Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1926 » August 1926 » Aidmheil A’ Chreidimh

Aidmheil A’ Chreidimh

CAIBIDEAL I.

I. Ged tha solus nàduir, agus oibre a’ chruthachaidh agus an fhreasdaíl a’ foillseachadh maithéis, gliocais, agus cumhachd Dhé, air dòigh ‘s gu bheil iad a’ fàgail dhaoine gun lethsgeul; cha leòir iad a thoirt an eòlais sin air Dia, agus air a thoil, a ta feumail chum slàinte; uime sin, chunacas do ‘n Tighearn, iomadh uair, agus air iomadh dòigh, e féin fhoillseachadh, agus a thoil féin a thaisbeanadh d’ a Eaglais; agus ‘n a dheigh sin, na dh’ fhoillsich e a chur sios gu h-iomlan ann an sgrìobhadh, a chum an fhìrinn a choimhead, agus a chraobh-sgaoileadh, ni ‘s fèarr, chum barrachd daighneachaidh agus comhfhurtachd do ‘n Eaglais, an aghaidh truailidheachd na feòla, agus mì-rùin Shatain, agus an t-saoghail agus do bhrigh so, tha na Sgrìobtuire naomha ro fheumail é, air bhi do na ceud dòighibh sin, anns an robh Dia air tus a’ foillseachadh a thoil d’ a phobull, a bhi nis air sguir.

II. Fuidh ainn an Sgrìobtuir Naoimh, no Focal sgrìobhta Dhé, tha a nis againn uile Leabhraichean an t-Seann Tiomnaidh, agus an Tiomnaidh Nuaidh, agus is iad so iad. Leabhraichean an t-Seann Tiomnaidh:

Genesis, Ecsodus, Leibhiticus, Aireamh, Deuteronomi, Iosua, Breitheamhna, Rut, 1 Samuel, 2 Samuel, 1 Righ, 2 Righ, 1 Eachdraidh, 2 Eachdraidh, Esra, Nehemiah, Ester, Iob, Sailm, Gnàth-Fhocail, Ecclesiastes, Dàn Sholaimh, Isaiah, Jeremiah, Tuireadh, Eseciel, Daniel, Hosea, Icel, Amos, Obadiah, Ionah, Micah, Nahum, Habaeuc, Sephaniah, Hagai, Sechariah, Malachi.

Leabhraichean an Tiomnaidh Nuaidh: An Soisgeul do réir Mhata, Mharcuis, Lucais, Eoin, Gniomhara nan Abstol, Litir Phòil chum nan Romhanach, 1 Corintianach, 2 Corintianach, Galatianach, Ephesianach, Philipianach, Colosianach, 1 Tesalonianach, 2 Tesalonianach, 1 Thimoteuis, 2 Thimoteuis, Thituis, Philemoin, Eabhruidheach, Litir Sheumais, 1 Litir Pheadair, 2 Litir Pheadair, 1 Litir Eoin, 2 Litir Eoin, 3 Litir Eoin, Litir Iudais, Taisbeanadh Eoin.

Tha na Leabhraichean so uile air an tabhairt le deachdach Spioraid Dé, chum a bhi ‘n an riaghailt creidimh agus beatha.

III. Na Leabhraichean d’ an goirear gu coithchionn na h-Apocripha, cha chuid air bith do riaghailt nan Sgriobtur iad, do bhrigh ‘s nach robh iad air an deachdadh ie Spiorad Dé; agus uime sin, cha ‘n ‘eil ughdarras air bith aca ann an Eaglais Dé, agus cha chòir am meas no an gnàthachadh, ach mar sgriobhaidhean eile dhaoine.

IV. Cha ‘n ann o theisteas duine, no Eaglais air bith, a ta ùghdarras an Sgriobtur Naoimh, d’ an còir creideas agus ùmhlachd a thabhairt; ach gu h-iomlan o Dhia (neach is e ‘n fhèirinn féin), Ughdair an Sgriobtur; uime sin is còir gabhail ris an Sgriobtur, a chionn gur h-e focal Dé e.

V. Feudaidh teisteas na h-Eaglais ar brosnachadh, agus ar tarruing gu meas mòr agus urramach a bhi againn air na Sgriobturibh Naomha. Agus tha nèamhachd na cuise féin, éifeachd an teagaing, mòralachd nam briathar, co-sheirm gach cuid deth ri chéile, a’ chrioich’ gus am bheil e uile (eadhon an uile ghloir a thabhairt do Dhia), an lán-fhoillseachadh a ta se a’ deanamh air an aon slighe sin a tha chum slàint’ an duine, na h-iomadh deadh bhudhan eile gun choimeas, agus ‘fhoirfidheachd iomlan: tha iad sin uile ‘n an reusoin leis am bheil e a’ dearbhiadh gu leòr-shoilleir, gur e féin focal Dé; ach, gidheadh is ann o obair an Spioraid Naoimh, ‘s an taobh’ stigh, a’ togail fianuis trid an fhoicil, ann ar cridhibh, a ta ar làn-chinnte agus ar dearbhachd air firinn neo-mhearachadh, agus ùghdarras diadhaidh nan Sgriobtur.

VI. Tha uile chomhairle Dhé mu thimchioll nan uile nithe a ta feumail chum a ghloire féin, släinte an duine, creidimh agus beatha, air an cur sios gu soilleir dreach anns na Sgriobtuiribh; no feudar an tarruing le deadh reusonachadh daingean o na Sgriobtuiribh; ris nach còir aon ni a chur, uair air bith, cia ac’ is ann o nuadh fhoill-seachadh spioraid, no o ghnàthachadh dhaoine, gidheadh, tha sinn ag aideachadh, gu bheil soillseachadh Spioraid Dhé ‘s an leth stigh feumail, chum nan nithe sin a ta air am foillseachadh ‘s an fhoical a thuigsinn gu släinte; agus gu bheil nithe àraid, do thaobh aoraidh Dhé agus riaghlaidh na h-Eaglais, coitchionn do ghniomharaibh agus do chochomunn dhaoine, a ta gu bhi air an òrduchadh le solus nàduir agus le gliocas criosduidh, do réir riaghailtean farsuinn an fhoical, a’ tha do ghnàth gu bhi air an tabhart fainear.

VII. Cha ‘n ‘eil na h-uile nithe a ta ‘s na Sgriobtuiribh ionann so-thuigsinn annta féin, no ionann soilleir do gach neach; gidheadh na nithe sin a ta feumail aithne bhi orra, an creidsinn agus an coimhead, chum släinte, tha iad co soilleir air an cur sios, agus air am fosgladh an àit éigin ‘s an Sgriobtur, ‘s gu feud cha ‘n e mhàin daoine fòghl-uimte, ach fòs daoine neo-fhòghl-uimte, an tuigsinn gu diongmholta, le feum dligheach a dhèanamh do na meadhonaibh gnàthaichte.

VIII. Air do ‘n t-Seann Tiomnadh ‘s a’ chànain Eabhruidheach (cainnt duthcha pobuill Dé ‘s an t-sean-aimsir) agus do ‘n Tiomnadh Nuadh ‘s a’ Ghréigis (a’ chainnt air am b’ eòlaiche na cinnich gu coitcheonn, ‘s an àm an do sgriobliadh e) bhi air an deachdadh le Dia, gu neo-mheadhonach, agus trid a chùram-sa, agus a fhread-sail àraid féin, air an coimhead flor-ghlan air feadh gach uile linn, tha iad uime sin priomh-ùghdarrach; ionnus gur còir do ‘n Eaglais gach connsachadh mu chreidimh a thabhairt fuidh am breith. Ach a chionn nach ‘eil eòlas air na ceud chainntibh ug aig pobuill Dé uile, aig am bheil còir air na Sgriobtuiribh, agus d’ am buin iad, agus d’ am bheil air ceud chainntibh ud pobuill Dé uile, aig am bheil còir air ‘òrduchadh an leughadh agus an rammsuchadh ann an eagal Dé; uime sin is còir an cur ann an caintt ghnàthaichte gach duthcha gus an tig iad; chum air bhi do fhoical Dé, ‘n a chòmhnuidh gu saobhir anns na h-uile, gu ‘n dèan iad aoradh dha air mhodh thaitneich; agus gu ‘m biodh dòchas aca trid foighidinn agus comhfhurtachd nan Sgriobtur.

IX. ‘S e an Sgriobtur féin an riaghailt neo-mhearachdach a chum an Sgriobtur a mhineachadh; agus uime sin ‘n uair a bhios ceist mu sheadh flor agus iomlan Sgriobtur air bith (agus cha ‘n ‘eil iomadh seadh aige, ach a h-aon a mhàin) feumar a rannsachadh, agus ‘fhiosr-achadh o earrannaibh eile a ta labhairt nì’s soilleire.

X. Cha ‘n fheudar gur neach air bith eile ach an Spiorad Naomh a’ labhairt anns an Sgriobtur, a ‘s àrd-bhreitheamh ann, leis am bheil gach uile chonnsachadh mu chreidimh r’ a chriochnachadh, agus uil’ òrduigh naì ard Sheanaidh, bairlean shean Sgriobhairean, teagasga dhaoine, agus Spioraid dhiomhair, r’ an ceasnachadh; an Neach fòs, is ann ri bhreitheanas is coir dhuinn seasamh.

CAIBIDEAL II. Mu Dhia, agus an Trìonaid Naomh.

I. Cha ‘n ‘eil ann ach aon Dia a mhàin, an Dia beò, flor, neach a ta neo-chriochnach ann am bith, agus ann an iomlanachd, Spiorad ro fhior-ghlan, neo-fhaicsinneach, gun chorp, gun earrannaibh, gun fhulangasaibh, neo-chaochlaideach, Neach nach feudar a thomhas, bith-bhuan, Neach nan feudar gu h-iomlan a thuigsinn; uile-chumh-achdach, ro ghlic, ro naomh, làn shaor, àrd-ùghdarrach, ag oibreachadh nan uile nithe do réir comhairl’ a thoil’ neo-chaochlaideich agus ro-chothromaich, chum a ghloire féin, ro ghràdhach, gràsmhor, tròcaireach, fad-fhulanach, pailt ann am maitheas, agus ann am firinn: a’ maithheadh ain-gidheadh, eusaoitais, agus peacaidh; a’ tabhairt luigh-eachd dhoibh-san a dh’ iarras e gu dìchiollach; agus fòs ro cheart, agus uamhasach ‘n a bhreitheanais, a’ tabhairt fuath do gach uile pheacadh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach.

II. Tha aig Dia gach uile bheatha, Glòir, Maithheas, agus Beannachadh, ann féin, agus uaithe féin; agus tha e ‘n a aonar uile-dhiongmholta ann féin; agus tha e ‘n a aonar uile-dhiongmholta ann féin, agus dha féin, gun dheum aige air creutair air bith a rinneadh leis, agus gun e tarruing glòir air bith uatha, ach a mhàin a’ foillseachadh a ghloire féin annta, leo, dhoibh, agus orra; is e féin aon tobar gach uile bhith, agus is ann uaithe, agus d’ a thrid, agus air a shon, a ta na h-uile nithe, agus a ta uachdranachd àrd-Thighearnail aige os an ceann, chum gachaon ni is àill leis féin a dhèanamh leo, air an son, agus orra, ‘n a fhianuis tha na h-uile nithe fosgailte agus follais-each. Tha ‘colassà neo-chriochnach, neo-mhearachdaen, agus neo-cheangailte ris a’ chreutair, air chor agus nach ‘eil ni air bith neo-chinnteach, no neo-dhearbhta dha, tha e ro naomh ‘n a uile chomhairlibh, ‘n a uil’ oibríbh, agus ‘n a uil’ àitheartaibh. Dha-san dlighear o Ainglibh agus o dhaoinibh, agus o gach creutair eile, ge b’ e air bith aoradh, seirbhis, no ùmhlachd a ‘s toileach leis iarruidh orra.

III. Ann an aonachd na Diadhachd tha triùr Phearsa a dh’ aon nàtur, cumhachd, agus bithbhuantachd; Dia an t-Athair, Dia am Mac, agus Dia an Spiorad Naomh o; cna ‘n ‘eil an t-Athair o neach air bith, cha ‘n ‘eil e air a ghineamhuinn, no a’ teachd o neach: Tha am Mac air a ghineamhuinn gu bith-bhuan o ‘n Athair: Tha ‘n Spiorad Naomh a’ teachd gu bith-bhuan o ‘n Athair agus o ‘n Mhac.

CAIBIDEAL III. Mu Ordugh Siorruidh Dhé.

I. Dh’òrduich Dia o ‘n uile Bhith bhuaneachd, le comhairle ro ghlic agus naomh a thoile féin, gu saor, agus gu neo-chaochlaideach, gach aon ni a thàrlas ach so, air chor agus nach e Dia ùghdair a’ pheacaiddh, agus nach ‘eil fòirneart air a dhèanamh air toil nan creutairean, ‘s ni mò tha saorsa no neo-chinnteachd nan dara h-aobharan air a thabhairt uatha, ach tha e ni ‘s mò air a dhaigneachadh.

II. Ged tha Dia fiosrach air gach aon ni a thig, no dh’ fheudas teachd gu crich, fuidh gach aon dòigh air bith a dh’ fheudar a breithneachadh; gidheadh cha d’òrduich e aon ni a chionn gu ‘m faca e roimh làimh e mar ni ri teachd, no mar ni a thigeadh chum crich ann an dòighibh air leth.

III. Trid òrduigh Dhé, chum foillseachadh a ghloire, tha cuid éigin do dhaoibh, agus do ainglibh, air an roimh-òrduchadh chum na beatha suthain, agus cuid eile air an roimh-òrduchadh chum a’ bhàis shiorruidh.

IV. Tha na h-ainglean agus na daoinne so a bha air an roimh-thaghadh agus air an roimh-òrduchadh mar so, air an comharachadh fa leth, agus gu neo-chaochlaideach, agus tha ‘n àireamh co cinnteach, agus co socraichte, ‘s nach feudar a mheudachadh, no a lughdachadh.

V. Iadsan a ta air an tagh-òrduchadh roimh làimh chum beatha, rinn Dia roimh thoiseach an t-saoghail, do réir comhairle dhìomhair a ruin shiorruidh, agus neo-chaochlaideich, agus ro réir comhairle dhìomhair agus gean maith a thoile féin, an taghadh ann an Criosd chum glòire shiorruidh, o a shaor-ghràs agus a ghràdh féin, gun roimh-shealladh air creidimh, no deadh oibre, no air buan-mhair-eachduinn ann an aon dhiubh, no air aon ni eile ‘s a’ chreutair, mar chumhachaibh, no mar aòbharaibh, ‘g a bhrosnachadh chuiige so; agus so uile chum cliù a ghrais ghloirmhoir.

VI. Mar dh’òrduich Dia na daoine taghta chum glòire, is amhluidh le rùn-slorruidh agus ro shaor a thoile, roimh-òrduich e na h-uile meadhon a ta chuige sin; uime sin tha iadsan a ta air an taghadh, air dhoibh tuiteam ann an Adhamh, air an saoradh le Criosd; air an gairm gu h-éifeachd-ach chum creidimh ann an Criosd le a Spiorad ag oibreachadh ann an àm iomchuidh; tha iad air am fireanachadh, air an uchd-mhacachadh, air an naomhachadh, agus air an coimhead le ‘chumhachd, trid creidimh chum slàinte. Agus cha ‘n ‘eil muinntir ‘s am bith eile air an saoradh le Criosd, air an gairm gu h-éifeachdach, air am fireanachadh, air an uchdmhacachadh, air an naomhachadh, agus air an sàbhaladh, ach na daoine taghta mhàin.

VII. Chunnacas do Dhia, do réir comhairle do-raunsuichte a thoile (leis am bheil e leigeadh a mach no a’ cumail air ais a thròcair, mar chìtear dha chum a ghloir àrd-Thighearnail os cionn a chreutairean, a’ chuid eile do ‘n chinne dhaoine a leigeadh seachad, agus an òrduichadh chum eas-onoir agus feirge, air son am peacaidhean, chum cliù a cheartais ghloirmhoir.

VIII. Tha teagasg na h-àird-dhiomhaireachd so, an roimh-òrduichadh, gu bhi air a làimhseachadh le gliocas agus eùram àraid, chum air do dhaoinibh bhi tabhairt fain-ear toil Dhé, foillsichte ‘n a fhocal, agus a’ tabhairt ùmhlachd dhi, gu ‘m feud iad o dhearbhachd an gairm éifeachdaich, a bhi làn-bheachduidh mu ‘n taghadh slorruidh féin. Agus mar sin, bheir an teagasg so seachad aobhar cliù agus urrain do Dhia, agus iongantas uime, agus aobhar irioslachd, dichtioll, agus sólasan lionmhor do na h-uile a ta gu tréibbdhireach a’ tabhairt ùmhlachd do ‘n t-Soisgeul.

CAIBIDEAL IV. Mu ‘n Chruthachadh.

I. Chunnacas do Dhia an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh, chum foillseachaidh glòir’ a chumhachd, a ghliocaís agus a mhaitheis shiorruidh, ‘s an toiseach, an saoghal agus na h-uile nithe faicsinneach, agus neo-fhaicsinneach a ta ann, a chruthachadh, no an dèanamh do neo-ni, an ùine shè làithean, agus gach aon ni dhiubh ro mhaithe.

II. An déigh do Dhia na h-uile chreutairean eile a dhéanamh, chruthaich e ‘n duine, fear agus bean, le anam-aibh reusonta, agus neo-bhàsmhor, le h-eolas, fireantachd, agus fior naomhachd annta, do réir ‘lomhaigh féin, air do lagh Dhé bhi aca, sgrìobhta ‘n an cridhibh, agus neart gu a choimhlionadh; ach gidheadh, gur ni dh’ fheudadh tachairt, gu ‘m briseadh iad e, do bhrigh gu ‘n robh iad air am fágail gu saorsa an toile féin, gu bhi caochlaideach. A thuilleadh air an lagh so sgriobhta ‘n an cridhibh, fhuair iad àithne gun ni air bith itheadh do ‘n chraoibh eòlais a’ mhaith agus an uile, agus am feadh a choimhdeadh iad an àithne so, gu ‘m bitheadh iad sona ann an co-chomunn ri Dia; agus bha uachdranachd aca os ceann nan creutairean.

Rì leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice