CAIBIDEAL VIII.
Mu Chriosd an t-Eadar-mheadhonair.
I. Chunnacas iomchuidh do Dhia ‘n a rùn siorruidh, an Tighearn Iosa, a Mhac aon-ghinte a thaghadh agus ‘orduchadh, gu bhi ‘n a Eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine, ‘n a Fhàidh, ‘n a Shagart, agus ‘n a Righ, ‘n a cheann agus ‘n a Shlànuighear d’ a Eaglais, ‘n a Oighre air na h-uile nithibh, agus ‘n a Bhreitheamh air an t-saoghal; d’ an d’thug e o ‘n uile bhith-bhuantachd Pobull, gu bhi ‘n an slioichd dha, agus re h-uine gu bitheadh iad leis-san air an saoradh, air am fireanachadh, air an naomb-achadh, agus air an glòrachadh.
II. Air bhi do Mhac Dhé, an dara Pearsa ‘s an Trionaid, ‘n a fhìor Dhia bith-bhuan a dh’aon nàdur, agus co-ionann ris an Athair; ghabh e air féin ‘n uair a thàinig iomlanachd na h-aimsire, nàdur an duine, le h-uile fhìor bhuaidhaibh agus a h-anmhuinneachdaibh coitchionn, gidheadh as eugmhais peacaidh, air dha bhi air a ghintinn ie cumhachd an Spioraid Naoimh am broinn na h-òighe Mure, d’ a brigh-sa, air chor agus gu ‘n robh’ dà nàdur iomlan, foirfe, agus eadar-dhealaichte na Diadhachd agus na daonnachd, air an cur gu neo-sgarail r’ a chéile ann an aon phearsa, gun bhi air an atharrachadh maille r’ a chéile, gun bhi air an déanamh suas ‘n an aon ni le chéile, no air an coimeasgadh trid a chéile. Agus an Ti so is fior Dhia, agus fior dhuine, gidheadh is aon Chriosd, an t-aon Eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine.
III. Bha ‘n Tighearn Iosa Criosd ‘n a nàdur daonna a bha air ‘aonadh mar so ris an nàdur Dhiadhuidh, air a naomhachadh, agus air ‘ungadh leis an Spiorad Naomh os cionn tomhais, air dha bhi aige ann féin na h-uile ionmhas gliccais agus eòlais. Ann-san thoilich an t-Athair gu ‘n còmhnuicheadh gach uile iomlanachd; chum agus air dha bhi naomh, neo-lochdach, neo-thruailidh, agus làn do ghràs agus do fnirinn, gu ‘m bitheadh e làn-fhoghainteach a chum dreucnd Eadar-mheadhonaireachd agus Urrais a chur an gnomh: agus cha do ghlaic e an dreuchd so d’ a ionnsuidh fein, ach bha e air a ghairm d’ a h-ionnsuidh le ‘Athair, a chuir gach uile chumhachd agus breitheanas ‘n a làimh, agus a thug àithne dha iad sin a chur an gnomh.
IV. Ghabh an Tighearn Iosa Criosd gu ro thoileach an dreuchd so os làimh, agus a chum gu ‘n euireadh e an gnomh i, rinneadh e fuidh ‘n lagh, agus choimhlion e gu h-iomlan e; dh’ fhuiling e pianta ro chraiteach gu neo-mheadhonach ‘n a anam, agus fulangasa ro dhòruncanach ‘n a chorpa; bha e air a cheusadh, fhuair e bàs, bha e air ‘adhlaacadh, agus dh’fhan chumhachd a’ bhàis, gidheadh chan’n fhac e truaillidheachd. Air an treas là dh’éirich e o na marbhaibh, leis a’ chorpa cheudna ‘s an d’ fhuiling e, leis an deachaidh e suas gu neamh, agus tha e ‘n a shuidhe an sin air deas-làimh ‘Athar, a’ déanamh eadar ghudhe; agus pillidh e a thabhairt breth air daoinibh agus air ainglibh aig crìoch an t-saoghail.
V. Rinn an Tighearn Iosa, le ‘umhlachd iomlan, agus leis an iobairt sin, eadhon e féin, a thug e, trid an Spioraid Shiorruidh aon uair suas do Dhia, ceartas an Athar a làn-dioladh; agus cha ‘n e mhàin réite chosnadh, ach mar an ceudna oighreachd bhith-bhuan ann an rioghachd nèimh dhoibh-san uile thug an t-Athair dha.
VI. Ged nach d’ oibreachadh da rìreadh obair na saorsa le Criosd gus an robh’ e air a ghabhail ‘s an fheoil, gidheadh bha a feartan, a h-éifeachd, agus a sochairean air an co-pàirteachadh ris na daoinibh taghta, anns gach linn an déigh a chéile o thoiseach an t-saoghail leis na geallannaibh, na samhluidhibh, agus na h-iobairtibh, anns an robh e air ‘fhoillseachadh, agus air a chiallachadh gu ‘m b’ e siol na mnà a chruthadh ceann na nathrach e; agus an t-uain a mharbhadh o thoiseach an t-saoghail; air dha bhi an t-aon ceudna, an dé, an diugh, agus gu slorruidh.
VII. Tha Criosd ann an obair na h-Eadar-mheadhonaireachd, ag oibreachadh do réir an dà nàduir, a’ déanamh trid gach nàduir dhiubh, an ni sin a bhuineas da féin: gidheadh do thaobh aonachd a phearsa, tha an ni sin a bhuineas do aon nàdur air a chur air ainn a’ phearsa a ta air ‘ainmeachadh o ‘n nàdur eile.
VIII. Tha Criosd a’ cur, agus a’ co-pàirteachadh, gu dearbhta agus gu h-éifeachdach na saorsa sin a choisinn e, ru-san uile d’ an do choisinn se i, a’ déanamh eadar-ghuidhe air an son, agus a’ foillseachadh dhoibh leis an fhocal, diomhaireachd na slàinte; a’ cur impidh orra gu h-éifeachadh le a Spiorad, chum creidsinn, agus ùmhlachd a thoirt, a’ riaghladh an cridhe le ‘fhocal, agus le a Spiorad; a’ buadhachadh thar an uile nàimhdibh le a neart uile-chumhachdach, agus le a ghliocas, air an dòigh, agus air na modhaibh sin a’ s fèarr a cho-fhreagras r’ a fhrithealadh iongantach agus do-rannsichte.
CAIBIDEAL IX.
Mu ‘n t-saor-thoil.
I. Chuir Dia ann an toil an duine, an t-saorsa nàdurra sin, air nach ‘eilear a’ déanamh ain-dheòim, agus nach ‘eil trid dhaor-éiginteas a réir a nàduir féin, a’ socrachadh air maith no ole a dhèanamh.
II. Bha aig an duine ann an staid na neo-chiontachd, saorsa agus comas, chum an ni bu mhaith, agus bu taitneach le Dia/a thogradh agus a dheanamh, ach gidheadh buailteach do chaochladh, air chor agus gu feudadh e tuiteam uaithe so.
III. Chaill an duine gu buileach trid a thuiteam gu staid a’ pheacaidh, uile chomas na toile, chum maith spioradail air bith, a ta ‘n co-chuideachd na slàinte; ionnus air do ‘n duine thaobh nàduir bhi an aghaidh a’ mhaith ud, agus marbh an am peacadh, nach ‘eil e comasach le a neart féin, air e féin iompachadh, no air e féin ullachadh a chum sin.
IV. An uair a dh’iompaicheas Dia am peacach, agus a dh’atharraicheas se e, chum staid nan gràs, tha e ‘g a shaoradh o dhaorsa nàdurra a’ pheacaidh; agus ‘g a dhèanamh comasach le ‘ghràs a mhàin, chum an ni a ta maith gu spioradail a roghnuchadh gu saor, agus a dhèanamh; gidheadh ‘s ann air chor ‘s nach ‘eil toil aige gu h-iomlan, no fòs a mhàin, chum an ni a ta maith, ach tha toil aige mar an ceudna, chum an ni a ta ole; agus so do thaobh na truaillidheachd a ta fantuinn ann.
V. Tha toil an duine air a déanamh saor gu foirfe agus gu neo-chaochlaideach, chum maith a mhàin, ann an staid na glòire a mhàin.
CAIBIDEAL X.
Mu ‘n Ghairm Eifeachdach.
I. Na daoine sin uile a chaidh a roimh-òrdughadh le Dia chum beatha, agus iadsan a mhàin, is toil leis ‘n a àm orduichte agus taitneach an gairm gu h-eifeachdach, le ‘fhocal agus le a Spioraid, a ‘n staid pheacaidh agus bàis anns am bheil iad a thaobh nàduir, chum gràis agus slàinte trid Iosa Criosd; a’ soillseachadh an inntinn, gu nithe Dhé a thuiginn gu spioradail agus gu slàinteil; a’ tabhairt an cridhe cloiche uatha, agus a’ tabhairt cridhe feòla dhoibh; ag ath-nuadhachadh an toile, agus le a neart uile-chumhachdach a’ tabhairt orra socruchadh air an ni a ta maith, agus ‘g an tarruing gu h-eifeachdach gu Iosa Criosd: gidheadh is ann air chor ‘s gu bheil iad a’ teachd gu ro shaor, air dhoibh a bhi air an déanamh déonach le a ghràs.
II. ‘S ann a mhàin o ghràs saor agus sònruichte Dhé a ta a’ ghairm éifeachdach, ‘s cha ‘n ann o ni ‘s am bith a chunnacas roimh-làimh ‘s an duine, neach a ta gu h-iomlan air a chur fuidh chumhachd innte, gus am bheil e, air dha bhi ath-bheothaichte agus ath-nuadhaithe leis an Spiorad Naomh, air a dhéanamh comasach a’ ghairm so a fhreagradh, agus an gràs a ta air a thaigseadh agus air ‘iomchar innte, a dhlùth-ghabhail d’ a ionnsuidh féin.
III. Tha naoidheana taghta, a tha bàsachadh ann an aois na naoidheanachd, air an ath-ghineamhuinn agus air an tèarnadh le Criosd trid an Spioraid, neach a ta ‘g oibreachd an uair is àill leis, far an àill leis, agus mar is àill leis. Is amhluidh fòs a ta gach uile neach taghta nach feudar a ghairm o ‘n leth muigh le ministearalachd an fhocail.
IV. Ged fheud daoine eile nach ‘eil taghta, bhi air an gairm le ministrealachd an fhocail, agus cuid a dh’ obrachadh coitchionn an Spioraid bhi aca, gidheadh cha ‘n ‘eil iad a chaoidh a’ teachd gu flor a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus uime sin cha ‘n urrainn iad bhi air an tèarnadh. Is lugha na sin a dh’ fheudas daoine nach ‘eil ag aideachadh a’ chreidimh Chriosduidh bhi air an sàbhaladh ann an slighe air bith eile, air mheud an dichill ‘n am beatha chaitheamh a réir solus nàduir, agus reachd a’ creidimh sin a ta iad ag aidmheil. Agus bhi ag ràdh agus a’ seasamh ris, gu feud iad bhi air an sàbhaladh; ‘s ni ro sgriosail agus gràineil e.