Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1928 » December 1928 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

VIII.

(Air a leantainn).

IV.

“Agus chronuich mòran e, chum gu’m biodh e na thosd: ach bu ro mhòid a ghlaodh esan Iosa, Mhic, Dhaibhidh, dean tròcair orm.”

Chan’eil bualadh air a dheanamh aig àm sam bith aig geata neimh gun an fhuaim a dhol troimh ifrinn, agus thig diabhulan a mach chum a chur na thosd (1 Peadar v. 8). ‘Nuair tha anam ri stri air son neamh, no neamh a stri air son an anama, ni tha na shealladh eile air an fhirinn cheudna, tha ann an sin da shaoghal a stri (Mata. xiii. 37, 39; Eph. vi. 11, 12). Tha gnathfhocal am measg nam Mahomedanach “far am bheil dithis a coinneachadh, an sin gu’m bheil triuir.” Tha suil aig a ghnathfhocal ri làthaireachd Dhé. Ach tha e direach cho cinnteach, ‘nuair tha Dia agus anam duine a coinneachadh chum gnothuch a dheanamh air son na siorruidheachd, gu’m bi an Sàtan an sin. Bithidh e an sin chum cur an aghaidh Dhia agus a chum an t’anam a sgrios. Is leis-san an t’anam air tús oir tha sinn a thaobh naduir ‘nar cloinn na feirge (Eph. ii. 2; Eoin. viii. 44); agus cha leig esan a chuid fein as aig àm sam bith ga dheoin. Tha fiacal beoil leomhain mòir aige agus chan ‘eil e furasda a chobhartach a spioneadh a mach a bheul (Marc ix. 29).

Thainig Crioseid agus an Satan a dh’ionnsuidh an t-shaoghail mar luchd-millidh, an Satan a chum oibríbh Dhe a sgrios, ach thainig Crioseid a sgrios a sgrios-san agus a sgrios an fhirmhillidh fein (Taisbean xii. 12; Eabh ii. 14; I. Eoin iii. 8). Agus mar sin feumaidh sinn sealltuinn air son comhstri air an talamh agus feumaidh sinn fein a dhol sios a dh’ionnsuidh a chata mu tha suil againn a dhol do neamh (Eph. vi. 11—18). Tha rioghachd neimh a fulang ainneart, agus tha luchd na h-ainneart ga glacadh le lamhachas laidir (Mata xi. 12).

Sheinn cloinn Israel gu subhach air traigh na mara ruaidhe agus bha iad ro mhisneachail ann an sin. Shaoileadh tu, gun robh iad ullamh air a dhol suas, agus seilbh a ghabhail air fearann a gheallaidh. Ach chuir an fhàsach làn ulfhartaich stad ann an uine ghoirid air an òran molaidh, agus ‘nuair a thoisich iad air cluinninn mu fhamharaibh, agus mu charbadan cogaidh iarunn, agus bailtean le’m ballachan ag eiridh suas gu neamh bhàsaich an cridheachan gealtach an taobh a stigh dhiubh, agus air son tearuinteachd o na nithibh sin cho maith is air son nam poitean feol, bha iad ullamh air snàgadh air ais a ris chum traillleileachd (Exod. xv. 1-21).

Cha’n’eil na famhairean uile marbh fathast, agus ma ni fear-cuairt ach a mhain e fein a thaisbeanadh ag imeachd air an t-slighe chum Cathair ‘ar Dia, thig iad a mach a chathachadh na aghaidh. Agus mar sin is coir dhoibhsan tha rùnachadh bhi nan seirbhisich do Chriosd an inntinn a dheanamh suas air son coinneachadh ri còmhrag (2 Tim. iii. 12).

Fhuair Bartimeus dearbhadh bronach air so. Cho luath is a thoisich e ri ëigheach air son trocair, thainig fras do chro-nuichidhean a nuas air o gach laimh. Dhùisg an Sàtan buaireas agus dh’fheuch e ri chur na thosd. Nach ‘eil mi ceart ann an lamh an t-sean mhortair fhaicinn ‘sa bhuaireadh ud, ged is iad daoine bha nan ionnalan aige? Ciod an t-aobhar coireachaidh a thug e? Tha fear deirce dall ag asluchadh truais an lighiche neamhaidh. Cha robh e riabh roimhe am fagus da. B’e so aon chothrom a bheatha. Ni focal no beantuin ris a leigheas, agus ann an ëiginn obann fior iomaguin tha e ag iarraidh air a choigreach bheannaichte gu’m beannaicheadh se e le truas a ghabhail deth, agus nach dubhairt mi gu fior nach deanadh ach diabhul iarraidh air a bhi na thosd?

Ach tha’n Sàtan ga fholach fein ‘nuair tha e ag obair. Tha e aig amaibh mar leomhan a beuchdaich air son na cobhartaich (1 Pead. v. 8), ach ni’s trice tha e mar nathair a gluasad gu fòil ‘san fheur, a teumadh, agus an sin dol as an t-sealladh (2 Cor. xi. 3). Tha e eadhon comasach air cruth aingéal soluis a chur air (2 Cor. xi. 14) agus an so tha e giulan clòca luchd-leannhuinn Chriosd.

Tha ‘nnleachd iomadh-filte ifrinneil ann an so. Tha e ga fholach fein, a cur masladh a ghniomharan air aobhar Dhé a sgrìce ni’s furasda, agus ni’s cinntiche, do bhrigh nach ‘eil a lamh air fhaicinn a truailleadh na h-uile tha a deanamh obair, agus mar so dha’n tabhairt fuidh a diteadh fein, agus a lionadh moran dhiubhsan tha a faicinn an ni tha air a dheanamh, le leithid do dhroch inntinn thaobh an t-soisgeil agus gu’m bheil iadsan mar an ceudna air an sgrìos.

Tha saoghal an-diadhaidh ag iarraidh air anaamaibh iomaguineach a bhi nan tosd. Cha’n urrainn dha trioblaid a pheacaich a ghiulan. Mu tha a choguis-san gun fhois, tha sin a milleadh fhois fein. Mu dh’eigheas esan a mach troimh eagal roimh ‘n fhearg tha ri teachd (Mata iii. 7) tha crith uamhuinn dol troimh a chridhe-sa. Mu labhras e mu neamh, tha fios aige-san nach ‘eil e fein ullamh air son an t-sonais sin, agus tha leis a sin tomhas do mhilleadh air a dheanamh air a shòlasan. Tha an saoghal mar sin ag iarraidh crioch a chur air dearbhaidean peacaidh. Chum so tha iomadh innleachd aige a dh’fheuchas e. Aig aon àm ni e brosgul, aig àm eile mallaichidh e. Tha geur-leanmhuinn aige air son cuid, air son cuid eile tha fàbhoran aige. Aig aon àm gàiridh e ann am mor aighir, aig àm eile taisbeanaidh se e fein ann an gloir mheallta, agus aig am eile gabhaidh e seachad ort le gnuis fhanoidaich, mar nach b’aithue dha riabh thu. Agus tha dà naimhaid eile ann a bheir e leis chum anamaibh tha ag eigheach air son trocair a chur nan tosd, is iad sin,—As-creidimh na mhile cruth agus Dia-aicheadh le a ghnuis ghruamach, agus a chridhe roèdhta.

Ach cha’n fhuirich mi a leudachadh air ni dhiubh sin. Tha mi air son labhairt ri sluagh aideachail an Tighearna, agus tha mi an dòchas gu’n gabh iad ri rabhadh air a thoirt dhoibh ann an dilseachd.

Ribhse tha mi ag radh, gu’m bheil eadhon sibhse an cunnart anamaibh iomaguineach a chur nan tosd, agus a bhi ‘nar meadhon call dhoibh. Cha’n ‘eil mi ag radh gu’n deanadh sibh so d’ar deoin. Tha e na pheacadh cho eagalach, co minadurra, cho an-iodchmhor, agus gu’m feum na h-uile neach tha gràdhaichadh an t-Slanuighear fhuathachadh. Ach feudaidh eadhon fior chairdean Chriosd tuiteam ann, le michaithris agus gun fhios doibh. Giulainibh ma ta le bhi air ar cur ‘ar faicill.

I. Le breitheanas obann neo-smuaineachail a thoirt a mach air searmoinean feudaidh sibh dearbhaidhean a mhuchadh, agus peacaidh a thionndadh air falbh bho Chriosd.

Cha’n ‘eil sinn a diultadh bhi air ‘ar feuchainn le breitheanas treibhdhireach, agus tuigseach, agus ‘nuair bheirear sin oirnn, cha bhuneadh dha bhi na churam dhuinn ach a mhain a dh’fhoghluim cionnus is urrainn dhuinn a bhi ‘nar stiubhardaibh ni’s glíce, agus ni’s dilse air runa-diomhair Dhé. Ach tha sinn a sparradh air ‘ar luchd eisdeachd gun a dhi-chuimhneachadh, ciod sam bith cho beag agus tha ‘ar comasan, mu tha sinn air ‘ar gairm chum ‘ar dreuchd, gu’m bheil sinn ‘nar teachdairean air son Chriosd (2 Cor. v. 20), a seasamh na àite-san, a dheanamh aithnichte a chumbachd maitheanais; agus an tomhas anns an searmaonaich sinn fhoical-san (2 Tim. iv. 2), gu’n gabh esan curam fhoical fhireanachadh ‘na lamhaibh fein, agus gu’n dean e dioghaltas air son gach dímeas a nithear air (Lucas x. 16).

Cha’n e sin a mhain; ach ‘nuair a shearmaonicheas sinne Chriosd air a cheusadh, is e ‘ar teachdaireachd cumhachd Dhé, leis a mhain am bheil e comasach gu’m biodh peacaidh air an tearnadh; ach feudaidh do bhreitheanas neo-chaithriseach-sa a thionndadh gu bhi ‘na fhiar amaideas, ‘na cheap-tuisliadh, agus ‘na bholtreach bàis do neach gràdhach eiginn a bha thu aig iarraidh bhi air a shaoradh (1 Cor. i. 23, 24).

Cuiridh an naigheachd beag so solus air an ni tha mi ag radh. Dh’fhag bean-uasal araiddh dhiadhaidh aig aon àm ann am baile Richmond tigh-aoraiddh ann an cuideachd a firposda agus e na dhuine nach robh ag aideachadh an Tighearna. Bha inntinn ro bheò aice-sa agus ann an dol dachaidh dhoibh thòisich i air bruidhinn gu h-eutrom mu’n t-searmoin, a rinn ministeir a bha na choigreach dhoibh, agus nach robh ealanta ‘na mhodh labhairt. As deigh dhi labhairt mar so car uine, a gabhail iongantais ri tosdachd a companaich thionndaidh i agus dh’amhairc i an aird na ghnuis. Bha e sileadh dheur. Bha an t-searmoin air saighead dearbhaidh a chur chum a chridhe. Nach mòr a dh’fheumadh amhghar cridhe na mnatha-sa a bhi, air a glachadh ann am fanoid a dheanamh air searmoin, a bha na meadhon air curam a dhùsgadh ann an inntinn a fin-pòsda neo-iompaichte.

Biodh faire agaibh uime sin thairis air ‘ur briathraibh, agus air ‘ur spioradaibh. Thugaibh an aire ciod a their sibh, agus co an làthair an abair sibh e. Smuainichibh, am bheil sibh dol a labhairt, ann an gràdh, ann an irioslachd, le inntinn Chriosd? Am fearrde neach sam bith an ni tha sibh gu radh? An dean am breitheanas a bheir sibh urram ‘ur leinibh no ‘ur caraid do theachdairean Chriosd a mheudachadh? ‘Nuair a their sibh an ni tha air ‘ur n’aire, am bi sibh leis a sin ‘nar luchd cuideachaidh do’n fhirinn (3 Eoin 8)? Mur a bi, guiddheam oirbh, fàgaibh e gun a radh, air eagal ann a bhi faotainn coire do’n t-soitheadh chriadh gu’m faighear sibh a deanamh dìmeas air an ionmhas neamhaidh (2 Cor. iv. 7); eagal is gu’m pill sibh air falbh claidheamh an Spioraid (Eph. vi. 17), agus a peacachadh sibh fein, gu’n d’fhoir sibh sgrios air anamaibh eile.

II. Bi air t-fhaicill roimh dhiomhanas inntinn tha michubhaidh as deigh dhleasdanasan sòlumte.

Cha’n ‘eil mi cronuchadh dhuit a bhi suilbhir. Tha e taitneach aghaidhean sluagh Dhia fhaicinn aoibhneach le ùrachadh uaigneach an Spioraid, agus a taisbeanadh mar ann an sgàthan a ghloir tha dealradh eadar na cherubin (Salm lxxx. I). Ach cha’n ‘eil coslas aig an t-sòlas naomh so ri eutromas inntinn, ni’s mò na tha aig solus dealrach na maidne ri dearsadh umha air a chrathadh. Tha suilbhireachd a sruthadh o bhlas aoibhneach Ghrein na Fireantachd (Malachi iv. 2); tha eutromas inntinn mar fhuaim droighnich fuidh phoit (Eccl. vii. 6). Is e an dara h-aon, guth gairdeachais tha cubhaidh ann am pailliunaibh nam firean (Salm cxviii. 15) is e an aon eile, gaire nan amadan, cubhaidh a mhain air son pailliunaibh na h-aingilheachd (Salm lxxxiv. 10). Feudaiddh suilbhireachd bhi maille ri sòlumteachd eadhon mar a dh’fheudas na speuran glan a bhi dubharach leis an oidheche, ach soilleir le reultaibh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice