsan “nach eil umhal do shoisgeul ar Tighearna Iosa Chriosd, nithear peanas le sgrios siorruidh o lathair an Tighearna, eadhon an Tighearna sin, da shoisgeul nach tugadh iad umhlachd—2 Tesal. i. 8-9. Ah! na ‘n toilicheadh e a làthaireachd a chumail a stigh ann neamh, agus gu ‘n ceadaicheadh e dhoibhsan, tha nis a deanamh tair air, is ga chuir suarach, am fabhor a bhi air am peanasachadh, gu ‘n an Tighearna a bhi lathair; ah! na ‘n deonaicheadh e an leirsrios a theachd orra o ùighe fada, na ‘n sathadh e saighdean a choruich annta o chein; ni h-eadh, ach bithidh aig ann an ifrinn càthair cheartais, chum ‘s gu ‘m bi iad air am peanasachadh “o lathair an Tighearna,” a theich o lathair anns an t-saoghail so, far an robh e na shuidhe air caithir gras ann’s an t-soisgeul. O thugaibh fainear ann an am, ciod a tha sibh a deanamh: cha ‘n eil teine air bith a loisgeas cho dian ris an teine a bhriseas a mach o ‘n altair; cha loisg lasair fheirg air bith anam damanaichte mar an lasair ata air a seideadh suas le anail an Eadar-mheadhonair a fhuair, ‘s air an d’ rinneadh dìmeas.
VI. Agus san aite mu dheireadh—Thig peacaich a stigh. Co-eignich iad gu teachd a stigh. A’ fàgail nithe dìomhair do ‘n Tighearna, feumaidh mi innseadh dhuibh O pheacacha, nach bi a dhith air Chriosd, a mheud ‘sa lìonas a
thigh. Agus gleachdaibh fhad ‘s as aill leibh, stigh thig sibh. Bithidh a thigh-san air a lionadh. Cheannaich an t-Eadar-mheadhonair àirneis a thigh ro dhaor, gu bhi a dh’ easbhuidh a mhir a ‘s lugha dhi, agus uiread do aite a bhi falamh dheth. Tha dochas agam gu bheil cuid ‘an so, tha do Chosnadh Fola, nach comasach do dhaoine na co dheadhnaich a chumail air an ais o Chriosd. Cheangail Athair e fein ‘sa chumhnant gu ‘m biodh tigh Chriosd air a lionadh. Salm xxii. 30. “Thig iad.” Faic Isaiah lxiii. 10-11. Nach eil laimh Chriosd aig cridheachaibh cuid air an dearbh uair so? Nach eil cuid agaibh a’ mothachadh geatachan iarunn ‘ur cridheachan a gluasad gu ‘m fosgladh do Chriosd? Nach do mhothaich sibh ni-eigin ag oibreach san taobh a stigh ga ‘r co-eigneachadh gu thighinn? Thugaibh sith-eadh air adhart; cha ‘n eil tearuinteachd? Nach eil cuid ach beag a stigh a cheana? Thugaibh sith-eadh air adhart; cha ‘n eil tearuinteachd ann an sibh a bhi ach beag, ach gus am bi sibh gu h-iomlan ‘nur Criosd-uidhean.
Thigibh a stigh uime sin, a sheann sluaigh, tha air cromadh sios a choinneachadh na h-uaighe. Rinn sibh dail fhada, na cuireadh dail ni ‘s fhaide. Ged tha e na ni ro ainneamh, gidheadh tha e air uairean a tachairt, gu bheil duine air a bhreith na shean aois—Joel ii. 28. Thigibh a stigh a tha do aois mheadhonach. Am bheil sibh a mach o Chriosd, ‘nur staid a ‘s fearr? Gu cinnteach ma tha, tha ‘ur staid is fearr na staid olc, na staid thruagh. Tha sibh gu dichollach a ‘g ullachadh airson bhur teaghlaichean? Tha sibh a’ carnadh suas air son ‘ur sean aois, theagamh nach fhaic sibh a chaoidh; ciod tha sibh a’ tasgaidh air son siorruidheadh? Thigibh a stigh a mhuinntir oga; tha sibh tuilleadh is sean gu bhi mach a Chriosd. Na bithibh a saoilsinn gu ‘r ann a mhàin airson a chinn liath, a’ bhathais phreasach, agus na suilean dalla, a’ ta diadhaidheachd; tha ni ‘s mo le cinn oga na tha le cinn liath anns an uaigh. Uime sin thigibh a stigh, ‘s na deanaibh moille. Mar is sine a dh’ fhàsas sibh, a’ cur seachad obair na diadhaidheachd, cinntichidh bhur cridheachan ni ‘s cruaidhe ri oibreachadh orra. Thigibh a stigh a thruaghain mi-naomh, a ta fada o fhireantachd; thigibh a luchd aideachaidh chealgach nach eil fada o rioghachd Dhe; thigibh anamaibh critheanachail, a tha ri cruaidh spairn gu tighinn, agus leis nach dàn. O carson nach tig sibh? Feumaidh e bhi an darna cuid nach aill leibh, air neo nach dàn leibh. Tha eagal orm gu bheil cuid ‘nar measg leis nach aill teachd; cha ‘n eil a’ rùn orra dealachadh ri ‘n ana-mhiannaibh, leanaidh iad an sean chleachdadh, ciod air bith a thachaireas; cha ‘n eil iad a faicinn maise air bith ann an Criosd, air son am
bheil e co mor ri bhi air iarraidh. Their mi beagan fathast ri ‘n leithidibh sin. Ma tha sibh suidhichte air peacadh, ifrinn, agus bas, agus nach cum Chriosd, no neamh, no eagal ifrinn air ais sibh o ‘n t-shlighe leathann; co as urrainn neach a chuir oirbh? Ach biodh e ainmichte dhuibh, agus air a chuir air chuimhne ann an leabhar dhubh ‘ur coguis, a bhios air a fosgladh latha bhreitheanas, gu ‘n robh slainte ‘nur tairgse an diugh, gu ‘n d’ oidhearp-aich sinn ‘ur co-eigneachadh gu thighinn a stigh gu Chriosd, ach cha b-aill leibh; uime sin biodh bhur fuil air ‘ur cinn fein.
Air aobhar-sa leis nach dàn tighinn a stigh, C’arson nach dàn leibh, an deigh na h-uile chuala sibh? am bheil eagal oirbh tighinn air gairm Chriosd? nach dàn leibh gabhail ri chuireadh? nach dàn leibh umhlachd a thoirt do aithne mhor Dhe?
Ceisd—Ach tha mo pheacannan do-àireamh, agus ro uamharra; an urrainn àite sam bith a bhi ann air mo shon-sa? an dàn do thruaghan neo-airidh, salach mar ata mise tighinn a stigh? Freagram—Ged a bhiodh gach aon de do pheacannan co àrda ri beinn, agus cho lionmhor ri gaineamh na fairge; gidheadh tha fuil Chriosd air dhi a bhi fuil Mhic Dhe comasach an glanadh air falbh—1 Eoin i. 7. Tilg do chiont agus do neo-airidheachd uile air an T-Aon uile-ionmhuinn: is luathe a gheilleas a charraig fo’ chudthrom an eoin a luidheas oirre, na dhibearas an fhuil sin thu. Cuimhnich nach eil a h-aon air an co-eigneachadh gu teachd a steach, nach eil a h-aon air an gairm, ach a’ mhuinntir shalach, agus neo-airidh—Mata ix. 13. An e do ghalair bu choir do chumail o ‘n lighich, nach dàn leibh teachd chum na tobar gu ‘r ‘n ionnlad do bhrigh ‘s gu bheil sibh neo-ghlan? co airson am bheil an tobair air a fosgladh ach air son peacaich neo-ghlan. Ged a bha ‘n t-soisgeulach na suipear dhaor da rireamh, cha robh i air a h-ullachadh air son a h-aon, ach iad-san a bha neo-airidh air boinne uisge, agus moran ni bu neo-airidh air fuil Chriosd. Bithibh dearbhta a mhuinntir mo ghraidh, nach e cheisd eadar Chriosd agus sibhse, co-aca a dh’ ìslichas Criosd e fhéin, na nach ìslich, gu bhi ag ionnlad leithid do anam salach ‘na fhuil fein; tha cheisd sin air a fuasgladh a cheana —Isa. i. 18; Sech. xiii. 1. Ach si cheisd a tha fathast ri freagairt, co aca an deigh do Chriosd e fein isleachadh cho ìosal, ‘s gu bheil e deonach sin a dheanamh, gun tòir an creutair neo airidh agus salach an taire dha, gur ann an diomhain a dh’ islicheas se e fein? Ciod a ta sibh ag radh ris a cheisd sin? Rinn sibh taire air lagh Dhia; an toir sibh tair mar an ceudna do Mhac Dhia le bhi diultadh a
thairgse? Na ‘n cumadh salachair agus neo-airidheadh peacaich a mach o Chriosd, cha tigeadh a h-aon riamh do shliochd Adhamh a steach. Nach d’ fhuair Criosd a’ mhuinntir sgiàmhach uile, a ta nis an gloir, na ‘n luidhe ‘nam fuil? Am bheil a h-aon anis ag imeachd an geal, ach iadsan a chaidh ionnlad am fuil an Uain? Tionndaidh thairis am Biobull, seall air eachdraidh nan linn a chaidh seachad, feuch a faigh thu a h-aon a bhàsaich aig a dhorus, nach fhaigheadh a stigh, airson gu ‘n robh e co salach, truagh agus neo-airidh.
Ceisd—Ach cha robh còr neach riamh, mar tha mo chòrsa. Freagram—Bha iomadh droch car ann an laimh Chriosd, a rinn e a leighis, agus cha d’ fhàiling còr riamh fhathast a chuireadh na laimh. Ciod tha sibh a saoilsinn de còr Mhuire Mhagdailen, as na thilg e mach seachd deamhain?—Marc xvi. 9. Nach robh còr Phoil, a bha ‘na fhear-toibheim, agus ‘na fhear geur-leanmhuinn, na chor a dh’ fheudas a bhi air a choimeas ri do chor sa—1 Tim. i. 13. ‘S cinnteach mise gu ‘n robh saoithreachadh saor-ghràs airsan, air a ruineachadh, chum na peacaich bu mheasa a mhisneachadh gu teachd a stigh, rann 16. Ged a bha aig Manaseh sochair eideachadh crabhach, o athair diadhaidh, gidheadh bha e na fhear iodhol-aoraidh oillteil, neach a bha a’ chomhairle ris an diabhol, 2 Eachd. xxxiii. 6. Mort-fhuilteach, 2 Righ. xxi., 16; gidheadh thainig e stigh, agus ghabhta ris gu grasmhor, xxxiii., 12-13. Agus ciod a ta sibh a smaoineachadh mu chor Adhamh, le aon bheum a’ murt a chlann uile, a’ sgrios anamaibh a chinne-dàoine gu leir, agus a pheacaich an aghaidh solus bu dealraich, na b’ urrainn sibhse a dheanamh a chaoidh? Ach an deigh na h-uile chaidh a radh thoirt a stigh dhuit, nach bi cor neach riamh mar tha do chor-sa, agus abraim, nach bi cor neach eile gu bràth coslach ris, tha e co ro olc, uime sin tha mi a saoilsinn gu ‘m bheil agad mar bha aig a ghaduich aithreachail air a chrann-cheusaidh, aobhar a bhi glòir-eachadh ar Fear-saoraidh mor ann an doigh sonruichte dhuit fein, anns nach do cò-phàirtich aon do shoithichean na glòire riamh riut-sa, agus nach co-pairtich. Thig a stigh mata thusa aig am bheil do chor gun samhail air bith, còr a ta gun choimeas, tha cothrom agad air bhi cur onair air Criosd le bhi leigheas cor co an-earbsach ‘s nach robh a leithid do chor ‘na laimh riamh roimhe. “Na cuimhnichibh na nithe a bh’ann roimhe, agus na nithe a bh’ ann o shean na tugaibh fainear,” Isaiah xliii. 18. thigibh a stigh gu Criosd le ‘ur cor nuadh, “agus feuch,” deir an Tighearna, “ni mi ni nuadh,” rann 19. Cha deachaidh eiteachd Fhòla fhathast co fada sa ta na comas. Na
maoidheabh air neamhnuid nuadh ‘na chrùn gràis, a dhealruicheas ni ‘s lòinnriche na h-aon a chaidh ann fathast. Thig a stigh mata, agus gabh an t-àite a chaidh a còmh-arrachadh do cheann-feadhna na ‘m peacach, a ‘s doimhne ann am fìor-saor ghràs, ma tha e fathast falamh. Innseam dhuibh, gu bheil iadsan a thainig a stigh a cheana a saoilsinn nach eil, ach gur iad fhéin a lion e. Ach ma tha a’ chùis mar tha thusa ag radh, tha iadsan air a’ mealladh, thig-sa stigh, agus bithidh an t-aite agad-sa.
Ri leantuinn.