Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1927 » May 1927 » An Leabhar-Ceasnachaidh Farsuinn

An Leabhar-Ceasnachaidh Farsuinn

Ceisd. 1. Ciod crioch àraid an duine?

Freagradh. Is i crioch àraid an duine Dia a ghloirachadh, agus a lán-mhealtuinn gu siorruidh.

C. 2. Cionnus a tha e’ soilleir gu bheil Dia ann.

F. Tha ‘n solus nàdur sin féin a tha ‘s an duine, agus oibre Dhe, a’ taisbeanadh gu soilleir gu bheil Dia ann: ach is iad ‘fhocal agus a Spiorad a mhàin, a tha foillseachadh Dhé gu diongmhalta agus gu h-éifeachdach do dhaoinibh, chum an slàinte.

C. 3. Ciod e focal Dé?

F. ‘S iad Sgriobtuire naomh’ an t-Seán Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh, an aon riaghailt creidimh agus ùmhlachd.

C. 4. Ciod iad na nithe a tha soilleireachadh gur iad na Sgriobtuire focal Dé?

F. Tha na Sgriobtuire féin a’ dearbhadh gur iad focal Dé iad, trid am mòrachd, am fior-ghloine, comh-réite gach cuid r’ a chéile, a’ chrìoch’ gus am bheil iad uile eadhon an uile ghloir a thoirt do Dhia; agus mar an ceudna trid an soluis agus an cumhachd a chum peacaich a thoirt fuidh mhothachadh agus an iompachadh, a chum comhfhurtachd a thoirt do chreidmhich, agus an togail suas chum slàinte: ach is e Spiorad Dé a mhàin, a’ déanamh fianuis tre na Sgriobtuiribh agus leotha, ann an cridhe an duine, tha comasach air lán-dearbhadh a thoirt gur iad focal Dé féin iad.

C. 5. Ciod a tha na Sgriobtuire a’ teagasg gu h-àraid?

F. Tha na Sgriobtuire a’ teagasg gu h-àraid, na nithe is còir do ‘n duine chreidsinn mu Dhia, agus an dleasdanas a tha Dia ag iarruidh air an duine.

C. Ciod a tha na Sgriobtuire a’ foillseachadh mu Dhia
F. Tha na Sgriobtuire a’ foillseachadh mu Dhia, ciod e Dia, pearsaidh na Diadhachd, òrdughean Dé, agus eòimhlonadh nan òrdugh sin.

C. 7. Ciod e Dia?

F. Is Spiorad Dia, ann féin, agus dheth féin, neo chrìochnach ann am bith, ann an glòir, ann an sonas, agus ann an iomlanachd; uile-fhoghainteach, bith-bhuan, neo-chaochlaideach, do rannsichte, uile-làthaireach, uile-chumhachdach, uil’-fhiosrach, ro ghlie, ro naomh, ro cheart-bhreitheach, ro thròcaireach agus ro ghràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann am maithes agus ann am firinn.

C. 8. Am bheil tuilleadh Dée ann ach an t-aon?

F. Cha ‘n ‘eil ann ach an t-aon a mhàin, an Dia beò agus flor.

C. 9. Cia lion pearsa tha ‘s an Diadhachd?

F. Tha trì pearsaidh ‘s an Diadhachd, an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh; agus an triùir so is aon Dia flor, bith-bhuan iad, do ‘n aon nàdur, coimeas ann an cumhachd agus ann an glòir, ged tha eadar-dhealachadh do thaobh am buadhan pearsanta.

C. 10. Ciod iad buadhan pearsanta nan trì pearsaidh so ‘s an diadhachd?

F. Buinidh fa leth do ‘n Athair, am Mac a ghineamh-uinn, agus do ‘n Mhac a bhi air a ghineamhuinn leis an Athair agus do ‘n Spiorad Naomh teachd o ‘n Athair agus o ‘n Mhac o ‘n uile bhithbhuantachd.

C. 11. Cionnus a tha e soilleir gu bheil am Mac agus an Spiorad Naomh ‘n an Dia co-ionann ris an Athair.

F. Tha na Sgriobtuire a’ leigeil ris gu bheil am Mac agus an Spiorad Naomh ‘n an Dia co-ionann ris an Athair, le bhi toirt doibh nan ainn, nam buadhan, nan obair, agus an aoraich sin a bhuneas do Dhia a mhàin.

C. 12. Ciod iad òrdughean Dé?

F. ‘S iad òrdughean Dé, gnìomhara glic, saor, agus naomha, do réir comhairl’ a thoile, leis an do roimh-òrduich e gu neo-chaochlaideach, o ‘n uile bhith-bhuantachd, a chum a ghloire féin, gach aon ni a thig gu crìoch, ann an aimsir, gu h-àraid mu ainglibh agus mu dhaoinibh.

C. 13. Ciod a dh’ òrduich Dia gu h-àraid mu ainglibh agus mu dhaoinibh?

F. Thagh Dia le òrdugh siorruidh neo-chaochlaideach, o a shaor-gràdh féin, chum cliù a ghràis ghlòrmhoir bhi air a dhèanamh follaiseach ann an àm iomchuidh, cuid do na h-ainglibh chum glòire; agus thagh e ann an Crìosd cuid do dhaoinibh chum na beatha shiorruidh, agus gu meadhanaibh, na beatha sin; agus mar an ceudna do réir a chumh-achd ard-uachdranach, agus comhairle do-sgrùdaidh a thoile (leis am bheil e leigeadh a dheadh-ghean a mach, no ‘g a chumail air ais mar is àill leis, leig e seachad, agus roimh-òrduich e a’ chuid eile gu easonoir agus fearg, gu bhi air an toirt orra air son am peacaidhean, a chum cliù glòire a cheartais.

C. 14. Cionnus tha Dia a’ cur ‘òrdughean an gnìomh?

F. Tha Dia a’ cur ‘òrdughean an gnìomh ann an oibrìbh a’ chruthachaidh agus a fhreadail, do thaobh a roimh-eolais neo-mhearachdaich féin, agus comhairle shaor agus neo-chaochlaideach a thoile féin.

C. 15. Ciod i obair a’ chruthachaidh?

F. ‘S i obair a’ chruthachaidh i sin leis an d’ rinn Dia’s an toiseach do neo-ni, le focal a chumhachd, an saoghal agus na h-uile nithe tha ann, air a shon féin, rè ùine shè làithean, agus iad uile ro mhaith.

C. 16. Cionnus a chruthaich Dia na h-aingil?

F. Chruthaich Dia na h-aingil uile, ‘n an spioradaibh, neo-bhàsmhor, naomha, a’ toirt barrachd ann an eòlas, cumhachdach ann an neart, chum ‘aitheantan féin a chur an gniomh, agus ‘ainm a mholadh, gidheadh caochlaid-each.

C. 17. Cionnus a chruthaich Dia an duine?

F. An déigh do Dhia na h-uile creutair eile dhèanamh, chruthaich e an duine frionnach agus boirionnach: dhealbh e corp an duine do dhuslach na talmhainn, agus corp na mnà do aisne a thug e o ‘n duine, agus chuir e annta anama beò, reusonta, agus neo-bhàsmhor; rinn e iad a réir ‘iomhaigh féin, ann an eòlas, fireantachd, agus naomhachd, air bhi do lagh Dhé aca sgrìobhta ‘n an cridhibh, agus comas g’ a choimhlionadh, maillle ri uach-dranachd os ceann nan creutairean; gidheadh buailteach do thuiteam.

C. 18. Ciod iad oibre freasdaill Dé?

F. ‘S iad oibre freasdaill Dé, gu bheil e gu ro naomh, gu ro ghlic, agus gu ro chumhachdach a’ coimhead, agus a’ riaghladh nan uile chreutairean, ‘g an stiùradh uile, agus an uile ghniomara, chum a ghloire féin.

C. 19. Ciod e freasdal Dè do thaobh nan aingeal?

F. Dh’ fhuiling Dia ‘n a fhreasdal do chuid do na h-ainglibh tuiteam ann am peacadh agus ann an sgrìos, gu toileil, gun chomas aca teachd uath am feasd; air dha bhi cuimseachadh agus a’ riaghladh sin agus an uile rheacanna, chum a ghloire féin: agus dhaighnich e a chuid eile dhiubh ann an naomhachd agus an sonas, a’ dèanamh feum dhiubh uile, mar is àill leis, ann am frithealadh a chumh-achd, a thròcair, agus a cheartais.

C. 20. Ciod bu fhreasdal Dé ann, do thaobh an duine, ‘s an staid anns do chruthaicheadh e?

F. B’ e freasdal Dé do thaobh an duine ‘s an staid anns do chruthaicheadh e, gu ‘n do shuidhicheadh e ann am Pàras; gun d’ òrduicheadh dha a dheasachadh; gu ‘n d’ thugadh dha comas itheadh do thoradh na talmhainn; gu ‘n chuireadh na creutairean fuidh ‘uachdranachd; agus gu’n d’ òrduicheadh am pòsadh chum a chuideachaidh; gu ‘n d’ thug e dha co-chomunn ris féin; gu ‘n d’ òrduicheadh an t-sàbaid; gu ‘n d’ rinneadh co-cheangal beatha ris air chumha gu ‘n d’ thugadh e ‘n a phearsa féin, ùmhlachd iomlan shior-bhuan do Dhia, ni air an robh craobh na beatha mar chomhara daighneachaidh; agus gu ‘n do thoirmisgeadh dha itheadh do chraobh an eòlais a’ mhaith agus an uile, fuidh phéin a’ bhàis.

C. 21. An d’ fhan an duine ‘s an staid sin anns am do chruthaich Dia e?

F. Air d’ ar ceud sinnsear bhi air am fàgail gu saorsa an toile féin, bhris iad àithne Dhé, tre bhuaireadh an diabhhuill agus am meas toirmigste itheadh; agus le sin thuit iad o an staid neo-chiontaich anns an do chruthaich-eadh iad.

C. 22. An do thuit an cinneadh-daona uile anns a’ cheud seacharan sin?

F. Air do ‘n cho-cheangal bhi air a dhèanamh ri Adhamh mar duine coitchionn. cha ‘n ann a mhàin air a shon féin, ach mar an ceudna air son a shloichd, an cinneadh-daona uile thàinig a nuas uaithe tre ghinealaichaibh gnàthaichte, pheacaidh iad ann-san, agus thuit iad maillè ris, anns a’ cheud seacharan ud.

C. 23. Ciod ‘an staid gus an d’ thug an leagadh sin an cinneadh-daona?

F. Thug an leagadh ud an cinneadh-daona gu staid peacaidh agus truaighe.

C. 24. Ciod e peacaidh?

F. ‘S e peacaidh easbhuidh a bhi do réir lagha Dhé, a thug e mar riaghailt do ‘n chreutair reusonta, no briseadh air bith air an lagh sin.

C. 25. Ciod e peacaidh na staide sin anns an do thuit an duine?

F. ‘S e peacaidh na staide sin anns an do thuit an duine, cionta ceud pheacaidh Adhaimh, easbhuidh na fir-eantachd sin anns an do chruthaicheadh e, agus truaillidheadh a nàduir, tre ‘m bheil e air a dhéanamh gu tur neoiomchuidh, neo-chomasach. agus an aghaidh gach ni a tha gu spioradail maith, agus gu h-iomlan air ‘aomadh gus na h-uile ole, agus sin do ghnàth; ni d’ an goirear gu coitchionn Peacaidh gin, agus o ‘m bheil na h-uile peacaidh gnìomh’ a’ teachd.

C. 26. Cionnus a tha ‘m peacaidh gin air ‘iomchar o ‘r ceud sinnsearaibh dh’ ionnsuidh an siochd?

F. Tha ‘m peacaidh gin air ‘iomchar o ‘r ceud sinnsearaibh dh’ ionnsuidh an siochd, tre ghinealaich nàdurra, air chor ‘s gu bheil a’ mheud ‘s a tha teachd uatha air an dòigh so, air an gineamhuinn agus air am breith ann am peacaidh.

C. 27. Ciod an truaighe thug an tuiteam sin air a chinne-daona?

F. Thug an tuiteam ud air a chinne-daona call an co-chomuinn ri Dia, a dhìomb agus a mhallaichd, air chor ‘s a thaobh nàduir gu ‘r clann feirge sinn, daor-thràillean do ‘n diabhul, agus gu feudar ann an ceartas gach uile pheanas anns an t-saoghal so, agus anns an t-saoghal a ta ‘i teachd a thabhairt oirnn.

C. 28. Ciod iad peanais a’ pheacaidh ‘s an t-saoghal so?

F. Tha peanais a’ pheacaidh ‘s an t-saoghal so, cuid diubh an taobh stigh, eadhon doille-inntinn, tuigse mhi-chéillidh, treun oibreachadh meallaidh, cruas cridhe, uamhunn coguis, agus ana-miannaibh gràineil; agus cuid eile dhiubh o ‘n taobh mach, eadhon mallachd Dhé air na creutairibh air ar son-ne, agus na h-uile sin eile tha tachairt oirnn ‘n ar cuirp, ‘n ar-n-ainm, ‘n ar maoin, ‘n ar gnothuichibh, agus maille riu sin, am bàs féin.

C. 29. Ciod iad peanais a’ pheacaidh ‘s an t-saoghal a tha ri teachd?

F. ‘S iad peanais a’ pheacaidh ‘s an t-saoghal a tha ri teachd, sgarachduinn siorruidh o lathair shòlasach Dhe, agus pianta ro-dhòruinneach gun fhois, ann an anam agus ann an corp, ann an ifrinn, gu siorruidh.

C. 30. Am bheil Dia a’ fàgail a’ chinnidh-dhaona uile gu bhi caillte ann an staid a’ pheacaidh agus na truaighe?

F. Cha ‘n ‘eil Dia a’ fàgail a’ chinnidh-dhaona uile gu bhi caillte ann an staid a’ pheacaidh agus na truaighe, anns an do thuit iad trid briseadh a’ cheud cho-cheangail, d’ an goirear gu coitchionn Co-cheangal nan gnìomh; ach tha e o ‘shaor-ghràdh agus o ‘thròcair a’ sacradh a dhaoine taghta as an staid sin, agus ‘g an tabhairt gu staid slàinte, trid an dara co-cheangal, d’ an goirear gu coitchionn Co-cheangal nan gràs.

C. 31. Cò ris an d’ rinneadh co-cheangal nan gràs?

F. Bha co-cheangal nan gràs air a dhèanamh ri Criosd mar an dara Adhamh, agus ann-san ris na daoinibh taghta mar a shlìochd.

C. 32. Cionnus tha gràs Dhé air ‘fhoillseachadh ‘s an dara co-cheangal?

F. Tha gràs Dhé air ‘fhoillseachadh ‘s an dara co-cheangal, do bhrigh gu bheil e gu saor ag ullachadh agus a’ tairgsinn do pheacachibh Eadar-mheadhónair, agus beatha agus slàinte d’ a thrid-san; ag agradh creidimh mar chumha, gu còir a bhi ac’ ann; a’ gealltuinn agus a’ tabhairt a’ Spioraid Naoimh, d’ a dhaoinibh taght’ uile, a dh’oibreachadh a’ chreidimh sin annta, maille ris na h-uile gràs, slàinteil eile obrachadh annta agus ‘g an déanamh comasach gus na h-uile ùmhlachd naomh, mar dhearbhadh soilleir air firinn an creidimh, agus am buidheachais do Dhia, agus mar an t-slighe dh’orduich esan chum slàinte.

C. 33. An robh co-cheangal nan gràs air a fhrith-caladh do ghnàth air an aon dòigh?

F. Cha robh co-cheangal nan gràs air a fhrithealadh air an aon dòigh, ach bha a fhrithealaidhean fuidh ‘n t-Sean Tiomnadh, air dhòigh eile, o ‘n leth mach, ‘s a tha iad fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh.

C. 34. Cionnus a bha co-cheangal nan gràs air a fhrithealadh fuidh ‘n t-Sean Tiomnadh?

F. Bha co-cheangal nan gràs air a fhrithealadh fuidh ‘n t-Sean Tiomnadh, tre gheallana, faidheadaireachda, ìobairte, timchioll-ghearradh, an t-ùan càisg, agus samhluidhean agus òrduighean eile, a bha roimh-chial-lachadh Chriosd a bha gu tighinn; agus bha iad sin ‘s an àm ud gu leòir a thogail suas nan daoinne taghta ann an creidimh ‘s a’ Mhesiah a bh’ air a ghealtuinn, tre ‘n robh an sin aca, làn mhaitheanas peacaidh, agus slàinte shior-ruidh.

C. 35. Cionnus a tha co-cheangal nan gràs air a fhrith-ealadh fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh?

F. Fuidh ‘n Tiomnadh Nuadh, an uair a dh’fhoill-sicheadh Criosd, brigh nan nithe ud, bha agus tha an cùmhnant gràis ceudna air a fhrithealadh, ann an sear-monachadh an fhocail, agus ann am frithealadh shàcra-mainte a’ bhaistidh, agus suipeir an Tighearn, anns am bheil gràs agus slàinte air an taisbeanadh, ann an tuilleadh lànachd, soilleireachd, agus éifeachd, do na h-uile chin-neachaibh.

C. 36. Cò e Eadar-mheadhonair co-cheangail nan gràs?

F. Is e aon Eadar-mheadhonair co-cheangail nan gràs an Tighearn Iosa Criosd a mhain, neach air dha bhi ‘n a mhac siorruidh Dhé, do ‘n aon nàdur, agus co-ionann ris an Athair, ann an iomlanachd na h-aimsir, a rinneadh ‘n a dhuine, agus mar sin bha, agus mairidh e ‘n a Dhia agus ‘n a dhuine, ann an dà nàdur, eadar-dhealuichte, agus ann an aon phearsa gu bràth.

C. 37. Air bhi do Chriosd ‘n a mhac do Dhia, cionnus a rinneadh e ‘n a dhuine?

F. Rinneadh Criosd Mac Dhé ‘n a dhuine, le corp fior agus anam reusonta ghabhail dha féin, air dha bhi air a ghineamhuinn tre chumhachd an Spioraid Naoimh ann am broinn Muire na h-oighe, d’ a brigh, agus air a bhreithi leatha, gidheadh as eugmhais peacaidh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice