IN connection with the recent articles appearing in our pages on the relation of the Church of Scotland to the Confession, we have been asked to give on account of the recent legislation affecting the endowments of the Church of Scotland. The Church of Scotland (Property and Endowments) Act passed by Parliament in 1925 is a very long Act dealing with very complicated problems. It is divided into four parts:—1. Stipend and Teinds. 2. Scottish Ecclesiastical Commissioners. 3. Transfer of Parish Churches, Manses, Glebes, and Church-yards. 4. General—dealing with such matters as quoad sacra parishes, powers of General Trustees, allocation by General Trustees of certain moneys to be received from the Treasury, etc.
The administration of the Act is to be in the hands of Ecclesiastical Commissioners not exceeding five in number, to be appointed by the King—one of the Commissioners being a person who holds or has held judicial office to be appointed Chairman. These Commissioners are to hold office during His Majesty’s pleasure. The powers given to the Commissioners are very far-reaching—too far-reaching, in our opinion. In issuing their orders it is enacted:—”Any such order shall have effect as if enacted in this Act, and may be recorded in the Register of Sasines.” In other words, the orders of the Commissioners are to be regarded as if passed by Parliament. This appears to us to be too autocratic powers delegated to Commissioners dealing with such complicated matters as transfer of properties, endowments, rights in glebes, moneys received from the Treasury, communion plate and church furnishings. It is further enacted that—”In addition to any powers which they already enjoy, the General Trustees shall have power to hold, maintain, administer, and dispose of any property of whatsoever description transferred to, or received by, or vested in them under or in pursuance of this Act, subject always to the provisions of this Act and to the directions of the General Assembly.”
To give some idea of the vast sums involved, we take the liberty of quoting a letter which appeared in the “Scotsman” on 30th September 1925. The writer says:—”The endowments and funds of the Church of Scotland are as under—Teinds: £275,000 per annum capitalised at 20 years’ purchase, 5 million pounds;
National Exchequer—£17,040 per annum at 20 years’ purchase, £340,000; Burgh and Local Funds—£23,501 per annum at 20 years’ purchase, £470,000; Manses and Glebes—Estimated annual value, £46,000 at 20 years’ purchase, £920,000; Capital subscribed by the Church for the endowment of churches quoad sacra, and augmentation of stipends of old parishes, £2,425,000; Funds of various mission and other schemes of the Church, raised by voluntary contributions, £612,900; Bequest by the late Mr James Baird for Church purposes, £500,000—making a total of £10,768,720. The unexhausted teinds form another asset which in a Parliamentary Return issued in 1907, were stated at £127,000. This will have been reduced by augmentation of stipends granted since, and other causes. These teinds will also be affected by the Church of Scotland (Property and Endowments) Act, 1925. The Church of Scotland Ministers’ and Scottish University Professors’ Widows’ Fund, amounts to £679,121 5s 1d, but is administered by trustees under a special Act of Parliament, 1923.”
Whatever legal claim the Act of 1925 gives the Church of Scotland to these vast endowments, there is the nice moral and ethical question, has she any right to them? The legislation of 1921, both civil and ecclesiastical, makes a complete break between the Church of Scotland, say, in 1707, and the Church of Scotland in 1926, and no claim to continuity and identity is worth the paper it is written on in view of the most patent break wrought by the Act of 1921, and which has come into operation this year.
Blidmheil A’ Chreidimh.
CAIBIDEAL XI.
Mu Fhíreanachadh.
I. A’ mhuiintir a tha Dia a’ gairm gu h-éifeachdach, tha e mar an ceudna ‘g am fíreanachadh gu saor, cha ‘n ann le fireantachd a chur annta, ach le am peacanna a mhaitheadh dhoibh, agus le bhi a’ meas agus a’ gabhail r’ am pearsaibh mar fhíreanaibh; cha ‘n ann air son ni air bith a ta air ‘oibreachadh annta, no air a dhèanamh leo, ach air sgàth Chriosd ‘n a aonar; ni mò is ann le bhi a’ meas doibh mar fhíreantachd creidimh féin, gnìomh an creidimh, no ùmhlachd shoigheulach air bith eile; ach le h-umhlachd agus dioladh Chriosd a mheas dhoibh, air dhoibh bhi a’ gabhail agus a’ socruachadh air Chriosd, agus air ‘fhíreantachd-sa trid creidimh; agus cha ‘n eil an creidimh-san uatha féin, is tiodhlac o Dhia.
II. Is e an creidimh, a’ gabhail agus a’ socruachadh mar so air Criosd agus air ‘fhireantachd-sa, aon mheadhon an fhireanachaidh; gidheadh cha ‘n ‘eil e ‘n a aonar leis féin anns an neach a ta air ‘fhireanachadh, ach a ta na n-uile ghràsa slàinteil eile do ghnàth ‘n a cho-chuideachd, agus cha chreidimh marbh idir e, ach tha e ag oibreachadh tre ghràdh.
III. Dh’ fhuasgail Criosd gu h-iomlan o am fiachaibh, le ‘ùmhlachd agus le a bhàs, a mhuinntir ud uile a ta mar so air am fireanachadh; agus thug e fior-dhioladh iomlan, agus da rireadh, do cheartas an Athar ‘n an àite. Gidheadh do bhrigh gu ‘n robh se air a thabbhirt leis an Athair air an son; agus gu ‘n do ghabh se r’ a ‘ùmhlachd agus r’ a dhioladh as an leth, agus sin gu saor, cha ‘n ann air son ni air bith annta-san; tha am fireantachd uime sin o shaor ghràs a mhàin, a chum gu ‘m biodh araon, làn-cheartas agus ghràsa saoibhir Dhe, air an glòrachadh ann am fireanachadh nam peacach.
IV. Dh’òrduich Dia o ‘n uile bhith-bhuantachd na dàoinne taghta uile bhi air am fireanachadh, agus ann an iomlanachd na h-aimsir fhuair Criosd bàs air son nam peacach, agus dh’éirich e ris chum am fireanachaidh; gidheadh cha ‘n ‘eil iad air am fireanachadh gus an deàn an Spiorad Naomh ann an am iomchuidh, Criosd a chur riu do rireadh.
V. Tha Dia a’ mairsinn ann a bhi maitheadh peacaidh na muinntir a ta air am fireanachadh: agus ged nach feud iad am feasd tuiteam o staid na fireantachd; gidheadh feudaidh iad tuiteam fuidh dhiomb athaireil Dhé, agus gun solus a ghnùise bhi air ‘aisig a ris dhoibh, gus an deàn iad iad féin irioslachadh, am peacaidh aideachadh, maitheanas asluchadh, agus an creidimh agus an aithreachas athnuadhachadh.
VI. B’ ionann air gach dòigh dhiubh sud fireanachadh nan creidmheach fuidh ‘n t-Seann-tiomnad; agus fireanachadh nan creidmheach fuidh ‘n Tiomnad-nuadh.
CAIBIDEAL XII.
Mu Uchd-mhacachd.
I. Tha Dia a’ deònachadh ‘n a Aon mhaic Iosa Criosd, agus air a sgàth, an dream sin uile a ta air am fireanachadh, a dhèanamh ‘n an luchd comhpàirt do ghràs na h-uchd-mhacachd: Tre ‘m bheil iad air an gabhail ann an àireamh cloinne Dhé, agus a’ mealtuinn gach uile shaorsa agus shochair àraid a bhùineas dhoibh sin; agus tre am bheil ‘ainm-san air a chur orra, agus iad a’ faotainn Spiorad na h-uchd-mhacachd, agus cead bhi teachd a chum cathair rioghail nan gràs, le dànachd, agus air an dèanamh comas-
ach chum Abba Athair, éigheach; agus tre am bheil truas air a ghabhail diubh, agus iad air an coimhead; freasdal air a dhèanamh dhoibh, agus iad air an smachdachadh leis, mar le Athair, gidheadh cha ‘n ‘eil iad idir air an tilgeadh air falbh; ach tha iad air an seulachadh chum là an t-saoraidh, agus a’ sealbhachadh nan geallanna, mar oighreachan na slàinte slorruidh.
CAIBIDEAL XIII.
Mu Naomhachadh.
I. A’ muinntir a ta air an gairm gu h-éifeachdach, agus air an ath-ghineamhuinn, air do chridhe nuadh, agus spiorad nuadh bhi air an cruthachadh annta, tha iad ni ‘s mò agus ni ‘s mò air an naomhachadh da rreadh, agus gu pearsanta, tre fhearta bàis agus aiseirigh Chriosd, le ‘fhocal agus le a Spiorad a’ comhnuchadh annta: tha uachdranachd cuirp a’ pheacaidh gu h-iomlan air a sgrìos, agus gach uile ana-miann air a lagachadh, agus air a chlaoidh, ni ‘s mò agus ni ‘s mò, agus iad féin ni ‘s mò agus ni ‘s mò air am beothachadh agus air an neartachadh anns na h-uile ghràsaibh slàinteil, chum flor-naomhachd a chur an gnìomh, ni as eugmhais nach faic duine air bith an Tighearn.
II. Tha an naomhachd so air feadh an duine gu h-iomlan, gidheadh neo-fhoirfe ‘s a’ bheatha so; tha fuigh-eall éigin do thruaillidheachd a’ fantuinn anns gach ball; agus uaith so tha cogadh buan-mhaireannach agus neoréiteachaidh ag éirigh, air do ‘n fheòil a bhi miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla.
III. Anns a’ chogadh so, ged fheadh an truaillidheachd a ta lathair làmh an uachdar fhaotainn gu mòr, rè seal; gidheadh tre shior-fhrithealadh neirt dhoibh o Spiorad naomhachaidh Chriosd, tha a’ chuid a ta air a h-ath-ghineamhuinn a’ buadhachadh; agus mar sin tha na naoimh a fàs ann an gràs, agus a’ coimhlionadh naomhachd ann an eagal Dè.
CAIBIDEAL XIV.
Mu Chreidimh Slàinteil.
I. Gràs a’ chreidimh, tre am bheil na daoinne taghta air an deanamh comasach gu creidsinn chum slànuchaidh an anama, ‘s e obair Spioraid Chriosd ‘n an cridhibh e: agus is ann le ministrealachd an fhocail is gnàth leis a bhi air oibreachadh; le so mar an ceudna, agus le frìthealadh nan sàcramainte, agus ùrnuigh, tha e dol am meud, agus air a neartachadh.
II. Leis a’ chreidimh so, tha ‘n Criosduidh a’ creid-sinn gur fior gach aon ni a ta air ‘fhoillseachadh ‘s an fhocal, air ùghdarras Dhé féin a’ labhairt ann, agus tha e ag oibreachadh ann an dòigh air leth air an ni a ta air a chur sios anns gach àite fa leth dheth; eadhon a’ tabhairt ùmhlachd do na h-àitheantaibh, a’ criothnachadh roimh na bagraibh, agus a’ dlùth-ghabhail ri geallnaibh Dhé a thaobh na beatha so, agus na beatha tha ri teachd. Ach is iad gnìomhara àraid a’ chreidimh shlàinteil, géill eadh do Chriosd, gabhail ris, agus socruchadh air, ‘n a aonar, chum fireanachaidh, naomhachaidh, agus beatha shiorruidh, air bonn co-cheangail nan gràs.
III. Tha eadar-dhealachadh anns a’ chreidimh so do thaobh cheumanna lag no làidir; feudar gu tric, agus air iomadh dòigh, ionnsuidh a dhèanamh air, agus e bhi air a lagachadh; ach gidheadh tha e faotainn na buaidhe: a’ fas ann an iomadh neach, air chor ‘s gu ruig iad air làn dearbh-achd trid Iosa Criisd, ùghdair agus Fear-crochnachaidh ar Creidimh.
CAIBIDEAL XV.
Mu Aithreachas a chum Beatha.
I. Aithreachas a chum beatha, is gràs soisgeulach e, agus tha an teagasg so gu bhi air a shearmonachadh le gach ministeir an t-soisgeil, air dhòigh co-ionann ris an teagasg mu chreidimh ann an Criisd.
II. Trid Aithreachais, tha ‘m peacach (o shealladh agus o mhothachadh, cha ‘n e mhàin air cunnart, ach mar an ceudna air salchar agus gràinealachd a’ pheacaidh, mar nithibh a ta ‘n aghaidh nàduir naomha, agus lagha eothromaich Dhé, agus air breithneachadh do thròcair Dhé ann an Criisd do ‘n dream a ta aithreachail) fuidh dhoilghios air son a pheacaidhean, agus a’ toirt fuath dhoibh, air chor ‘s gu bheil e a’ tionndadh uath’ uile gu Dia, le rùn agus dichioll chum gluasad maille ris ann an uile shlighibh ‘aith-eantan.
III. Ged nach còir bun a dhèanamh as an aithreachas mar dhìoladh air bith air son peacaidh, no mar aobhar ar bith air son maitheanais peacaidh, ni is gnìomh e do shaor-ghràs Dhé ann an Criisd, gidheadh tha aithreachas co feumail do gach uile pheacach, is nach feud neach air bith sùil bhi aige ri maitheanas as eugmhais aithreachais.
IV. Mar nach ‘eil peacadh ‘s am bith co beag ‘s nach toill e diteadh siorruidh; mar sin cha ‘n ‘eil peacadh ‘s am bith co mòr ‘s gu feud e diteadh
siorruidh a tharruing orra-san a tha dèanamh fior aithreachais.
V. Cha chóir do dhaoibh iad féin a thoileachadh le aithreachas coitchionn, ach is e dleasdanas gach duine dichioll a chleachadh, a chum aithreachas air leth a dhèanamh air son a pheacaidhean fa leth.
VI. Mar tha e mar fhiachaibh air gach duine aidmheil dhìomhair air a pheacaidhean a dhèanamh do Dhia, ag asluchadh air-san maitheanas a thabhairt annta; agus air dha so a dhèanamh, agus a pheacaidh a thréigsinn, gheibh e trócair: mar sin is còir dha-san a bheir oilbheum d’ a bhràthair no do Eaglais Chriosd, bhi toileach, ‘aithreachas a thaisbeanadh dhoibh-san d’ an d’thug e oilbheum, le bròn air son a pheacaidh, agus is còir dhoibh-san ‘n a lorg so a bhi réidh ris, agus gabhail ris ann an gràdh.
CAIBIDEAL XVI.
Mu Dheadh Oibrbh.
I. Is deadh oibre, iad sin a mhàin a dh’ àithn Dia ‘n a fhocal naomh, agus cha deadh oibre iad sin a ta dh easbhuidh barrantais an fhocail, air an dealbh le daoinibh o eud dall, no fuidh sgàil air bith do lethsgel air deadh rùn.
II. Na deadh oibre sin, a ta air an dèanamh ann an ùmhlachd do Dhia, is toradh agus dearbhadh soilleir iad air creidimh fior agus beò: agus leo sin a ta creidimich a’ taisbeanadh am buidheachais, a’ nèartachadh an dearbhadh, a’ togail suas am bràithre, a’ cur maise air aidmheil an t-soisgeil, a’ druideadh beul nan eascairdean, agus a’ glòrachadh Dhé, d’ am bheil iad ‘n an obair, air an cruthachadh ann an Iosa Crìosd a chum so; air chor air bhi d’ an toradh a chum naomhachd, gu biodh a’ chrioch aca, eadhon a’ bheatha mhaireannach.
III. Cha ‘n ann uatha féin idir a ta ‘n comas air deadh oibrbh a dhèanamh, ach gu h-iomlan o Spiorad Chriosd. Agus a chum gu ‘m bitheadh iad air an dèanamh comasach air sin, a thulleadh air na gràsan a fhuair iad cheana, is feumail ‘s a’ cheart àm, cumhachd an Spioraid Naoinn cheudna, chum an toil agus an gniomh oibreachadh annta a réir a dheadh-ghean féin: gidheadh cha chóir dhoibh uaith so, fàs neo-gniomhach, mar nach biodh e mar fhiachaibh orra dleasdanas air bith a choimhlionadh, ach an lorg gluasachd shònruichte an Spioraid; ach is còir dhoibh a bhi dichiollach chum gràsa Dhé a ta annta bheothachadh suas.
IV. Tha iadsan a tha ‘n an ùmhlachd a’ ruigheadh air an àirde a ‘s mò air am feudar ruigheadh ‘s a’ bheatha
so, co fhad o bhi comasach air dol os’ cionn an dleasdanais, agus tuilleadh a dhéanamh na tha Dia ag iarruidh, ‘s gu bheil mòran a tha mar fhiachaibh orra d’ an dleasdanais air nach ‘eil iad a’ ruigheachd.
V. Cha ‘n urrainn sinn maitheanas peacaidh no beatha mhaireanneath a thoilltinn air làimh Dhé, le ar n-oibríbh a ‘s fèarr, do thaobh an neo-choimeas a ta eadar iad agus a’ ghloir ri teachd, agus an t-eadar-dhealachadh neo-chriochnach a tha eadar sinne agus Dia, neach do nach feud sinn a bhi tarbhach, no dioladh a thabhairt air son an-fhiach ar peacaidh a rinneadh cheanna; ach an uair a nì sinn na h-uile nithe a dh’ fheudar leinn a dhéanamh, cha d’ rinn sinn ach ar dleasdanais, agus is seirbhisich neo-tharbhach sinn; agus do bhrigh fòs mar a ta iad maith, gu bheil iad a’ teachd o a Spiorad-san; agus mar a tha iad air an déanamh leinne, tha iad air an truilleadh agus air coi-measgadh leis an uiread sin do laigse, agus do neo-fhoirfeachd, ‘s nach feud iad teanntachd breitheanais Dé fhulang.
VI. Ach gidheadh, air do phearsaibh nan creidmheach, a bhi air an gabhail riutha gu taitneach tre Iosa Criosd, tha ‘n deadh oibre mar an ceudna air an gabhail riutha gu taitneach ann-san, cha ‘n ann mar gu btheadh iad anns a’ bheatha so gu h-iomlan neo-choireach agus neo-chronail am fianuis Dé, ach air dha-san a bhi ‘g amharc orra ‘n a Mhac, is toileach leis gabhail ris an ni a ta tréibhdhireach, agus luigheachd a thabhairt dha, ged tha iomadh amhuiinneachd agus neo-fhoirfeachd ‘n a cho-chuid-eachd.
VII. Oibre a nithear le daoinibh neo-iompaichte, ged fheadh iad a thaobh na cuise mu ‘m bheil iad, bhi ‘n an nithibh a tha Dia ag àithneadh, agus do dheadh-fheum araon dhoibh féin agus do dhaoinibh eile; gidheadh a chionn nach ‘eil iad a’ teachd o chridhe air a ghlanadh le creidimh, no air an déanamh air mhodh cheart, do réir an fhocail; no chum crìoch cheart, eadhon glòir Dhé, uime sin tha iad peacach, agus cha ‘n fheadh iad bhi taitneach do Dhia, no neach a dhéanamh iomchuidh chum gràs fhaghail o Dhia. Ach gidheadh is peacaiche dhoibh-san, agus is neo-thaitneiche do Dhia, na h-oibre sin a leigeadh dhiubh.
Christ enquired not, when He began to love me, whether I was fair, or black, or sunburnt; love taketh what it may have. He loved me before this time, I know, but now I have the flower of His love; His love is come to a fair bloom, like a young rose opened up out of the green leaves; and it casteth a strong and fragrant smell. I want nothing but ways of expressing Christ’s love.—Rutherford.