Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1929 » January 1929 » Bartimens An Dall

Bartimens An Dall

IX.

(Air a leantainn).

Is urrainn do’n Chriosduidh suidhidh ann an tigh Dhé agus tlachd a ghabhail ann an uile fhirinnibh fhocail. Feudaidh e gu tric ni a chluinntinn tha aig an ám a tabhairt pian dha. Cha’n ann coslach ris an leabhran a thug an t-aingeal do dh’Eoin, feudaidh e bhi searb, agus mi thaitneach ‘sa bheul, sin ra radh, anns an eisdeachd; gidheadh air dha bhi air a mheasgachadh le creidimh, bithidh e treghrás milis agus fallain ann am beachd-smuaineachadh air (Taisbean x. 9). Eadhon ann an tairneanach beinn Shinai cluinnidh e guth a Dhia coimheangail (Exod. xx. 2), agus islichidh se e fein ann an irioslachd naomh. Mu tha cliu Dhé air a thabhairt ri aghaidh mar theime dian-loisgeach (Eabh xii. 29) a’ deanamh dioghaltais, aidichidh e gur e sin a thoillteanas fein (Salm li. 4), agus am feadh is tha e ag ardmholadh a gbrais ard-thighearnail a shaor e bho fheirg, tha e deanamh broin air son luchd-eusaontais, tha e a gul air an son, ag urnuigh air an son; agus an uair a sgaoléas an coimthional, chithear na ghuais, agus na ghiulan, ni tha beantuin ri cridhe nam peacach, a ‘tabhairt dhoibh mothachadh air an cunnart, agus iomaguin chaoimh sluagh Dhé mu’n timcheall.

Nach dealaichte o so cleachdadh moran do luchd-aideachaidh! Feudaidh iad bhi codalach ni’s leoir ‘nuair tha am focal air a shearmonachadh, ach cho luath is tha am beannachd air a thabhairt, bithidh iad beothail ni’s leoir. Nach sgiobalta a dh’fhalbhas iad o’n eaglais! Agus le cainnt amaidich, le diomhanas, is le eutromas, theid iad chum an dachaidhean, suidhidh iad aig am buird, agus cumaidh iad conaltradh baoth ri’n clann, agus ri’n cairdean neoiompaichte. Ah! feudaidh aig a bhord ‘ud gu’n do thoisich comhrag air son na siorruidheachd ann an anam eigin; feudaidh gu’m bheil Spioraid Dhé, agus cumhachdan an dorchadais ris an stri mu dheireadh, agus gu’n cuir am baothshugradh ud a chuis gu taobh air son an anam a thuiteam ann an eu-dòchas, agus fadheidh ann an ifrinn. Nach eagalach an fhirinn sin! Feudaidh neach le gaireachduinn eutroim, an Spiorad naomh agus dearbhadh peacaidh fhuadach air falbh, agus a choguis chaidh a dhùsgadh a chur na codal, is anamaibh luachmhor chur a dh’ionnsuidh sgríos.

III. Tha so tabhairt chum mo chuimhne doigh eile anns am feud sibh iarraidh air peacaich bhi nan tosd—le bhi mi-churamach ann an tabhairt fa’near toiseachadh curam annta.

Am faiceadh tu mar bu choir dhuit faire a’dheanamh? Thig leam chum an t-seomair far am bheil naoidean ri uchd bais. Chaidh teachdaire na chabhaig a dh’iarraidh leigh, ach cha’n ‘eil e idir a tighinn. Faic mar tha sulean na mathair chaoimh air an suidheachadh air an leanabh ann an spairn graidh agus eagail; cionnus tha i a cromadh ann an amhghar an lathair cathair na tracair, agus a’tagradh mar rinn bean Shiropenicia aig cosaibh Iosa; cionnus tha i ag eiridh gu h-obann agus dol a dh’ionnsuidh no h-uinneig a dh’ amharc air son an leigh; cionnus aig gach fuaim ni rothan charbadan, tha i air chrith le dian-dhùrachd, uguis mar tha tinneas aig a cridhe ‘nuair tha an fluaim a bâsachadh gun duine a’tighinn: cionnus theid i gu grad g’a choin neachadh aig a theachd; agus an sin nuair tha e a min-rannsachadh nadur na trioblaid, mar a dh’fheitheas i ag amharc na ghnuis a’ gabhail misnich, ma chi i e bhi dòchasach, agus ullamh gu bâsachadh ma chi i a ghnuis air a dorchachadh le eagal.

O, a dheisciobuil Iosa, tha do leanabh, do bhrathair, caraid eiginn ro ghradhach leat tinn gu bàs siorruidh, agus c’ait am bheil an fheitheamh so air son an lighiche mhoir? C’ait am bheil do ghul, d’fhaduidheachd, d’urnuigh? Ah! ‘nuair thaing esan (is gradh a chridhe ga ghluasad) am fagus do’n anam, agus a dhuisg se e a mach bho a chodal bàsmhor, agus a chuir e an céill ioc shlaintean tha air an orduchadh le a ghràs àrduachdranach, cha bhi sibhse eadhon ‘nar n’aithrichean no ‘nar mâtbraichean altruum (Isa. xlix. 23) ann an giulan air aghaidh obair ghràsmhoir an Tighearna, chum na h-anamabh gràdhach sin a shaoradh o’n bhàs shiorruidh.

IV. Ach tha ni’s miosa na so ann. Tha pàrantan aideachail gu tric a dealbhadh nithibh do’n cloinn tha calg-dhireach ann an aghaidh obair an Spioraid.

Deanadh aon eiseimpleir air an ni tha mi ciallachadh a mhineachadh. Aig an aoradh mhaidne tha sibh ag iarraidh air an Tighearna ‘ur clann iompachadh eadhon air an ath Shabaid fhocal a chur le cumhachd chum an cridhe. Bu choir dhuibh so a dheanamh agus tha mi toirt creideas dhuibh air son a bhi ga dheanamh. Ach mu’n d’téid an latha seachad a geilleadh de shruth saoghaltachd truaillidh tha mu’n cuairt dhuibh, no do dh’iarrtusaibh ‘ur cloinne neoiompachte, tha sibh a suidheachadh cuideachd-dhànnsa bhi agaibh ‘nar tigh air an t-seachduin a’s déigh sin, agus tha sibh a cur a mach chuiridhean. Their sibh ri ‘ur coguis cha’n ‘eil e ach air son na cloinne a mhain, agus cha bhi sinn ach stuama; ach a dh’ aindeoin gach oidheirp cha’n ‘eil coguis a moladh a ghniomh. Ach rachadh sin seachad. Ach saoil gu’n dean Dia ‘ur n-urnuigh a fhregairt air an t-Sábaid, agus tha aon de’n chloinn sin a gul fuidh’n t-searmoin, agus a tighinn dhachaidh fo smuairein, agus ann an trioblaid; ciod e an staid anns an urrainn sibhse bhi? Air a chuid a’s lugha, nach cuir e tomhas de dh’ imecheist oirbh? Nach bi sibh duilich gu’n d’thainig an ni, aig an àm ud, agus cha’n ann aig àm eile. Nach smuainich sibh e bhi neo-dheiseil, ‘nuair bha suil agaibh gu’m biodh ‘ur nighean co maiseach san danna air Di-luain, gu’m biodh i fuidh dhearbhadh peacaidh, a teicheadh bho fhearg Dhè; agus a gul mar so air an t-Sábaid. Air an laimh eile nach bi eagal oirbh gu’n dean cuthach na mire ud, an Spiorad a mhùchadh (I. Tess. v. 19), agus an cridhe a cruadhachadh gu brath (Eabh iii. 13)? Agus a thuilleadh air so uile nach d’thigeadh na dearbhaidhean ud oirbh gun suil a bhi riu, agus nach cuireadh iad goimb péin chum ‘ur cridhe. Am b’urrainn dhuibh a bhi mar bhuiheadh dhuibh a bhi, ghnath a sealltuinn ann an creidimh air son freagradh d’ar n’urnuigh agus ullamh air Dia a mholadh le cridhe gun ghò, agus a dhol a dh’ ionnsuidh an uaignidheis leis a chusbair ghràdhaichte so, do dheoir a mheasgachadh le dheoirsan, arao ag asluchadh trocair ò Chriosd.

Ach cionnus is urrainn dhomh luaidh a dheanamh air na h-uile rathad ‘sam feud luchd-aideachaidh Chriosd iarraidh air anamaibh trioblaideach a bhi nan tosd. Leis na tha agaibh do shaoghaltachd inntinn, is do chumadh ris an t-saoghal; leis na h-uile dearbhachd tha sibh a tabhairt air gu’m bheil sibh a smuaineachadh tuilleadh mu’n t-saoghal-sa mo mu’n t-saoghal ri teachd; gu’n caith sibh tuilleadh, gu’n fulaing sibh tuilleadh; gu’n dean sibh oidheirp ni’s mò air son criochan talmhaidh na air son Chriosd agus aobhair; leis gach ni dhiubh sin tha sibh ‘nar cip-thuisliadh ann an rathad pheacach a theachd gu Criosd.

Is iad sin mar an ceudna nithibh nach urrainn sibh fholach. Cha leoir aig amaibh gu’m faicear ‘ur gnuis gruamach, agus gu’n cluinnear agaibh focalan do chainnt na diadhaidheachd, is aideachadh air gu’m bheil sinn uile teachd gearr. Cha leoir a h-aon do na nithibh sin. Tha eadhon ‘ur clann bheag agus ‘ur seirbhisich, co mi-thoslaich, is tha ‘ur cleachdadh ri ‘ar n’aideachadh.

Nach bronach an t-saoghaltachd so ann an luchd-aideachaidhan teachd gearr ann an cumaidheachd ri Criosd! Is e so an smal is mò air an t-soisgeul, an argumaid is treise aig luchd, Dia-aicheadh, am bacadh is mò air obair Dhé, agus an ni is cinntiche gu stad a thur air saoirbheachadh. Air son an aobhair so chomhdaich an Tighearna nighean Shioin le neul na chorruich. Air son an aobhair so tha a silghean ri bron, tha a geatachan fàs, tha a sagairt ag osnaich, tha a maighdeanan fo amhghar, agus tha ise ann an seirbhe; am feadh tha a naimhdibh ri toibheum, agus na h-uile tha gabhail seashadh a bualadh am bás rithe; tha iad a deanamh tàir oirre, agus a crathadh an cinn ri nighean Ierusalem!

Dh’iarraidh’n a nis rabhadh a thabbhairt ann an treibhdhineas do na h-uile, ciod ‘sam bith an ainn is an suidheachadh tha ciontach ann an rathad ‘sam bith do dh’iarraidh air peacaich fuireach nan tosd. Tha sibh a cur an aghaidh obair Dhia, agus bithibh air ‘ur faicill roimh a laimh chumhachdaich. Ma tha sibh de dh’aireamh a shluaigh, agus gu’m bheil sibh a cur an aghaidh obair ach cha’n ann ‘gar deoin, teagaigdich e dhuibh leusonaibh feumail le guth a shlaite (Micah vi. 9; Salm cxix, 67, 71.) Feudaidh e bhi duillich am foghlum, ach cha ghabhar sin a sheachnadadh (Eabh xii. 11; Gnathfhocal iii. 12; Taisbean iii. 10.) Cha cheadaich e gu’m fanadh tu fo’n pheacadh ud (Eabh xii. 10.) Ach mur ‘eil sibh de dh’aireamh a shluaigh, fairichidh sibh a dhioghaltas. Tha sibh a tuiteam air a chloich oisne shiorruidh, agus brisear sibh; agus mar sguir sibh gu luath, cur an agaidh na muinntir leis an àill togail oirre, agus mar toisich sibh fein air togail an sin thig latha ‘san tuit a chlach ud oirbh, agus ‘san dean i min luathne dhibh (Mata xxi. 44.) Cha’n ‘eil crioch ni’s cianaile aig muinntir ‘sam bith, na tha aca-san a threoraicheas daoine chum peacachadh no chumas anamaibh o Chriosd. Is leoir e gu’n rachhadh duin’ e fein do dh’ifrinne. Ach mu tha mi gu dhol ann, racham ann leam fein. Na guilaineam mo luchd-pianaich leam ann. Bithidh a théinn-tean teth gu leoir, agus a thruaighean tròm gu leoir, gu’n anamaibh a rinn mi mhilleadh a bhi, ann chum mo thruaighean a mheudachadh le dioghaltas gun tròcair, air dhoibh bhi air an lasadh suas le feirg troimh an amhghar siorruidh fein. Mu tha mi rùnachhadh gu’m bàsaich mi, deanam mar rinn Ahitophel, cuiream mo thigh an ordugh, agus bàsaicheam leam fein (2 Sam. xvii. 23) agus cha’n ann mar Shamson a glacadh puist an teampuill am ghlaicibh, agus a slaodadh muinntir eile sios maille rium, mi, fein a tuiteam fuidhpe, agus air m’adhlacadh ‘san léir-sgrios a’s doimhne (Breitheamhna xvi. 30).

Dh’iarraidh’n a nis dà ni a radh ri peacaich air an dùsgadh. Am bhéilir a cur mar n’aghaidh ‘sna doighean ud? Mu thuiteas sibhse air ais, cha bhi so na leithsgel dhuibh. Feudaidh peacadh aon duine bhi na bhuaireadh is na mheadhon sgrios do dhuin’ eile, ath cha bhi e chaoidh na leithsgedul dha. Bhuaire Satan Eubha, agus bhuaire ise Adhamh, ach bha an triuir mallachte (Gen. iii. 12—19.) Bha eadhon na cinnich comasach air a radh, “Cuidichidh na diathan iadsan, a chuidicheas iad fein;” agus feudaidh sinn a bhi cinnteach gu’n cuidich Criosd na h’uile anam tha ann am firinn ga iarraidh. Cha dubhairt Dia riomh ri siol Iacoib, “Iairraibh mi an diomhain?” Iarraibh, deir Chriosd, agus gheibh sibh (Mata vii. 7, 8.) ‘Nuair a ghaimeas Dia anam as an Eiphit, bithidh seann luchd-saruchaidh, agus naimhdeann nuadh, muir dhomhain, agus fasach lán ulfhartaich ‘san t-slighe, ach ma bhitheas an t-anam sin misneachail, ithidh e do thoradh luachmhod tir Chanaain (Iosh v. 11, 12.) Cha do chaill aon chuid an sluagh taghta, no anam taghta cath riomh ach tre ghealltairdh, no tre pheacadh. Oir mairidh a throcair gu siorruidh; tha sin air aithris sé uairean fichead san t-Salm tha cuir an céill saoradh, agus buaidh Israel (Salm xxxvi.) Aig croich gach iomraidh air cunnartan agus cathan tha e stad gu chur an céill, gu’m mair a throcair gu siorruidh. An dubhairt Dia ribh, Iarraibh m’aghaidh? agus an do fhreagair ‘ur cridhe, D’aghaidh, a Thighearna, iarraidh sinn (Salm xxvii. 3, 10; Eabh xiii. 5), uime sin ged a champaicheadh feachd ad’ aghaidh, cha’n ‘eil aobhar eagail aig d’anam. Ged a threigeadh d’athair is do mhathair thu, cha’n fhas is cha treig Dia do shlaint’ thu a chaoidh. Mar sin feith air an Tighearna; bi misneachail, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith tha mi ag radh air an Tighearna (Salm xxvii. 14).

Am bheileir a cuí mar so a’d aghaidh? Dean mar rinn Bartimeus. “Dh’eigh e ni bu mhò” tha Mata ag radh, “moran ni bu mhò,” no “is ann ni’s mò,” deir Marc, agus Lucas. Nach ‘eil sin tapaidh! Mar is mò tha iad cur ‘na aghaidh ‘sann is mò do dhùrachd tha esan a taisbeanadh. Eigh thusa mar a rinn esan. Tha an t-àm dhuit eigheach, ‘nuair a philleadh daoin’ air ais thu ò Chriosd, tha an t-àm dhuit do neart uil’ a chur an cleachdadh, ‘nuair tha an namhaid a cur a neart fein an cleachdadh. Faic! cha’n ‘eil ach aon slighe ann; tha an ceam ainhlean; tha an namhaid a tarruing am fagus. A nis anam mar iarraidh tu bhi caillte, bi fearail (1 Cor. xvi. 23.) Gabh thugad, sgiath is claidheamh, agus bi treun ‘sa chomhrag. Feumaidh tu bhi air do shaoradh a nis, no bhi caillte gu siorruidh. Eigh ri Criosd, agus sin thu fein chum na nithibh tha romhad. Agus am feadh is tha thu a cleachdadh na h-uile dichioll cuimh-nich a ghnath nach ‘eil doigh air son thu a dh’fhaotoinn na buaidh, ach tre eigh a chreidimh, “Iosa mhic Dhaibhidh. dean trocair orm!”

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice