I.
“Agus thainig iad gu Iericho: agus air imeachd dhasan agus d’a dheisciobluibh, agus do shluagh mór, a mach á Iericho, bha Bartimeus an dall, mac Thimeuis ‘na shuidhe ri taobh na slighe ag iarradh deirce.”
Nach bronach an sealladh so! Duine dall na shuidhe ri taobh na slighe ag iarradh deirce! Tha e air a chomhdachadh le luideagan salach. Tha ‘eudan a’ taisbeanadh e bhi gu tric ri aghaidh na greine, air a bhlianadh le iomadh gaoith ghuinich, le moran do phreasaibh tha nan cladhannan d’a dheoir, agus ‘a cur an ceill eachdraidh mhuladaich a bheatha. Tha a lamh fathast a deanamh greim air a bhata fhada, a tha dha na chuideachadh agus treoir mar a tha e maduinn as deigh maidne a smeurachadh, ag iarradh na slighe bho a bhothan a dh’ionnsuidh aite-tathaich laimh ris an rathad tha treoirachadh gu Jerusalem. Tha e air aite suidhe a ghabhail air a chloich air an do shuidh’ e gu tric fuidh ‘n chraoibh phailme, agus tha e nis fuidh a sgaile fhionnair a’ feitheamh gu foighidneach ri teachd fear-turuis air an iarr e deirce, oir tha a teachd-an-tir aige bho dheirce a dh’ fheudas an leithidibh sin a thabhairt dha. An duine truagh’ ma tha bean agus clann aige an crochadh ris a mheadhon bhochd neo-chiunt-each so gu’n cumail suas! ach tha e ni’s ro thruaighe ma tha aige ri a bheatha dhorchá a chaitheamh na aonar!
An e so an duine mar a chruthaich Dia e? An i sin iomhaigh Dhe? Am bheil esan na fhear-seilbh agus na tighearna air an t-saoghal? C’ait am bheil urram agus neart, uachdaranachd rioghail, agus moralachd an neach a b’e ceud fhear-riaghlaidh an t-saoghal. O! cia mor an t-atharrachadh, cia ial ar tuiteam, cia caillte. A Bhartimeuis bhochd, tha thu a’ d’iomhaigh chianail air a chinne-dhaoiné gu leir! Annadsa tha mi ga’m fhaicinn fein, agus m’uile bhraithrean mar tha sinn a thaobh naduir! Iomhaigh an duine neo-iompaichte—dall, bochd, na dheoraidh, agus gun neart arao’n na thruaighe, agus ‘na sgrios!
Na diult eisdeachd, a chreidmhich ‘se so an ni a bha thu. Na diult eisdeachd O as-creidmhich ‘se so an ni a tha thu. Chan’eil mi ‘creidsinn gu’n diult cairdean shaoirte Iosa eisdeachd. Tha iad fada cleachdta air amharc air an iomhaigh bhronaich so orra-fein, agus air dhoibh bhi a nis’n an cloinn na h-uchd-mhacachd tre ghras, tha iad fathast ag amharc oirre, a chum an aithreachas agus an irioslachd ath-nuadhachadh, agus a chum Esan a mholadh a thionndaidh i gu aoibhneas agus sith, agus dochas siorruidh.
Agus amhairceadh iadsan uile anns nach d’oibrich Iosa Criosd a mhiorbhuil so do leigheas slainteil, gu durachdach ris an iomhaigh so, agus cluinneadh iad guth Dhe ag radh riu, Is tusa an duine (2 Sam. xii. 7).
I.—A DHOILLE.
Tha Bartimeus dall. Agus ciod tha sin a ciallachadh? Tha e dh’easbhuidh suilean a chuirp. Chan’ eil e faicinn soluis, no dath, no cruth nithibh. Chan’ eil mi ag radh gu’m bheil intinn gun leirsinn, no a chridhe gun mhothachadh. Feudaidh a thuigse bhi geur, agus aignidhean bhi blath. ‘Se an ni tha mi gu sonruichte a ‘toirt fa’near uime gu’m bheil suilean a chuirp gun leirsinn. Tha iad sin dall.
Agus an ni tha na fhirinn mu shuilean a chuirp-san tha an ni sin fior O pheacaich, mu shuilean d’anam-sa. Cha bu leir dhasan an saoghal nadurra, agus cha leir dhuitsa an saoghal spioradail. Feudaidh suilean do chuirpsa a bhi soilleir, agus an leirsinn a bhi geur. Feudaidh suil d’intinnsa a bhi soilleir, agus a leirsinn a bhi geur. Ach tha suil d’anama air a cuir a mach. Tha sin dall.
Bheir sibh fa’near gu’m bheil mi labhairt mu dhoille do thri seorsa. ‘Nuair tha suil a chuirp a dh’easbhuidh air neach, bheir sinn mar ainnm dha sin doille. ‘Nuair tha suil a reusoin bh’uaith bheir sinn mar ainnm dha sin cion ceille—their sinn gum bheil an duine na amadan. ‘Nuair tha suil an anama air a dorchachadh, tha Dia a tabhairt mar ainnm dha sin mi-dhiadhaidheachd. Tha e sloinneadh an duine na pheacach.
Faic Bartimeus. Dh’eirich e air a mhaduinn so, rinn a bhean a bheannachadh, streap a chlann air a ghluinibh agus phog iad e. Fhritheil iad d’a fheumaibh. Threoraich iad air laimh e th’ar cuid do’n t-slighe. Ach cha’n fhac e iad. Bha eolas aig umpsa, ach cha b’urrainn dha am faicinn. Cha robh aoidh an gnuis, no am maise nan toileachadh sam bith dhasan—bha e dall.
Smuainich umad fein, O pheacaich. Dh’eirich thu air a mhaduinn so, agus dh’amhaire suil d’Athar neamhaidh ort. Threoraich a lamh thu, dhion a chumbachd thu, bheannaich a mhaitheas thu, ach cha’n fhaca d’anam e fein. Feudaidh gu’n deachaidh smuain dhorchaid troimh d’intinn gur e Dia a rinn na nithibh so uile air do shon, ach bha an smuain mi-shoilleir. Cha robh e ann am firinn na chuspair beannaichte dhuit. Cha’n fhaca tu aogas t-Athar, an t-suil ghradhach, aghaidh chaomh, cha’n fhaca tu ni dhiubh so—bha d’anam dall.
Smuainich a ris air Bartimeus. Ghluais e mach, agus bha srath maiseach amhainn Iordain sgaoilte mach na lathair.
Dh’ eirich na pailm chraobhan aluinn suas gu neamh, agus bha an geugan dosrach air an crathadh le gaoth na maidne. Bha liosan an spiosraidh air an sgeudachadh ann an ur-bhlathaibh an earraich, agus shuidh Iericho ann am maise tús na bliadhna, airidh air a h-ainm Iericho, ‘se sin ionad an fhaile chubhraidh, agus airidh air a h-iomradh bho shean, mar Chathair nan craobhan pailme. Agus gu h’ard os ceann nan nithibh so uile bha an t-adhar gorm ga chromadh fein mar gu’m b’ann, a chum na bha ann an so do mhaise na talmhainn a ghabhail na ghlachdaibh agus a bheannachadh; agus bha maraon a ghrian mhor a lionadh na talmhainn, na speuran, agus an iarmailt chubhraidh le a gloir.
Ach ciod so uile do Bhartimeus? Dh’ fheidhleadh e bhi na ionad cumhang agus duth fhad sa b’eol dhasan. Bha e mar neo-ni dhasan, na dhoilleireachd eagalaich dha. Bha an t’iomlan na oidche dha, na oidche dhorcha gun fu rionnag.
Ciod uime an robh e mar so dhasan ‘nuair a bha e do chach na shoilleireachd agus na shòlas? Mo thruaigne! bha e dall. A dhuiine neo-iompaichte smuainich a ris umad fein. Dh’imich thu mach air a mhaduinn so air talamh a bha aon uair air a mhallachadh (Gen. iii. 17, 18; Rom. viii. 20) mar a bha Iericho air an la ud air a bheannachadh le lathaireachd agus le gras leighis Iosa. Bha timchioll ortsa mar an ceudna saoghal do mhaise spioradail air a sgaoileadh a mach. Bha ballachan agus daingnich-ean, agus luchairtean greadhnach Cathair ur Dé ‘nad’ fhiannis. Bha ròs Sharain, lili nan gleann, a chraobh fhìona, a chraobh phailme, an crann oladh, agus an crann figis uile nan seasamh mu’n cuairt dhuit ann an garadh an Tighearna. Trompa shruth amhainn na beatha a’ tasbeanadh mar ann an sgathan neamhan ni’s airde agus ni’s soilleire na bha riamh air an samhlachadh a mach le gorm-bhrat nan speur air maduinn samhraidh agus air a soilleireachadh a dh’ionnsuidh doimhneachdan gun tomhas le grian ni’s gloirmhoire na dhoirt soillse eadhon air Eden ‘nuair bha an saoghal bochd so fathast ‘na oige. Dh’imich thusa a mach am measg na bha ann an so do mhaise, agus chunnacas le moran i, cha’n ann an iomlaineachd ach ann an tomhas ro-bheannaichte, ach cha’n fhaca tusa ni sam bith. Cha’n eil thu nise faicinn ni air bith. Seadh, cha’n urrainn dhuit ni fhaicinn. Cuir d’anam dall a dh’ionnsuidh na h-oidhirp a’s mo, ach cha’n urrainn dha a mhaise so fhaicinn. Feudaiddh gu’m bheil na thubhairt mi riut uime mar fhaoin-sgeul nach fu eisdeachd ris ged tha mi ag radh riut air ughdarras uamhasaich Dh! ‘a labhairt ‘na fhocal naomha, agus ged tha e a reir faireachadh aireamh do-aireamh dhe a chloinn a tha nam fianuisean air firinn na bheil mi radh, agus air sgath na firinn sin, iad am biodh misneach am beatha a legail sios. Agus ciod uime nach ‘eil thu faicinn na maise so? Tha suilean d’anam air an cur a mach, tha thu dall.
Tha mi faicinn mathair mhaiseach ag amharc gu durachdach air a naoidhean. Tha i ‘cur ni ro chudthromach mach a teagamh dha thaobh. Tha i ‘sineadh a mach a lamhan d’a ionnsuidh, tha i le gradh ‘na gnuis ‘cuir iompaidh air, tha i ‘cumail neamhnuidean dealrach f’a chomhair a shuilean, agus ga’n crathadh ‘na fhianuis ann an solus na greine aig an uinneig fhosgailte. Ach chan’eil na suilean beaga a’ glusad, air neo tha an glusad gun chuimse, agus tha iad a’ tionndadh air falbh mar ag amharc air neo-ni. Agus tha ise ag eigeach a mach ann an amhghar. ” Mo thruaighe tha mo leanabh bochd dall!”
Agus tha mi nis a tuigsinn ciod uime tha eadhon clann bheag a tionndadh air falbh bho Chriosd, gun a bhi faicinn maise ann chum agus gu’n iarradh iad e (Isaiah liii. 2), agus gun a bhi cur suim ‘na ghradh, no na dheoir, no na thairgse air neamhnuidean luachmhor nam flaithes. Cha’n eil iad a’ faicinn ni dhiubh so. Tha iad dall, air am breth dall.
Leugh mi mu dhuine bho shean dh’an d’thug Dia neart mor, air son urram agus meas, agus chum a dhuth-aich a shaoradh bho dhaorsa a bha le a chomasan mora na chleasaiche do mhiltibh do Philistich fhanoideach. Bha e air teachd o bhi bleth ‘nam priosan, far an robh trailean ‘nam maighstirean air, agus bha e nis a cluich dhoibh, ri solus na greine, am feadh a bha an cinneach neo-thimchioll-ghearta ri caithream buaidh, agus ri fanoid. Ach cha bu leir dha aon chuid ami priosan, no solus an latha—bha Samson dall.
Agus tha mi nis a tuigsinn cionnus a dh’fheudas, daoin iad fein a dheanamh nan trailean agus nam ball-fanoid do dhiabhulaibh, mar a tha iad a crathadh an slabhruidhean agus a’ dannsa ‘nan geimhlibh, agus a deanamh amadain dhiubh fein leis na comasan mora thug Dia doibh chum a bhi feumail do’n co-chreutairibh, agus air son gloir, agus urram, agus neo-bhasmhorach dhoibh fein. Araon ann an traileileachd laitheil an gnothuichean saoghalta, agus ann an amaideasan a bhaoth-shugraidh’ dha’m bi iad ga’n toirt fein thairis, tha iad air an samhlachadh a mach le Samson a tha nis air tuiteam agus air fas suarach ‘na dhoille.
Ri leantainn