Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1926 » May 1926 » Seumas Renuic

Seumas Renuic

(Air a leantuinn o t.-d. 465).

Chaidh an sin an luchd breth a ghairm, agus a’ mionn-achadh; cha do labhair e bheag na’n aghaidh, ach gu’n do thog e fianuis, “Nach suidheadh neach a toirt breth airs an a bha ‘g aideacheadh ceud-faithean, Protestanach, na Cleireanachd, na bha gabhail orra bhi seasamh taobh obair cumhnantaichte Athleasachaidh.” Bha moran de’n luchd breth na’n luchd aidichidh. Bha daoin uaisle ann, a dhiult gnothuch a ghabbail ris a chuis. Thuirt fear de na daoine uaisle so, ‘se tarraing as, “nuair a chual e Mr Renuic a tionndadh agus a labhairt riu.” “Tha mi air bhall-chrith a bhi dol a ghabbail beatha, a choltach sin do dhuiine diadhaidh, cha dhean mi e, ged a bheireadh sibh uam mo chuid an t-shaoghal.” Fhuaradh leis an luchd breth ciontach e, agus chaidh a bhinn a thoirt a mach—Gu’m biodh e air a chrochadh an ath Dhi-h-aoine ann am Margadh an fheoir. Dh’ fheoraich Morear Ghlinn-iuch, an t-ard breitheamh dheth; “Am biodh e airson tuille uine?” Fhreagair e, “Gu’n robh e an t-aon ni dhasan; na’m biodh an uine ni b’fhaide, gu’n robh sin gu math; na’m biodh i ni bu ghiorra gu’n robh sin gu math; ‘se am mo Mhaighstir an t-am is fearr.” Chaidh an sin a thoirt air ais do’n phriosan. Chaidh dail chuig la eile chuir na bhas, a thug air iomadh a bhi a toirt bheum.

Cha robh a h-aon de na dh’ fhuiling anns na ochd bliadhna fichead chianail ud, a labhair ni bu dana, ni bu tapaidh, ‘s le ni bu mho do shaorsa na Seumas Renuic air bheulabli na cuirt; gidheadh cha robh a h-aon de na mairtirich da’n d’ fheuch iad uimhir do chaoinmhneas. Leig iad da labhairt gu saor, gu’n eis, na bacadh; ge d’ am d’thug e ‘n tiodal morair do h-aon diu, ach Morair Ghlinnuiuch, a bha na dhuiu’ uasal do thaobh breth. Agus ged nach d’ fhuair a chairdean cead ga fhaicinn, fhuair Papanaiich agus Easbuigean comas dol far an robh e. Chaidh an t-Easbuig Paterson tric ga shealltuinn; agus bha e’n ro gheall air gu faigheadh e bheatha dha, ni bha gle fhuarasd fhaotainn, na’n guidheadh e fein air son sin. Dr’ fheoraich an t-Easbuig deth; “Am bheil thu saoilinn, nach bi duine sam bith air a thearnadh, ach iadsan ata do aon bheachd riut-sa?” Fhreagair e, “Cha tuirt mi is cha do smaon-aich mi riamh, nach rachadh neach a thearnadh nach biodh a reir mo bheachdansa; ach is iad so firnean airson am bheil mise fulang, agus cha b’ann le braiseadh, ach le enuasachadh fada, a ta mi air mo steidheachadh gur araidd iad fulang air an son. Ghabh an t-easbuig a chead dheth, a cur an ceill gu’n robh e ro bhronach air a shon, e bhi co teann bharaileach. “Bu mhor am beud,” ars esan, “e bhi deth lethid a bheachdan, oir is maiseach an gille og e.” Chuir e fios gu Mr Renuic an oidheche mu’n d’ fhuiling e, mu bha ni sam bith na chomas a dheanamh air a shon, gu’m biodh e ro thoillichte a dheanamh. Chuir Renuic taing da ionnsuidh airson a chuaireas, ach nach b’ fhiorsach esan air ni sam bith bu chomasach e, na dh’ iarradh e air, a dheanamh air a shon.

Chaidh caochladh athchuingean a sgiobhadh le iomadh neach, ann an doigh cho fabhorach ‘sa bha ‘n comas do lainmh ‘s do inntinn duine a dheilbh, ‘s cho do choltas striochdaidh da’n riaghladh, sa chuir da ionnsuidh chum ainn a chuir riu; ach cha deanamh se e; chaidh a thairgse dha, na’n leigeadh e boinne dubh tuiteam air mir paiper, gu’m bu leoir e, ach cha deanadh sin gluasad air. Chaidh an sin a chumail ann an leithid do sas, ‘s do theannachadh, ‘s nach bu chomasach da a bheag sam bith a sgiobhadh. Chaidh an fhanuis bais a thoisich e ri sgiobhadh a thoirt uaithe, agus na h-innealan sgiobhaidh a thoirt air falbh.

Tri laithibh mu’n d’ fhuiling e, chaidh a thoirt air bheulabh na h-ard-chomhairle, ach cha d’ fhuaras fios ciod a thachair an sin, amhain gu’n dubhairt iad ris, gu’n do nochd iad mor chaoinbneas da, gu’n d’ thug iad tuile uine dha gu’n iarraidh, ni nach d’ rinneadh do neach roimhe de ‘n t-seorsa. Fhreagair e iad le suilibhearas neo-chumanta, cuir an ceill an t-aoibhneas a bha aige ann a bhi fulang maslaidh airson ainn a Mhaighstir. An deigh sin dh’ fheoraich cairid ris, Cia mar bha e? Fhreagair e, gle-mhath; agus bithidh mi moran ni’s fearr an ceann thri laithean. Thuirt e ri mhathair, gu’m b’e crochadh Raibeart Graidd (mairtearach treun) an crochadh mu dheireadh a chunnaic e, ‘s gu’n robh faireachdainn laidir air inntinn, gu’m be fhein an ath neach. Thuirt e tric gu’n robh e faicinn feum airson fhuangas anns an am; agus gu’n robh e dearbhta gu’n deanadh a bhas ni bu mho do dh’ fheum, na ged a bhiadh e beo iomadh bliadhna. Chaidh fheoraich dheth, ciod a tharladh da’n fhuigheal a dh’ fhagadh e na dheigh? Fhreagair e gu’m biodh cuis gu math maillle riu; oir cha treig Dia’s cha thilg se dheth oighreachd fein.

Air la a bhais, ghüidh ard fhear gleidhidh a phriosan air, nach labhradh e mu aobhar a bhais aig a chroich. Thuirt Mr Renuic ris, An ni a bheireadh Dia dha gu labh-aitr, gu’n labhradh e sin, ‘s nach labhradh ni na bu lugha. Thuirt fear coimhead a phriosan ris, na’n cuireadh e ainn ris an athchuigne, a bha aigesan na laimh, gu’m faigheadh e a bheatha fathast. Fhreagair e nach do leugh e riamh anns an sgríobtair, na ann an eachdaraidh na’ mairtearaich, a bhi ag asluchadh airson am beatha nuair a ghairmte iad gu fulang airson na firinn; ged a theagamh gu’n iarradh iad orra gu’n am beatha ghabhail agus fianuis a thogail ann an aghaidh an aingidheadh a bhi ga’m mortadh, ach do mo thaobhsa mheasainn a ni sin a dheanamh, mar a teicheadh sa dol air ais o’n fhirinn, sa bhi cuir cul ri fianuis a thogail airson Chriosd.

Fhuair an sin a mhathair agus a pheathraichean cead da fhaicinn; an deigh dhoibh urachadh a ghabhail, air dhasan buidheachas a thoirt, thuirt e, “O Tnighearn, thug thu mi, an uighe da uair uine do’n t-siorruidheadh, ‘s cha’n eil e cuir ni’s mo uamhas orm, na ged a bhithinn gu luidh sios air leabaidh rosan; seadh, tre ghras chum do chliu, feudaidh mi a’ radh nach robh eagal bais orm o na thainig mi do n’ phriosan so; ach o’n dearbh aite san deach-aidh mo ghlacadh b-urrainn mi dhol gu seimh gu lobhta na croich. O! cia mar is comasach dhomh a bhi seasamh, ri bhi ann an da uair do uine ag giulan erun gloir.” Dh’ earlaich e an sin iad, a bhi deanamh ullamh airson bais, “Oir is e sin,” ars esan, righ nan uamhais, ged nach eil e mar sin dhomhsa ‘nis, mar bha e iomadh uair dhomh ann mo sheachranaibh, is ann mo dheuchainibh, nuair a bha mi ga’m fholach fein anns na beanntaibh; ach a nis bitheam-aid subhach agus aoibhneach, oir tha posadh an Uain air teachd, agus rinn a cheile i fein ullamh. An do shaol leamsa riamh gu’m biodh eagal fulangais agus bais air a thoirt air falbh mar so uam? Ciod a their mi ris, “Is ann o’n Tighearna tha so; is iongaltach e ‘nar suillibh-ne.” Is iomadh uair a mheas mi ‘n costuis, Criosd a leantuin, ach cha do thuig mi riamh gu so, gu’m biodh e co socraich; agus co aig tha fios air urram agus sonas sin a nis. “Esan a dh’ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh mise esan am fianuis m’Athair.” Thuirt e iomadh uair, “Nis tha mise am fagas do chrioch uine; ‘si m’ iarrtus a bhi a’ moladh an Tighearn, tha e na shith riarachail, agus do-labhairt taitneach dhomh, gu’n do chum e mi o aontachadh anns a ni bu lugha, leis na naimhdean.” Air dha a mhathair fhaicinn a’ gul, dh’ earalaich e i a chuimhneachadh, iadsan a ghradhaich ni sam bith roimh Chriosd, nach b-airidh air iad. “Na’m biodh gradh agaibh dhomhsa, bhiodh aoibhneas oirbh gu’m bheil mi dol a dh’ionnsuidh m’Athair, gu bhi faotainn seilbh air ni nach fhaca sul,” etc. Chaidh e ‘n sin gu urnuigh, anns an deachaidh e gu mor a mach ann am moladh, agus a’ tagar gu h-araidh as leth an fhuigheal a bha fulang, gu’n togadh an Tighearna fianuisean, a bheir-eadh an teisteas sos chum ginealaichibh a bha teachd, agus nach fhagadh an Tighearna Albainn: mar an ceudna, ag aithris mor muinighin dochais, gu’m biodh an Tighearna grasmhór do Alba.

Mu dheireadh, air dha an druma a chluinntinn a’ bualadh airson an fhireiceadan, thainig braiseadh do ghradhair is thuirte e—”Sud agaibh am faireachdain deagh-bheatha chum mo phosaidh; tha ‘m fear-nuadh-posda te. chd; tha mi ullamh.” Ghabh e ‘n sin a chead de mhathair agus de pheathraichean, a’ guidhe orra gu’n a bhi fo dhiobhail misnich; oir, ma’s biodh croich air so uile, gu’m faiceadh iad aobhar molaidh ann an obair an la sin. Chaidh thoir an sin mar bu ghnathach a dheanamh, gu tigh ialal na comhairle, agus nuair a leughadh a bhinn-ditidh, dh’iarraadh air ni sam bith a bha aige ri radh a labhairt an sin. Fhreagair e, “Cha ‘n eil ni agam ri radh ribh, ach a ni sin a ta sgiobhta ann an Ieremiah xvi., 14, 15, “Air mo shonsa feuch tha mi ‘nur laimh,” etc. Dh’innseadh dha gu’m buaileadh na drumaichean aig an aite mhillidh fad na li-uine, agus gu’m b’ fhearr dha urnuigh a dheanamh anns an aite san robh e, ach dhiult e sin a dheanamh, ag radh, nach do smaoinich e ni sam bith ro-laimh, ach gun labhradh e gu saor, na bheithe dha ri aithris. Thaig iad an sin dha ministear sam bith gu bhi maille ris; ach fhreagair e, “Na’n gabhainn a h-aon dhiubhsan air son mo sholas na mo chomhairlichean, cha bitheann an so an diugh.” Cha’n eil mi ag iarraidh ach an aon duine so—b’e sin an caraid a bha maille ris aig am a bhais.

Dh’imich e ‘n sin chum na croich le mor shuilbhearas, mar neach ann am braiseadh do chaithread aobhnis, ‘s cha’n fhacas a leithid do aireamh shluaghl, riabh roimhe aig bas millidh; ach cha robh a bheag air a chluinntinn, lo bhrigh ‘s gu’n robh na drumachan a bualadh gun lasachadh fad an ama, on a chaidh e suas air faradh na croich, gus an do thilgeadh thairis e. Ach le eud cairdean a bha ‘m fagus da, bha beagan de bhriathran deireannach air an cumail air chuimhne.

Nuair a thainig e ‘n tus gu lobhta na croich, dh’iarr cuid air gun dad a labhairt, do bhrigh ‘s nach cluinneadh an sluagh e; aich air sin cha tug e feart sam bith. Bha h-aon de na gearraich na sheasamh ri taobh na croich, a thoisich ri campar a chuir air, le radh, “Aidich ar righ, agus ni sinn urnuigh air do shon.” Fhreagair e, “Cha bhi cuid agam deth bhrur urnuighean; thainig mi an so, chum fianuis a thogail ‘nur ‘n aghaidh, agus an aghaidh bhrur seorsa,” Thuirt an gearrach, “Aidich ar righ, agus guidhe air a shon, ciod air bith a their thu air ar son-ne.” Fhreagair e, “Cha labhairt mi ni’s mo riat; tha mi ann an uine ghorrid gu tais-beanadh ann am fianuis Righ nan righrean, agus Tighearn nan Tighearnan, a chuireas taire, naire, agus amaladh air uile righrean na talamhainn nach do rioghaich air a shon.”

Sheinn e ciii. Salm, agus leugh e Taisb. xix., rinn e ‘n sin urnuigh, a tiomnadh anam do Dhia tre ‘n Fhear-Shaor-aidh, agus gu’m biodh a chuis air a cuir ceart na am fein; mar an ceudna cuir fhanuis air an Tighearna, gu’m b’e sud an la’ a b-aobhnich a chunnaig e riamh san t-saoghal; la’ airson an robh mor fhadachd air. Lean e’ fada ann am moladh an Tighearna, do bhrigh ‘s gu’n do chuir e urram crun na mairtearachd air; urram a bha mi-chomasach do na h-ainglibh, do bhrigh ‘s gun robh e mi-chomasach dhaibhsan am beatha leigeil sios airson am Maighstir rioghail. Ghearan e gun robhas a cuir dragh air ann e bhi ag aoradh do Dhia, ach ars’ esan, “Bidh mi oscionn na’n neoil sin; ann an sin bidh mi gad’ mhealtuinn, agus gad’ ghlorachadh gun bhacadh, gun sgar, gu siorruidh.

Thug iad air an sin sgar, ‘sa dhol suas an fharadh, ni a rinn e, ‘san sin rinn e urnuigh, agus thuirt e, “A Thigh-earna, tha mi basachadh anns an dochas, anns a chreid-eimh, nach treig thu Alba, ach gu’n dean thu fuil t-fhian-usean siol t-eaglais, agus gu’m pill thu ris, agus gu’m bi thu glormhor ‘nar tir. Agus anis, a Thighearn, tha mi ullamh, rinn a cheile, bean an Uan i fein ullamh.” Air da na chomhdach a bhi air a chuir air aghaidh, thuirt e ris a chairid a fhritheal air, “Beannachd leat: bi dichiollach ann an dleasdanas, dean do shith ré Dia tre Chriosd. Tha deuchainn throm a teachd. Airson an fhuigheal a dh’fhag mi, thug mi thairis do Dhia iad. Innis dhoibh uamsa gun sgiothachadh, na bhi fo’ dhiobhail-mis-nich ann a bhi cumail suas an Fhianuis, agus ullaichidh an Tighearna dhuibh ministearan, agus luchd teagaig, agus nuair a thig e, ni e na firinnibh tarchuischte so gloirmhor anns an tir.” Chaidh a thilgeadh thairis, leis na briath-raibh so na bheul, “A Thighearna ann ad laimhsa a ta mi tiomnadh mo spiorad, oir shaor thú mi, Thighearn Dhia na firinn.”

Mar sin bhasaich Seumas Rénuic dileas, diadhaidh, eud-mhor, tri la’ an deigh dha bhi sea bliadhna fichead do aois, na dhuin og, na mhinisteir og, ach na Chriosduidh abuich, agus na mhairtearach cliutach airson Chriosd, air sgath nach do ghradhaich e a bheatha gu bas, tre fhuil agus focal fhanuis, thug e buaidh, agus mar sin fhuair e h-aithris air na h-uile ribe, agus bron, agus le mothachadh mhoran a thug roimhe taire dha, a rinn fianuis an deigh a bhais, an aghaidh na h-uile maslaidh, culchaineadh, agus dobh-eart a chuireadh as a leth, airson a dhilseachd mu’n fhanuis a thug e air taobh na firinn, a bha e ‘nis an deigh a seuladh le fhuil, agus le leithid do ion-mhas foighidinn, ciuneachd, ioraileachd, seasmhachd, misneachd, gradh-laiste, agus eud lasarach, a chuir amaladh air naimhdean, a chuir leth-bhreithich ceart, a dhaighnich luchd-stadaich, a thug solas do chairdean, agus mor ioghnadh air na h-uile.

Bha e ıosal na phearsa, ro mhaiseach san aghardh, agus mar bha Daibhidh og, mac Iesse, ruiteach agus sgiamhach na ghnuis. Labhair a chuid bu lionmhor do shluagh gu maith air shon an deigh a bhais; thuirtheadhon a mhurtairean gu’n deachaidh e do neamh. Bha Morear Tairbheart aon de’n luchd comhairle, a labhairt mar so mu thiomchioll—“Se duine bu sheasmhaich na bheachdan a chaidh riamh air ar beulaobh. Bhiodh cuid de na daoine, air uairean, a chuireadh sinn car tuathal, ach dh’ fharthluich oirnn riamh esan a ghlideachadh; far am fagadh sinn e, ann an sin gheibheadh sinn e; na’m b’ann an laithean Nocs a bha e beo, cha rachadh gu brath a chuir gu bas airson an aobhar cheudna.” B’e neach fa dheireadh e, chaidh a chuir gu bas ann an Albainn air son fianuis Iosa, agus saorsainn, aideachadh, agus obair chumhnantaichte, ath-leasachaidh anns an rioghachd.

Ri leantuin.

A lazy Christian shall always want for four things, viz., comfort, content, confidence, and assurance. God hath made a separation between joy and idleness, between assurance and laziness, and therefore it is impossible for thee to bring these together that God hath put so far asunder.—Brooks

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice