“Air a charaig so togaidh mise m’ eaglais.”—Mata xvi. 18.
Bi sud a charaig bhuadhach,
Na tuilltean cha tug buaidh orr’,
Ged d’rinn iad orra bualadh,
Cha ghluais i gu brath;
‘Se Criosd i na dha nadur,
‘San aona phearsa tambachd,
Mar shagart is mar fhaidh,
‘S air ardach’ mar Righ.
Gur anns na buadhan siorruidh,
A shuithicheadh o chian i,
‘San innt’ tha ‘n gliocas fior-ghlan,
Air fheuchainn do dhaoin,
‘San innt’ tha gradh na Dhiadhachd,
Ri fhaicinn mar an ceudna,
‘S gu tug i gloir neo-chriochnach,
Do’n Trianaid mar aon.
Ach ‘s diomhreachd o’n Ard-Righ,
Fear-Saoraidh thighinn do’n fhasach,
Air fhoillseachadh o’n airde,
Ann an nadur ehlann daoin,
‘Troimh ghinealach neo-ghnathaicht,
‘S cha b’ann o leasraidh Adhamh,
Ged a ghabh E ‘n nadur,
Thaobh lanachd a ghaoil.
Ged d’ laidh E anns an uaigh greis,
Cha d’ chum i aic’ na th’ fhuair i,
Oir b’ E Righ nan Sluagh E,
Bha bhuaidh aig’ gun dail,
Bu ghloirmhor leam E ‘g eiridh,
‘San Eaglais air uchd-eididh;
Oir b’ E feir an Ceud-ghin,
A dh’ eiridh bho’n bhas.
‘Nuair bha E marbh mar iobairt,
Gu robh E beo gu siorruidh,
Mar Shagart bha neo-chriochnach,
‘San fhiar ionad naomh;
‘S E crathadh Fuil na Reite,
Air Caithair Trocair Dhe,
A chum peacaich dheanamh reidh ris,
‘S E seulach dhoibh saors’.
Be sud an iobairt ghloirmhor,
A riarach Lagh Iehobhah,
Thuairt Ceartas: “Tha nis leoir innt’,
Dhomhsa gu bràth,
Cha’n agair mise an cor,
Bho aon pheacach a ghaibh trocair,
‘San air an son gu sonruicht’,
Chaidh orduch’ gu bas.”
‘S ann thachair ni ro-shonruicht’,
Ann a laithibh Noah,
Nuair thainig croich gach feoil,
Uile comhla’ na lathair,
‘S rinn tobraichean Iehobhah,
Bho’n dhoimhne fosgladh comhla’,
‘S tuil dhorsan troimh na neoil,
O’n a stor bha gu h-ard.
Is ionnan sin ‘s mar dh-eirich,
Do’n charaig bh’air a treigsinn,
An àm a bhi ga cheusadh,
‘San dh-eigh e gu h-ard:
“Mo Dhia carson a threig thu mi,
An diugh aig uair na h-eiginn,
‘S gun pheacadh annam fein,
‘N aghaidh Dhefad mo la.”
Thaobh suidheachadh a’ Chuminnant’,
Bha ‘n lagh ag iarraidh umhlachd,
‘San Ceartas bha do lubaidh,
Do run e bhi paight;
‘S bha beath’ is bas ro-dhluth ann,
Tha sud againn san tiomhnadh,
Is foillseachadh air ruinntean
Mor Ughdar nan Gras.
‘S caraig bhuan nan àl i,
‘San orr’ tha cudthrom tearnaiddh,
Mhor shluagh sin nach gabh aireamh,
Gu brath le clann daoine,
‘San orr’ a sheas na faidhean,
Ged bha i dorch’ an trath sin,
Ga nochdadh tre na sgailean,
Gu brath chaidh a thaobh.
Gach neach a chaidh a thearnadh,
‘S a shaoradh bho’n a bhas leat,
Cha ghabhadh iad ri slainte,
Gu brath na ri saors’,
Mur faiceadh iad nan nadur,
An Lagh a bhi air ardach’,
‘S an Ceartas bhi nan fabhor,
Troimh ‘n t-Shlanuighear chaomh.
Tha ‘n Ceartas ud neo-chriochnach,
‘S cho fada ris an t-siorruidheachd,
Is ionnan doimhn’ is leud dha,
‘Se cian a thaobh aird;
Os clann gach creutair criochnach,
A thuit o lagh na Trianaid,
‘S cha ‘n urrainn iad gu siorruidh,
Lan dioladh ‘thoirt dha.
R. F.