Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1929 » April 1929 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

XII.

(Air a leantainn).

An e gu’m bheil an soisgeul gruamach! Tha e na oran-molaidh o innealaibh ciuil nam flaiteas, fuaim ceol abhainn na beatha ag eiridh gu h-ard ri a bruachaibh agus taomadh a nuas ann an sruthannan aoibhneach dh’ionnsuidh na talmhainn. Cha robh oran reultaibh na maidne co suil-bheire, no caithream buaidh mic Dhe cho ait (Iob xxxviii. 7). A bruchdadh a mach o thobraichibh an aoibhneis shiorruidh, bha e air t’us air a chluinntinn air an talamh mar air a labhairt leis an Tighearna Dia e fein (Gen. iii. 15), ann an g’aradh Edein. Bi so a cheud phonc-chiull ann an oran an t-soisgeil. Thog na h-athraichean suas e, agus theagaig iad e do na ginealaichibh a thainig nan deigh. Chualas e o chruit-chiull nan salmadair, agus bha e air a chur an céill gu h-ard le faidhibh ann an innseadh mu bhliadhna na Lubilee. Mheudaicheadh an t-oran binn so mar a dh’fhoillsich Tighearna nan sluagh agus ainglibh geallaidhean nuadha, agus a ghairm e air cloinn thriob-laidich Shioin bhi aoibneach nan righ (Salm cxlix. 2). Bho dhaorsa, agus o bhraighdeanas, o uamhaibh agus o chòsabh nan creag, o bhlaibh fùilteach, agus o theintibh geur-leanmhuinn agus o leabaidd bais fhoisnich cho-fhreagair iad le briathraibh thug misneach dhoibhsan bha fann, agus a thug air luchd-foirneart criochnachadh air an righ-chaithrichibh am feadh a bha a ghrian is a ghealach is uile reultaibh an t-soluis, gaothaibh stoirmeil tha coimhlonadh fhocail, a mhuir atmhoir agus a lanachd, beanntaibh is cnuic, machraichibh thorrach, agus uile chraobhan na coille ri aoibhneas an lathair an Tighearna, agus teachd aoin-ungta, air son saorsa a shluaigh, agus gloir ainne naoimhe (Salm xcviii. 11—13).

An e gu’m bheil an soisgeul gruamach! Mu tha a choir is fearr, agus an aon choir air a bhi aoibhneach ‘san talamh, le duil chinntich ri sonas siorruidh an neamh; mu tha orain ‘san oidhche, agus reultaibh geallaidh; mu tha solus na maidne, le anail chubhraidh agus le eoin a seinn, mu tha slàinte air son nan euslan, ath-philleadh do na braighdibh, maithenas dhoibhsan tha fo bhinn ditidh, agus beatha dhoibhsan tha basachadh; mu tha, aoibhneas, sith, dochas; mu tha clarsach is crùm, is pailm buaidh, agus sealladh siorruidh air gloir an Fhir-shaoraiddh gruamach, tha an sin an soisgeul gruamach.

Is e so nadur na teachdaireachd bha air a tabhaint dh’ionnsuidh Bhartimeuis ann an so, eadhon an dara searmoin shoisgeulach a chual e dh’innis a cheud searmoin a mhain dha, gu’n robh Iosa a gabhail seachad. Tha e nis a cluinninn nam briathran so tha neartachadh a chridhe, “Bi do dheadh mhisnich; eirich, tha e ga do ghairm.”

“Bi do dheadh mhisnich.” Air oidheche fhada, gun ghealach, gun rionnag, gun eadhon coinneal soluis ann ad thig-comhnuidh tha an reult mhaidne a dealradh (Lucas i. 78; Taisbean xxii. 16). Cha robh do shuilean cleachdta riabh ach ri deoir; bha iad mar gu’m b’ann air an deanamh air son guil. Ach bithidh lèirsinn agad annta a nis. Amhaircidh tu air talamh, air speur, air gnuisibh gradhach, agus eadhon air Criosda do Shlannighear. Dean aoibhneas mar an ceudna oir tha do bhochduinn is do dheire-iarraidh air criochnachadh. Oibrichidh tu le do lamhan fein, agus ithidh tu aran toradh do shaothair fein. Bi do dheadh mhisnich. Le Iosa mar do leigh cha’n ‘eil aobhar eagaill agad. Cha’n ‘eil esan aig àm ‘sam bith a’ tilgeadh neach a mach, agus cha’n ‘eil e failneachadh aig àm ‘sam bith ‘Nuair a’ bhean e riutha nach fhaca, sinn na doill a faighinn am fradharc, na balbhain a’ labhaint, na bacaich ag imeachd, agus eadhon na mairbh air an tabhaint beo (Mata xi. 5).

A pheacachaibh bochda, truagh, agus dall, ach a tha ag eigheach air son an t-Slanuighear bithibh do dheadh mhisnich. A’s deigh ‘ur n-oidheche de bhron tha maduinn sòlais air teachd thugaibh. Tha am ùr-mhaduinn o na h-ardaibh ag eiridh air ‘ur n-anam (Salm xxx. 5.) Thigibh a’ chum Iosa, agus na faicear sibh tuilleadh, air an t-seacharan no a smeurachadh ‘san dorcha, no ag iarraidh na deirce. Na biodh eagal oirbh a thighinn, O, tha e gràsmhor! O, tha e cumhachdach! Glanaidh fhuil o na h-uile peacadh (Eoin i. 7). Tha e comasach air saoradh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide mach (Eabh vii. 25). Is i so an obair anns am bheil anam a’ gabhail tlachd. Cha’n urrainnear a ghràdh a thomhas. Tha e ni’s cumhachdaiche nam bàs, eadhon bàs a chroinn-cheusaidh. Agus ‘se an riarachadh tha e ag iarraidh air son uile shaothair anama maitheanas is glanadh a thoirt do pheacaich chiontach (Isa liii. 10, 11). Bithibh do dheadh mhisnich uime sin, is thigibh chum Iosa Criosd.

“Eirich,” thubhaint an luchd searmonachaidh ri Bartimeus, agus tha sinne ag radh an ni ceudna ribhse. Tha slainte ann air son a pheacaich, ach cha’n ‘eil air son an leisgein. Tha maitheanas ann air son na h-uile peacadh, ach a mhain air son fuireach air falbh o losa (Eoin vi. 37). Ma’s ann bho naimhdeas, bho theagamh, no bho mhi-churam, tha e tighinn dh’ionnsuidh an aon ni, mar eirich thu, agus mar a d’thig thu chum Iosa, bithidh tu caillte. Is e diabhul mall tha ann dhe’n leisg. Tha e gabhail cuisean socruch, agus saoilidh tu nach ‘eil e crosda. Ach cha’n ‘eil a h-aon ni’s raige, agus is e gle bheag a thug urrad do dh’ifirinn ris. Mar gabh muinntir ri Criosd tha iad ga dhiultadh. Mar gradhaich iad e tha iad ga fhuathachadh, agus nan anatema (1 Cor. xvi. 22). Cia minic a thionailainn sibh, tha Criosd ag radh, mar tha e gul os cionn sgrios Ierusalem, ach cha b’aill leibh a theachd am ionnsuidh chum agus gu’m faigheadh sibh beatha. Eiribh uime sin anamaibh nach d’fhuair maitheanas cuiribh uaibh ‘ur n-eaglan agus ‘ur teagamhan. Tha iad mi-reusonta agus aingidh. Crathaibh dhibh ‘ur cion curaim. Is slabhruidh e nach ‘eil ri fuaim, ach na bithibh air ‘ur mealladh; is i an t-slabhruidh is teinne as lugha ni do dh’fhuaim. Gabhaidh mi trompaid an Spioraid Naoimh, agus gun lionadh e fein i le fuaim a rachadh ar cridheachan. Duisg thusa tha a’d chodal, is eirich bho na mairbh is bheir Criosda solus dhuit! (Eph. v. 14).

“Tha e ga do ghairm.” Ciod tuilleadh tha bh’uat a Bhartimeuis? Mu tha e ga do ghairm leighsidh e thu. Mu tha esan ga do ghairm, co le’n dana do thoirmeasg. Dheanadh a ghairm-san slighe fhosgladh dhuit tre’n mhor-shluagh so, ged a dh’fheuchadh iad ri do bhacadh. Cha b’urrainn na tha do dhiabbhulan an ifirinn do chumail air d’a’is, a dhuine bhochd dhoill, gun neart, mu tha do Shlan-nighear ga do ghairm. Is e a ghairm-san do bharrantas air son teachd. Is leoir gairm Chriosd mar bharrantas do pheacach sam bith. Feudaidh e feum a dheanamh dheth an aghaidh an Lagha, an t-Satan, agus a dhroch coguis fein. Air son eisemplair tha’n Satan a teachd dha ionnsuidh, agus ag radh. “Seadh, eucoraich! am bheil thusa dol a dh’ionnsuidh Chriosd?” “Is mi a tha agus le m’ uile chridhe.” “Ach an ga’ h e riut?” “Gabhaidh e, agus le uile chridhe.” “Gu firinneach tha thu ladarna ‘nad chainnt! leo a theagaig dhuitse bruidhinn le urrad do dhanadas?” “Cha’n ann mar sin a tha, tha mo chainnt iriosal, is dh’fhoghlum mi i bho mo Thighearna.” “Ach c’ait am bheil do bharrantas? Cha’n fheud neach sam bith dol a dh’ionnsuidh Chriosd gun bharrantas.” “Tha e ga mo ghairm, bitheadh sin na bharrantas dhomh. “Ach c’ait am bheil d’iomchuidheachd?” deir an Satan, is e ag atharrachadh am bonn air an do sheas e. “Bitheadh mo bharrantas na iomchuidheachd dhomh-tha e ga mo ghairm,” fhreagair am peacach, a cumail a bhonn seasamh, an aon bhonn air an urrainn dha seasamh. “Ach eisd anam! Tha thu dol fa chomhair Righ. Cha’n urrainn dha amharc air peacadh (Hab i. 13);” (oir tha thu faicinn is urrainn do’n t-Satan an sgiobtur aithris) “agus cha’n ‘eil ann dhiotsa ach meal peacaidh;” agus tha an Satan ann an so a’ gabhail mor screatachd a bhi air roimh pheacaidh. “Cha’n ‘eil na neamhan glan ‘na shealladh (Job xv. 15) cionnus a ris a thaisbeanas do neo-ghloine-sa i fein na fhianuis! Amhairc air do luideagan, mu cheadaicheas do shuilean dalla sin dhuit, agus abair ciod i a chûlaidh so, chum a tabhairt ‘na lathair-san? “Tha sin uile firinneach,” tha am peacach aithreachail a’ freagairt ach gidheadh imichidh mi, oir tha e ga mo ghairm. Ceanglaidh mi a ghairm-san umam agus bithidh sin na eideadh dhomh gus an d’ thoir e fein dhomh cuilaidh eile. Bheir mi air aghaidh a ghairm-san, air a sgiobhdadh le a laimh fein, ainn fein air a’ chuir ris, agus air a’ sheulachadh le fhuil fein, agus bithidh sin dhomh na dhion agus na bhonn-tagraidh. Truagh agus neo airidh mar a tha mi agus toillteanach air a bhas, le so am laimh tha danachd, agus dol a steach le misnich agam, a mhain ag radh le Samuel òg “Tha mi ann an so, or ghairm thu mi!”

Cha robh feum aig Bartimeus air tuilleadh na fhocal-san mar bharrantas. “A’tilgeadh dheth fhalluin, dh’eirich e agus thainig e dh’ionnsuidh Iosa:” Cha b’urrainn nach tachradh so. Cha’n ‘eil fior ionndrainn ag iarraidh moille a’ dheanamh. Far am bheil mothachadh air truaighe, agus an t-anam an lathair Slanuighear anns am bheil e ag earbsa, cha dean e dail. ‘Sann ‘n uair nach ‘eil ach dearbhaidean eu-domhain ann a ni an t-anam moille. Na peacaich tha fuireach air an ais, agus tha gidheadh ag amharc air an aghaidh, ag iarraidh ach a deanamh moille, a cluinninn mile earail ach a feitheamh ri earail eile fathast, is muinntir iad aig am bheil beachdan faoine mu pheacadh, no beachdan iosal mu Chriosd. Guidheam, oirbh bithibh air ‘ar faicill roimhe sin; is e tobar ‘ur trioblaid e’ beachdan faoine bhi agaibh mu pheacadh, no beachdan iosal a bhi agaibh mu Chriosd. Aon chuid cha’n ‘eil sibh a faicinn ‘ar feum air a leithid so do Shlanuighear, no cha’n eil sibh a faicinn gur e so an Slanuighear air am bheil feum agaibh. Nam b’aithne dhuit ann am firinn ciod am peacach tha annadsa agus ciod an Slanuighear tha annsan, rachadh tu ga ionnsuidh gun dail agus blitheadh tu air do thearnadh.

“Tha dearbhadh domhain air peacadh” thubhairt Iain Owen “a toirt clisge mor agus cumhachdadh air anam ciontach.” Agus gun chrathadh mar so, basaichidh daoiné ‘nam, fois fheolmhor. Uime sin, ged tha an soisgeul gun teagamh na sgeul aoibhneis, feumaidh a luchd-searmonachaidh gu minic nithibh dullich agus geura a chur an ceill. Tha an seann Tiomnadh a crochnachadh leis an fhocal ‘Mallachd’ am feadh tha an Tiomnadh nuadh a toiseachadh leis na briathraibh “Leabhar ginealach Iosa Crisd.” Ach gus am bheil fuaim an Lagha ag iarraidh dioghaltais, air a sheirm gu h-eagalach ann an cluasaibh a pheacaich, cha chuir e a bheag do dhiù ann an sgeul aoibhneich an t-soisgeil.

Bu mhaith nam feudadh ‘ar naigheachd bhi aig gach àm mar cheol binn agus cha’n ann mar thairneach gu’m b’urrainn dhuiinn a ghnath seasamh air mullach, uaine Gherisim fò sholus na greine, gun seasamh tuilleadh air airde duaichnidh Ebail (Deut. xi. 29),—gu’n sruthadh ar teagasg mar uisge, agus gu’n d’thigeadh ‘ar cainnt a nuas mar an druchd, mar an t’uisge min air an lus mhaoth, agus mar fhrasaibh air an fheur (Deut. xxxii. 2.) Ach ciod an curam tha orrasan mu thimchioll ionad diu, nach cuala riamh mu fheirg? ciod dhoibhsan Calbharí nach do chriothnaich riámh fo lasair agus tairneach Shinai? ciod dhoibh maithenas air nach ‘eil peacadh air a dhearbhadh? na h-ionnhasan tha falaichte ann an Crisd, tha ag radh, Tha mi saoibhir agus air fas ann am maoin, agus gun fheum air ni ‘sam bith; gun fhios agad mo thruaighe! gu’n bheil thu dòruinneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd (Taisbean iii. 17).

Nan robh ‘ar luchd-eisdeachd uile mar Bhartimeus, dh’fheudadh ‘ar teachdaireachd aig gach àm toiseachadh le—“Bi do dheadh mhisnich.” Nan robh mothachadh aig muinntir de’n eallach, theireamaid gu ciuin riu, Thigibh am’ ionnsuidh sibhse uile tha ri saothair, is fò thròm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh (Mata xi. 28.) Nan robh mothachadh againn de’n tart nach aoibhneach a dh’eigheamid, “Ho, gach neach air am bheil tart thigibhse chum nan uisgeachan” (Isa. lv. 1.) Nan robh iad air an gonadh nan cridheachan le dearbhaidhean geur air peacadh, agus ag eigheach ciod a ni sinn chum agus gu’n tearnar sinn, bu thoileach a fhireagramaid, “Creidibh anns an Tighearna Iosa Crisd, agus tearnar sibhe.” (Gniomh xvi. 29—31).

Tha an soisgeul aoibhneach ged tha aon ghuth uamhais aige—”Ge be nach creid ditear e'” (Marc xvi. 16.) Tha e ‘cur an ceill gu’m bheil saorsa ann, air son gach neach a chreideas. Cha’n ‘eil e ag aobharachadh ‘ar ditidh, oir thaobh naduir, tha sinn air ‘ar diteadh cheana (Eoin iii. 17.) Tha e gu’r faotainn ann an daorsa, agus a cur an ceill cionnus a dh’fheudas sinn dol as. Nach ‘eil mi fathast am theachdaire dheadh sgeil mu tha mi a’ briseadh a stigh a dh’ionnsuidh priosan an duine tha fo bhinn, agus ag eigheach, Tha maitheanas dhuit ann an so! Thig a mach gun dail, agus bithidh tu beo! eadhon ‘nuair tha mi ga fhaicinn a greimeachadh ri a shlabhruidhean, no a tuiteam air ais a dh’ionnsuidh codail, tha mi ann an caoimhneas nach ‘eil ag amharc min a’ deanamh greim air, agus ann an eigin graidh ag eigheach, Eirich agus teich, no theid thu dhith! Feumaidh na h-uile a gheibhear taobh a steach nam ballachan so ‘nuair a bhuailear clag latha an dearbhaidh, gu deimhin bäsachadh.

B’abhaist do na cinnich bho shean a radh gu’n robh cosan nan diathan dha’m bu ghnathach dioghaltais a dheanamh air an comhdach mar bhrògaibh le cloimh. Cloimhorra mar bhrògaibh! Bha, shnàig iad air an aghaidh le ceumaibh tosdach, chum agus gu’m bi an lamh a bhean, a bhuille a sgrios. Cha’n ‘eil a chuis mar so le ‘ar Dia-ne tha trocaireach. Tha e toirt caismeachd, chum agus gu’n iarramaid didean. Tha a thairneanaich ri fuaim astarfad air falbh fhad ‘sa chi an t-suil, chum agus gu’m bi an long ullamh air son na stoirm a bha cho cinnteach air a theachd ged nach robh sinne air an rabhadh so fhaotainn.

‘Nuair a dh’eirich Bartimeus gu luathachadh a chum Iosa, thilg e bh’uaith a thrusgan, an t-eudach uachdair a bha uime. Cha’n fhuilingeadh e ni a bhacadh e. Gabhamaidne teagasg as a so. Nan coisneamaid Criosd, feumaidh sinn gach lethtrom a chuir bh’uainn, agus am peacadh tha gu furasd ag iadhadh umainn, am peacadh sin a bha sinn gach aon là a filleadh ma’n cuairt dhuinn mar thrusgan. Feumaidh sinn na nithibh tha air ‘ar culthaobh a dhi-chuimhneachadh agus sinn fein a shineadh chum na nithibh tha romhainn (Phil. iii. 13.) “Eisd, a nighean agus amhairc, agus aom do chluas; agus di-chuimhnich do shluagh fein, agus tigh t’athar : An sin gabhaidh an Righ mor thlachd ann ad’aille; a chionn gur esan do Thighearna, thoir urram dha (Salm xlv. 10, 11).

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice