XIII.
(Air a leantainn).
Thug Cain suas iobairt do Dhià, ach cha b’urrainn dha fharmaid a thilgeadh dheth, agus threoraich sin, ann an uine ghoirid a dh’ionnsuidh mort e (Gen. iv. 3, 5, 8.) Dh’iarr Balaam gu’m faigheadh e bas an ionracain; ach ‘nuair a chunnaic e duais na h-eucorach mheas e i na cuaidh, cho ionmhiannaichte, is gu’n do tharruing e ma’n cuairt dha i, agus fhuaire bas gle eadar-dhealaichte bho’n ni a dh’iarr e air dha bhi air a’ chur gu bàs le claidheamh dioghaltais Israeil, le fhuil air a’ measgachadh ri’m fuil-san thug e a thaobh a dh’ionnsuidh macnuis, agus iodhal-aoradh (Aireamh xxiii. 10; Peadar ii. 15; Aireamh xxxi. 8—14.) Thainig crith air Felics, aig searmonachadh Phoil, ach bha “dàil” air fhilleadh uime mar thrusgan ann an leithid de dhoigh nach b’urrainn dha a’ thilgeadh dheth, agus mar sin cha d’thainig e riabh a dh’ionnsuidh Chriosd (Gniomh xxiv. 25.) ‘Nuair a chual Herod Eoin Baiste, dh’eisd e ris gu subhach, agus rinn e moran de nithibh; ach gidheadh ‘nuair a shin am faidh, dileas a mach a lamh chum trusgan anamian a bha le a phuinsionn ag itheadh a stigh a chum anama a spionnadh dheth, dhuin e am priosan is mhort se e, agus bhàsaich e fein na fhogarrach is fò mhasladh. Thainig am fear-riaghlaidh òg eadhon a ruith a dh’ionnsuidh Iosa, bu cho mor so iomaguin air son slainte, ach rinn focal teann timchioll air à shaobhreas stad a chuir air gu h-obann. Thainig stad ann, mhiannaich e gu mor beannachd beatha shiorruidh. Bha cho beag de ghò ann, bha e cho làn de bheusalacha, cho fosgailte na inntinn, cho blath ‘na iarrtusan as deigh gloine is sonas neo-bhàsmhor. Dh’amhairc e ri Iosa le dùrachd; dh’amhairc Iosa ris-san le gràdh. Am bheil e tuilleadh ‘sa choir dhuiinn a chreidsinn gu’n do ghoil iad le cheile? But ah! an deise riomhach ud leis an do sgeadaich se a fhein, agus as an robh e cho uailleil bha an deise ud a bha, air a deanamh suas de neamh-nuidean ro luachmhor leis, gu bhi air a’ reubadh as a cheile, agus air a’ roinn air na bochdaibh; agus mar sin thearmaich e i ma’n cuairt dha, dh’falbh e gu dùbbach, agus bha i, tha eagal orm na h-eudach bais da anam bochd (Marc x. 17—22.) Rinn Ananias agus Sapphira aideachadh air an creidimh ann an Criosd, agus dhealaich iad ri moran dhe’n cuid air a shon, ach air dhoibh bhi eu-comasach dealachadh ri trusgan feinghloir bhreugaich, bhean Dia ris ‘na chorruich, agus sgrios e iad-san (Gniomh v. 1—11.) Bha Iudas air aireamh am measg nan dà abstol deug, agus fhuair e roinn dheth am ministreileachd; ach chum e gidheadh air gu h-uaighneach trusgan an t-sannt lean i ri fheoil, agus dh’ith i steach do a chridhe mar mheirg, bhrath e a Mhaighstir, agus ghreas e dh’ionnsuidh leirsgrios (Gniomh i. 19).
Nach soilleir tha na nithibh sin a dearbhadh agus a diteadh moran de luchd-aideachaidh na diadhachd! Tha cuis Chain a taisbeanadh gu’m feud muinntir tha toirt aoradh do Dhia a dhol a dhith; tha Balaam agus Felics a leigeadh ris gu’m feud iarrtusan as deigh maith, agus dearbhaidean eagalach ann an sgrios; tha Herod a nochdadh gu’m feud iadsan tha ag eisdeachd gu h-aobhneach ris an t-searmon-achadh a’s dilse, agus a thaisbeanas umhblachd bho’n leth a muigh fadheoidh a bhi caillte. Tha cuis an duin oig a ghràdhaich Criosd a taisbeanadh gu soilleir, cho easbhuidheach agus tha deadh bheus nadurra dealaichte bho ghràs Dhé. Ah! A thuilleadh air so, nach ‘eil aobhar eagail ann nan robh am focal bha air a labhairt ris-san air a labhairt ri moran ‘nar latha-ne a tha ag imeachd riarachte leo fein air slighe an aideachaidh gu’n cuireadh e stad iomlan orra. Agus a thaobh peacadh Ananias agus Shapphira tha e coslach gu’m bheil cuid de luchd-aideachaidh ‘nar latha-ne tha smuaineachadh gu’n robh am peacadh, a co-sheasamh dheth so, gu’n do reic iad am fearann idir, agus gu’n d’fhàg iad cuid de’n luach aig cosaibh nan abstol! Nach mor an t-aobhar eagail tha ann dhoibhsan tha riarachte gu’n rachadh anamaibh a nis do dh’ifrinn, a thug tuilleadh dearbhaidean o’n leth a muith air gradh do Chriosd. ‘San aite ma dheireadh tha sgrios an neach a bhrath Iosa, na rabhadh cha’n ann a mhain do na h-uile seorsa luchd-aideachaidh, ach mar an ceudna do mhinsteiribh, a cur an ceill gu’m feud iadsan a shearmaich an soisgeul do mhuinntir eile a bhi iad fein, aig a cheann ma dheireadh, air an tilgeadh a mach (I. Cor. ix. 27).
Tha trusgan eile ann fathast; a tha daoinne a’ pasgdadh umpa thairis air gach trusgan eile, agus is e sin fein-fhireantachd. Cha’n ‘eil ann dheth ach ni truaillich agus salach, air a dheanamh suas de mhiribh agus de luideagan (Isaiah lxiv. 6.) Ach tha am peacach dall ga mheas maiseach agus riomhach. Tha e ga tharruing ma’n cuairt dha le morchuis, agus tha comh-fhurtachd aig anam. Tha cuid de dhaoine a saoithreachadh fad am beatha chum an trusgan so a dheanamh farsuing, agus maiseach, agus riomhach le neamhnuidean deadh bheusan, agus deadh oibrbh. Bha Pòl aig aon àm gu dichiollach ris an obair so, agus car uine mheas se e fein soirbheachail, agus bha e sealtuinn air fein le mor-fhein-riarachadh ann an glòin’ an lagha. Tha e cunntadh seachd dathan maiseach, a bha air am fitheadh a steach ‘na thrusgan, ga dheanamh, ‘na bheachd-san mar am bogha-frois air son maise;—Ma shaoileas aon neach eile, gu’m feud e muinghin a chur ‘san fheoil, is mò na sin a dh’fheudas mise. Air mo thimchioll-ghearradh air an ochdamh là, do chinneach Israeil, do threibh Bheniamin, a’m Eabhruidheach de na h-Eabhruidhich; a neir an lagha a’m Phairiseach. A thaobh eud, a dheanamh geur-leanmhuinn air an eaglais; a reir na fireantachadh a ta ‘san lagh neochoireach! (Phil. iii. 3.) Bha e ag amharc air na nithibh sin uile, le mòr riarachadh, tur aineolach air cho dall is a bha e, agus ciod an truaghan bochd graineil bha ann dheth an sealladh Dhé. Ach ‘nuair a dhealraich an solus mor o neamh air, agus ‘nuair a dh’fhosgail Dia a shuilean, chunnaic e gu’n robh e graineil, agus as eugmhais fireantachd. Chuir e gu buileach ann an suarachas gloir an ni as an robh e roimhe a deanamh uaill (Phil. iii. 7—9.) Mar a b’fhaide a bha e beò, bha e gabhail an tuilleadh tlachd ann an di-meas a dheanamh air fhireantachd fein (I. Tim. i. 15). Fadheidh moran bhliadhnachan a’s deigh sin, sgriobh e chum a mhac Timothy, agus dh’aidich e re na h-uin’ ud gu leir, gu’n robh e na fhear-labhairt toibheum, ‘na fhear geur-leanmhuinn, agus cronail, agus ‘na cheann feadhna ‘nam peacach (I. Tim. i. 13, 15, 16).
Feumaidh an trusgan so bhi air a cur air cùl ‘nuair a thig peacach gu Iosa Criosd. Ach cha’n ‘eil e na ni furasda. Bha an seann treabhaiche a labhairt na firinn ‘nuair a thubhairt e ri Hervey gu’m bheil e na ni ni’s dorra faotainn cuibhteas dhie fhein-fhireantachd, no dheth anamiannaibh peacach. Mheas Hervey a chainnt ud aig an àm amaideach, oir cha robh aige ach beag eolas air gràs; ach as deigh sin dh’fhogluim e ann an sgoil Chriosd gu’n robh a chuis mar sin. Ach tha fuigheall dheth-snathainnean gus mirean, a leanntainn ris na naoimh fhad ‘sa tha iad air an talamh. Agus ni tha ro iongantach, eadhon as deigh dhoibh a neo-ghloine fhaicinn agus fhuathacadh, nan ceadaicheadh Dia dhoibh e, thoisicheadh iad a ris, ris na luideagan ud a chur cuideachd, agus am meas maiseach, is uaill a dheanamh asda. Bha Iob, a bha na naomh ro mhaiseach air fhaotainn aig aon àm a’ dheanamh tuilleadh ‘s bu choir dheth so (Iob xxix.; xxx.), ach thug Dia dha gu h-obann sealladh dheth fein ann an sgàthan mòralachd neo-criochnach agus ard-uachd-ranachd-Dhé, agus bha a leithid de bhuaidh aig an t-sealladh air, is gu’n d’èigh e mach, tha mi neo-ghlan (Iob. xl. 3.) A ris thaisbein Dia dha solus an sgàthain eagalaich ud, oir runaich e gu’n deanadh e obair chinnteach dheth, agus dh’èigh Iob a mach, chuala mi umad, le eisdeachd na cluaise; ach a nis chunnaic mo shail thu, uime sin tha mi gabhail grain dhiom fein, agus a’ deanamh aithreachas an dus is an luathre (Iob xliii. 5, 6). O gu’n deonuicheadh Dia gràs dhuinn uile, chum agus gu’n tilgeamaid an trusgan truagh so bh’uainn, ga shaltradh fò ar cosan, chum agus gu’n coisneamaid Criosd, agus gu’m biamaid air ‘ar faotainn ann-san, gun ‘ar fireantachd fein againn tha bho’n lagh, ach an fhireantachd tha tre chreidimh Iosa Criosd, an fhireantachd, tha bho Dhia tre chreidimh (Phil. iii. 5).
Ri leantainn.