VI.
(Air a leantainn).
An cuir mi ‘n ceill ciod i an t-searmoin a dh’ ùraicheadh sluagh Dhe, agus a bhitheadh mar shaighdean ann an cridhe eascairdean — (Salm xlv. 5) — gus am bitheadh iad nam braighdibh toileach aig Criosd—(Salm cx. 3)? Ni mo cheann teagaig mo stiuradh. B’e taobh an rathaid an eaglais, is iad am mor shluagh a shearmonaich, agus b’e Bartimeus am fear eisdeachd. Agus is i so an t-searmoin. “Dh’ innis iad da, gu’m b’e Iosa o Nasaret a bha gabhail seachad.” “Iosa o Nasaret a gabhail seachad.” Sin an t-searmoin gu h-iomlan agus tha mi meas gu’m bu shearmoin mhaith i, ‘nuair a bheachdaicheas sinn cuin’ a chaidh a labhairt. Gun teagamh sam bith rinn i greim laidir air inntinn agus cridhe Bhartimeuis. Chaidh i steach ‘na anam mar ghath soluis, agus lion i e le iongnadh agus aoibhneas. B’e am focal a b’iongantaich agus a b’aoibhniche a chual e riabh. “Iosa o Nasaret, an Slanuighear, an Ti tha fosgladh suilean nan dall! Am bheil esan an so, cho fagus dhomh, far am feud mi labhairt ris. An e gu’n d’thainig an latha ma dheireadh nuair a bhitheas mo shuilean air am fosgladh, agus nach bi mi ni’s faide ag iarraidh na deirce? An urrainn gu’m bheil an naiheachd so firinneach?”
Tha sibh mar so a faicinn gu’n robh an t-searmoin cumhachdach. Chaidh i dh’ionnsuidh a chridhe, agus lion i a smuaintean. Tha mi gle chinnteach nach robh Bartimeus ro-ullamh air cearb fhaotainn innte. Cha robh uin’ aige air smuaineachadh an robh i air a labhairt ann an cainnt luath no shoerach ard, no ial. Ach ciod a rinn i co cumhachdach? “Tha Iosa o Nasaret a gabhail seachad.” Sin i gu h-iomlan. Tha eagal orm nach bitheadh a bheag do mheas aig moran dhinne dhe’n t-searmoin ùd. Ach bha mothachadh aig Bartimeus air a dhoille, agus air fheum air Criosd. Se sin tha deanamh an eadar-dhealachaidh. Bha cumhachd na searmoin ceangailte ri staid cridhe an fhir-eisdeachd. Tha searmoin gu tric air a meas lag, ‘nuair tha sinne fein fuar. Cha’neil teagamh nach’eil searmoinean ann is fearr na cheile. Ach tha mi leughadh gu’m b’urrainn do dhaoine tuiteam nan codal ‘nuair bha Pòl a searmaonachadh (Gniomhara xx. 9) agus thug eadhon daoinc glace baile na h-Aithne mar ainm dha fear bith-bhriathrach agus rinn iad fanoid air (Gniomhara xvii. 18-21) am feadh a rinn Festus ro iordheirc a bha na dhuin-uasal, agus dha’m bu choir bhi ni bu mhodhaile stad a chur air ann am meadhon a shearmoin agus thubhaint e uime gu’n robh air “mhi-cheill” no anns a chainnt chumannta na amadan. Nam biodh tuileadh mothachadh aig peacaich, agus aig naoimh air am feumaibh, nan d’thigeadh iad a dh’ionnsuidh na h-eisdeachd o’n uaignidheas, bhitheadh na firinnean bu so-thuigse mu Chriosd dhoibh mar aran do’n ocrach, agus mar uisgeachaibh fuar do’n anam thartmhor (Gnathfhocail xxv. 25).
Bha an t-searmoin ro-shimplidh. Co nach urrainn a searmonachadh? “Tha Iosa o Nasaret gabhail seachad.” Cha’neil fear-leanmhuinn aig Iosa nach urrainn innseadh do dh’anamaibh bochda dalla gu’m bheil Iosa dol seachad. Gidheadh ‘se so an teachdaireachd tha gus an saoghal a shaoradh. Tha am Biobul ga chur an ceill ann am mile rathad. Imich, innis an sgeul aoibhneach do pheacaich chaillte anns gach aite. Tha mi tabhaint buidheachais do Dhia gu’m bheil an soisgeul cho simplidh, agus gu’m feud mor chuideachd dheiscibul Chriosd a chur an ceill. Agus is ann mar sin a dh’fheumas searmonachadh bho’n chubaid bhi so-thuigsinn. Feumaidh sinn moran a radh nach’eil ùr do’n luchd-eisdeachd. Feuchaidh searmonaiche maith ris an fhirinn a dheanamh so-thuigsinn. Bha e air a radh o shean gur a droch bhuachaille a chumas am feur ro ard air son nan caorach. Is iad inntinnean laga a dh’oidhripcheas air nithibh soilleir a dheanamh dorcha, am feadh is miann le inntinnibh farsuing nithibh dorcha a dheanamh soilleir. Thubhaint Milton gur e fior nadur na firinn bhi so-thuigsinn agus soilleir, gu’m buin an dorchadas, agus an troimh-cheille gu h-iomlan dhuinne. Chaidh sean mhnaoith-uasail aig aon àm a dh’eisdeachd Adhamh Clarke, oir chual i gu’n robh e ro-fhoghluinte. Ach cha do chord e rithe a chionn gu’n do thuig i na h-uile focal a thubhaint e. Agus b’aithne dhomh duine a dh’fhalbh o’n eaglais le diomb’mor a chionn gu’n do chual e aon ni air an robh aithn’ aige roimhe. B’e focal mineachaidh a bh’ ann air a dheanamh do’n chloinn; na h’uain bheaga is caomh leam fhaicinn anus a choimhthionail. Bha feum againne sinn fein air na minicheadhain sin ‘nuair bha sinn ‘nar cloinn, agus ciod uime nach dean-tadh dhoibhsan iad. Agus feudar so a radh mu’n t-soisgeul biodh e cho simplidh agus gu’m feud clann bheag òl a stigh le taignealachd, tha gidheadh doimhneachdan agus saoibhreas ann gu inntinn agus cridhe an fheallsanaich is comasach a riarachadh a mhain mu tha an ceum sin is airde do ghliocas aige eadhon creidimh simplidh an leanabain—amhuil mar tha ghrian air a faicinn mar ann an sgathan ann am boinne druchd agus anns a chuan aig an aon àm.
Ach b’e urram na searmoin so gu’n robh i mu Chriosd. Tha i gu h-iomlan uime-san. ‘Nuair a dh’fheoraich Bartimeus ciod a bha e cluinntinn cha d’thubhairt an luchd-searmonachaidh ud “Tha sinne gabhail seachad,” ged a b’e an gluasad a ghlac aire, is e a thubhairt iad “Tha Iosa o Nasaret a gabhail seachad.” Is maith an ni nuair is urrainn do’n eaglais a radh mu na gluasadan tha tachairt innte “Tha Iosa o Nasaret a gabhail seachad.” Tha so na dhear-bhadh air na h-uile àm ath-bheothachaidh am bheil “Iosa a gabhail seachad.” Tha so mar an ceudna na dhearbbhadh air searmoinean. Thubhairt Flavel tha ard mhaitheas teagaig a co-sheasamh anns na foillsichidhean a’s soilleire, agus anns a chocur is dluithe air Iosa Criosd. Dh’innis iad dha gu’n robh Iosa am fagus. Nach bu bheannaichte an naigh-eachd so do Bhartimeus. Aontaichidh sibh uile ris a so, gu’m bu mhor an ni dha a shuilean bhi air am fosgladh. Tha e furasda dhuibh dhol air ais thug le’r comh-fhaireachadh, agus dol a stigh ‘na mhor aoibhneas. Bha a shòlas dol-bhàirt ann an smuaineachadh gu’m biodh a shuilean air am fosgladh, gu’m faigheadh e leirsinn.
Agus ‘nuair tha mise cur an ceill dhuit gu’m bheil Iosa am fagus dhuitsa a pheacaich a nis, agus ann an so, ciod uime nach’eil e na naigheadh aoibhneach dhuit. An robh e na ni mor gu’m bitheadh a shuilean-san air am fosgladh air saoghal tha air a dhorachachadh leis a mhallachd agus air a thruailleadh le sgail a bhais, agus air a threabhbadh cho garbh le uaghibh? suilean a bha gu tric gu bhi air an dalladh le deoir, agus a dh’fhasadh mall gu goirid le aois? suilean aig am bitheadh an sealladh gearr air a chur as, am measg uir na machrach, agus a dh’fhagadh an sluic fhalamh gu bhi nan nid aig enuimhíbh. Bha e gidheadh na ni mor gu’n d’fhuaire e a shealladh. Ach nach innis sibhse nis dhomhsa am bheil e surach leibh Iosa bhi nis am fagus, agus gu’m feud ‘ur suilean bhi an diugh air am fosgladh do sholus a chroinn cheusaidh? solus tha ni’s sgiamhaiche na ghealach, ni’s gloine na ghrian, agus tha deanamh na talmhainn dealrach le gloir nam flaithes? solus tha gu tric ni’s soilleire a’s a bhas, a soillseachadh eadhon a ghlinn dhorchá, solus o’n righ-chaithir shiorruidh air am feud thu le naoimh agus ainglibh beach-dachadh tre’n bhith-bhuantachd. Agus an e sgeul mu’n t-solus so a mhain nach gluais muinntir ‘nuair a chluinneas iad uime? Am bheil gach uile ni eile cudthromach, agus a bheatha shiorruidh na ni gun diu? An ann do bhrigh gu’m bheil beannachadh siorruidh air a thairgseadh gun chumha agus gu saor tha sibh a meas nach ‘eil e airidh air ‘ur smuaintibh, no air ‘ur curam.
Anamaibh truagha, tha cho dall agus nach aithne dhuibh ‘ur doille, cho dall agus nach creid sibh e, ged tha Dia ga chur an ceill duibh, is e mo ghnothuch innseadh dhuibh a nis, gu’m bheil Iosa Criosd am fagus—tha e gabhail seachad. Is e so ‘ur n-àmsa, deanaibh cabhag chum ‘ur slainte a dheanamh cinnteach. Nach ‘eil e ro fhagus dhuinn. Tha e gabhail seachad ann an solus grian na h-uile Sabaid, ‘sna h-uile eaglais far am bheil aoradh air a dheanamh dha, aig gach am tha fhoical air a leughadh, anns gach searmoin shoiseulach, ‘sna sacramaidean, ann an urnuighibh, agus ann an salmaibh, agus gu sonruichte ann an uile ghluasadaibh a Spioraid air a chridhe. Mu tha mothachadh sam bith agaibh fo’n fhirinn, mu tha ‘ur coguis a cur a seula ris an ni tha Dia a cur an ceill, mu bha sibh eadhon air’ur deanamh mi-shocruch ‘nar peacadh, mu thainig crith oirbh mar air Felics (Gniomh xxiv. 25), no mur mor nach robh sibh air ‘ur n-aomadh gu bhi ‘nar Criosduidhean mar Agrippa (Gniomh xxvi. 28), leigibh leam innseadh dhuibh gu firinneach nach e mise a dh’oibrich aon do na nithibh sin ‘nar cridhe, co mise gu’m b’urrainn dhomh gluasad a chur ann an cuisle cridhe a bhais (II. Righ v. 6)? Cha’n iad m’obairsa iad, agus cha dàna leam an gloir a ghabbail d’am ionnsuidh fein (Salm cxv. 1). Bha Spiorad Dhé a gluasad ‘nar cridhe, a stri ribh air son ‘ur tearnadh siorruidh. Nach ‘eil sin a deanamh nan seirbheisean so do-labbairt cudthromach. Tha Iosa eadhon Dia air fhoillseachadh ‘san fheoil (1 Tim. iii. 16), a lathair ann an so, le a spiorad grasmhor (Eoin xvi. 7, 8). Tha e lathair ann an meadhonnean a chomharrachaidh (Mata xviii. 20). Tha e gluasad o chridhe gu chridhe. Tha sibh ‘na lathaireachd ghloirmhoir, fo a shuil uile-leirsinnich, far am feud a chumbachd siorruidh ruigsinn oirbh, agus a ghradh gu grasmhor ‘ur leigheas.
Ach tha e gabhail seachad. Cha’n fhan e ghnath (Eoin xii. 35, 36). Cha mhair latha na slainte gu siorruidh (Gen. vi. 3). Theid grian an latha-sa fuidhe, agus is e eu-dochas siorruidh an oidheche tha gu leanntainn (Eoinn viii. 21, 24). Cha do ghabh Criosd an t-slighe ud tuilleadh; feudaidh nach gabh e seachad dluth dhuitsa a ris. B’e sud a thurus ma dheireadh do dh’ Iericho; feudaidh gur i a ghairm so fhiosrachadh deireannach ortsa. B’e so an t-aon chothrom bha air a thabhairt do Bhartimeus; feudaidh gur e’n latha an diugh do chothrom deireannach-sa. Bu truagh do Bhartimeus nan robh e air a chothrom luachmor so a chall. Nan cailleadh bha e gu basachadh na dhoille. Ach tha truaighe gu mor ni’s mo ‘g ad fheitheamh-sa, a pheacaich, mu ni thu dimeas air do chothrom luachmor-sa air son an t-slainte mhor so a dheanamh cinnteach (Eabh. ii. 3). Feudaidh a mhion-suidh so do chor siorruidh a shuidheachadh. Teich a dh’ionnsuidh Iosa Criosd.