Mo Chairdean Graidh ann an Criosd,—Bi toil an Tighearn mise a thoirt thairis do lamhan dhaoine, agus tha mi ga mheas mar dhleasdanas, an fhailte fa dheireadh so chuir oirbh mu ‘m fag mi ‘n saoghal. Nuair a dh’ fhosglas mi mo chridhe ann an lathair Dhia, cha bu dana dhomh an crannechur so a sheachnadh, oir cha deanadh ni bu lugha an gnothaich airson a ghloir-san, agus chum saoradh aobharsan as mo leth, agus mar bha mi saor o na h-uile thruaillieachd a ta cumanta do chloinn, agus mar bhla mi gu iongantach air mo chumail o na h-uile nithe a ta gnathach ceangailte ri cloinn ann an laithibh an oige, mar a ta comasach dhoibhsan a bha eol-ach orm fianuis a dheanamh. O na chaidh mo chuir sa phriosan so, bha’n Tighearn anabharrach caoimhneil dhomh, rinn e fhocal na sholus, na aoibhneas, na bheatha, na mhisneach, agus na neart dhomh, seadh, bha e dhomh mar mhírr ruiteach cubhraidh.
O ciod is urradh dhomh a radh chum cliu an Tighearn? Cha b’aithne dhomh ach beag dheth gus an d’thainig mi na phriosan: fhuair mi gu faireachdail moran do neart an Tighearn, moran do aoibhneis a Spiorad-san, agus mor dhearbhachd o fhocal agus o a Spiorad tiomchioll mo shlainte shiorruidh. B’ann air son steidh mo theagasc a chaidh m’ fhulangais a shuidheachadh, oir fhuaradh mo dha shearmoin dheireannach a liubhair mi mu’n deachaidh mo ghlacadh, agus a sgriobh mi ‘n deigh sin. B’ iad na buinn-theagaig—Salm lxvi. 10 agus Eabh. x. 28. Chaidh mo cheasnuchadh air an doigh san d’rinn mi na searmoin sin a cho chur ri peacaidh nar latha; dh’aidich mi a ris, agus a ris, na nithe sin uile a shearmaoich mi, mar sin chaidh binn bais a thoirt a m’ aghaidh, air na h-aobharan so. Air tus, Do bhrigh nach aidichinn gu’m b’e Seumas an VII. m’ uachdaran laghail. An dara—Do bhrigh ‘s gu’n do theagaig mi gu’n robh e mi-laghail a bhi ag iocadh cis, a bha gu sonruichte air a leigeil air an t-shluagh, air son a bhi tilgeadh bun oscionn searmonachadh saor agus dileas an t-soisgeul. An treas,—Do bhrigh ‘s gu’n do theagaig mi gu’m be dleasdanais an t-shluagh airn a ghiulan gu’s an aite san robh an soisgeul air a shearmonachadh, chum iad fein a dhion o fhoirneart ain-iodhdmhor luchd-geur-leanmhuiinn.
Si mo bheachd gu’r airidh an fhanuis sin iomadh beatha, agus tha mi moladh an Tighearn air son mo dheanamh comasach air bhi soilleir agus suidhichte ‘na m’aid-eachadh uile, oir fhuair mi sith, aoibhneas, neart, agus danachd ann an sin a dheanamh. Tha mi saor ann bhi ‘radh nach do bhuail mo chridhe riamh mi airson ni ‘sam bith a rinn mi ann an aobhar mo Dhia o na thainig mi na phriosan. Agus a bharrachd air sin, ‘s urradh dhomh a radh chum a chliu, le coguis ghlán, gu’n do shiubhal mi na shlighe, agus gu’n do ghleidh mi fhoal, ged’ a b’ann an iomadh laigse, agus anmhuinneachd, mu’m bheil fhios agaibh.
Nise, mo chairdean graidh ann an Criosd luachmhor, mar bha mi beo, mar sin tha mi basachadh, na’m minist-ear de’n fhiar Eaglais, athleasaichte, chumhnaichte na h-Alba; ‘s gu’m bheil mi ag aideachadh, agus a sealadh le m’fhuil, na firnnibh luachmhor a theagaig mi. Tha mi sparradh oirbh ‘nur reite phearsanta ri Dia ann an Criosd a dheanamh cinnteach, oir tha eagal orm gu’m bheil moran dhibh nach d’rinn sin fathast, agus nuair a thig sibh far am bheil mise, gu bhi ag amharc a bhais ghruamach san eud-ainn, ‘s mor a bhios ‘ur crith ‘s bhur uamhas, mar d’rinn sibh’ greim air beatha shiorruidh.
Dh’earalaichinn sibh gu mor dhoichioll a chleachdadh ann am frithealadh air meadhoanaibh nan gras; a bhi tric agus dian-iarrtach ann an urnuigh uaigneach; a bhi a ghnath leughadh focal De, agus da ‘r ceasnuchadh fein leis a Bhio-bull. Na sigthichibh ann an deanamh maith, agus seas-amh air taobh an fhianuis; oir an uair a theid Criosd amach gu bhi cuir an anacriosd na bhloighdibh, leis an annm sin sgiobhta air a leis, Righ nan Righ, agus Tighearna nan Tighearn, ni e an t-aonm sin gloirmhor anns a chruinneach-adh. Ach seachnaibh na ministerean a ghabh an t-saorsa pheacach, oir chaidh a grheim fodha orra. Na biodh eagal oirbh gu ‘n tilg an Tighearn dheth Albuinn; oir gu cinnteach pillidh e fhathest, agus taisbeanaidh se e fein gloirmhor ‘nar tir; ach deanaibh faire agus urnuigh, oir a tha e gu buille throm, ghoimnte a bhualadh bheir air moran a’ radh; gun d’ fhuair iad sochdrach troimh, a fhuair croich air sgath Chriosd, ‘s na biodh feairt agaibh air fulanguis an t-saoghail so, oir cha ‘n eil iad ri bhi air an coimeas ris a ghloir a ta ri bhi air a foillseashadh.
Their mi chum a chliu, gu ‘n d’ fhuair mi a chrann-ceusaidh milis agus ionmhuin dhomh; oir bha agam iom-adh uair aoibhneach o’n a thainig mi na’ phriosan, gu’n aon smaoin eagallach o sin; neartaich e mi gu dubhlan a thoirt do dhuine, agus aghaidh gu ‘n eagal thoirt do ‘n bhas; tha fadachd orm anis airson an uair aoibhneach anns am bi am bothan cre air a sgaolleadh as a cheile, agus cha ‘n eile ni anns an t-saoghail tha g’am dheanamh bronach fhagail ach sibhse; ach tha mi dol gu cuideachd ni ‘s fearr, mar sin gabhaidh mi mo chead dibh uile. Slan leibh a chomh-luchd falaing mo ghraidh, a luchd leanmhuinn an Uain; slan le luchd comuinn Criosdail; slan le mathair agus peathraichean diadhaidh; slan le coinnidhean uaigneach mhilis; slan leibh a choinnidhean choitchinn ion-mhiann-uite. Slan le fuachd, agus seachrain oidhche airson Chriosd; slan leat a Bhiobuill, agus a shearmonachadh an t-soisgeul; slan leibh a ghrian, a ghealach, agus a reultan; slan le comhraig ri corp peacaidh agus bais. Failt ort a chroich airson Chriosd priseil; failt ort Ierusalem neamh-aidh, agus air cuideachd do aireamh do ainglibh; failt air lan choimhthional, agus eaglais nan ceud ghim; failte air crun gloir, air eidiidh gheal, agus air laoidh Mhaois agus an Uain; ach os cionn na h-uile, failte orsta O Thronaid ghormhor, agus aon Dia! O aon shiorruidh! ‘na do laimh tha mi tiomnadh m’anam gu t-fhois shiorruidh.
SEUMAS RENUIC.