(Air a leantuinn o t.-d. 313).
Do thaobh aobharan mu ‘m bheil e fein toirt cunntas, chaidh Mac Cathail maillle ris an t-shluagh a dh’ eirich gu iad fein a dhion o fhoirneart an riaghlaidh, agus gu cumail suas na h-eaglais anns an rian Chleireanach. Chaidh iad an toiseach gu siormachd Air. Bha ministearan eile maillle riu a thulleadh air Mac Cathail, a bha dian-iarrtach gu bhi dion aobhar an Tighearn anns an rioghachd. Bha ‘n turus ann an duthaich sin troimh bhlar monaidh, ri uisge trom, agus air do Mhac Cathail a bhi anfhann na phearsa, agus a bhi na luidhe gu tinn beagan roimh so, cha robh e idir freagarrach dha chor lag a bhi air leithid do thurus doilgheasach. Cha leig croichan goirrid an leabh-ran so dhomh na h-uile glusad a rinn na daoine maith so, air an turus mhi-shealbach a bha so’ a chuir sios; ach air dhoibh tighinn gu Lanaire, air an rathad do Dhuneidh, dh’ athnuadhaich iad an Cumhnant Cinnedail, ‘an deigh searmoin dhruighteach o Mr Guthrie, ministear Tharbolton. An deigh do ‘n t-searmonaich sgrur, chaidh an Cumhnant a leughadh pong air phui g; aig croich na h-uile puing thog an sluagh an lamhan agus bhoidich iad do ‘n Tighearna an Dia gu ‘n seasadh iad ‘is. The neach a ta sgríobhadh mu ‘n la bha sin, sa bha na shuil amharc ag radh, “Bhiodh e ro dhuillich leithid eil do chuideachd fhaicinn, na h-uiread do dhaoine cuideachd, aig an robh breithneachadh co falluin, fior dhiadhachd, agus treibhdhireas cridhe, eud thugseach, misneach agus ruin gun sgath, agus co beag do dhaoine le inntinn thruailidh, ‘s do chomhradh faoin, agus ged nach bu mhath leinn a bhi call beatha dhaoine, ‘s gu h-araidh beatha nan naomh, ‘nuair a ta co beag ann diu, gu bhi seasamh eadar na beothaibh, ‘s na mairbh; gidheadh thug an gniomh a rinneadh air an la ud, ann a bhi ag ath nuadhachadh nan Cumhnantaibh ni ‘s mo ghloir do Dhia, agus bha e toirt fianuis ni bu mho do aobhar an Tighearna nan a bha do chall anns na thuit—tha sinn an dochas—a cumail taic ri cuis a Chumnant.”
Gu bhi deanamh sgeula goirrid, chaill na Cumhnantaich an la, oir mhilleadh iad de Seanalair Dalsiel air enuc Phentlan, aon de ‘n t-sheachdar a dh’ iomradh mi a cheana. Bha na Cumhnantaich air an stiureadh le Coirneil Seumais Uallais, duine treun; ach bha aig Dalsiel a thri uiread do dhaoine sa bha aig Uallais, ‘s ged a chog e fein sa dhaoine co treun sa chaidh dheanamh riamh air blar-chath, cha b-urra dhoibh seasamh ris an lionmhoireachd a bha ‘nan aghaidh. A dh’ aindeoin ‘s na rinn na naimbdean fuitseach, cha d’ fhuair iad riamh greim air a Choirneil dhiadhaidh.
Dh’ ‘fhag Mac Cathail am blar-chath, sgith fann, ‘s cha b-urrainn dha a dhol air aghaidh ni b’ fhaide na Cramond, agus air dha bhi strith gu faotainn gu tigh athair; a dol troimh craig na Braidich, choinnich fear da ‘m b-ainn Ceannadaidh oifigeach de reiseamaid each, agus neach eile a ghao na phriosanaich e, is thug iad a stigh do Dhuneidin e.
Air dhoibh a thoirt air bheulabh na comhairle ann an Duneidin, chaidh eudach a thoirt deth, agus rannsachadh min a dheanamh, a dh’ fheuchain am faighte litirichean, na sgiobhaidhean air bith eile tiomchioll air; ‘s ged nach d’ fhuaradh ni sam bith chaidh a chuir am priosan. An ath la chaidh a thoirt air bheulabh Iarla Dhunphris, agus Morair Singlear, air dha bhi air a cheasnachadh mu dheighinn na ceannaire, dhiult e ni innse dhoibh; le so smaoinich a chomhairle gu’n robh fios aig air diomhaireachd nach robh e deonach a thoirt doibh.
Air Dior-daoin an 29 la de ceud mhois a gheamhraidh 1666 chaidh Mac Cathail a thoirt a ris air am beulabh chum a cheasnachaidh. Dh’ aidich e gu ‘n robh e maille ris a bhuidhean a dh’ eirich san aird an iar; ach cha thoil-icheadh so iad. Bha iad a smaoineachadh, gu ‘n robh e na chomias nithe innseadh dhoibh, a bhiodh ro fheumail dhoibh, ann a bhi cuir gu bas muinntir a shaoil iad a bha ‘sa cheann-aire; chum so a thoirt uait, ole air mhath leis, chaidh an inneal uamhasach pianaidh sin, ris an abaireadh iad a Bhoot a chuir fa chomhair, agus innseadh dha gu ‘n rachadh a chois a chuir innte gu ‘n teagamh, mar aideachadh e na bha fhios aige. Air dha fantuinn na thosd chaidh thoirt an lathair a ris; agus a Bhoot a chuir an tarruing, a bha fathast lan do fhuil stuchta Mhr Neilson bheannuichte; ah’ fhuiling a’ mairteareach og dhiobh a dhol gu ‘n dubhlan ann a bhi pianadh a lurga oscionn labhairt. Cha b-urrainn da na phianadh oillteil ni a thoirt air aideachadh. Mu ‘n d’ fhuair e na tri builean fa dheireadh, thug e fianais fo chomhair Dhia, nach robh ni aige a dh’ innseadh e ged a dheanadh iad a bhuil cheudna air na h-uile alt a bha na chorp. Cha b-urra dha ni a radh, ach gu ‘m be ain-iodhd Mhic-an-Tuairneir a dh’ aobharaich eirigh na h-airde an iar, ann an Gallobna.
Air dha bhi fulang anabarrach leis na lean an deigh a phianaidh, chuir e athchuinge air bheulabh na comhairle, gu ‘n cuireadh iad dail ann a bhi ga chuir air a dheuchann ach am biodh e ni b’ fhearr air a shon. Chuir iad an sin dithis lighichean, agus dithis luchd deasachaidh leontan ga amharc, a thug fianuis gu ‘n robh staid a shlainte olc, ach air a shon sin, cha tug a chomhairle dha ach sea laithean. Eadar an da am, chuir Ban Diue Hamilton, agus a’ mathair-cheile Bana Mharcuis an Dughlaisich, litir gu Iarla Rathais ‘na fhabhor, ach cha deachaidh an iarrtus a dheon-achadh, agus thugadh Mac Cathail agus ceathrar eile air bheulabh na ‘m Morfheara dearga. B’ iad na cuisean ditidh araidh a bha na aghaidh: “Gu ‘n robh e aig Air, Oichealtair, agus aig Lanarc maille ris na ceannaircich, air muin eich, crioslaichte le claidheamh.” Thugadh comas dha freagairt a thoirt da chuis-dhitidh, is ged’ a bha e fath-ast ro-lag, dh’ eirich e agus labhair e ris a chuir le mor chiuineachd, agus le anabharr comais, gun eagal, gui: sgath. Thuirt e, leis na bha air chur sios aig deireadh a chuis dhitidh, agus o na thachair do dhreim eile, gu ‘m robh e ag amharc air fein mar neach a bha air a chur air leth gu basachadh, agus air an aobhar sin gu ‘n aidicheadh e gu saor, nach robh nair air gu ‘m buineadh e do na Cleir-eanaich, a bha fulang amghair agus geur-leanamhuinn. Nuair labhair e mu bhi cuir ceannaire as a leth, thuirt e nach robh ni ri radh ris, ach gu ‘n robh amhain a lathair-eachd maille ris an daoine a bha aig Pentland, agus mar aidicheadh e fein sin, nach biodh fios aig a chomhairce air. Rinn fear tagair a chruin, aideachadh a leughadh thairis a ris, agus gun tuille a radh, thug e a chuis thairis da ‘n luchd breth—jury; air da ‘n luchd-breth a bhi air an gairm, thug iad seachad am ‘breth “gun d’ fhuair iad Huistean Mac Cathail ciontach de bhi ‘n caochladh aitean maille ris na ceannaircich, aig caochladh amaibh, a reir aideachadh fein fa-chombair na comhairle.
Air da na bbreth a bhi air a h-aithris. chaidh bhinn-ditidh a chuir an ceill, agus bi sin, “gu ‘m biodh e air a thoir gu crois-mhargaidh Dhuneidin, agus an sin air a chrochadh air croich gus am biodh e marbh, a mhaoim, agus fhearann air an saradh, is air an cuir air leth gu feum an righ.” Air dha a bhinn so a chluinntinn thuirt e, “Thug an Tighearn uaith, agus thug an Tighearn leis; beann-aichte gu robh ainn an Tighearn.” Chaidh an sin a ghiulan air ais do ‘n phriosan, troimh an fbreiceadan, san sluagh ga leantuinn, a tuireadh ro ghoint air a shon. An deigh a thoirt a stigh gu sheomar, chaidh e air abll a labh-airt ris an Tighearn ann an urnuigh, le mor fharsuingeachd cridhe, air a shon fein, agus iadsan a bha gu fulang maille ris. Thuirt e ri caraid an deigh sin, ” O nach maith an sgeul, a bhi mar uidhe astar cheithir la da bhi mealtuinn sealladh de Iosa Criosd,” an sin thuirt e, “nach iou e idir co draghail dha bhi basachadh, s’a bha e iomadh uair dha dol a shearmonachadh.” Ri mnathan a bha caoidh air a shon thuirt e “nach robh a chor, ged nach robh e ach og, agus ann am blath a dhochais, agus a shaothair san fhionain, ri chaoidh; oir ni aon bhoinne de m’ fhuil, tre ghras De, ni ‘s mo do dhruiigheadh air cridheachan, na dheanadh bliadhnaichan do shearmonaibh.”
Air an fheasgar cheudna chuir e iarritus a stigh chum na comhairle gu ‘m faigheadh athair cead a thighinn da fhaicinn, ni a chaidh a dheonachadh, agus thainig athair air an ath fheasgar far an robh e. Labhair e ri athair mu thiomchioll umhlachd do pharantaibh. An deigh do urnuigh a bhi air a cuir suas, thuirt athair ris, “Huistean, ghairm mise crann ola maiseach, do thoradh breagha dhiot, ach a nis thainig doinonn agus sgriosadh a chraoibh agus a toradh.” Thuirt Huistean ri athair, “gu ‘n do chuir a bharail tuille is math, trioblaid air; thuirt athair, “gu ‘m bi a bheachd gu ‘n robh Dia fiosrachadh peacanna na ‘m parantaibh, nach b’ iad peacanna na cloinne,” air chor ‘s gu ‘m feudadh esan a radh, “Pheacaich ar n-aithrichean, agus ghiulan sinne an eusantais,” agus a ris, “pheacaich mise a chaora bhochd, ach ciod a rinn thusa?” Fhreagair Huistean le iomadh osann, “Le theachd gearr air a chuigeamh aithne, thainig e gearr air a ghealladh, gu’m biodh a laithean buan ann an tir na’m beo; agus gur ann a bha connsachadh Dhia ri athair airson a bhi cuir tuille, sa choir do mheas air a chloinn ‘s gu h-araidh air fein.”
An la roimh bhas, air dian iarrituis a chairdean, ni bu mho na ruin fein, chuir e athchuinge dh’ionnsuidh na combairle a guidhe air son iochu, agus a cuir an ceill a neo-chiontais, ach cha d’eisd iad. Fhad sa bha e ‘sa phriosan bha ‘n Tighearn ro ghrasmhor maille ris, maraon ann a bhi ga chumail suas agus ga neartachadh roimh eagal a bhais, agus mar an ceudna le bhi ag iomain air falbh neoil uamhais, tha cuid a dh’ uairean air na daoine is fearr, tre anmhuinneachd fuil is feoil. Bha e mar an ceudna gu h-iongantach air a chomhnadh ann an urnuigh is ann an moladh, air leithid do dhoigh, ‘s gu ‘n do chuir e mor ionghnadh air na h-uile a chual e; gu h-araidh air oidheche Diordaoin, nuair a bha e aig suipeir maille ri chopriosanaich, athair, agus aon na dhithis eile; thuir e gu suilibh-eair “Ithibh ‘nur sath, agus beathaichibh ‘ur cuirp, chum ‘s gu ‘n dean sinn pithig-nollaig reamhar da na h-easbuig-ean!” An deigh an t-shuipair, labhair e iomadh ni mu thiomchioll fein agus eaglais De, a cleachdadh fa dheireadh an earrainn sin ann an Daniel, “Ciod a Thighearn a bhios croich nan iongantais so?” An oidheche mu dheireadh de bheatha, dh’ fheoraich agus ffreagair e coachladh ceistean, chum neartachaidh a cho-phriosanaich, a leithid so:—Ciamar rachadh e o na phriosan, tre aireamh mhor shluaigh ag amharc air, agus le freiceadan shaighdearan, a dh’ ionnsuidh croich is aite bais, agus a bhi comasach air so uile a ghiulan? Ffreagair e le bhi a smaoineachadh air ni bu ro sholeimte, se sin cuideachd mhor de ainglibh, a ta ag amharc oirnn, a reir an sgriotuir sin: “Tha sinn ‘nar buill amharc do ‘n t-saoghal, do ainglibh, agus do dhaoine,” oir air do na h-ainglibh a bhi deanamh aoibhneas ri’r deagh aidmheil, tha iad a lathair gu bhi giulan ar anamaibh gu uchd Abraham; cha ‘n ann gu bhi ga ‘n gabhail, oir ‘se sin obair Iosa Criosd a bheir deagh bheatha dhuinn do neamh e fein, maille ri oranaibh ainglibh agus spioradaibh beannuichte. Ciod an doigh anns am beachd-aich sinne air neamh, a ta deanamh cabhag da h-ionnsuidh, air dhuinn a bhi leughadh “Nach fhaca suil, ‘s nach cuala cluas.” Ri so ffreagair e, gu ‘n robh an Sgriotuir toir cabhair ann an da dhoigh ann a bhi beachdachadh air neamh. 1, Ann an rathad samhlachail, mar ann an Taisb. xxi., far am bheil neamh air a taisbeanadh mar chaithir ghlormh. 2, Le bhi a cumail a mach gradh nan naomh da Iosa Criosd, agus a teagasg dhuinne a ghradhachadh le treibbdhireas, ni is e fior aoibhneas, agus caithreann neamh.
B’iad na briathran deireannach a labhair e aig an t-shuipair, a bhi moladh gradh oscionn eolais. O, deir e, “Cha ‘n eil ach beag diu ann an eolas as easbhuidh gradh, a dol as an t-sealladh ann an neoni, agus ro chunnartach.” Thug athair buidheachas an deigh na suipeir, agus leugh es an 16 Salm, agus thurit e “Na’m biodh ni ‘sam bith a dhionadh dubhach agus mi-dheonach e ‘n saoghal fhagail, gu ‘m be sin a bhi sguir de leughadh an Sgriobtuir. Thurit mi, nach fhaicinn an Tighearn ann an tir na’m beo, ach cha ruig so a leas ‘nar deanamh bronach, oir far am bheil sinn a dol ‘se’n t-Uan leabhar an Sgriobtuir, agus solus na cathrach sin, agus ‘an sin tha beatha, eadhon amhainn uisge na beatha, agus tobraichean beo.” Dh’ iarr e ‘n sin air son peann, gus an sgriobhadh e a thiomnad, agus dh’ iarr e beagan leabhraichean a bha aige a roinn air caochladh cairdean. Chaidh e gu leabaidh aig aon uair deug, agus choidil e gu cuig uairean ‘sa mhaduinn; nuair a dh’ eirich e, ghairm e airson a chompanach Iain Bhodrou, a’ radh gu suilibhear, “Eirich Iain, cha’n eil thusa is mise coltach ri daoine a thatar dol a chrochadh an diugh, nuair a tha sinn a codal cho fada.” Dh’ eirich Iain, agus thurit e ris, “Bithidh tu fein ‘s mi fhein gu h-aithghearr san aon seomar ri Mr Robeson.” Fhreagair Huistean, “Iain tha eagal orm gu ‘n duin thusa mise a mach, oir bha thu moran ni bu duineil air bheulabh na comhairle na bha mise, ach bithidh mise cho duineil air lobhta na croich ri h-aon agaibh.” Chuir e’n sin suas urnuigh ro dhurachdach, a’ tagar a dhaimh cumhnant ri Dia, agus gu’m biodh iad air an deanamh comasach air an la sin, a bhi toirt fianuis air deagh aidmheil an lathair mhoran fhianuisean. Ghabh an sin athair a chead deth, ris an dubhairt e, gu n’ deanadh fhualangais ni bu mho do chron da na h-easbuigean, agus ni bu mho do eideachadh do shluagh Dhe, no ged a bhiodh e fantuinn fichead bliadhna sa mhinistrealeachd. Dh’ iarr e’n sin air athair fhagail, agus a dhol gu sheomar, a ghuidhe gu durachdach ris an Tighearn a bhi maille ris air lobhta na croich; oir is e mo ghiulan an sin mo churam, gu’m bi mi air mo neartachadh gu seasamh dileas gu’s a chrioich.
Ri leantuin.