CAIBIDEAL XVII.
Mu bhuan-mhaireachduinn nan naomh ann an staid nan gràs.
I. Cha ‘n fheudar leo-san ris do ghabh Dia gu taitn-each ‘n a Mhac ionmhuinn, agus a ghairm e gu h-éifeachd-ach agus a naomhaich e le a Spiorad, tuiteam gu h-ionlan agus gu crìochnaile o staid nan gràs; ach buan-mhairidh iad ann gu ruig a’ chrioich, agus bidh iad air an sàbhaladh gu slorruidh.
II. Cha ‘n i an saor-thoil féin, is bunchar do bhuan-mhaireannachd so nan naomh, ach neo-chaochlachd òrduigh an Taghaidh, a ta sruthadh o ghràdh saor, agus neo-chaochlachd Dhé an Athar; éifeachd toillteanais agus eadar-ghuidhe Iosa Criosd; còmhnuidh an Spiorad, agus siol Dhé an taobh stigh dhiubh; agus nàdur co-cheangail nan gràs: Agus uatha so uile, tha dearbhachd agus neothuiteamachd am buan-mhaireachduinn a’ teachd.
III. Gidheadh feudaidh iad trid bhuaireidhean Shàtain agus an t-saoghail, trid neart na truaillidheachd a ta mairsim ann, agus trid dì-chuimhn’ air meadhonaibh an coimhdheachd, tuiteam ann am peacaibh an-troma; agus mairsinn ann an rè seal; leis am bheil iad a’ teachd fuidh choruich Dhé, agus a’ eur doilgheis air an Spiorad Naomh, a’ call tomhais éigin d’ an grasan agus d’ an comhfhuirt-achd, a’ teachd fuidh chruas eridhe, agus an coguisean air an lot; agus leis am bheil iad mar an ceudna, a’ dèanamh dochainn agus a’ toirt oillbheim do dhaoinibh eile, agus a’ tarruing bhreitheanas aimsireil orra féin.
CAIBIDEAL XVIII.
Mu dhearbh-bheachd air gràs agus slàinte.
I. Ged fheud cealgairean agus daoinne eile nach ‘eil air an ath-ghineamhuinn iad féin a mhealladh gu faoin, le dòchas mealltach agus an-dàndas feòlmhor, gu bheil iad ann an deadh-ghean Dhé, agus ann an staid na slàinte; agus is dòchas so a théid am mugha: gidheadh feudaidh iadsan a tha creidsinn da rìreadh ann an Tigearn Iosa, agus a tha ‘g a ghràdhachadh gu tréibhdhreach, a’ dèanamh dìchioll air gluasad anns gach uile dheadh-choguis ‘n a làthair ‘s a’ bheatha so, dearbh-bheachd chinnteach a bhi aca gu bheil iad ann an staid nan gràs; agus feudaidh iad gairdeachas a dhèanamh tre dhòchas glòire Dhé, agus chàdèan an dòchas so iadsan a nàruchadh a chaoidh.
II. An dearbh-bheachd so, cha bheachd theagamh-ach no amharusach i, air a suidheachadh ar dochas neo – chinnteach; dearbh – bheachd fhrinn-each creidimh air a suidheachadh air firinn dhiadhaidh gheallanna na gràsaibh sin d’ am bheil na geallana air an tabhairt, agus mar an ceudna air teisteas Spioraid na h-uchd-mhacachd a’ dèanamh fianuis le ar spiorad-ne gur sinn clann Dhé: agus ‘s e an Spiorad so geall-daighnich ar n-oigreachd, tre am bheil sinn air ar seulachadh gu là na saorsa.
III. Cha ‘n ‘eil an dearbh-bheachd chinnteach so a’ luidhe co mòr ri brigh a’ chreidimh, ‘s nach feud ticr-chreidmheach feitheamh fada, agus comhrag bhi aige ri iomadh deuchainn, mu ‘n ruig e oirre; gidheadh, air dha bhi air a dhèanamh comasach leis an Spiorad aithne bhi aige air na nithibh sin a thugadh dha gu saor o Dhia, feudaidh e as eugmhais foillseachaidh neo-ghnàthaichte ruigh-eachd air an dhearbh-bheachd so, ann am feum ceart a dhèanamh do na meadhonaibh gnàthaichte. Agus uime sin, is e dleasdanas gach neach, na h-uile dichiol a dhèanamh chum a ghairm agus a thaghadh a dheanamh cinnteach; a chum trid so, gu ‘m biodh a chridhe air a chur am farsuinneach ann an sith, agus ann an aoibhneas ‘s an Spiorad Naomh, ann an gràdh agus ann am buidheachas do Dhia, agus ann an neart agus suilbhireachd ann an dleasdanasaibh na h-ùmhlachd; agus is iad na nithe so fior-thoradh na dearbh-bheachd so: agus co fada so ghabh e uaithe bhi ag aomadh neach gu mi-bheus.
IV. Feudaidh dearbh-bheachd nam flor chreidmheach mu ‘n slàinte féin bhi air iomadh doigh air a crathadh, air a lughdachadh, agus bacadh air a chur oirre; eadhon tre neo-chùram ‘n a coimhead; tre thuiteam am peacadh àraid éigin a lotas a’ choguis, agus a chuireas doilghios air an Spiorad, tre bhuaireadh éigin gràd agus dian, tre sholus gnuise Dhé bhi air a tharruing air ais leis uatha, agus e bhi fulang dhoibh-san air am bheil ‘eagal-san, gluasad ann an dorchadas, agus gun solus air bith bhi aca: gidheadh, cha ‘n ‘eil iad idir falamh gu h-iomlan do shiol sin Dé, agus do bheatha a’ chreidimh, do ‘n ghràdh sin do Chriosd agus do na bràithribh, do ‘n tréibhireachd cridhe sin, agus do choguis mu dleasdanas, ‘s nach feud trid iomchuidh bhi air a h-ath-bheothachadh, agus anns am bheil iad ‘s an àm a ta làthair air an cumail suas o eu-dòchas iomlan.