(Air a leantainn.)
C. 115. Ciod i a’ cheathramh aithne?
F. ‘S i a’ cheathramh aithne, Cuimhnich là na Sàbaid a naomhachadh. Sè làithean saothraichidh tu, agus ni thu t’ obair uile. Ach air an t-seachdamh là tha Sàbaid an Tighearna do Dhé: air an là sin na dèan obair ‘s am bith, thu féin, no do mhac, no do nighean, d’ òglach, no do bhan-oglach, no d’ ainmhidh, no do choigreach a ta ‘n taobh a stigh do d’ gheataibh: oir ann an sè làithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta: agus ghabh e fois air an t-seachdamh là: air an aobhar sin bheannaich an Tighearna là na Sàbaid, agus naomhaich’ se e.
C. 116. Ciod a tha air iarruidh ‘s a’ cheathramh aithne.
F. Tha a’ cheathramh aithne ag iarruidh, air na h-uile dhaoineibh, naomhachadh no coimhead naomh do Dhia a dhèanamh air na tràthaibh suidhichte sin a dh’ òrduich se ‘n a fhoical, gu h-àraid aon là iomlan ann an seachd, agus b’ e sin an seachdamh, o thoiseach an t-saoghail gu ruig aiseirigh Chriosd, agus an ceud là do ‘n t-seachduin riamh o sin, agus gu mairsin mar sin, gu deireadh an t-saoghail, is e so Sàbaid nan Criosduidhean; agus goirear dheth ‘s an Tiomnadh Nuadh là an Tighearna.
C. 117. Cionnus is còir an t-Sàbaid, no là an Tighearn a naomhachadh?
F. ‘S còir an t-Sàbaid, no là an Tighearn a naomhachadh, le támh naomh a ghabhail rè fad an là sin gu h-iomlan, cha ‘n e mhàin o na h-oibríbh sin a tha peacach aig gach àm air bith; ach fòs o na gnothuichibh saoghalta sin, agus o ‘n aighear a ta laghail air làithibh eile; agus tlachd a gabhail anns an là so gu h-iomlan (ach a’ mheud ‘s a tha feumail a chum oibre na h-éigin agus na tròcaire); an là a bhuileachadh ann an oibríbh aoraidh; gu dlomhair agus gu follaiseach: agus a chum na criche so, is còir dhùinn ar cridhe ‘ullachadh, agus leis an uiread sin do shealladh roimh-làimh, do dìchioll, agus do chuimse ar gnothuichibh saoghalta ‘shocrachadh, agus gu tràthail an crìochnachadh, is gu feud sinn a bhi ni ‘s deise agus ni ‘s iomchuidh air son dhleasdanas an là sin.
C. 118. C’ air son a tha ‘n aithne mu choimhead na Sàbaid, air a tabhairt ni ‘s sònruichte, do cheann-ardaibh teaghlach agus do uachdramaibh eile?
F. Tha ‘n aithne mu choimhead na Sàbaid, air a tabhairt ni ‘s sònruichte do cheannardaibh teaghlaich agus do uachdronaibh eile; a chionn gu bheil e mar fhiachaibh orra, cha ‘n e mhàin iad féin a choimhead, ach mar an ceudna, aire thabhairt, gu bi i air a coimhead, leis gach neach a ta fuidh ‘n eùram; agus do bhrigh gur furasd leo gu tric am bacadh le ‘n gnòthuichibh féin.
C. 119. Cia iad na peacaidhean a tha air an toir-measg ‘s a’ cheathramh aithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s a’ cheathramh aithne, bhi idir a’ leigeadh dhinn nan dleasdanas a tha air an iarruidh innte, gach uile choimhlionadh neo-chùramach, neo-dhìchiollach, agus neo-tharbhach orra, agus a bhi sgith dhiubh: gach uile rìrhi-naomhachadh an là sin, tre dhìomhanas, agus a bhi dèanamh nithe a ta dhiubh féin peacach; agus le gach uil’ oibrìbh, bhrìathaibh agus smuaintibh neo-fheumail, mu ‘r gnòthuichibh saoghailta, agus ar n-aighear.
C. 120. Ciod iad na reusoin a tha air an ceangal ris a’ cheathramh aithne, chum a sparradh oirnn ni ‘s mò?
F. Tha na reusoin a tha air an cur ris a’ cheathramh aithne, chum a sparradh oirnn ni ‘s mò air an tarruing o a ceartas; air do Dhia bhi a’ tabhairt dhuinn sè làithean do sheachd, a chum ar gnòthuichean féin; agus gun e a’ cur air leth ach aoin là dha féin, agus sin anns na briathraibh so, eadhon, an sè làithibh saothraichidh tu, agus ni thu t’ obair uile; agus mar an ceudn’ uaith so, eadhon, gu bheil Dia ag agradh seilbh-choir àraid air an là sin (anns na briathraibh so): Is e ‘n seachdamh là Sàbaid an Tighearna do Dhia; o eisimpleir Dhe: rinn e ann an sé làithibh nèamh agus talamh, an fhaighe, agus gach ni a ta annta, agus ghabh’ e fois air an t-seachdamh là agus o ‘n bheannachadh sin, a chuir an Tighearn air an là sin, cha ‘n e mhain ‘n a naomhachadh, a chum bhi ‘n a là d’ a sheirbhis féin: ach mar an ceudn’ òrduchadh chum a bhi ‘n a mheadhon beannachaidh dhuinne, ann a bhi ‘ga naomhachadh, agus anns na briathraibh so, eadhon, air an aobhar sin, bheannaich an Tighearna là na Sàbaid, agus naomhaich se e.
C. 121. C’ air son a tha ‘m focal sin Cuimhnich, air a chur ann an toiseach na ceathramh aithne?
F. Tha ‘m focal Cuimhnich, air a’ chur ann an toiseach na ceathramh aithne, ann an cuid, a chionn na mòir-shochair a ta ‘n a cuimhneachadh: air dhuinn le so, bhi air ar cuideachadh, ‘n ar ‘n ulluchadh a chum a coimhead, agus ‘n a coimhead, a chum na h-uil’ aitheantan eile choimhead ni ‘s fearr, agus a chum cuimbne thaingeil a chumail suas air an dà shochair mhòr sin, obair a’ chruthachaidh agus obair na saorsa, ‘s am bheil suim aithgearr a’ chreidimh, agus ann an cuid ro ullamh leinn a dhì-chuimhneachadh, do bhrigh gu bheil ni ‘s lugha do sholus nàduir air a son; agus gidheadh gu bheil i a’ cur bacaidh air ar saorsa nàdurra, ann an nithibh a ta laghail air uairibh eile: nach ‘eil i a’ teachd ach aon uair ann an seachd làithibh, agus gu bheil iomadh gnothuch saoghalta teachd a steach eadar na làithean Sàbaid, agus gu ro thric a’ togail leo ar n-intinn o bhi smuaineachadh air an t-Sàbaid, a chum ar n-ullachadh féin fa combair, no chum a naomhachadh; agus gu bheil an t-Eascairid le ‘innealaibh a’ caitheamh mòran saothrach, chum a’ glòir agus eadhon a cuimbne a dhubhadh a mach, a chum gach uile mi-chreidimh, agus an-diadh-achd a thoirt a steach.
C. 122. Ciod i suim nan sè aitheantan anns am bheil ar dleasdanas do dhaoinibh air a chur sios?
F. ‘S i suim nan sè aitheantan anns am bheil ar dleasdanas do dhaoinibh air a chur sios, ar coimhearsnach a’ ghràdhachadh mar sinn féin, agus sinn a dhèanamh do dhaoin’ eile an ni a b’ àill leinn iadsan a dhèanamh dhuiinne.
C. 123. Cia i a’ chùigeamh aithne?
F. ‘S i a’ chùigeamh aithne, Tabhair onoir do t’ athair, agus do d’ mhàthair; a chum as gu ‘m bi do làithean buan air an fhearann a tha ‘n Tighearna do Dhia a’ thoirt dhuit.
C. 124. Cò iad a’ thuigear fuidh ainm athar agus màthar ‘s a’ chùigeamh aithne?
F. Fuidh ainm athar agus màthar, ‘s a’ chùigeamh aithne, tuigear cha ‘n e mhàin, pàranta nàdurra, ach mar an ceudna na h-uile a ta o sar ceann ann an aois, agus ann an tioclacaibh, agus gu h-àraid a ta réir òrduigh Dhé os ar ceann, ann an àite, ann an ughdarras, cia aca ‘s ann, ann an teaghlach, ann an eaglais, no ann an riogh-achd.
C. 125. C’ air son a’ ghoirear athair agus màthair do ‘n dream a tha os ar ceann?
F. Goirear do ‘n dream a tha os ar ceann, athair agus màthar, chum teagasg anns gach uile dleasdanas d’ an lochdaraibh mar phàrantaibh nàdurra, chum gràidh agus caomhalachd a thaisbeanadh dhoibh do réir an dàimhibh fa leth, agus sa chum lochdarain a tharruing gu tuilleadh toille, agus suilbhireachd, ann an coimhionadh an dleasdanas d’ a ‘n uachdaraibh, mar d’ am pàrant-aibh.
C. 126. Ciod is erloch choitchionn do ‘n chüigeamh aithne?
F. ‘S i ‘s erloch choitchionn do ‘n chüigeamh aithne, coimhlionadh nan dleasdanas a tha mar fhiachaibh oirnn d’ a chéile ‘n ar dàimhibh fa leth, mar lochdaraibh, mar uachdaraibh no ann an coimeas inbhe.
C. 127. Ciod an onoir a ta mar fhiachaibh air lochdaraibh a thabhairt d’ an uachdaraibh?
F. ‘S i ‘n onoir a ta mar fhiachaibh air lochdaraibh a thabhairt d’ an uachdaraibh, gach uil’, urram dligh-each, fa leth, agus a chum lochdarain a tharruing gu tuilleadh ann an eridhe, ann am briathraibh, agus ann an giulan: ùrnuigh agus buidheachas air an son, a bhi leanmhuinn an deadh bheusan, agus an gràsan, freagrath toileach d’ an àitheantaibh laghaibh, agus d’ an comhairlibh, ùmhlachd dlhigheach d’ an smachdachadh, a bhi tairis d’ am pearsaibh, agus d’ an ùghdarras, agus iad sin a sheasamh, is a chòmhdachadh, do réir an èite fa leth, agus nàdur an inbhe, a’ giulan le ‘n anmhuineachdaibh, agus ‘g am foluch, ann an ghràdh, chum mar sin gu ‘m biodh iad ‘n an onoir dhoibh-san, agus d’ an riaghailt.
C. 128. Ciod iad peacaidh nan lochdarain an aghaidh an cuid uachdaran?
F. ‘S iad peacaidh nan lochdarain an aghaidh an cuid uachdaran, a bhi leigeadh dhiubh aon dleasdanas a dligh-eair dhoibh, farmad riu, di-meas orra, agus ceannaire ‘n an aghaidh, do thaobh an pearsa, agus an inbhe, no an comhairlibh, ‘n an àitheantaibh, agus ‘n an smachdachadh laghaibh; mallachadh, fanoid, agus gach giulan rag-mhuinealach, sgainnealach, a ta ‘n a mhasladh, agus ‘n a eas-onoir dhoibh-san, agus d’ an riaghailt.
C. 129. Ciod a dh’iarrair air uachdaraibh d’ an lochdaraibh?
F. A ta air iarruidh air uachdaraibh d’ an lochdaraibh do réir a’ chomais a fhuair iad o Dhia, agus na dàimhe sin anns am bheil iad, an lochdarain a ghràdhachadh, ùrnuigh a dhèanamh air an son, agus am beannachadh, an oileanachadh, an comhairleachadh, rabhadh a thoirt dhoibh, deagh-ghean a nochdadh dhoibh; cliù, agus luigheachd a thoirt dhoibh-san a ta dèanamh maith; agus ach-mhasan a thoirt dhoibh-san a tha dèanamh uile, agus smachdachadh a dhèanamh orra, a bhi ‘g an didein, agus a’ faghail doibh na h-uile nithe a ta feumail do ‘n anam, agus do ‘n chorp, agus le giulan suidhichte, glic, naomh, agus deadh-eisimpleireach, glòir fhaghail do Dhia, onoir dhoibh féin, agus mar sin an t-úghdarras sin a thug Dia dhoibh a choimhead.
C. 130. Ciod iad peacaidhean nan uachdaran?
F. ‘S iad peacaidhean nan uachdaran (a thilleadh air bhi leigeadh dhiubh nan dleasdanais, a ta air an iarruidh orra), a bhi gu neo-chneasda ‘g an iarruidh féin, ag iarruidh an glóire féin, an socair, an tairbhe, no an toileachadh-inntinn féin; a bhi ‘g àithneadh nithe a ta mi-laghail, no nach ‘eil ann an comas nan lochdaran a choimblionadh, a bhi toirt comhairl’ orra, a’ toirt misneich, no a’ taisbeanadh deadh-ghean doibh anns an ni a ta ole; a’ toirt mi-chomhairl’ orra, mi-mhlsneich dhoibh, agus a’ cumail an deadh-ghean uatha ‘s an ni a ta maith; ‘g an smachdachadh gu neo-iomchuidh, bhi gu neo-chúramach, ‘g an eur, no ‘g am fágail an luib eucoir, buairidh, agus cunnairt, ‘g am brosnuchadh gu feig, no air mhodh air bith, a’ tarruing eas-onoir orra féin, no a lughdachadh an úghdarras féin le giúlan eucoireach, mi-eagnaidh, ro theann, no ro thais.
C. 131. Ciod iad dleasdanais na muinntir a ta ann an coimeas inbhe?
F. ‘S iad dleasdanais na muinntir a ta ann an coimeas inbhe, meas a bhi aca do dhiongmholtas, agus do mhaith-eas a chéile; bhi dol air thoiseach air a chéile ann an onoir a thabhairt seachad, agus a’ déanamh gairdeachais ann an tiodhlacaibh agus ann an árdachadh a chéile, mar ‘n tiodhlacaibh agus ‘n árdachadh féin.
C. 132. Ciod iad peacaidh na muinntir a ta ann an coimeas inbhe?
F. ‘S iad peacaidh na muinntir a ta ann an coimeas inbhe (a tuilleadh air na dleasdanais a tha air an iarruidh orra, a leigeadh dhiubh), a bhi déanamh dímeas air maith-eas, farmad ri, doilghios air son árdachaidh no soirbheachaidh a chéile, agus a’ glacadh chuca árd-cheannas os ceann a chéile.
C. 133. Ciod e ‘n reuson a tha air a chur ris a’ chuígeamh aithne, g’ a sparradh oirnn ni ‘s mò?
F. An reuson a ta air a chur ris a’ chuígeamh aithne, anns na briathraibh so, chum ‘s gu ‘m bi do láithean buan air an fhearann a tha ‘n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit; is gealladh soilleir e air saoghal fada, agus soirbheachadh a dh’ uile luchd-coimhid na h-aithne so, do réir mar a thig sin ri glóir Dhé, agus r’ am maith féin.
C. 134. Ciod i an t-séathamh aithne?
F. ‘S ‘n t-séathamh aithne, Na déan mortadh.
C. 135. Ciod iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an t séathamh aithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha ‘n t-séathamh àithne ag iarruidh, gach saothar chùramach, agus díchioll laghail, air ar beatha féin, agus beatha dhaoin’ eile a choimhead, le bhi cur an aghaidh gach uile smuaineachaidh agus rùin, a’ ceannsachadh gach feirge, agus a’ seachnadh gach fàth, g’oh buairidh, agus dèanadais, a ta chum beatha neach air bith a bhuntuinn uaithe gu h-eucorach; le bhi ‘g a dhion an aghaidh foir-eignidh; làmh Dhé a ghiùlan gu foighidneach, ciùneas-inntinn, suilbhreachd spioraid, gnàthachadh measarra air biadh, air dibhe, air cungaich-leighis, air codal, air saothair, agus air aighear; le smuaineachadh seirceil, gràdh, truacantas, ceannsachd, sèimheachd, caomhalachd; cainnt agus giùlan shlochainteach, chiuin, agus shuaire; a’ giùlan le chéile, so-rèiteachaidh, eucoir a ghiùlan gu foighidneach, agus a mhaitheadh; agus a’ dèanamh maith do gach uile; bhi tabhairt comhfhurt achd, agus cobhair do ‘n mhuinntir a ta ‘n aire; a’ dìon, agus a’ seasamh nan neo-chiontach.
C. 136. Ciod iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an t-séathamh àithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an t-séathamh àithne, a’ bheatha a bhuntuinn asainn féin, no a daoinibh eile, air chor air bith, saor o chùis chothrom ceartais fholluseich, cogadh laghail, no féin-dhion feumail, meadhona laghail agus feumail chum ar beatha a choimhead a leigeadh seachad, no an tarruing uatha, corruich pheacach, fuath, farmad, tograidh gu dioghailtas; gach uile choruich anabarrach, cùram buaireasach; gnàthachadh neo-chuimseach air biadh, air dibhe, air saothair, agus air aighear, briathra-brosnuchaidh, fòirneart, caonnag, bualadh, lotadh, agus ge b’ e air bith ni eile, a ta chum aon bheatha a sgrios.
C. 137. Ciod i an t-seachdamh àithne?
F. ‘S i an t-seachdamh àithne. Na dèan adhalt-rannas.
C. 138. Ciod iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an t-seachdamh àithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an t-seachdamh àithne, geamnuidheachd cuirp, inntinn, aignidhean, agus briathran, agus bheusan, agus a’ coimhead sin annainn féin, agus ann an daoinibh eile; faire chumail air na sùilbh, agus air na ceud-fathaibh uile, measarrachd, cuideachd gheamnuidh a ghnàthachadh, stuaim ann an sgeadachadh, pòsadh na muinntir sin aig nach ‘eil tiodhlac na cunbhalachd, gràdh lànain phòsda, agus co-chòmhnuidh; saothair dhìchiollach ‘n ar gairmibh féin, seachnad gach fàth neo-ghloine, agus a’ seasamh an aghaidh buairidh chuige sin.