F.P. Manse, Raasay, 26th February 1902.—My dear Friend,—I received your valuable letter of the 19th inst. With regard to the passage of Scripture you quote in your letter—”Saw ye Him,” etc., it is they who found Him that ask the question. I have been speaking from texts in the Book of Songs for the last three Sabbaths. The Beloved came to me this winter, making Himself known to me more magnificently than I have experienced during the past forty-six years of my profession, and led me to that portion of Scripture which describes the happy communion between the Church and Christ. From your reference to that sanctuary of God’s Word, I infer that you are favoured with a gracious visit from the Beloved, Jesus. His visits are sovereign, and when He comes He draws the soul after Him, and makes the believer remember “the days of old,” mourn over his past sins and shortcomings, and makes him resolve and endeavour through grace to begin anew to follow Him. His assurance of a saving interest in Christ is confirmed, and he is overwhelmed with grateful wonder at the Lord’s great mercy to him. His youth is renewed like the eagle, and he is willing to serve his Lord and Master. But it is only through the lattice Christ reveals Himself to His people in this world; in heaven they shall see Him as He is. By His visits He wins them from this lower world, and ripens and makes them willing to depart to be with Him where He is. With our kindest regards to all.—Yours very sincerely, D. Macfarlane.
An Leabhar=Ceasnachaidh Farsuinn.
C. 38. C’ arson a bha e feumail gu ‘m biodh an t-Eadar-mheadhonair ‘n a Dhia?
F. B’ fheumail gu ‘m biodh an t-Eadar-mheadhonair ‘n a Dhia, a chum gu ‘n cumadh e suas, agus gu ‘n coimhheadh e a nàdur daona o bhi air a chur fodhale farg neo-chrioch-nach Dhé agus cumhachd a’ bhàis, a chum luach agus éifeachd a thoir d’ a fhulangasaibh, d’ a ùmhlachd, agus d’ a eacar-ghuidhe, agus mar sin, gu ‘n dioladh e ceartas Dhé, a dheadh-ghean fhaghail, pobuill sònruichte a chosnad, a Spiorad a thabhairt doibh, buadhachadh thar an uile naimh-dean, agus an tabhairt gu slàinte shiorruidh.
C. 39. C’ arson a bha e feumail gu ‘m biodh an t-Eadar-mheadhonair ‘n a’dhuine?
F. B’ fheumail gu ‘m biodh an t-Eadar-mheadhonair ‘n a dhuine, a chum gu ‘n àrdaicheadh e ar nàdur, gu ‘n coimhionadh e ùmhlachd do ‘n lagh, gu ‘m fuillingeadh e agus gu ‘n déanadh e eadarghuidhe air ar son ‘n ar nàdur, gu ‘m biodh co-mhothachadh aige r’ ar n-amhuinneachdaibh, gu faigheamaid uehd-mhacachd cloinne, agus gu ‘m biodh againn comhfhurtachd agus cead dol le dànachd gu Righ-chaithir nan gràs.
C. 40. C’ arson a bha e feumail gu ‘m biodh an t-Eadar-mheadhonair ‘n a Dhia agus ‘n a dhuine ann an aon phearsa?
F. An t-Eadar-mheadhonair a bha ri Dia agus duine a réiteachadh, b’ fheumail gu ‘m biodh e féin ‘n a Dhia agus ‘n a dhuine, agus sin mar an ceudna ann an aon phearsa, chum gu biodh oibre fa leth gach nàduir dhiubh air an gabhail gu taitneach le Dia air ar son-ne, agus gu dèanamaid bun asda, mar oibribh a’ phearsa uile.
C. 41. C’ arson a ghoireadh Iosa d’ ar n-Eadar-mheadhonair?
Ghoireadh Iosa d’ ar n-Eadar-mheadhonair, a chionn gu bheil e a’ saoradh a phobuill o ‘m peacaibh.
C. 42. C’ arson a ghoireadh Criosd d’ ar n-Eadar-mheadhonair?
F. Ghoireadh Criosd d’ ar n-Eadar-mheadhonair, a chionn gu robh e air ‘ungadh leis an Spiorad Naomh, thar tomhas, agus mar sin air a chur air leth, agus air a làn-sgeudachadh leis gach uil’ ùghdarras agus comas, a chum dreuchdan fàidh, sagairt, agus Righ ‘Eaglais féin a chur an gnomh, araon ‘n a staid irioslachaidh agus àrd-achaidh.
C. 43. Cionnus a tha Criosd a’ cur dreuchd fàidh an gnomh?
F. Tha Criosd a’ cur dreuchd fàidh an gnìomh, le bhi foilleachadh d’ a Eaglais, anns gach linn, le ‘fhocal agus le a Spiorad, air iomadh dòigh frithealaidh uile thoil Dhé, anns na nithibh a bhuineas d’ am maith spioradail, agus d’ an slàinte.
C. 44. Cionnus a tha Criosd a’ cur dreuchd Sagairt an gnìomh?
F. Tha Criosd a’ cur dreuchd Sagairt an gnìomh, ann e féin a thoirt suas, aon uair ‘n a lobairt, gun smal do Dhia, chum a bhi ‘n a réite air son peacaidh a phobuill, agus ann a bhi dèanamh gnàth eadar-ghuidhe air an son.
C. 45. Cionnus a tha Criosd a’ cur dreuchd Rìgh an gnìomh?
F. Tha Criosd a’ cur dreuchd Rìgh an gnìomh, ann a bhi gairm o ‘n t-saoghal, pobull dha féin, agus ann a bhi tabhairt dhoibh luchd-riaghlaidh, reachda, agus comas smachdachaidh, tre ‘m bheil e gu faicsinneach ‘g an riaghlaidh; ann a bhi tabhairt gràsa slàinteil d’ a dhaoinibh taghta, a’ toirt duais d’ an ùmhlachd, agus a’ toirt achmhasan dhoibh air son am peacaidh, ‘g an dion agus ‘g an cùmail suas, fuidh ‘n uile bhuairidhean agus fhulangasaibh, a’ casg agus a’ toirt buadh air an naimhdhean, agus ag òrduchadh gu cumhachdach nan uile nithe chum a ghloire féin, agus am maith-san: agus mar an ceudna ann an dioghaltas a dhèanamh air a’ chuid eile, aig nach ‘eil eòlas an Dia, agus nach ‘eil ùmhal do ‘n t-soisgeul.
C. 46. Ciod bu staid irioslachaidh do Chriosd?
F. B’ i staid irioslachaidh Chriosd, an staid lòsal ud anns an d’rinn e air ar son-ne, e féin fhalamhachadh d’ a ghloir; ghabh e cruth seirbhisich air féin, ‘n a ghineamh-uinn agus ‘n a bhreith, ‘n a bheatha, ‘n a bhàs, agus an déigh a bhàis gu ruig àiseirigh.
C. 47. Cionnus a dh’ irioslaich Criosd e féin ‘n a ghineamhuinn agus ‘n a bhreith?
F. Dh’ irioslaich Criosd e féin ‘n a ghineamhuinn agus ‘n a bhreith, anns, air dha o ‘n uile bhithbhuantachd, bhi ‘n a Mhac do Dhia, ann an uchd an Athar, gu ‘m facas iomchuidh leis, ann an iomlanachd na h-aimsir, bhi ‘n a mhac an duine, air a dhèanamh o mhnaoi, a bh’ ann an staid lòsal, agus bhi air a bhreith leatha le iomadh gnè no ceum irioslachaidh thuilleadh ‘s a tha gnàth-aichte.
C. 48. Cionnus a dh’ irioslaich Criosd e féin ‘n a bheatha?
F. Dh’ irioslaich Criosd e féin ‘n a bheatha, le e féin a chur fuidh ‘n lagh a choimhlion e gu foirfe, agus le bhi còmhrag ri nithibh tarcuiseach an t-saoghail, buairidhean an diabhuil, agus amhhuinneachda na feòla, araon iad sin a bhùineas gu coitchionn do nàdur an duine, no iadsan a tha gu h-àraid an co-chuideachd na staid ìosail ud anns an robh esan.
C. 49. Cionnus a dh’ iroslaich Criosd e féin ‘n a bhàs?
F. Dh’ iroslaich Criosd e féin ‘n a bhàs; le, e bhi air a bhrath le Iudas, air a thrèigsinn le ‘dheiscioblaibh, le fanoid a dhèanamh air, agus le bhi air a chur suarach leis an t-saoghail, air a dhiteadh le Pilat, air a phianadh le luchd geur-leanmhuinn, air dha mar an ceudna còmhrag a dhèanamh ri uamhasan a’ bhàis, agus cumhachdan an dorchadais, cudthrom feirge Dhè a mhothachadh agus a ghiulan, leag e sios a bheatha mar thabhartas, air son peacaidh, a’ fulang bàs cràiteach, maslach, agus malluicht’ a’ chroinn-cheusaidh.
C. 50. Cia iad na nithe ‘s an robh Criosd air’ iros-lachadh an dèigh a bhàis?
F. B’ iad na nithe ‘s an robh Criosd air ‘irosachadh an dèigh a bhàis, gu ‘n robh e air ‘adhlaeadh, agus gu ‘n d’ fhan e ann an staid nam marbh, agus fuidh chumhachd a’ bhàis gus an treas là, ni bha air mhodh eile air a chur sios, anns na bhriathraibh so chaidh e sios do ifrinn.
C. 51. Ciod is staid àrdachaidh do Chriosd?
F. Tha staid àrdaichte Criosd, ‘n a aiseirigh, ‘n a dhol suas, ‘n a shuidhe aig deas-làimh an Athar, agus ‘n a theachd a ris, a chum breth a thoirt an t-saoghail.
C. 52. Cionnus a bha Criosd air ‘àrdachadh ‘n a aiseirigh?
F. Bha Criosd air ‘ardachadh ‘na aiseirigh, ann a mheud ‘s nach fac e truaillidheachd ‘s a’ bhàs, (do bhrigh nach robh ‘n comas gu ‘n cuimtadh esan leis;) agus air bhi do ‘n chorpa sin féin anns an d’ fhuiling e, air a chur gu fior r’ a anam le bhuadhaibh nàdurra; (ach gidheadh as eugmhais bàsmhorachd, agus amhhuinneachda coitchionn eile, bhùineas do ‘n bheatha so;) dh’ èirich e a ris o na marbhaibh air an treas là, le a chumhachd féin, leis an do thaisbein e gu ‘m b’ e féin Mac Dhè, gu ‘n do dhìol e ceartas Dè, gu ‘n do bhuadhaich e air a’ bhàs, agus air-san aig an robh cumhachd a’ bhàis: agus gur e Tighear-na nam beò agus nam marbh e; agus rinn e na nithe-so uile mar nach follaiseach, Ceann Eaglais fein, chum am fireanachadh, am beothachadh ann an gras, an cumail suas an aghaidh an naimhdhean, agus gu ‘n dèanamh cinnt-each mu ‘n aiseirigh féin o na marbhaibh aig an là dheir-eannach.
C. 53. Cionnus a bha Chriosd air ‘ardachadh ‘n a dhol suas?
F. Bha Chriosd air ‘ardachadh ‘n a dhol suas, le e bhi an dèigh ‘aiseirigh, gu tric air a thaisbeanadh d’ a Abstolaibh, agus a’ còmhradh riu, a’ labhairt mu na nithibh a bhuneas do rioghachd Dhé, agus a’ toirt àithne dhoibh, an soisgeul a shearmonachadh do gach uile chinneach; dà fheichead là ‘n dèigh ‘aiseirigh chaidh e ‘n ar nàdur, agus mar ar Ceann, a’ tabhairt bhuaidh le luathghair os ceann ar naimhdean, gu follaiseach suas gus na nèamhaibh a ‘s àirde, a chum ann an sin tioclhaca fhaghaill do dhaoinibh, a chum ar n-aignidh a thogail suas gus a sin, agus a chum àit ullachadh dhuinn, far am bheil agus am fan e fèin gus an tig e’n dara uair, ann an deireadh an t-saoghal.
C. 54. Cionnus a tha Criosd air ‘ardachadh ‘n a chuidhe aig deas-làimh Dhè.
F. Tha Criosd air ‘ardachadh ‘n a shuidhe aig deas-làimh Dhè, ann a bhi mar Dhia-dhuine air ‘ardachadh gus an deadh-ghean is mò, o Dhia an t-Athair maille ri uile-iomlanachd aoibhneis, gloire, agus cumhachd os ceann nà h-uile nithibh air nèamh agus air talamh; agus a’ tional agus a’ seasamh na h-Eaglais. agus a’ ceannsachadh a naimhdean, agus a’ lionadh a mhinisteirean agus a phobuill, le tioclhacaibh agus grasaibh, agus a’ dèanamh eadar-ghuidhe air an son.
C. 55. Cionnus a tha Criosd a’ dèanamh eadar-ghuidhe?
F. Tha Criosd a’ dèanamh eadar-ghuidhe, le e fèin a thaisbeanadh do ghnàth, ‘n ar nàdur, am fianuis an Athar air nèamh, ann an toilltinneas ‘umhlachd, agus ‘obairt air thalamh, a’ taisbeanadh gur toil leis iad so a bhi air am meas do na h-uile chreidmheach, a’ freagrachd gach uil’ agartas a ta ‘n an aghaidh, a faghaill doibh sith coguis, ged tha fàilneachadh, làthail annta-san, agus cead dol le dànachd gu cathair-rìoghail nan gràs, agus a’ gabhail ri ‘m pearsaibh, agus an seirbhis gu taitneach.
C. 56. Cionnus a tha Criosd gu bhi air ‘ardachadh, ‘n theachd a ris, chum breth a thoirt air an t-saoghal.
F. Tha Criosd gu bhi air ‘ardachadh ‘n a theachd a ris a thoirt breth air an t-saoghal, ann a mheud agus esan air an d’ thugadh breth, agus a dhiteadh gu h-eucorach le daoinibh aingidh, gu ‘n tig e a ris anns an là dheireannach ann an cumhachd mòr; agus ann an làn-fhoillseachadh a ghlöire féin, agus glòir ‘Athar le ‘uil’ Ainglibh naomha le h-árd-iolaich, le guth an áird-Aingil, agus le trompaid Dhé, a thoirt breth air an t-saoghal ann an ceartas.
C. 57. Ciod iad na sochairean a choisinn Criosd, le eadar-mheadhonaireachd?
F. Choisinn Criosd, le ‘eadar-mheadhonaireachd, saorsa, maillé ri uile shochairean eile choimh-cheangail nan gràs.
C. 58. Cionnus a tha sinn air ar déanamh ‘n ar luchd-co-pàirt do na sochairibh a choisinn Criosd?
F. Tha sinn air ar déanamh ‘n ar luchd-co-pàirt do na sochairibh a choisinn Criosd, trid an cur ruinn, agus is i so obair Dhé an Spioraid Naomh gu h-áraid.
C. 59. Cò iad a tha air an déanamh ‘n an luchd-co-pàirt do ‘n t-saorsa sin trid Criosd?
F. Tha ‘n t-saorsa sin gu dearbh air a cur agus gu h-éifeachdach air a copàirteachadh, ris a’ muinntir sin uile d’an do choisinn Criosd i, agus tha iad anns a’ bheatha so comasach leis an Spiorad Naomh air creidsinn do réir an t-soisgeil.
C. 60. Am feud iadsan nach cuala riamh an Soisgeul, agus do réir sin do nach aithne Criosd, agus nach ‘eil a’ creidsinn ann, bhi air an tèarnadh, le ‘m beatha chaitheamh do réir soluis nàduir?
F. Cha ‘n fheud iadsan nach cuala riamh an Soisgeul, agus mar sin do nach aithne Iosa Criosd, agus nach ‘eil a’ creidsinn ann, bhi air an tèarnadh, ge b’ e air bith dìchioll leis an déan iad am beatha riaghladh, do réir soluis nàduir, no reachd a’ chreidimh sin a tha iad ag aidmheil; ni mò tha slàinte ann an neach air bith eile, ach ann an Criosd a mhàin, neach is e a mhàin Slànuighear a chuirp, eadhon na h-Eaglaise.
C. 61. Am bheil iadsan uile air an tèarnadh a ta ‘g éisdeachd an t-soisgeil; agus a tha ‘n taobh a stigh do ‘n Eaglais?
F. Cha ‘n ‘eil iadsan uile air an tèarnadh a tha ‘g éisdeachd an t-soisgeil, agus a tha ‘n taobh a stigh do ‘n Eaglais: ach iadsan a mhàin a tha ‘n am fior bhuill do ‘n Eaglais neo-fhaicsinneach.
C. 62. Ciod i an Eaglais fhaicsinneach?
F. ‘S i an Eaglais fhaicsinneach, buidheann air an déanamh suas dhiubh-san uile a tha anns gach uile linn agus àite do ‘n t-saoghal, ag aideachadh an fhlòr chreidimh, agus mar an ceudna d’ an cloinn.
Rì leantuin.