(Air a leantuin o t.-d. 350).
Aig da uair an deigh noine, chaidh a thoir amach, maille ri cuigeair eile a bha gu fulang maille ris, agus bheachdaich na h-uile neach a chunnaic riamh e, gu’n robh a ghnuis ni bu mhaisich ‘s ni bu chiuine no bha i roimhe. Nuair a thainig e gu bonn an fharadh, labhair e ris a mhorchuideachd a bha ‘n lathair, ag radh, “O nach robh a bhliadhnachan ach teare san t-saoghal, nach biodh a bhrathran ach teare ann an sin. Leugh e an sin an fhanuis a sgriobh e ‘sa mhaduinn, sa theid a chuir sios aig deireadh.
Sheinn e ‘n sin cuibhrionn de’n 31 Salm; chuir e ‘n sin suas urnuigh le leithid do chumhachd ‘s do dhurachd sa thug air moran gul gu goirt; chuir e ‘n sin uaithe ad, sa chleochd. ‘Nuair a rinn e greim air an fharadh gu dhir-eadh, thuirte e, le guth labhar, “Cha ‘n eil ni ‘s mo do churam orm am faradh so a dhireadh, ‘s mo thilgeadh d’eth, na bhiodh e orm dol dachaidh gu tigh m’athar!” Air dha gaoir a chluimtinn a measg an t-shluagh, ghairm e sios ri cho-luchd-fulaing, ag radh, “A chairdean, ‘sa cho luchd-fulaing, na biodh eagal oirbh, tha na h-uile ceum de’n fharadh so, ceum ni’s fhaig air neamh!” agus air dha suidhe air an fharadh thuirte e, “Tha mi ann cuid a chreidsinn, gu ‘n luchdaicheadh combairlich, agus luchd-riaghlaidh uasal ar tir, am teanas so na h-easbuigean; air biodh iad air am brosnuchadh leis na h-easbuigean; air chor ‘s gur ann aig an dorsa-san tha ar fuil gu sonruichte na luidhe; ach is so e mo sholas a nis, gu’m bheil finios agam gu bheil m’ Fhear-saoraidh beo. Agus tha mi nis gu toilichte leigeil sios mo bheatha, airson firinn agus aobhar Dhe, na Chumhnantan agus obair Ath-leasachaidh, a bha uair-eigin air a’ meas gloir na rioghachd so; agus is ann airson a bhi a toirt oidhearph air sin a dhion, agus freumh searbh Easbuigeachd, a spionadh a’ bun, tha an tobha so ga cuir mu ‘m amhach”—bha ‘n crochadair aig an am a cuir an inmeal ba’s air. Air dha am sluagh a chluimtinn a’ gul, thuirte e “Cha ‘n ann a gul bu choir dhuibh a bhi aig an am, ach ag urnuigh, chum ‘s gu’m biodh sinn gu h-onair-each air ar toirt troimh; gu’m beannaichte gu’n robh an Tighearna ta nis ga mo chumail suas. Mar bha mi a comain moran agaibh air son bhu urnuighibh agus bhu caoimhneas o na chaidh mo chuir am priosan, agus mo dhteadh, tha mi ‘n dochas nach dibhir sibh mi anns a cheum mu dheireadh de mo thurus, chum ‘s gu ‘n dean mi fianuis air deagh aidmheil; agus a chum ‘s gu’m bi fios agaibh air steidh mo mhisinich anns an oibair so, leughaidh mi dhuibh anns a chaibideil fa dheireadh de na Bhiobull, mo ghloir agus mo dhuais—”An neach air am bheil tart, thigeadh e.” Chi sibh, mar an ceudna, an cuireadh—”Tha ‘n Spiorad agus a Bhean nuadh-phosda ag radh, Thig.” Thuirt e sin, agus e sealltuinn sios, “Tha focal agam ri radh ribhse, ‘a chairdean—C’aite am bheil sibh? Cha ruig sibh a leas aon chuid a bhi caoidh, na naire a bhi oirbh, air son a chor ‘sa bheil sibh ga’m fhaicinn, oir tha mi deanamh co-chur de briathraibh Chríosd, “Tha mi dol suas chum m’ Athair fein agus bhur n’ Athair-sa, agus chum mo Dhe fein, agus bhur De-sa,” chum bhur Righ-sa, agus mo Righ-sa, chum na ‘n abstol agus na mairtearach bheannuichte, gu caithir an De bheo, an Ierusaleim neamhaidh, agus cuideachd do-airéamh do ainglibh, gu lan choimhthional agus eaglais nam ceud ghin, gu Dia breitheamh nan uile, agus gu spioradaibh nam firean air an deanamh foirfe, agus gu Iosa, Eadar-mheadhonair a choimheheangail muaidh.” Tha mi gabhail slan leibh uile, or bidh Dia ni’s solasaich dhuibh na b-urrainn dhomhsa a bith; agus bithidh e ni’s urachail dhomhsa na b-urrainn dhuibhsa a bhi dhozm. Slan leibh, Slan leibh anns an Tighearna. An deigh an comhdach a chuir air aghaidh, rinn e urnuigh ghoird, agus air dha an comhdach a thogail a ris, thuirt e gun robh aon fhoical aige ri radh fathast mu ‘n t-sholas a bha aige ‘na bhas; “Tha mi’n dochas nach eil sibh a faicinn atharrachadh na diobhail misnich ann am ghnuis, na ann mo ghiulan; agus mar dh’ fheudas sin bhi na aobhar iongantas dhuibhse, tha mi ag aideachadh gu bheil e na iongantas dhomh fhein. Air chul neo-chiontas an aobhar mu’m bheil mi fulang, se so mo sholas nuair a bha saich Lasarus, gu’n do ghiulain na h-ainglibh anam gu uchd Abraham; mar sin, ged a ta ann an so soleimteachd mhór, croich, aite bais, agus sluagh ag amharc a mach air uinneagan, tha uidheamachadh moran ni’s mo, agus ni’s soleimte, do ainglibh, gu m’anam a ghiulan gu uchd Chríosd. A rís, tha so na thulle solais, gu bheil m’ anam gu dhol gu laimh Chríosd, agus taisbeanaidh esan e gu’n smal, gu’n choire da’n Athair, agus an sin bithidh mise gu siorruidh maille ris an Tighearna. Agus a nis sguiridh mi do labhairt ri creutairan, agus toisichidh mi air mo cho-chomunn ri Dia, nach bi gu brath tuille air a bhriseadh. Slan leis an t-shaoghal sa thaitneasan: Slan le biadh agus deoch: Slan le grian, gealach, agus reultan: Failte air Dia agus an t-Athair: Failte air Iosa Críosd gradhach, Eadarmheadhonair a cho-cheangail nuaidh : Failte air Spiorad beannuichte a ghras, agus Dia an uile sholas : Failte air gloir : Failte air beatha shiorruidh : Failte air a bhas.”
Dh’iarra e sin air an fhear-mhillidh, gu’n a thilgeadh thairis gus an cuireadh e fein a null a ghuailnibh an toiseach, ni, air dha urnuigh ghoirid a chuir suas os iosal, a rinn e, ag radh, “O Tighearn, tha mi tiomnadh mo spiorad ann do lamhaibh, oir shaor thu m’anam, O Thighearna Dhia na firinn!” agus mar so anns t-seathadh bliadhna fichead de aois, bhasaich e mar bha e beo, anns an Tighearna.
Bha leithid do thuireadh airson a bhais, leis an luchd amhairc, ‘s nach robh ach gle ghann suil thioram air sraid-ean no ann an uinneag an Duneidin aig am a bhais. Tha fear eachdaraidh ainmeil a toirt a chliu so air—”Gu’n robh e na oganach do shea bliadhna fichead a dh’aois, ionmhuinn leis na h-uile, diadhaidh air mhodh comharrachte, agus amabharra foghluitme. Bha e ro sgiambach agus cumta na phearsa. Bu ghnathach leis trasgadh aon la ‘san t-seachduin, agus thug e iomadach uair roimh so sanus da chairdean gu faigheadh e bas mar fhuair e; san uair a labh-air e mu sholas agus aoibhneas ‘na bhas, ‘s iomadh osann throm a bha aca-san a bha ga eisdeachd.
San am cheudna chaidh co luchd-fulaing Mhic Cathail, a chuir gu bas: daoiné a bha air beag foghlum sa bha beo gu’n fhios do mhoran de’n t-shaoghal, gus an tug geur-leannmuinn agus fianuis air son na firinn am follais iad. Labhair iad am briathraibh deireannach le leithid do chiuineachd agus do thoigheidinn do thoibh a’ naimhdean; le leithid do mhorachd anam, do dhiadhachd, agus deagh thuigse, agus a chuir mor iongantas air na h-uile chual iad. Bha iadsan a bha eolach orra roimhe, lan dearbhta gu’n robh e air a thoir dhoibh os airde ciod a labhradh iad. Bha Iain Bhodro, Michael Shields, Sasgunach; Iain Bhilson o bhaile Air; agus Eanraic Mac-a-Chombaich, mar dhaoiné a bhiadh air stairsnich neamh. Ghairem Mac-a-Chombaich airson a Bhiobuill, chuir e air ghardean leont e, agus leubh e earrainibh freagarrach ri chor, a chuir iongantas air na h-uile. Nuair a chaidh na daoiné so ghlacadh sa bhlar-chath, chaidh am beatha a ghealltuinn dhoibh; ach gu feirg agus ain-iochd an ard easbuig Sharp, a shasuchadh, chaidh an cuir gu bas, an aghaidh na h-uile lagh; agus bu mho na sin, an aghaidh ordugh righ Tearlach—nach rachadh tuille beatha a ghabbail ams a chomhstri. Fhuair an t-Easbuig Burnet, an duine a b’fhear a bha na’m measg, an t-ordugh so o’n righ, agus thaimig e leis do Alba gu Sharp, a bha san am air ceann na’ comhairle, ach rinn esan inleachdan a dheilbh a chuir an t-ordugh san an cleith, ach an deachaidh Mac Cathail sa chompanaich a chuir gu bas.
Fianuis Agus Teisteas Huistean Mhic Cathail.
“Air dhomh le freasal araidh a bhi air mo thoir mar so, fa chomhair an t-saoghal, ann an aobhar a ta cuir a leithid do churam air na h-uile air am bheil eagal De, agus le’m bu mhian a bhi daingean na choimhcheagal, cha b-urrainn mi gu’n bhi fagail as mo dheigh an fhanuis sheasmhach so, mu thiomchioll aobhar agus feumalachd a choimhcheangail sin, airson gloir Dhia, agus fireanachadh in’aidmheil o’n a chainnt mhaslach a thilgeadh air le daoine, agus mar an ceudna chum eideachadh a thoir le mo daoine, dhoibhsan air son an do choisrig mi mo bheath’ ann an obair na ministrealachd.
Mheas mi riaghladh na h-eaglais so le Cleir, a bhi am measg priomh orduighean Iosa Criosd a shuidhich e anns an eaglais a cheannaich e le fhuil, agus a chaidh e suas an aird gu bhi buileachadh sin mar thiodhlaic oirre; air dha sin a bhi am fior mhinstrealachd shoigeulach na shimplieachd agus na ghlaíne air leth o innleachdaibh dhaoiné; agus mar sin a’ meadhon leis am bheil orduighean eile air am frithéaladh, agus na firinnibh is bonntachail air an deamamh eifeachdach ann an cridheachaibh an t-shluagh, air an aobhar sin bu choir dha so, leis a churam cheudna, connsachadh air a shon. Thug fiosrachadh, marao an uair a bha’n da chuid e aithnichte, agus air a leughadh leis na h-uile dhaoiné: ni a ta fior mar an ceudna’n ur ceudfaithearn soleimte a rinn an rioghachd da thaobh leis a Chumhant Chinneadail, agus leis a Chumhant agus a bhann sholeimte, nithe a mheas mi nan eiridh agus nan athnuadhadh adh na choimhlionadh torrach air a ghealladh sin an Isaiah xlv. 5, far am bheil e soilleir, ann aite sam bith, ‘san robh athleasachaidh eaglais a tighinn air adhart gu foirfeachd, tha iad a teachd gus a cheum sin.’ Is leis an Tighearn mise, agus sgiobhaidh fear eile le laimh do’n Tighearn’. Is ann mar sin a bha e ann an laithibh righrean athleasachaidh ludah, agus mar an ceudna an deigh an aisig an ais o Bhabiloin, ann an laithibh Nehemiah. Rinn an Tighearn Iosa an gealladh ceudna so na sheadh agus na Amen dhuine, nuair a shaor e simn o Bhabioloin spioradail; ni a ta na fhanuis ni’s dearbhta, gu’m b’iad so dearbh ghluasadán spiorad Dhe, ann ar ceud luchd athleasachaidh, gu’n robh iad gu h-araidh air an ruimeachadh ann an agtaidh gluasadán spiorad an dorchadais, agus an ana-criosd, agus a luchd taic, agus an agtaidh an dainghneachdain bu treise a fhuair na grainealachdan sin le ordugh comhairle Thrent, agus leis a bhann fhuilteach sin ris an abrair gu breugach an ceangal naomh. Agus uime sin ciod air bith masladh ata a ria dheartamh do na cumhnantan so, tha mi a meas nach eil e ni na’s lugha na bhi deanamh taire air Spiorad nan gras, ann na ghniomhachadh is comharraichte dhe fein, ach gu h-araidh, a bhi a deanamh a mach gu bheil a bhi seasamh dilis air taobh nan cumhnantan, a tighinn o spiorad saobh-chrabhaibh agus ceannaire, tha mi ag radh gu bheil so na pheacadh de’n aon nadur ri peacadh na muintir sin a thuirt gu’m b’ann tre Bheelsebub a bha Críosd a tilgeadh a mach dheartamhain; agus sin leis an antromachadh so, nach d’thainig na Sgriobhaichean agus na Phairisich riamh cho fad air adhart ‘s gu’n d’aidich iad Críosd, na gu’n do striochd siad iad fein dhasan na da shligibh.
Ach ged tha mi air mo dhiteadh mar cheannairceach a measg dhaoin, gidheadh tha mi ‘n dochas, eadhon anns an ni so, a bhi air m’ fhaotainn dilis am lathair Dhia. Oir cha n-urrainn gniomh a bhi’s dilse do’n righ, a reir ‘s mar tha cuisean a dol a nis, na na h-uile duine a dhichioll a dheartamh gu freumh searbh graineil sin na h-easbuig-eachd a spionadh a ffreumh, oir is e freumh sin, milleadh na righeathair agus na ducha; ‘s mar teid sin a dheartamh, cha bhi ‘n righ chaithir gu brath air a steidheachadh ann am fireantachd, gus am bi na h-aingidh so air am fuadach as a lathair. Tha mi cinnteach gu’n d’rinn iadsan tha air an diteadh a ni’s mo a chatheamh do uine ag urnuigh air a shón, agus gu bheil an durachd gu’n seasadh a chaithir nis dilis, na na h-easbuigean a dhit gu bas iad.
Mar steidh air son ‘ur misneachadh chum na h-uile a dhleasdanasaibh an am anns a bheil sibh beo, saotharaicheibh gu bhi air ‘ur steidheachadh ann an gradh Iosa Críosd. Bithidh an gradh so co amhann ri bhi faicinn ni sam bith a dh’ fheuchadh ri smal a chur airsan, na air fhocal, na air oibre, agus cuiridh e thuig an t-anam gu taisbeanadh eudmhior air a shon, air a chunnart is mo, agus gu bhi cho toileach basachadh air a shon, agus a bhios iad a bhi beo chum a ghlorachaidh. Agus chum bhur misneacn-uile anns a chuis so, tha mi cuir an ceill duibh, o’n la a thainig mi ‘n tus do na phriosan, gu’n do ghleidh Dia m’anam o uamhas agus eagal bais; o na fhuair mi mo chuis dithidh, agus binn bais, dh’ fhoillsich Dia e fein caochladh uaiream air leithid do dhoigh, ‘s gu’n do thog e m’anam suas oscionn na h-uile easbuigean, uachdarana, cumhachdaibh, bas, agus ifrinn, gu bhi deanamh aoi bhneas agus gu bhi subhach na shlainte; agus o ghrunnd m’anam, esan a mheas airidh, agus gu’m fuilinginn na aobhar, am pian, agus am masladh is truime; agus mar an ceudna gu dochas cinnteach comunn siorruidh maille ris fein ann an neamh.
Tha mi toirt maitheanas gu saor da na h-uile aig am bheil lamh ‘nam fhuil, a’ guidhe nach bi i air a cuir as leth na tire pheachas so, agus si mo ghuidhe gu ‘n toireadh Dia aithearachas da ar uachdaranibh, chum ‘s gu’m faigheadh iad an reite cheudna ris, a ta mise a nis a’ co-pairteachadh. Gu cinnteach tha mi creidsinn gu’n lughdaicheadh ar uachdarain a bhinn a leigeadh oirnn, mar biodh iad air am brosnuachadh leis na h-easbuigean, air chor ‘s gur ann aig an dorsa-san a ta ar fuil gu sonruichte na luidhe; gidheadh bidh an neo-thoileachas inntinn sin a bha dortadh fola cho fada ann an aghaidh an leith-sgeul a ghabhail, ‘s gur ann a bhios e na fhanuis ‘nan aghaidh ann an la an Tighearn.
Tha mi gu toileach a striochdadh da na bhas, mar an ni sin a chomhharraich Dia do na h-uile dhaoine airson peacaich, agus a striochdadh da’n doigh chomhharraichte so, airson mo pheacanna sonruichte.
Tha mi a moladh Dhia airson an smachdachadh ath-airleil so, leis an d’rinn e mi ann an cuid, agus anns an dean e mi fadheoidh na m’ fhear comhpairt iomlan de a naomhachd. Tha mi ga ghlorachadh, a chionn gu’n do ghairm e mach mi gu fulang airson ainn agus orduighean, agus ceanglaichean soleimte na tire dha, agus gu’n ghabh e’n doigh so chum mo thoirt air falbh o’n ole ri teachd. Gu’m beannaich an Tighearn a shluagh bochd uile, a ta ‘g osnaich, agus fo’ amhghar, ata mi fagail as mo dheigh.
O so amach, cha labhair mi ri fuil is feoil, ni mo cha smaoinich mi air solasan saoghalta. Slan le mo chairdean, an cuideachd a bha ro urachail ann an laithibh mo chuairt. Cha ‘n iarr mi ni’s mo solus na greine, na no gealaich. Failte air beatha shiorruidh, air gradh siorruidh, moladh siorruidh, gloir shiorruidh! Moladh dhasan ata na shuidhe air an righ chaithir, agus do’n Uan gu siorruidh! Ged nach robh mi mar so maille rit, ann an tigh mo chuairt, gidheadh rinn thu riumsa coimh-cheangal siorruidh, air a shuidheachadh anns na h-uile ni agus cinnteach; agus ‘se so mo shlainte uile, agus mo mhiam uile. Beannuich an Tighearn, O m’ anam, a mhaithe m’ easantuis ann am fuil a Mhic, agus a leighis m’ uile euslaintean! Beannaichibh an Tighearn, sibhse aingle, treun an neart! Beannaich an Tighearn, O m’ anam. Haleluiah.
Priosan Dhunneidin, 22 de mios mheadhonach a gheamhraidh, 1666.
Mar sin chroichnaich Huistean Mac Cathail a thurus ann an lan dearbhachd a chreidimh, air a sholas agus thois shiorruidh. Do bhrigh ‘s gu’n robh roinn de’n fhanuis nach robh so thuigseach da moran de na Gaidheil, cha do chuir mi sios uile i; ach chaidh ni’s leor a sgriobhadh chum a dheanamh aithnichte, sa chum fheuchann do na h-uile a leughas an cunntas aithghearr so, ciod na seorsa dhaoinne a bha san la dheuchaineach ud, a deanamh fianuis agus a fulang pianadh, agus bas airson Crun agus Cumhnant Chriosd.