Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1928 » May 1928 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

III.

(Air a leantainn).

Ach cha do bhàsaich am fear-turuis ‘s an t-sruth. Air an taobh thall thainig e mach as an uisge, fuar, gun chabhair, agus aonaranach. Bha a sheirbhheisich a dhith air. Bha ionmhas caillte. Bha crioch air a thoilintinnibh. Agus air a chladach fhàs sin, ann an tir choimhich fhuair, a thurus eagalach fathast air thoiseach air, chunnaic mi ‘e na sheasamh, bàn le eagal, lag, agus gun chabhair ‘n a eudochas. Air adhart feumaidh e imeachd gun dail. Bha ocras air, ach cha robh biadh aige; pathadh ach cha robh uisg’ ann, a chosan goirt ach dh’fheumadh e an turus a ghabhail. Faic, tha e air chrith le laigse, ach tha e gun bhata, tha cunnartan ga chuartachadh, ach tha e gun tearmunn, tha coguis chiontach ga chràdh, ach tha e gun rathad dol as. Tha cumhachd an aghaidh nach urrainn dha seasamh ga ghluasad air aghaidh, agus am feadh is tha an t-ocras gun sguir ga theumadh, agus an t-slighe a fas ni’s gairbhe, agus uamhasan dol an lionmhoireachd mu’n cuairt dha, air aghaidh, air aghaidh, feumaidh e dol.

Gidheadh bha fios aig air so uile bho thus, ach mheas se e na neo-ni. Cha d’rinn e ulluchadh ach a mhain air son sligibh taitneach, air son dol troimh fhaichibh uaine agus griamach. Bha beachd duine shaobhir air aig an uair sin. Thubhairt an sluagh sin uime, ach bha aon duine treibhdhreach ann, a dh’innis dha gu saor, gu’n robh e gearr-shuileach na ulluchadh air son a thuruis gun robh e gu h-iomlan neo-uidheamaichte, agus nan imicheadh e mar a bha e gu’m bitheadh gu h-aithghearr amaideas cho soilleir, agus a bhitheadh a bhochduinn uamhasach. Ach b’i a thaing, gu’n do ghointeadh duine mi-mhodhail dheth, agus e thoirt a chosan leis. C’ar son a dheanadh e aon obair dheth bhi milleadh solas an am ‘ta lathair le fhaistneachdan bronach? Bu leoir fhaicinn gu duine dheanamh cianail agus b’ionnan a ghuth is fuaime dubhach a chluig tha ‘bualadh, ‘n uair tha’ar ag adhlaeadh neach. “Mealamaid na solasan ‘ta lathair, am feadh, is tha iad againn!” Mar so labhair e, mar so dh’imich e; agus faic a nis a chroich.

Cha ruig thu leas innseadh dhomh gu’m bheil mo shamhladh mi-sheadhail nach ‘eil a leithid sin do dh’amadan air an talamh. Tha fios agam cia cho glic agus tha clann an t-saoghail so ‘n an ginealach (Lucas xvi. 8) agus cia cho neo-fhreagarrach is a bhitheadh mo chainnt nan robh mi labhairt a mhain mu ghnothuichean neo-chudthromach na beatha so. Ach nan d’thugainn an comhdach bhar an t-samhlaidh, agus nan innsinn dhuit gur i an t-siorruidheachd an turus uamhasach ud, gur i a bheatha so an cladhan taitneach ud, gur e an corp an carbad toilimintinneach ud ‘s am bheil an t-anam a’ gabhail a thuruis cho aighearach, agus am bas an amhainn ud gun drochaid gu ruig a mhain an urrainn cairdean ‘dhol comhladh ruinn, agus far am feum seirbhiseich ‘ur treigsinn, agus uile ionmhas na talmhainn dealachadh ruinn gu siorruidh. C’ait a nis am bheil neo-fhreagarrachd an t-samhlaidh? Nach ‘eil e gabhail caramh soilleir, nach ‘eil e lag an coimeas ris an ni fein? Le so tha mi ‘g ad dhitheadh as do bheul fein, agus bho’n chrith-ioghnaidh tha e cur ort ‘n uair nach ‘eil agad ach oirleach do dh’uine ‘s an t-saoghail tha mi tabhairt dearbh-shoilleireachd air do chuthachd do innseadh, ann an ulluchadh a dheanamh a mhain air son cursa gearr na beatha so, agus ann an imeachd air d’aghaidh gu h-iomlan neo-uidhimichte air son álaibh na siorruidheachd. ‘N uair tha mi ann an ainm Dhia a toirt rabhaidh dhuit, an d’theid mo thionndadh air falbh mar duine tha ro gharbh air son cluasan uasal agus nam fairichidhean maoth agadsa. An coir dhomh bhi fuidh eagal gu’n cuir mi’n ceili uamhasan agartasan do choguis, do naire, do sgrios iomlan, do tart teintseach do chasgaidh, do bhochduinn tha gu siorruidh domhuin, ann an rathad cho soilleir agus gu’n gabh thu fior eagal, agus gu’n toisich thu air an fhiort shaobhreas iarraidh? Am feum mi mo chainnt a chothromachadh gu min, agus a thoirt air briathraibh ciuin sileadh gu reidh bho’m theangaidh, eagal gu’n creideadh tusa gu’m bheil mi labhart le durachd.

O anamaibh ceadaichibh dhomh bhi dileas do fhocal Dhe agus dhuibhse. Leigibh leam innseadh dhuibh gu’m bheil sibh bochd, fior bochd, agus ann an cunnart bochduinn shiorruidh. Nach ‘eil sibh bochd? Cha’n ‘eil Comhfhurtair uile-chumbachdach agaibh ‘n ar trioblaidean (Eoin xiv. 17), cha’n ‘eil fear-saoraidh agaibh, a shaoras sibh o ‘ur peacaibh gus a cheum is fhaide mach (Gniomh iv. 12), cha’n ‘eil an Dia siorruidh agaibh mar ‘ur cuibhriomn (Mata xxiv. 51). Cha’n ‘eil sith thearuinte agaibh ‘s an t-saoghail-so (Isaiah xlvii. 22), no dochas seasmhach air son saoghal eile (Job xi. 20), cha’n ‘eil cinnte agaibh air a bhi an uim’ a’s lugha mach a ifrimn. Tha sibh ‘n ar coigrich do chomhfhlaitheachd sluagh Dhe, ‘n ur coimhich do choimhcheanglaibh a gheallaibh (Eph. ii. 12). Tha sibh as eugmhais na fola a mhain a bheir maithneas (Eoin iii. 18), an Spiorad a mhain a ghlanas (Eoin iii. 5, 6), an fhireantachd a mhain a dh’fhireanaicheas (Iob xxv. 4), gun choir air flaithneas (Taisbean xxii. 14, 15), gun uidheachd air a shon (Eabh. xii. 14), gun dochas a dhol ann, ach a mhain dochas meallta, agus nach seas dhuit ann an latha d’fheum (Mata. vii. 21, 26). Mo thruaighe! tha thu gun Chriosd, agus gun Dia agad (Eph. ii. 12), agus is e sin bochduinn da rireamh, bochduinn do-labhairt, do-ghuilant’.

Dh’aobharaich doille Bhartimeuis a bochduinn, agus dh’aobharaich do dhoille-sa, eadhon do pheacadh do bochduinn-sa. Cha bu leir dha shuilean dalla-sa a bochduinn gu h-iomlan, agus cha leir do ‘ur ‘n anamaibh dalla-sa ‘ur bochduinn-sa. Cha’n fhaigheadh esan saor ‘s a bochduinn, ach a mhain le e bhi air a shaoradh o dhoille; agus is ann a mhain troimh thusa bhi air do shaoradh o pheacadh, a theid thu as o bochduinn shiorruidh.

III.—A DHEIRC-IARRAIDH.

Faic a nis an suidheachadh eigneach gus an d-thugadh an duine dall-so, tha e na fhear iarraidh na deirce. Rinne a dhoille bochd e, agus thug a bochduinn e gus an deirce iarraidh. Ann an so mar an ceudna, tha e taisbeineadh staid chianail a pheacaich, tha na h-uile peacach na fhear iarraidh na deirce. Cionnus is urrainn e bhi air a chaochladh? Am bheil e comasach gu’m bitheadh duine cho bochd so neo-eisimeileach? Ann am bochduinn o’n leth a muigh, feudaidh inntinn uidheamaichte le eolas, agus anam saoibhir bhi nan comhfhurtachd. Ach ‘n uair is e an t-anam tha fior bhochd, cha’n ‘eil aite folach ann dhasan taobh a stigh, chum an teich e gu comhfhurtachd fhaotainn. Iarraidh e sonas gun cheisd ‘s am bith, agus chum sin feumaidh e amharc an taobh a muigh dheth fein—feumaidh e deirce iarraidh.

Chunnaic sibh duine dall ann ‘ur sraidibh ag iarraidh na deirce. Tha e na sheasamh aig an oisinn, far am bheil am mor shluagh dol seachadh le cabhaig. Tha e ‘cluintinn caimt an t-sluagh an sàs ann an gnothuichean an t-saoghail, eigheach luchd nan carbad, guthan dhaoine labhairt le mor dthurachd ri cheile, agus gaire eutrom na cloinne. Nach sunndach agus nach sona tha iad uile na bheachd-san, agus e fein ann an dorchasas cianail; iad uile ni’s sona na esan, an deirceach bochd dall! ‘S an aon laimh tha e gleidheadh a bhata fhada, agus tha e sineadh a mach na laimh eile ag iarraidh deirce. Tha a phearsa air cromadh le sgios agus aois. Tha e gu minic a seasamh le cheann gun chomhdach o mhothachadh dha obair iosal; agus feudaiddh tu fhaicinn gu’m bheil fhalt tana agus liath. Tha a ghnuis chiuin agus a bhilean tha gluasad ach gu’n a bhi labhairt, a lamh sinte mach, agus a shuilean gun sealladh tha tionndadh air gach taobh, mar le ionnsuidh dhiomhain air nithibh fhaicinn—tha na nithibh sin a gluasad a chridhe agus a guidheadh air a shon mar nach robh e comasach do bhriathran ‘sam bith dheanamh.

Agus ‘s ann mar so tha mi faicinn anamaibh bochda, ciontach, dalla, ag iarraidh riarachadh gu liosda bho thalamh, bho speuribh, bho’n athar, bho’n fhairge, bho sgeulachdan air nithibh ura, bho chach a cheile, bho na h-uile ni ach bho’n Dia mhor agus throcaireach, a leasaicheadh an uireasbhuidh uile tre Iosa Críosd. Feumaidh iad dhol a dh’iarraidh na deirce. Tha iarrtasan farsuing an anama a thug Dia gu bhi air an lionadh leis fein agus nach gabhar a riarachadh ach le a lanachd fein, na comasan arda tha iadsan a cleachdadh air nithibh suarach; na h-ionndrainnean a bheir aobhneas a mhain ‘n uair tha iad a miannachadh nithibh neamhaidh, ach tha a nis a’ deanamh iomairt, agus a ploscartaich mar iolaire agus a sgiath briste, le a h-uchd annsan duslach; a choguis neo-bhasmhor air a lionadh le cionta, agus aig am bheil mothachadh do thomhas beag dhe’n fheirg nach gabhar a chiuineachadh, dha’n d’thugadh deoch codail, agus tha gu tric a’ codal gu trom, ach gun teagamh sam bith a dhuisgeas, agus an sin a throm-bhualeas an t-anam gu neo-mhathach—tha na nithibh sin uile ‘cur an anam a dh’iarraidh na deirce. Tha iad ga eigneachadh gu eigeach a mach, mar na spioradaibh caillte. “An truaghan tha mi ann! cia an taobh an teich me?”

Cha’n ‘eil e fathast, feudaiddh e bhi a lan mhothachadh na h-ifinn tha san taobh a stigh, ach tha a ceud thoisichidhean ann, agus tha an losgadh an-shocruch ga chumail a ghmath mi-fhoiseil.

Bha an t-anam air a chruthachadh air son maith, agus ag iarraidh sin, eighidh e gun sgrur. Ciod ‘s am bith eic truallte, agus iosal ‘s a tha e, ‘s e chainnt “co nochdas dhuinn aon ni maith?” Feudaiddh an t-ocras bhi mi-fhaillain, ach cha’n ‘eil e ni’s so-riarachte air son sin. Mur faigh e biadh fallain, ithidh e aolach.

‘Na staid chaille, tha an t-anam ga fhaotainn fein mar neach air choigrich agus ‘na fhogarach. Tha e mar phrionmsa chaidh a ghoid air falbh bho a dhachaidh ‘n a fhìor oige, ach aig am bheil cuimhne lag air gloir cheud oighreachd. Ann an doimhne a bhochduinn tha gluasadán uaigneach na anam ‘cur an ceill a ghineamhuinn rioghail, agus tha e ‘triall gu bronach troimh an t-saoghail ag iarraidh an Edein sin nach ‘eil ni’s faide air an talamh, na dhuine bochd an crochadh ri trocairean na h-uaire mar a theid i seachad, an duil gu’n tabhair gach uair tha ri teachd maith leatha nach ‘eil aige fathast. Ged tha a dhuil ga mhealladh na h-uile oidhche, tha i’dusgadh gach latha chum a h-aran laitheil iarraidh a’s ur. “Co a nochdas dhomh ni maith ‘s am bith?” ‘s e so eigh gun sguir, agus thall ‘s a bhos, suas agus sios air aghaidh na talmhainn tha e ag imeachd a sior-iarraidh an riarachaidh nach ‘eil e idir a’ faotainn.

Tha an iarraidh so a toiseachadh ‘nur n-oige. Tha sinn an sin ag iarraidh le dochas laidr air gu’m faigh sinn. Tha sinn cinnteach nach meallar ‘ur dochas. Tha cluichean laithibh feille, agus sealladh air nithibh iongantach uile gealltuinn moran, agus tha ‘ur leanabas ag iarraidh air na nithibh ud a dheanamh sona. Fo smuairein, sgith, air a chur air falbh falamh, a ris tha an leanaban a faicinn an oganaich dluth leanntainn dochasan is mó, agus tha cabhag air, gu bhi na chuideachd, lan dearbhta ann an seilbh air solasan is airde, agus air saorsa is mó, ann an tograidhean nuadh, agus ann an gradh is caoinmhe, gu’m bi tart anam air a chasg. A ris air a mhealladh tha e nis a fas stuama, agus glic, agus suidhichte na imtinn. Tha e ni’s sine. Tha e na dhuine. Tha e suidheachadh ruintean domhain, tha e ‘cur air eudan ni’s dana, agus tha e ag iarraidh le liosdachd is cruaidhe. Cha gabh e diultadh. Feumaidh e sonas fhaotainn bithidh e dh’aideoin gach cuis na dhuine beannaichte. Ainn mor, saobhréas, cumhachd—sin na nithibh aig am bheil an t-ionnchas tha e ag iarraidh uine co fhad. Tha fios aig a nis c’ait am bheil an t-ionnchas so, agus feumaidh iad a thabhairt suas dha, tha bliadhnaichan a dol seachad, bithidh uine gu goirid air teachd gu crich, agus tha e nis liosda d’a rireamh. Faic mur tha na h-iodholan sin a toirt anama am braghdeanas! Cionnus tha e saothrachadh, ri miodal, a snaigeil ‘san duslach, ga aicheadh fein chum an cosnad. Ainn mor, saoibhréas cumhachd—diathan meallta tha ghnath a gealltuinn gu’n d’thoir am maireach am maith, bha ‘ar cho fad ag iarraidh. Ach nach iomadh latha maireach tha teacud agus a falbh, agus ga fhangail-san cur a mhuinghin ann an latha nach d’thainig. Tha e nis cur cul ri solasan a dh’fhaodadh bhi aige, a tiormachadh suas tobraichean aignidhean, a sguabadh na h-uile gne faireachadh thlath air falbh bho chridhe, a cur a chos air gach gradh nadurra, cur na h-uile buaidh gus an díchioll is mo, a fàsadh a mach fuil a chridhe, agus a leagadh anam gu leir fuidh chosan iodhoil, agus gidheadh a dhocas ga mhealladh. Air a mhealladh araon ann am mi-shoirbheachadh. Mu tha e cosnadh an ni bha e ag iarraidh agus dh’an d’inn e aoradh, agus air son an do reic e anam, agus tha e ga mhallachadh mar ni a mheall e. Mar ‘eil e faotaínn cuspair iarrtuis, tha e gidheadh a creidsinn gu’n robh fior mhaith ri fhaotaínn ann, agus gu’n robh esan fagus dha; agus tha e mallachadh an tuiteamas, no am farmad, no an naimhdeas a bhuiin a mach a lamhan e.

Ach co a’s urrainn cainnt a chur air cuilbheartan michliuiteach an iarraidh so air deirc. Tha atharrachadh air an cruth, mealaidhean, sodal, agus uile innleachdan suarach luchd iarraidh deirce air an t-sraid air an cleachdadh ann an tomhas ni’s mo leo-san tha cur rompa bhi saoibhir, bhi mor, agus a bhi ainmeil ‘san t-saoghal. Agus ciod a bhuanachd tha aca ann an iarraidh mar so o’n t-saoghal an ni tha Dia a mhain comasach air a thabhairt dhoibh?

Gabh beachd car uine bhig air fear iarraidh na deirce air an t-sraid. Nach llonmhor iad a theid seachadh gun ni a thairseadh dha, an coimeas ris an aireamh bheag a chuireas sgillinn na ad! agus is ann mar so tha moran do nithibh an t-saoghal gu tur a diultadh do’n anam ni’s aon bith do’n mhaith tha e ag iarraidh. Faic a ris. Nach ‘eil thu tabhairt fa’neár caogadh suil a ghiullain neo-mhodhail ud? Tha fios aige gu’m bheil fear iarraidh na deirce dall, agus tha e mar sin teachd d’a ionnsuidh mar ann an co-fhaireachdúinn, agus a cur clach bheag no sliosag fiodha ‘na laimh tha air chrith. Agus is ann mar so a chunnaic thu an saoghal mile uair a buintinn ris an anam tha ag iarraidh maith bhuaithe.

Ach tha giullan is suaraiche a teachd agus a cur an laimh an doill a shaoil gu’n robh e fuidh chomain dha, ni ‘n uair a dhuiin e a lamh a chaidh troimh agus a lot e, agus air dha so a dheanamh tha e ruith air falbh a gaireachdúinn ann an gnais an duine bhochd dhoill, a rinn e mhealladh. Agus is ann mar so a chunnaic mi an saoghal cridheil, ard-mhodhail cur copan lan do dh’fhion dearg ri bileam an oganaich, ach ‘n uair aig a chrích a theum se e mar nathair agus a lot se e mar nathair nimhe rinn an saoghal ard-mhodhail fanoid air airson a mhí-cheil agus thionmdaidh e air falbh bho dhorus e. Cha’n fheudta gu’m bitheadh a bhruidealachd, agus a dhorunn, agus a bhas air am faicinn ann an sin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice