Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1926 » April 1926 » Seumas Renuic

Seumas Renuic

(Air a leantuinn o t.-d. 428.)

Goirid an deigh so, bha’n obair a’ meudachadh gach la air a lamhan, le cobhair a thainig air o dithis mhisnistearan dilis, Daibhidh Houston o Eirinn, agus diadhair ainmeil eile, Alastair Shiells, a bha ro fheumail da, a thaobh an droch-thuaraisgeil a bha naimhdean a cur as a leth; b’e sin nach robh e airson comunn teachdaire air bith eile. B’ann mu’n am so chuir Mr Peden, is e air a leabaidh bhais, fios air, agus air dhoibh a bhi tamull ann an comhradh, dh’aidich Mr Peden, gu’n deachaidh moran bhreug innse dhasan mu thimchioll; ‘san am cheudna ga mhisneachadh gu dhol air aghaidh san obair mhaith, ‘s gu’m biodh e air a ghiulan gu h-eireachdal troimhe; mar an ceudna ag iarraidh mhaitheanas air, a chionn gu’n tug e uiread do chreideas da luchd mi-ruin ‘sa ‘g iarraidh air urnuigh a dheanamh maille ris; ni a rinn Mr Renuic le mor shuilibhreasa.

Anns a bhliadhna 1687 thainig ordugh a mach o’n ard chomhairle toirt saorsa do na Cleireanaich moderate* meagh bhlathaich dol a dh’eisdeachd na ministearan, a ghabh sochair an t-saorsa pheacach a chaidh thairgse dhoibh, na’n geilleadh iad d’an riaghladh; ach teann ordugh an aghaidh nan teachdairean, a shearmonaicheadh anns na glinn, iad a bhi air an leantuinn le teine is claidheamh. Le so thug Mr Renuic fianuis dhilis an aghaidh na comhairle a thug an t-saorsa, agus na muinntir a ghabh i; toirt rabhadh da’n t-sluagh gu’n ghnuis air bith a thoirt di. Nuair a chuala na ministearan meagh-bhlathach so; bha iad air leithid do bhuaireadh na aghaidh, ‘s nuair a fhuair iad, iad fein air an socrachadh nan gnothuichean, ‘s nan goireas; leig iad a mach a’ mi-ruin le bhi gairm, fear-reubainn, papanach, diabhul geal deth, gun robh e falbh na dhiabhul geal feadh na tire, le bratach gheal an diabhuil, ag radh gu’n d’rinn e moran ni bu mho do chron da Eaglais na h-Alba na rinn e do mhath dhi. Chum tuille maslaidh thilgeadh air, chuir iad paipearan a mach feadh na tire mar gu’m b’e fein a rinn iad. Ach ged a bha e mar so air a mhaslachadh le luchd aideachaidh, aig an robh anis saimh is socair, bhuaanaich esan ‘na obair, oir bha a dhuine san taobh a stigh a meudachadh ni bu mho, ‘s ni bu mho; ach bha’n duine an taobh a muigh gu mor air

*Bha droch mhanadh air an ainm o thoisich. Se so a cheud iomradh ata orra ann an eachdaraidh.

a lughdachadh. Dh’ fhas e co lag ‘s nach b’urrainn e suidhe air each, ‘s ann a bha e air a ghiulan gu’s an aite shearmonachaidh.

Chinn a gheur leanmhuinn aig an am so co dian na aghaidh, oir ann an uine chuig mhiosan an deigh da’n t-saorsa pheacach ud, a bhi air a gabhail leis na meagh-bhlathaich, chaidh cuig ionnsuidhean deug ro chruaidh a thoirt chum a ghlacaidh. Gu so a mhisneachadh, bha taigse cheud punnd Sasunnach air a thoirt leis an riaghladh do neach sam bith a ghlacadh beo na marbh e.

Air thus na bliadhna 1688, air dha a bhi teachd fagus do chrioch a thuruis, ruithe e luath, agus dh’oibrich e cruaidh, mar chriosduidh, ‘s mar mhinsteir. Bha na ruin roimh so ni-eigin a chuir a mach da’n t-saoghal, mar fhianuis a sheasadh air chuimhne an aghaidh a mhuinntir a thug ‘sa ghabh an t-saorsa pheacach ud, a dh’ ainnicheadh a cheana; chaidh e air an aobhar sin do Dhuneidin, ach air an rathad bha dol as chaol aig o bhi air a ghlacadh; ann an Duneidin bha e an-fhoisneach gus an d’ fhuair e sin a liubhairt, ach do bhrigh ‘s nach robh cleir de na meagh-bhlathaich cruinn, chaidh e dh’ ionnsuidh Huistean Ceannadaidh a bha na phriomh fhear suidhe sa chleir, agus chuir e ‘n fhianais na laimh-san.

O Dhuneidin chaidh e gu siorramachd Fife, far an do shearmonaich e caochladh Sabaidean; b’ann air an 29 de mios mu dheireadh a gheamhraidh a liubhair e shearmoin dheireannach ann am Borustanis. Phill e o sin do Dhuneidin, ‘s ghabh e comhnuidh ann an tigh caraid air Cnoc-a-Chaisteil, a bhiodh a reic bathar gun chis a phaigheadh; air dha bhi ni b’u mhi-fhurachail na b’abhaist da—air, dha am a bhi air teachd,—air dha fear da’m b’ainm Iain Iustis, a bha na fhear-frithealadh ann an tigh osda, esan a chluinntinn ag urnuigh san teaghlach, chuir e fairidh co a bh’ann, thainig e air an ath-mhaduinn, agus thug e ionnsuidh air an tigh, a gabhail air a bhi rannsachadh airson bathar mi-laghail, fhuair iad a steach, ‘san uair a thainig Mr Renuic chum an dorus, thuirt Iustis ris—”Mo bheatha air a shon mar e so Mr Renuic.” Chaidh e ‘n sin amach chum na sraide, ag eubhachd cobhair a bheireadh a’ madadh Renuic an tigh-freiceadan.

Dh’ fheuch Mr Renuic is dithis chairdean eile ri teicheadh amach air dorus eile, ach bhacadh iad le cach. Le so loisg e urachar o dhag, thug orra dhol as an rathad, ach air dha bhi gabhail seachad bhuaill aon diu e le maide trom air a bhroilleach, ni a mhill air ruith e. Dol sios caol shraid a Chaisteil gu ceann sraid a Chruidh ‘chaill e ad,

‘s mar sin thugadh toigh dha, ‘s chaidh a ghlaeadh le beadagan air an t-sraid, ach chaidh an dithis eile as sabhailt.

Thugadh a dh’ ionnsuidh an fhireiceadan e, ‘s chumadh an sin car uine bhig e. Nuair a chunnaig an Greumach ceannard an fhireiceadan, e bhi co iongnal na phearsa, sa leithid do ghnuis mhaiseach, oigeil, ghlaodh e “Ciod! an e so an giulan Renuic, mu’n robh an rioghachd co mor air a trioblaideachadh?” Aig an am cheudna thainig aon de ‘n luchd riaghlaidh a stigh, agus le fior dhroch oilean, chuir e cleachdannan fuasgailt as a leth, da’n d’thug e freagairt leis an taire a thoill e. Chaidh a thoirt an sin an lathair aireamh de na comhairle; nuair a thug an Greumach thairis dhoibh e, thuirte e,— “Thug mi Renuic thairis dhoibh anis, deanadh iad ris mar as ail leo.” Ciod a thachair air bheulaobh na comhairle, cha d’fhuaradh amach.

Chaidh a chuir am prison duinte ‘sa cheangal ann an iar-ruinibh; co luath so dh’ fhagadh na aonar e, chaidh e a dh’ urnuigh ri a Dhia, a’ deanamh tairgse shaor de a bheatha dha, a tagar gras chum a ghiulan troimh, agus gu’m biodh a’ naimhdean air am bacadh o bhi pianadh a chuirp—be sin leis a Bhoot, mar rinneadh air Mac Cathail. Chaidh na h-iarrtasan so uile a dheonachadh air doigh iongantach; ‘s bha sin air aideachadh leis fein le mor bhuidheachas, mu’n deachaidh a chrochadh.

Mu’n d’thugadh dha a chuis dhitidh, chaidh a thoirt fa chomhair an ard fhear riaghlaidh, ann an tigh Mhorair Tairbeairt, agus a cheasnachadh mu thimchioll a bhi striochdadh do ughdarras an t-seachdamh Righ Seumais, paigheadh cis, agus a bhi giulan airm aig na coinneamhan achaidh; ceistean a fhreagair e le leithid do shaoirsinn, agus do sheimheachd sa chuir uamhas air na h-uile a bha lathair. B’ e ‘n t-aobhar e bhi air a cheasnachadh mu thimchioll paigheadh cis, gu’n d’ fhuaradh leabhar pocaid aige, anns an robh cinn da shearmoin air na puingean so, ris an d’aidich e air ball. Bha mar an ceudna litrichean mora—capitals—anns an leabhar cheudna, a bha iad ro dheigheil fhaotainn amach co na daoine a bha air an ciallachadh leo; agus do bhrigh nach robh e nan comas cron na greim a dheanamh air na daoine sin, dh’innis e dhoibh gu seolta co iad. Nuair a chual’ iad cho eugnaidh seolta sa fhreagair e, thraogh sin gu mor am feirg na aghaidh, air chor ‘s gu’n robh so na mheadhon nach do phian iad a chorp. Dh’ fheoraich an t-ard chomhairliche ris, ciod an t-aideachadh de’n robh e? Fhreagair e, gu’n robh e de’n aideachadh Protastanach Chleireanach. A ris, dh’ fheoraich iad; ciod bu chian-fath gu’n robh a leithid do eadar-dhealach-

adh eadar e fein agus Cleireanaich eile, a bha reidh ri ughdarras an Righ, agus a ghabh an t-saorsa? ciod a shaoil e dhiubhsan? Fhreagair e, gu’m bu Chleireanach e, agus gu’n robh e seasamh ris na seann bheachdan Cleireanach, ceud fhaithdean leis an robh na h-uile ceangailte leis a Chumhnant an cumail suas, agus bha aon uair air an aideachadh, ‘s air an cumail suas leis an rioghachd o na bhliadhna 1640 gus a bhliadhna 1650, o na chul-shleamhnaich iad airson saorsa bheag, cha’n eil fhios aca cia fhad, mar rinn sibh fein airson onair bheag. Fhreagair an t-ard-chomhairliche, ‘s thug cach an aonta, gun robh iad ag creidsinn gu ‘m b-iad sin na fior bheachdan Cleireanach, agus gu ‘n deanadh na Cleireanaich eile an aideachadh cho math risan, na ‘m biodh uibhir a mhisneachd aca. An deigh na h-uile car, fhuair e chuis dhitidh air an 3 la de ceud mhios an earrach 1688; air na tri puingean so, a bhi ag aicheadh ughdarras an righ; an dara, nach robh e laghail a bhi ag iocadh cis; san treas puing, gu ‘n robh e laghail a bhi giulan airm gu neach fhein a dhion. Fhuair e cuig laithean gu freagradh a thoirt da na puingean sin.

An deigh dha chuis dhitidh fhaotainn, fhuair a mhathair comas dol a stigh ga fhaicinn, ris na labhair e moran do bhriathran taitneach. Air a cheud sabaid bha e duilich gu’n robh a threud bhochd gun aodhair, ‘s gu ‘m feumadh e an sin am fagail; thuirt e na faigheadh e a roghainn, “Nach b-urrainn dha smaoineachadh air gu ‘n ghrath, dol a stigh a rithist anns a chomhraig ri corp peacaidh agus bas; gidheadh na ‘m biodh e ris dol a shearmonachadh anns na fasaicheadh, cha ‘n fheudadh e dol leud na roine o’n fhianuis a thug e, agus gu ‘m biodh e fo chomain a bhi cleachdadh an aon shaorsa, agus dhilseachd ‘sa rinn e riamh.” Sgriobh e litir air Diluain, an 6 la, ag asluchadh gu ‘n rachadh fios a chuir a dh’ ionnsuidh na mhuinntir a bha an ainmean na leabhar pocaid ann an litirbh diomhair, agus a dh’ innis e co iad, chum ‘s nach tigeadh trioblaid sam bith orra air a sgathsan; ann an co-dhunadh na litir, thuirt e “Se m’ iartas nach teid trioblaid a chuir air neach sam bith air mo shonsa, ach gu ‘n dean iad aoibhneas maille risan, a ta le dochas agus aoibhneas a feitheamh uair a chrunaidh.” Aig am eile, dh’ fheoraich a mhathair cia mar bha e; fhreagair e gu ‘n robh e gu math, ach o am a cheasnachaidh gur gann a b-urrainn da urnuigh a dheanamh. Bhuaill uamhas a mhathair; ach thuirt e gu ‘m b’u ghann a b-urrainn e urnuigh a dheanamh, leis mar bha e air a lionadh le moladh, agus air eigneachadh le aoibhneas an Tighearn. Thuirt a mhathair ris gu ‘n robh eagail oirre gu ‘m faunnaicheadh i; “an uair,” ars ise, “a chi mise an ceann ‘s na

lamhan sin air an cur suas a measg chaich air port a bhaile, cia mar sheallas mi orra.” Le fiamh ghaire fhreagair e, nach faiceadh i sin, oir thug mise mo bheatha haithris do ’n Tighearn, agus ghuideadh mi gu’n ceangladh e suas mo bhuill; agus tha mi dearbhta nach ceadaichear dhoibh aon chuid mo chorp a phianadh, na aon roinneag de mo cheann a laimhseachadh, ’s fhaide na mo bheatha ghabhail. Nuair a ghlacadh e, bha mor eagal air gu’n rachadh a phianadh a Bhoot, ach fhuair e dearbhadh an deigh so nach b-eagal da a thaobh a ni sin, agus tre ghras chuidicheadh e gu bhi ag radh, “gu ’n robh eagal a ni sin air a thoirt air falbh cho mhor, ’s gu ’m bu roghnaich leis a bhi air a thilgeadh an coire do ola ghoileach, na ni bu lugha a dheanamh chuireadh lethtrom air an fhirinn.” Fhuair cairdean eile a steach ga amharc; dh’earalaich e iad, an sith ri Dia a dheanamh cinnteach, agus seasmhachd na shlighibh-san a chnuasachd; air dhoibh a bhi ag caoidh, a thoirt uatha, thuirt e riu, “Gu ’m bu mho bu choir dhoibh a bhi moladh an Tighearn gu ’m biodh e anis air a thoirt air falbh o na maslaidhean a chaidh a thilgeadh air, sa bhris a chridhe, nach b-urrainn a bhi air an glanadh air falbh air dhoigh eile, eadhon ged a gheibheadh e a bheatha, air doigh san gabhadh e i, gu ’n chron da ’n fhirinn.

Air Diluain, 8 la de cheud mhios an Earraich thugadh e air bheulaobh na’ morairean dearga, ’san uair a chaidh a chuis dhitidh a leughadh, dh’ fheoraich cleireach na cuirt deth, an robh e seasamh ris na dh’ aidich e roimhe, agus an robh e ag aideachadh ris na bha anns a chuis dhitidh? Fhreagair e “gu’n robh anns na h-uile puing, ach far am bheil e air a’ radh, gu’n do thilg e dheth uile eagal De: Tha mi ag aicheadh sin; oir is ann do bhrigh ’s gu bheil eagal orm peacachadh an aghaidh Dhe, agus a lagh a bhriseadh, tha mi mo sheasamh an so ullamh gu bhi air mo dhiteadh.” Dh’ fheoraich iad deth an sin, “An robh e striochdadh do ughdarras, agus gu’m b-e an Seachdamh Righ Seumas ard uachdaran laghail? Fhreagair e, “Tha mi ag aideachadh, ’sa seasamh leis na h-uile ughdarras aig am bheil an seasamh ’san crochan o fhocal De; ach cha’n urrainn dhomh an duine mi-cheart sin aideachadh mar righ laghail; air dhomh a bhi faicinn, o fhocal De, agus o laghan aosda na rioghachd so, gu bheil a leithid do neach mi-chomasach air riaghladh, agus mar an ceudna nach eil na laghan sin a ceadachadh do neach sam bith crun na h-Alba a chuir air a cheann, ach am mionnaich e an creideamh Protastanach a dhion; ni nach urrainn do dhuine aidmheil sin a dheanamh.” Dh’ fheoraich iad a

ris, Am b’urrainn e aicheadh e bhi na righ? Nach b’e brathair an righ nach maireann e? An robh aig an righ nach maireann clann dhligheach? Nach robh e air chuir an ceill na righ le gniomh parlamaid? Fhreagair e, “Gu’n robh e gu’n teagamh na righ air a chaithir ann an seilbh, ach nach robh e na righ a reir lagh na rioghachd; gu’m b’e brathair an righ nach maireann e, cha b’fhiosrach esan air a chaochladh; cia uirread a bha chlann aig an righ nach maireann, nach b’aithne dha: ach o fhocal De, bu choir a bhi na riaghailt da na h-uile lagh, agus o laghan aosda na rioghachd, nach robh e na’n comas fheuchainn, gu’n robh coir sam bith aige, agus nach b-urrainn coir a bhi aige air a bhi na righ.” B’i ‘n ath cheisd; an robh e ag aideachadh, agus a teagasg gu’n robh e mi-laghail a bhi paigheadh cis agus mal da’n righ? Fhreagair e, “Mu thimchioll na cis a ta air a togail san am so, airson an neach so a ghabh air a bhi na righ ‘an aghaidh coir is ceart, tha mi ga mheas mi-laghail a paigheadh, do bhrigh gu bheil e maraon for-neartach air an iochdaran a h-iocadh, chum cumail suas ain-iochd is aintighearnas, mar an ceudna, tha chis so air a leagail airson a bhi cur as do’n, t-soisgeul. Am biodh e air a shaoilsinn laghail do na Iudhaich ann an laithibh Nebuchadnessar, gun toireadh gach aon diu leis meall guail, a theasachadh an amhainn theinnteach a bha gus an triur chloinne a losgadh, ged’ iarradh an righ ain-iochdmhor sin orra?

B’i ‘n ath cheisd, An robh e ag aideachadh gu’n do theagaisg e do luchd eisdeachd teachd armaichte, chum na coinneamh, agus nan tigte orra, cogadh an aghaidh an naimhdean? Fhreagair e, “Bhiodh e maraon ann an aghaidh reusan, agus diadhaidheachd, gu’n sin a dheanamh; dheanadh sibh fein a’ ni ceudna, na’m biodh sibh anns an aon suidheachadh ruinne. Tha mi ag aideachadh gu’n do theagaisg mi dhoibh airm, gu iad fein a dhion, agus gu bhi cur an aghaidh ‘ur foirneart ana-ceart sa. Dh’ fheoraich iad an sin, an robh e a gabhail ris, gu’m bu leis an leabhar pocaid, agus an da shearmoin a bha sgriobhta innte, a fhuaradh aige, agus an do liubhar e’n da shearmoin sin? Fhreagair e, “Gabhaidh mi riu, mar do chuir sibhse ni riu sibh fein, agus tha mi ullamh chum na firinnibh uile a ta annta, a sheuladh le m’ fhuil.” Air dha aideachadh uile a bhi air a leughadh thairis da, dh’ iarradh air ainm a chur ris. Thuirt e, “Nach cuireadh, do bhrigh ‘s gu’n robh e ga mheas mar a bhi toirt seorsa aonta do’n ughdarras aca-san.” Air dha dhiultadh caochladh uairean a dheanamh, thuirt e, “S mi togail fianuis, cuirdh mi m’ainm ris a phaipeir, mar a se m’ fhianuis e, ach cha ‘n ann, ann an umhlachd dhuibhse.”

Ri Leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice