(Air a leantainn).
C. 99. Ciod na riaghailtean a ta r’ an toirt fainear a chum nan deich àitheantan a thuigsinn gu ceart?
F. A’chum gu tuigteadh na deich àitheantan gu ceart, tha na riaghailtean so a leanas r’ an toirt fainear, eadhon.
I. Gu bheil an Lagh iomlan, agus a’ ceangal gach aoin neach gu làn co-choslas anns an duine gu h-iomlan ri fir-eantachd nan àitheantan, agus gu h-ùmhlachd iomlan a thoirt da gu bràth do bhrigh ‘s gu bheil e ag iarruidh na foirfeachd a ‘s àirde, anns gach uile dhleasdanas, agus a’ toirmeasg gach ceum a ‘s lugha do gach uile pheacadh.
II. Gu bheil e Spioradail, agus mar sin a’ ruigsinn na tuigse, na toile, nan aignidhean, agus air uile chumhachd-aibh eile an anama, co mhaith agus air briathraibh, oibríbh, agus gnìomharaibh.
III. Gu bheil an t-aon ni ceudna, ann an seadh fa leth, air iarruidh no air a thoirmeasg ann an tuilleadh àitheanta na h-aon.
IV. Do bhrigh, far am bheil dleasdanas air bith air ‘àithneadh, gu bheil am peacadh a ta an aghaidh sin air a thoirmeasg; agus far am bheil peacadh air a thoirm-easg, gu bheil an dleasdanas a ta an aghaidh sin air ‘àithneadh: Mar sin, far am bheil gealladh air a cheangal ri h-àithne, tha ‘m bagradh a ta an aghaidh sin fillte ann; agus far am bheil bagradh air a cheangal ri àithne, tha ‘n gealladh a ta an aghaidh sin fillte ann.
V. An ni tha Dia a’ toirmeasg, cha chóir a dhèanamh uair air bith: an ni a tha e ag àithneadh, is e ar dleasdanas do ghnàth e, agus gidheadh cha chóir gach aon dleasdanas air leth a dhèanamh gach aon uair.
VI. Fuidh aon pheacadh, no aon dleasdanas, tha na h-uile peacadh no dleasdanas d’ a leithid ceudna air a thoirm-easg no air iarruidh, maillé ri ‘n uile aobharaibh, mheadhonaibh, chion-fàth, choslasaibh, agus gach uile bhrosnuchadh chua.
VII. An ni a ta air a thoirmeasg, no air ‘àithneadh dhuinn féin, gu bheil e mar fhiachaibh oirnn ar dìchioll a dhèanamh do réir ar n-inbhe, chum e bhi air a sheachnadh, no air a choimhlionadh le daoinibh eile, do réir dhleasdanas an inbhe-san.
VI. Anns an ni ta àir ‘aithneadh do dhaoinibh eile, tha e mar fhiachaibh oirnne do réir a n-inbhe féin, agus ar gairme, còmhnadh a dhèanamh leo, agus aire thabbhàirt nach bi comunn againn ri daoinibh eile, anns an ni a ta air a thoirmesag dhoibh.
C. 100. Ciod na nithe àraid a th’ againn ri thabbhàirt fainear anns na deich ‘aitheantaibh?
F. Tha againn ri thabbhàirt fainear anns na deich àitheantaibh an roimh-ràdh, brigh nan àitheanta féin, agus na h-aobhairean air leth a tha ceangailte ri cuid dhiubh, a chum an sparradh oirnn ni ‘s mò.
C. 101. Ciod is roimh-ràdh do na deich àitheantaibh?
F. Tha roimh-ràdh nan deich àitheanta, air a chur sios anns na briathraibh so, Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a mach thu á tìr na h-Eiphit, á tigh na daorsa, anns am bheil Dia a’ foillseachadh, ‘àrd-thighearnais féin, mar an Ti is e Iehobhah, an Dia bith-bhuan neo-chaochlaideach, agus uile-chumhachdach, aig am bheil a bhith ann féin, agus uaithe féin, agus a’ toirt bith, d’ a uile bhriathraibh, agus ‘oibríbh, agus gur Dia ann an co-cheangal e, mar ri h-Israel o shean, mar an ceudna r’ a phobull uile, neach mar a thug e iad as am braighdeanas ‘s an Eiphit, is amhluidh, a tha e ‘g ar fuasgladh o ar daorsa spioradail, agus uime sin, gu bheil e mar fhiachaibh oirnne, esan a mhàin a ghabbail mar ar Dia, agus uile ‘àitheanta-san a chòimhead.
C. 102. Ciod is suim do na ceithir àitheantaibh ‘s am bheil ar dleasdanais do Dhia air a chur sios?
F. ‘S e suim nan ceithir àitheantan, anns am bheil ar dleasdanais do Dhia air a chur sios, an Tighearn ar Dia a ghràdhachadh, le r’ n-uile chridhe, agus le ‘r n-uile anam, le ‘r n-uile neart, agus le ‘r n-uil’ inntinn.
C. 103. Ciod i a’ cheud àithne?
F. ‘S i a’ cheud àithne, Na biodh dée ‘s am bith eile agad a’ m’ làthair-sa.
C. 104. Ciod iad na dleasdanais a ta air an iarruidh ‘s a’ cheud àithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a ta air an iarruidh ‘s a cheud àithne, ‘aithneachadh agus ‘aideachadh, gur e Dia amhàin am fior Dhia, agus ar Dia-ne, agus aoradh agus glòir a thoirt da d’ a réir sin; le bhi smuaineachadh, agus a’ beachdachadh air, ‘g a chuimbneachadh, mòr-mheas a bhi againn air, ‘g a onorachadh, geill agus urram a thoirt da, ‘g a roghnachadh, ‘g a ghràdhachadh, ‘g a mhiannachadh, eagal-san a bhi oirnn, a bhi creidsinn ann, ag earbsadh as, a’ cur dòchais ann, a’ gabhail tlachd dheth, a’ dèanamh gairdeachais ann, a bhi eudmhor air a shon, a’ gairm air, a’ tabhairt da gach uile mholadh agus bhuidheachais, agus a’ stroichdadh leis gach uil’ ùmhlachd agus irioslachd dha, anns an duine gu h-iomlan: le bhi cùramach air a thoil-eachadh anns na h-uile nithibh, agus fuidh dhoilghios an uair a mhithoilleachar e ann an ni air bith, agus le bhi gluasad gu h-riosal maille ris.
C. 105. Ciod na peacaidhean a tha air a toirmeasg ‘s a’ cheud àithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s a’ cheud àithne, Dia-àicheadh, no gun Dia bhi againn, iodhol-aoradh a thaobh tuilleadh Dhée thar a h-aon, no aon dia eile maille ris an Dia-fhlor, no ‘n a àite, a bhi againn, no bhi ag aoradh dha: gun esan a bhi againn, agus a làn-aideachadh mar Dhia agus mar ar Dia-ne; neo-chùram mu aon ni a dhlighear dha-san a ta air ‘iarruidh ‘s an àithne so, no sin a leigeadh dhinn; aineolas, dì-chuimhne, mi-bhreithneachadh, baraile mearachdach, smuaineachan neo-iomchuidh agus aingidh air; sgrùdadh dàna air a nithibh dìomhair; gach mi-naomhachadh, gach fuath air Dia, féin-ghràdh, féin-iarruidh; agus gach gnè eile do shoeruchadh-inntinn, toile, no mianna, air nithibh eile, gu neo-chneasda, agus gu neo-chuimseach, agus an togail dheth-san, gu h-uile, no ann an cuid: baoth-chreidimh dìomhain, ana-creidimh, saobh-chreidimh, mi-chreidimh, mi-earbsa, mi-dhòchas, do-smachdaidheachd, dì-mbothachadh fuidh bhreitheanas, cruas-cridhe; àrdan, an-dànadas, suaimneas feòlmor, a bhi buaireadh Dhé, a’ dèanamh feum do mheadhonaibh neolaghail, agus ag earbsadh à meadhonaibh laghail, sàimh agus aobhneas feòlmor, eud truaillidh, dall agus eu-ceillidh, meadh-bhlàs, marbhantaechd, ann an nithibh Dhé, a bhi ‘g ar dèanamh féin’n ar coigrich do Dhi agus a’ tuiteam air ar n-ais uaithe, a’ dèanamh ùrnuigh ri naomhaibh, ri ainglibh, no ri creutairibh air bith eile, no tabhairt aoradh gu cràbhach dhoibh; gach uile cho-cheangal ris an Diabhul, no dol ann comhairle ris, agus éisdeachd ris na chuireas e ‘n ar n-aire; a bhi dèanamh dhaoine ‘n an tighearnaibh air ar creidimh, agus air ar coguisibh; a’ dèanamh tailceis agus dimeas air Dia, agus air ‘àitheantaibh, a’ seasamh an aghaidh, agus a’ cur doilgheis air a Spiorad; aineolas agus mi fhoighidinn r’ a fhreasdaibh; bhi a’ cur as a leth-sa gu h-amaideach nan ole tha e a’ toirt oirnn, a toirt cliù aoin mhaith a ta annainn, a tha againn, no a dh’ fheudas sinn a dhèanamh do dheadh shanas, do iodholaibh, dhuinn féin, no do chreutair air bith eile.
C. 106. Ciod a tha gu h-áraid air a theagasg dhuinn leis na briathraibh sin ‘s a’ cheud àithne, eadhon, A’ m’ làthair sa?
F. Tha na briathra so ‘s a’ cheud àithne, A’ m’ làthair-sa; a’ teagasg dhuinn, gu bheil Dia a chì na h-uile nithe, a tabhàirt àire àraid do ‘n pheacadh so, eadhon Dia air bith eile a bhi againn; agus gu bheil e ro dhiombach dheth; chum mar so gu ‘m biodh iad ‘n an argumainte gu ‘r cum-ail o ‘n pheacadh so, agus ‘g a an tromachadh mar-bhrosn-uchadh ro mhi-nàrach, agus mar an ceudna, chum a thoirt oirnn bhi a’ ðèanamh, mar ‘n a fhianuis-sa, gach aon ni a nìtheair leinn ‘n a sheirbhis.
C. 107. Ciod i an dara Aithne?
F. ‘S i ‘n dara àithne, Na ðèan dhuit féin dealbh snaidhte, no coslas ‘s am bith a dh’ aon ni a ta ‘s na nèamh-aibh shuas, no air an talamh shios, no ‘s na h-uisgeachaibh fuidh ‘n talamh; Na crom thu féin sios doibh, agus na ðèan seirbhis doibh: oir mise an Tighearna do Dha, is Dia eudmhor mi, a’ leantuin aingidheachd nan aithrichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ chreathramh ginealach dhiubh-san a dh’ fhuathaicheas mi; agus a’ nochdadh tròc-air do mhiltibh dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m’ àitheantan.
C. 108. Ciod iad na dleasdanais, a ta air an iarruidh ‘s an dara h-àithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an dara h-àithne, a bhi tabhàirt fainear gach uil’ aoradh cràbhaich agus òrduighean a dh’ òrduich Dìa ‘n a fhocal, an gabhail agus an cumail, agus an comhead gu fior-ghlan, agus gu h-iomlan; gu h-áraid, ùrnuigh agus buidheachas, ann ann ainm Chriosd, leughadh, searmon-achadh, agus èisdeachd an fhocail, frithealadh, agus gabhail nan Sàcramaintean, riaghailt eaglais, agus reachd smachd-achaidh innte; trasgadh cràbhaich, mionnachadh air ainm Dhé, agus bòideachadh dha: mar an ceudna, bhi diombach ris gach uil’ aoradh mealltach, a’ gabhail gràin deth, agus a’ cur ‘n a aghaidh; agus do réir inbhe agus gairme gach aoin ‘n-ach, gu chur so as, agus fòs uile chomharan cuimhnuichte an iodhoil aoraidh.
C. 109. Ciod na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an dara h-àithne.
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an dara h-àithne a bhi idir a’ dealbhadh, a’ comhairleachadh, ag àithneadh, a’ gnàthachadh, agus air mhodh air bith ag aontachadh ri aon aoradh cràbhaich air bith nach d’ òrduich-eadh le Dia féin, bhi a’ fulang creidimh mearachdach, bhi a’ dealbhaidh aoin ni mar shamhladh air Dia, air na tri pearsannaibh uile, no air aon phearsa dhuibh, ‘s an taobh stigh ‘n ar n-intinn, no ‘s an taobh muigh le gnè air bith do dhealbh, no do chosamhlachd creutair air bith; gach uil’ aoradh dha, no do Dhia le a leitheid sin, no da thrid; samhladh air bith air déibh bréige a dhèanamh, agus gach uil’ aoradh dhoibh, gach uile chumadaireachd saobh-chràbh-ach, a’ truailleadh aoraidh Dhé, a’ cur ris, no a’ tabhairt uaithe, cia, ac’ a dhealbhadh ‘s a thoghadh suas as ar ceann féin e, no fhuaradh e trid beul-aithris o dhaoibh eile, ged b’ ann fuidh ainn sean-chleachdamh, gnàthach-àdh, diadhachd, deagh-rùn, no aon lethsgeul eile, ge b’ e air bith e, Simon-achd, naomh-ghoid; gach uile neo-chùram mu ‘n aoradh agus mu na h-òrduighibh, a dh’ òrduich Dia, gach tailceas, agus bacadh orra, agus gach cathachadh ‘n an aghaidh.
C. 110. Ciod iad na Reusoin, a ta ceangailte ris an dara aithne, chum a sparradh oirnn ni ‘s mò?
F. Tha na Reusoin a tha ceangailte ris an dara àithne, chum a sparradh ni ‘s mò oirne, air an cur sios ‘s na briathraibh so, eadhon (oir is mise Iehobhah do Dhia, Dia eudmhor, a leanas aingidheachd nan aithrichean air an cloinn, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach, dhiubh-san a dh’ fhuathaicheas mi, agus a’ dèanamh tròcair air miltibh, dhiubh-san a ghràdhaicheas mi, agus a choimh-ideas m’ àitheantan); is iad, a thuilleadh air àrd-uachdran-achd Dhé os ar ceann, a shealbh-chòir annainn, ‘Eud laiste d’ a aobhar féin, agus ‘fhearg dhìoghaltach’ an aghaidh gach aoraidh mhearachdaich, mar ni a ta ‘n a striopachas spior-adail; agus gu bheil e a’ meas luchd-brisidh na h-àithne so ‘n an luchd-fuath dha, agus a’ bagradh dhìoghaltais a dhèanamh orra gu linnibh fa leith, agus a’ meas luchdcoimhid na h-àithne so, no iadsan a tha toirt gràidh dha, agus a’ coimh-ead àitheantan, agus a’ gealltuinn tròcair dhoibh gu ruig iomadh linn.
C. 111. Ciod i an treas Àithne?
F. ‘S i ‘n treas àithne, Na tabhair ainn an Tighearna do Dhé an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ‘ainn an dìomhanas.
C. 112. Ciod a ta air ‘iarruidh ‘s an treas Àithne?
F. Tha ‘n treas àithn’ ag iarruidh, ainn Dhé, a thiodail, a bhuadhan, ‘òrduighean, am focal, na Sàcramaintean, ùrnuigh, Mionnan, Bòidean, crannchur, oibre, agus ge b’ e air bith ni eile leis am bheil e ‘g a fhoillseachadh féin, a bhi air an gnàthachadh gu naomh, urramach, ann an smuaintibh, beachdachadh inntinn, briathraibh, sgrìobhadh, le aid-eachadh naomh, agus giùlan d’ a réir sin, a chum glòire Dhé, ar maith féin, agus maith dhaoin’ eile.
C. 113. Ciod no peacaidhean a ta air an toirmeasg ‘s an treas Aithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an treas aithne, gun ainn Dhé a ghnàthachadh mar tha e air ‘iarruidh, agus mi-ghnàthachadh a dhèanamh air, le iomradh no gnàthachadh eile, aineolaich, dlomhain, neourramach, mi-naomh, saobh-chràbhach, no aingidh: no air ainnibh, buadhabh, òrduighibh, oibrìbh Dhé, trid toibheum, mionnain-eithich, gach uile mhallaichadh, mhionn, bhòid, agus crannchur pheacach, briseadh air mionnain agus bòidean, ma tha iad laghail, agus an coimhlionadh, ma ‘s ann mu nithibh neo-laghail a tha iad: a’ gearan an aghaidh òrduighean agus freasdaill Dé, a’ faghail croin doibh, a’ dèanamh mìn-sgrùdaidh macnusach orra, agus ‘g an cur ri nithibh gu mearchdach a bhi mineachadh, na a’ mi-chur, no air mhodh ‘s am bith a’ fiaradh an fhocail, no cuid air bith dheth, chum sùgradh mi-naomh, ceistean macnusach agus neo-tharbhach, sgeulachda dlomhain, no chum teagasg mearachdach a sheasamh, a bhi mi-ghnàthachadh an fhocail, no chreutairean, no aon ni eile, a tha dol fuidh ainn Dhé, a chum druidheachd, no ana-mhianna agus dhèanadas peacach, a bhi labhairt gu h-aingidh air firinn, gràs, agus slighibh Dhé, a’ fanoid orra, ‘g an càineadh, no air mhodh air bith a’ cathachadh ‘n an aghaidh, ag aidheachadh creidimh le cealgaireachd, no chum crìocha fìara nàire ghabhail dheth, no bhi mar aobhar nàire dha, le caithe-beatha neo-fhreagarrach, neo-ghlic, neo-tharbhach, agus oilbheumach, no le cùl-sleamhnachadh uaithe.
C. 114. Ciod iad na Reusoin a tha ceangailte ris an treas Aithne?
F. ‘S iad na Reusoin a tha ceangailte ris an treas aithne, anns na briathraibh so, eadhon (an Tighearna do Dhia), agus (nach meas an Tighearna neo-chiontach an neach a bheir ‘ainn an dlomhanas) do bhrigh gur e an Tighearn agus ar Dia-ne; agus uime sin, nach còir ‘Ainn a mhi-naomhachadh, no air mhodh ‘s am bith a mhi-ghnàthachadh leinn, gu h-àraid do bhrigh gur co fhad ghabhas uaithe, luchd-brisidh na h-aithne so a shaoradh agus a chaomhnadh, is nach fuiling e dhoibh dol as o a cheart-bhreitheanas, ged tha mòran dhiubh sin a’ dol as, o smachdachadh agus dhìoghaltas dhaoine.
Ri leantuin.