I. Tha Dia àrd Chruith-fhear nan uile nithe, a’ cumail suas, a’ suidheachadh, agus a’ riaghladh, nan uile creutairean, ghniomhara, agus nithe, o’ n mhòr gus a’ bheag, le a’ fhreasdal ro ghlic, agus ro naomh, do réir a’ roimh-eòlais neo-mhearachdaich, agus comhairle shaor agus neo-chaochlaideich a’ thoile féin, chum cliù glòir’ a’ ghliocais, a’ chumbhachd, a’ cheartais, a’ mhaitheis, agus a’ thròcair.
II. Ged tha na h-uile nithe, do thaobh roimhfhios agus òrduigh Dhé, an ceud aobhar, a’ teachd gu crich, gu neo-chaochlaideach, agus gu neo-mhearachdach; gidheadh, tha e leis an fhreasdal cheudna, a’ tabhairt orra tachairt do réir nàduir nan dara h-aobhara, gu neo-sheachnach, gu saor, no gu tuairmseach.
III. Tha Dia ‘n a’ fhreasdal gnàthaicht’ a’ déanamh feum do mheadhonaibh, gidheadh tha e saor gu oibreachadh as an eugmhais, os an ceann, agus ‘n an aghaidh, mar is àill leis.
IV. Tha neart uile-chumbhachdach, gliocas do-rannsaichte, agus maitheas neo-chriochnach Dhé, ‘g am foills-eachdadh féin, co mòr ‘n a’ fhreasdal, ‘s gu bheil iad a’ ruigh-eachd gus a’ cheud tuiteam, agus uile pheacaidhean eile nan Aingéal, agus nan daoine, agus sin cha ‘n ann o’ lom chheadachadh, ach le ceadachadh aig am bheil cuimse ro ghlic agus ro chumbhachdach maille ris, agus a ta air mhodh eile ‘g an stiùradh, agus ‘g an riaghladh, ann am frithealadh eug-samhuil, chum a’ chriochaibh naomha féin; gidheadh ‘s ann air chor ‘s gu bheil peacaichead a’ pheacaidh a’ teachd o’ n chreutair a’ mhàin, agus cha ‘n ann o’ Dhia; neach air dha bhi ro naomh, agus ro cheart, nach ‘eil, agus nach feud a’ bhi ‘n a’ ùghdair peacaidh, no ‘n a’ neach ris an taitinn e.
V. Tha ‘n Dia ro ghlic, ro cheart-bhreitheach, agus ro ghràsmhor, gu minic a’ fàgail a’ chloinne féin rè seal, gu h-iomadh buaireadh, agus truaillidheachd an cridhe féin, chum an smachdachadh air son am peacaidhean a’ rinn iad roimhe, no chum neart foluichte na truaillidheachd, agus mealltaireachd a’ chridhe a’ nochadh dhoibh, chum gu ‘m biodh iad air an irioslachadh; agus fòs gu ‘n dhuigteadh suas iad gu greimeachadh ni’s teinne agus ni’s dlùithe ris féin, chum an cumail suas; agus chum an déanamh ni ‘s furachaire an aghaidh gach uile chion-fàth
peacaidh ‘s an aimsir ri teachd, agus a chum iomadh crìoch eile a ta ceart agus naomh.
VI. Mu na daoinibh aingidh, neo-dhiadhaidh sin, a tha Dia mar Bhreitheamh ceart-bhreitheach a’ dalladh, agus a’ cruadhachadh air son peacaidhean a rinn iad roimhe, uatha-san tha e, cha ‘n e mhàin a’ cumail air ais a ghràis leis am feudadh iad bhi air an soillseachadh ‘n an tuigse, agus air an taiseachadh ‘n an cridhibh: ach air uairibh fòs, a’ tarruing air ais nan tiodhlac bha aca, agus ‘g am fàgail mu choinneamh nan cuspair sin d’ an dèan an truailidheachd féin cion-fàth peacaidh, agus le so uile, tha e ‘g an toirt thairis d’ an ana-miannaibh féin, do bhuairidhibh an t-saoghail, agus do chumhachd Shatain: leis am bheil e tachairt, gu bheil iad ‘g an cruadhachadh féin, seadh fuidh na meadhonaibh sin a ta Dia a’ gnàth-achadh chum daoin’ eile a mhaothachadh.
VII. Mar a tha freasdal De gu coitchionn a’ ruigh-eachd gus na h-uile chreutairean, is amhluidh a ta e air mhodh ni ‘s sònruichte a’ gabhaill cùram d’ a Eaglais, agus a’ suidheachadh nan uile nithe chum a maith.
CAIBIDEAL VI.
Mu thuiteam an duine, mu pheacadh, agus mu pheanas air a shon.
I. Air do ar ceud sinnsear a bhi air am mealladh le ais-innleachd, agus buaireadh Shatain, pheacaich iad, leis a’ mheas thoirmisgte itheadh. Chunnaic Dia iomchuidh, do réir a chomhairle ghlic agus naoimh, am peacadh-san fhulang, air do rùn a bhi aige an ni so òrduchachadh chum a ghloire féin.
II. Leis a’ pheacadh so, thuit iad o ‘n ceud fhreantachd, agus o ‘n co-chomunn ri Dia, agus mar sin dh’fhas iad marbh ann am peacadh, agus truaillidh gu h-iomlan, ann an uile bhuadhaibh an anama, agus ann an uile bhuill an cuirp.
III. Do bhrigh gu ‘m b’ iadsan Freumh a’ chinne-dhaoin eile, bha ciont a’ pheacaidh so air a mheas, agus am bàs ceudna ‘s a’ pheacadh agus anns an nàdur thrauillidh, air iomchar a dh’ionnsuidh an sliochd uile a ta teachd uatha tre ghinealaich ghnàthaichte.
IV. O ‘n truailidheachd cheudna so, leis am bheil sinn gu tur air ar cur o gheus a chum aon ni maith, air ar déanamh neo-chomasach maith air bith a choimhlionadh, agus air ar suidheachadh ‘n a aghaidh, air ar n-aomadh gu h-iomlan chum an uile, tha na h-uile peacadh gnìomha a’ teachd.
V. Fad na beatha so, tha truaillidheadh so an nàduir a’ fantuinn ‘s a’ mhuinntir a tha air an ath ghineamhuinn; agus ged tha i air a maitheadh, agus air a claoich trid Chriosd, gidheadh is flor-pheacadh do rìreadh i féin, agus a h-uile ghluasachd.
VI. Air do gach aon gin agus gnìomha arao, bhi ‘n a bhriseadh air lagh ceart Dhé, agus ‘n a aghaidh, tha e ‘n a nàdur féin, a’ tarruing cionta air a’ pheacach, leis am bheil e air a cheangal thairis a chum feirge Dhé, agus a chum mallachd an lagha; agus mar sin tha e buailteach do ‘n bhàs, agus do gach uile thruaighe spioradail, aimsireil, agus shiorruidh.
CAIBIDEAL VII.
Mu cho-cheangal Dé ris an duine.
I. Tha an t-eadar-dhealachadh eadar Dia agus an creutair co mór ‘s ged dhlighear o chreutairibh reusonta ùmhlachd dha-san mar an Cruith-fhear, gidheadh cha ‘n fheud iad am feasd a mhealtuinn air chor air bith mar an sonas agus an duais, ach trid aontachadh saor-thoileach air taobh Dhé, ni a chunnacas iomchuidh leis a chur an céill air-modh co-cheangail.
II. An ceud co-cheangal a rinneadh ris an duine, bu cho-cheangal oibre e, anns an robh beatha air a gealltuinn do Adhamh, agus ann-san d’ a shliochd, air chumha umhlachd iomlan Adhaimh féin.
III. Air do ‘n duine trid a thuiteam, e féin fhàgail neo-chomasach ruigheachd air beatha trid a cho-cheangail ud, thoilich an Tighearna co-cheangal eile dhéanamh, d’ an goirear gu coitchionn, co-cheangal nan gràs: anns a bheil e a’ taigisinn gu saor do pheacachaibh, beatha agus slàinte trid Iosa Criosd, ag iarruidh orra creidimh ann-san, chum gu ‘m biodh iad air an téarnadh; agus a’ gealltuinn an Spioraid Naomh a thabbairt do na h-uile a tha air an òrduchadh chum beatha, g’ an déanadh déonach agus comasach chum creidsinn.
IV. Bheirear ‘s an Sgriobtur gu tric, Tiomnadh, mar ainn do cho-cheangal so nan gràs, do thaobh bàis Iosa Criosd an Fhir-thiomnadh, agus do thaobh na h-oighreachd shiorruidh, maille ris na h-uile nithibh a bhuineas dhi sin, a ta air am fàgail mar dhilib ann.
V. Bha an co-cheangal so air a fhrithealadh air dhòigh eile ri linn an lagha ‘s a tha e nis, ri linn an t-soisgeil: fudh ‘n lagh, bha e air a fhrithealadh le geallannaibh, fàidhead-airreachd, lobairtibh, timchioll-ghearradh, an t-uàn-càisg, agus samhluidhibh, agus òrduighibh eile, a thugadh do
shluagh nan Iudbach, agus gach ni dhiubh sin uile a’ ciall-achadh roimh làimh Chriosd ri teachd; agus bha na nithe so ‘s an àm ud, diongmhalta agus éifeachdach, tria ob-reachadh an Spioraid, a chum teagaig agus togail suas nan daoinne taghta, ann an creidimh air a’ Mhesiah a chaidh a ghealltuinn, trid an robh aca làn mhaitheanas peacaidh, agus slàinte shiorruidh; agus goirear de ‘n fhrithealadh sin, an Seann Tiomnadh.
VI. Fuidh ‘n t-Soisgeul, ‘n uair a thaisbeanadh Criosd, brigh nan nithe ud, ‘s iad na h-òrduighean anns am bheil an co-cheangal so air a fhrithealadh—Searnachadh an fhocail, agus frithealadh Shacramaintean a’ bhaistidh agus suipeir an Tighearna; agus ged tha iad so ni ‘s teirce ann an àireamh, agus air am frithealadh le ni ‘s mò do shimplidheachd, agus le ni ‘s lugha do ghloir o ‘n leth muigh; gidheadh tha an co-cheangal so air a thaisbeanadh anns na meadhonaibh so le barrachd iomlanachd, soilleireachd, agus éifeachd, do na h-uile fhineachaibh, Iudhaichibh agus cinnich araon; agus goirear dheth an Tiomnadh Nuadh. Cha ‘n ‘eil ann, uime sin, dà cho-cheangal gràis eadar-dhealaichte do thaobh brigh, ach an t-aon co-cheangal ceudna, fuidh atharrachadh frithealaidh.