Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1928 » September 1928 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

V.

(Air a leantainn).

Cuideachd mhor maille ri Iosa! Ach cha’n e na h-uile leanmhuinn ‘sam bheil beannachd. Lean Iudas e gu laitheil, ach bhuannaich e gus a chrioch am meirleach agus an diabhul bh’ann dheth o thus. Bha àm ‘san do lean sluagh mor e ach bha aon a mhain air a leigheas, agus cha d’rinn ise ach beantinn ri iomall eudaich. Bha iad ga dhumhlachadh, ach cha do bhean neach ris le creidimh ach ise a mhain (Marc v. 27, 31, 34). Cha d’rinn ceangal bha mhain o’n leth a muigh ri Criosd feum do dhuine riabh. Agus ‘sann mar so a bha riabh o’n àm ud.

Cuideachd mhor maille ri Iosa! Chithear sin nuair tha e ag imeachd ann am buaidh mhoraich, ‘nuair tha a chos-cheumaibh air an deanamh iomraideach le miorbhuilean gloirmhor cha bhi goinne luchd-leanmhuinn aige na leithid sin de dh’ àm.

Ach ged a bheathaich, agus a lion e iad le iongantas an dé, ni beagan do theagasc nach’eil a taitneadh riu an sgapadh tàna gu leoir an diugh. Thubhairt Iosa cha’n urrainn do neach sam bith teachd a’m ionnsuidh-sa mar d’ thoirrear dha le’m Athair e. Bho’n àm sin a mach chaidh moran do a dheisciobuil air ais, agus cha d’imich iad ni’s mo maille ris. Agus ‘sann mar so bha e riabh bho’n àm sin.

Cuideachd mhor maille ri Iosa! Thugaibhse aig am bheil sochairean eaglais ma ta an aire. Ceasnuichibh sibh fein gu curamach. Tha e ‘na ni furasda aideachadh a dheanamh air Criosd ‘nar latha-ne. ‘Nuair tha moran dha leantainn tha ughdarras, meas, fasan, eadhon tomhas mor do dh’eud aca. Faic iad, tha iad a sgaolteadh an trusganaibh cosguil ‘san t-slighe. Tha iad a comhdach an rathaid le eudach purpuir. Tha tairneanach an hosanna, dol suas gu neamh (Mata xxi. 8, 9). Ach am maireach tha e na aonar, agus tha scornanaibh a mhor-shluaigh air tuchadh ag eigheach na aghaidh agus dha mhallachadh. Bu cho beag luach meas a mhor-shluaigh; agus am beachd maith mar a nochdadh co iad, ann an latha feola Chriosd. Agus ‘sann mar so bha e riabh bho’n àm sin.

Cuideachd mhor maille ri Iosa Gu ma beannuichte gu’n robh Dia, bha anns a chuideachd sin cuid do dh’fhiar dheisciobuil ri’m faotainn, cuid ged a bha iad lag agus peacach-ro bhruidhneach mar a bha Peadar aig amaibh ‘nuair bu choir dhoibh bhi air beagan cainnt (Mata xvi. 22), agus a ris nan tosd ‘nuair bu choir dhoibh bhi treubhach (Mata xxvi. 58); ag iarraidh bhi mor mar a bha clann Shebedee (Mata xx. 20-24), no teagmhach mar Thomas (Eoin xx. 25), bha gidheadh nam fior chairdean aig Iosa, beo dha, a fulang air a shon, a fas cosmhuil ris, latha as deigh latha, agus toileach basachadh air a shon gun ghearan nan orduicheadh e sin dhoibh. Cuimh-nich a ghnath, nach robh Iosa Criosd riabh air fhagail gun fhiar dheisciobuil bhi aige. Am measg slugadh aideachail Dhe, bha riabh fior shluagh aig Dia. Bha e mar so ann an laithibh Criosd. Agus ‘sann mar so a bha riabh bho’n am sin.

“Agus a cluinntinn a mhor shluagh.” Nach ann an so bha am beannachd! Tha a chluasan fosgailte, ged tha a shuilean duinte. Is ann mar so tha Dia a cuimhneachadh bhi grasmhor. Far am bheil e tabhairt air falbh aon bheannachd tha e fagail beannachd eile. Cha’n ‘eil e aig am ‘sam bith a deanamh lomrusgadh gus an bheil copan an aingidheadh Jan (Genesis xv. 16), agus an sin thig an fhearg a’s mò, agus tha e briseadh a chopain na bhloghdibh (1 Tessalonionaich ii. 16).

Tha e fagail eadhon nan cinneach gun leithsgeul, oir feudaidh iad o oibrbh a chruthachaidh aithne a ghabhail air a chumhachd siorruidh, agus air a Dhiadhachd (Rom. i. 20-32; ii. 14, 15). Agus cha ruig peacach ‘sam bith leas miodal a dheanamh ris fein chionn gu’m bheil am Biobul ga ghairm dall no marbh, gu’n d’theid e uime sin as o dhleasdanas no o dhiteadh. Tha an litir cheudna tha cur an ceill gu’m bheil peacaich marbh ann an eucartaibh agus ann am peacadh, ag eigheach nan cluasan, Duisg thusa tha ‘nad chodal agus eirich o na mairbh, agus bheir Criosda solus dhuit! (Eph. ii. 1; v. 14). Seadh, a pheacaich, tha sibh dall; cha’n ‘eil sibh a faicinn maise no gloir nithibh spioradail. Ach is urrainn dhuibh cluinntinn umpa, agus tha fios agaibh gu’m feum sibh am faicinn no ‘dhol a dhith.

Ach their sibh cha’n urrainn dhuinne ‘ur suilean fein fhosgladh. Thubhairt sibh so rium a ris, agus a ris. Their sibh tha sinne gun neart. Tha sibh mar sin, ach tha e gidheadh na fhirinn gu’m feum, sibh ‘ur leirsinn fhaotainn, no bhi caillte.

Ach their sibh nach cruaidh an cor so? Nach ‘eil an searmonachadh so na mhagadh oirnn? Cha’n urrainn dhuinne ‘ur suilean fhosgladh. Is fior nach urrainn, agus mar is flora ‘sann is cianaile.

Tha e na chor cruaidh. Oir cha bhi lagh nan neamhan air atharrachadh air son do neo-chomas-sa. Tha Criosd ag innseadh dhuinn nach ‘eil neach beannaichte ach iadsan a chi Dia, agus gur e ‘mhain a mhuinntir tha glan nan eridhe a chi e (Mata v. 8). Ach tha ‘ur eridhe-sa salach le peacadh ni tha Dia a fuathachadh, agus rinn ‘ur neo-ghloine ‘ur suilean a dhalladh, agus thug e sibh fuidh a mhallachd. Agus tha sibh mar sin ann an doille nach urrainn sibh atharrachadh. Ach gidheadh feumaidh sibh ur leirsinn fhaotainn no bhi caillte.

Ach their thu c’ar son tha thu searmonachadh so dhomhsa? Ma tha mi gun chomas ni ‘sam bith a dheanamh, c’ar son tha thu sparradh orm dleasdanasan nach urrainn dhomh choimhlonadh, agus a cur am chuimhne gu’m bheil mi fo fhiachaibh nach urrainn dhomh phaigheadh? Tha mi deanamh so chionn gu’m bheil e fior thu bhi neo-chomasach, agus gu’m bheil e na fhirinn mar faigh thu leirsinn gu’m bi thu caillte. Tha iad le cheile nam firinnean cudthromach o fhocal Dhé, agus tha mor fheum air gu’n tuigeadh tusa iad. Tha mi faicinn gu’m bu mhaith leat mo chur a’m thosd le do reusonaichdhean; tha thu smuaineachadh ma ni thu mach do neo-chomas gu’m bi leithsgeul agad air dleasdanasan tha thu fuathachadh a sheachnadadh. Bitheadh e mar sin, gu’n cuireadh tu mise ‘nam thosd. Gidheadh gairmidh Dia riut, Dean aithreachas, no theid thu dhith (Lucas xiii. 3—5). Creid no bi air do dhamnadadh. Agus ann an gabhail leithsgeul air son nan dleasdanasan fuathach sin a sheachnadadh, biodh, fios agad gu’m bheil thu ‘g ad mheas fein neo-airidh air slainte. Feudaidh tu bhi gun leirsinn, feudaidh tu gun chreidsinn, cha dean Dia gnothuch aindeoin do leirsinn no do chreidimh, ach ni e ni do-sheachuinte dheth gun creid thu, no gu’m bi thu air do dhamnadadh, gu’m faic thu, no gu’m bi thu caillte. Agus is e na ni do reusonachadh dhuit, do dhunadh a mach a neamh. Ach feudaidh nach ‘eil thu creidsinn gu’m bheil thu neechomasach. Mar eil, dearbh do chomas le thu dh’ fhosgladh do shuilean. Feuch ris. Amhairc ma’s urrainn dhuit amharc. Seall m’an cuairt dhuit air tiribh na maise spioradail. Gabh tlachd ann an cuibhrionn nan naomh. Tha solus agus gradh Dhe air an dortadh a mach m’an cuairt dhuit, agus bithidh iad air an dhortadh a steach annad mu ni thu mhain do shuilean fhosgladh. Sin a nis, an dh’fhosgail thu iad? Am bheil thu air do lionadh le solus? Mu tha, gabhadh d’anam a shath do dh’iongantas is do shonas. Ach, mo thruaighe, an d’fhailnich thu? Am bheil thu fathast dall? Am bheil dorchadas iomlan ann? Am bheil do chridhe fathast fuar agus cruaidh Mo thruaighe! tha thu a ris gun treoir agus feudaidh nach leur dhuit a chaoidh. Gidheadh mar leur, feumaidh tu bhi caillte. Am bheil thu ag radh le bron ciod a ni mi? Seadh, am bheil thu ann am firinn a creidsinn nach ‘eil comas agad air do shuilean fhosgladh? Agus am bheil thu creidsinn mar a bi iad air am fosgladh gu’m bi thu gu siorruidh caillte?

An chuin mi thu ag radh tha mothachadh agam air meud mo neo-chomais, agus tha aig an àm cheudna lagh Dhé ‘g am ruagadh le agartasan cudthromach. Tha fios agam nach urrainn dhomh neamh bhi agam ach ann an seilbh air solus gnuis Dhé, agus ‘na aoidh ghradhaich. Bhitheadh sin, gu deimhin, na neamh dhomh. Ach cha n’eil mi dha fhaicinn, cha’n urrainn dhomh fhaicinn. Tha mi dall, gun chomas air ni sam bith a dheanamh. “Och! an duine truagh tha mi ann, co a shaoras mi?” (Rom. vii. 24).

‘Nis, a pheacaich, chi thu ciod uime tha sinn ‘nar sear-monachadh a cur an ceill araon do neo-chomais, agus do dhleasdanas. Ciod air bith an lamh an tionndaidh thu, tha aon de’n dá ni ud a coinneachadh riut, agus ‘g ad dhunadh a stigh ri creidimh an t-soisgeil. Dh’ fhoghluiam thu sgur do dh’earbsa a chur ‘nad neart fein, agus eigheach a mach air son fear-saoraiddh. Anns an àm ud, cha robh cabhag ort toiseachadh air umhlachd thoirt do Dhia, oir an ni a shaoil leat gu’m b’urrainn dhuit a dheanamh uair sam bith, dh’fhag thu gun deanamh gus an d’thigeadh àm iomchuidh. Ach tha a nis sgiath an dochais dhiomhain ud air a thilgeadh air falbh, agus do chridhe ruisgte fosgailte do na h-uile saighead thig a balg-shaighead Dhé. Tha thu ‘nad luidhe gun neart ann an lathair Dia ard-uachdranach, air do dhiteadh gu ceart, agus caillte as eugmhais dochais; mar saor esan thu. Agus a nis innsidh mi dhuit, ciod is coir dhuit a dheanamh.

Dean mar a rinn Bartimeus. Eisd ris an fhirinn, giulain leis an fhirinn, creid an fhirinn. Bitheadh e na ni suidhichte ‘nad chridhe, mar a faic thu d’ fheum neo-chriochnach air fear-saoraiddh agus freagarrachd neo-chriochnach an fhirshaoraiddh so riutsa, gu’m bheil thu caillte. Eigh an sin ri Iosa Criosd e dh’ fhosgladh do shuilean. Tha slainte tre chreidimh—(Eph. ii. 8)—agus creidimh tre eisdeachd—Rom. x. 17). Tha clusan do chuirp agad, tha thu ag eisdeachd—eisd ris gu’m bheil thu dall, gu’m bheil ferg Dhé ort—(Eoin. iii. 36)—gu’m bheil dioghaltas teine ifrinn feitheamh, nach ‘eil neach ann is urrainn do shaoradh ach Iosa Criosd—(Gniomh iv. 12)—agus gur urrainn dhasan—(1 Tim. i. 15). Tha thu chuinntinn sin, agus tha mi guidheadh gu’n deanadh tu feum ceart dheth gu luath, no bithidh comas eisdeachd leis na h-uile comas eile air an tabhairt bhuat, agus abuichidh am bàs so ‘sa pheacadh ann an bàs an ifrinn bàs ann an doille agus ann an eu-dochas siorruidh.

Chunnaic mi Sara Bridgman, a rugadh gun leirsinn, gun chlaistneachd, agus na balbhan. Cha b’urrainn dhi ni sam bith fhaicinn, no chluinntinn, no iarraidh. Cha robh an tairneanach dh’ise riabh ach na shamhchair, agus a ghrian na dorchadas. B’iad barraibh a meoir agus basan a lamh a suilean, a clusan, agus a teangaidh. Ach gidheadh tha moran eolais aig an nighinn bhochd euslan so mu’n talamh, m’chainnt dhaoine, tha comas aice air nithibh aireamh, is aithne dhi daimhean agus fairichidhean dhaoine, is aithne dhi nithibh tha ann, a bha ann, a bhiteas ann agus bu choir bhi ann, tha aithne aice mu pheacadh, mu’n bhas, agus mu ifrinn, mu Dhia, mu Chriosd, agus mu neamh. Agus chaidh an t-eolas so uile troimh mheoir mheinnbh an leinibh bhochd so, agus i laimhseachadh ‘na doille, meoir neach eile; agus is ann mar so tha i ag innseadh a dochasan, a h-eagalan, agus a doilghiosan. Agus ma fhuair ise tre bhi smeurachadh mar so san dorcha, eolas air an fhear-shaoraidh, agus comas a lamhan laga a thaiceachadh air a cheann iriosal-san — an ceann beannaichte sin tha cromadh iosal ni’s leoir air son so —an e nach eirich i am breitheanas—(Mata xii. 41, 42)—agus nach dit i, le diteadh iomlan, sibhse a pheacachaibh aig am bheil comas ‘ur n-uile bhuadhan agus mhothaichidhean nadurra chum eolas Dhé fhaotainn, aig am bheil suilean leis an leugh sibh fhocal naomha, agus clusan leis an cuala sibh mile uair sgeul a mhoir aoibhneis — eadhon soisgeul gloirmhoir an Dé bheannaichte.

“ Agus air cluinntinn an t-sluaigh a dol seachad, dh’fliosraich e ciod e so.”

Agus mar so ghlac searmonachadh fuaim cosan an t-sluaigh aire an duine dhoill, dhuisg e iongantas ann, agus chuir se e a dh’fheoraich ciod bu chiall do na nithibh sin. “ Air cluinntinn dh’fliosraich e.” Seadh ‘sann mar so bu choir do’n chuis a bhi. Mu tha gluasad anns an eaglais, mu tha ath-bheothachadh air cumhachd diadhachd, mu tha Criosd a gluasad am measg a shluaigh (Taisbean ii. 1) eadhon ged a bhitheadh luchd aideachaidh cealgach a tional maille riu; mu tha fuaim chos Shioin mar shiubhal armailt le’m brataichibh (Dan Sholaimb vi. 10) bithidh saoghal dall andiadhaidh air a thabhairt gu stad ‘na iarraidh ocraich ard-labhrach air buannachd shaoghalta, agus gu fheorach ciod is ciall da so. Smuainichidh e air, gabhaidh e iongantas, feoraichidh e. Mu sguireas an eaglais, eadhon sibhse mo bhraithribh, a leantainn cleachdaidhean diomhain an t-saoghail, mu dhuisgeas sibh suas, a tarruing ni’s faisge do Chriosd, agus mar sin do chach a cheile, mu ghluaiseas sibhse gu beothail maille ri Criosd, amhaircidh an saoghal suas. Cuiridh sannt bhuaithe car uine bhig ionnal-obair, di-chuimhnichidh gloir dhiomhain am faileas tha e leantainn, agus air rathaidibh mora is air caol-shraidibh, ‘nan uile aitibh coinneachaidh seasaidh agus amhaircidh daoine; agus bheir gluasad eag-lais spioradal iad gu iongantas a ghabhail, agus feoraichidh iad, le tomhas mor do dh’umhunn air an cridhe ciod is ciall do na nithibh sin? C’ait am bheil na daoine sin a dol? Ciod uime am bheil iad mar chogruich is luchd-cuaire, le’n leasruidh air a chriosluchadh, agus an aghaidhean ag amharc mar ri duthaich fad as. Ciod uime am bheil iad cho durach-dach? C’arson tha an imeachd os cionn an t-saoghal (Gnathfhocail xv. 24) agus iad gidheadh a sgapadh deich mile do chaoinmhneasibh milis ‘nan imeachd? Ciod is ciall do’n cainnt nuaidh, tha mar cheol nach buin do’n talamh-sa? Ciod uime am bheil iad a seinn orain dhochasach san t-slighe eadhon ‘nuair tha neol dh’an cuartachadh, agus gaillicnn a gheamhraidh dh’am bualadh le clach-mheallain?

Nan gluaiseadh Sion mar so le a Righ na meadhon (Sechariah iii. 15, 17), cionnus a chrathadh tairneanach a buaidh an talamh? Ah! a bhraithribh, nan gluaiseadh sibhse, eadhon sibhse mar so fuidh cheannard ‘ur slainte cionnus a bhitheadh am baile so air a ghluasad! Bhitheadh ur caithe-beatha an sin ‘na shearmoin de’n bhaile, anns gach sraid dheth, agus bhitheadh e na shearmonachadh a lionadh an tigh so gun sgrur le anamaibh iomaguineach as deigh slainte. Tha mi creidsinn ‘nam chridhe gu’m bitheadh e mar so, bhitheadh gach aite suidhe agus seasamh air a lionadh agus an t-ionad so gu grad ro chumhang air ‘ur son (Isaiah xlix. 20), agus bhitheadh an eigh ait a ris air a cluinntinn ‘nar measg “Eireamaid a thogail” (Neh. ii. 18). Bhitheadh an sin seirbhis an Tighearna a giulan urram. Bhitheadh e duilich do chreidmhich fuireach air falbh bho na meadhonan. Bhitheadh aignidhean diadhaidh, aoradh a chridhe, iarr-tasan liosda a tabhairt gnothuch dhuibh ri dheanamh ris na flaiteas. Bhitheadh an t-seinn le cumhachd. Bhitheadh an urnuigh le durachd. Bhitheadh cail naomh ann air son firinnean simplidh an t-soisgeil. Agus, O, mar a dh’cisdeadh anamaibh gun mhaitheanas ri briathraibh na beatha! Bhitheadh searmonachadh na ni furasda, agus a giulan cubhraidheachd na beatha shiorruidh ann an cur an ceill losa Criosd agus esan air a cheusadh.

I have sometimes seen more in a line of the Bible than I could well tell how to stand under; and yet at another time, the whole Bible hath been to me as dry as a stick.—Bunyan’s Grace Abounding.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice