Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1929 » June 1929 » Bartimeus An Dall

Bartimeus An Dall

XIV.

(Air a leantainn).

VII.

“ Agus fhreagair Iosa, is thubhairt e ris, ciod is aill leat mise dheanamh air do shon? Thubhairt an duine bha dall ris,—A Thighearna mi dh’fhaotainn mo radharc.”

Tha Bartimeus a nis aig cosaibh Iosa. Cha’n urrainn dha fathast fhaicinn, ach tha e a meas e bhi maith a bhi ana an sin—ann an sin ‘san duslach, ann an sin an dorchadas.

Agus co riamh a fhuair a chaochladh? Oh! nach lion-mhor na doilghiosan bha air an tabhairt gu cosan an Fhirs-haoraidd dochas air a mhealladh, bearnan am measg chairdean, tinnneas cridhe agus feola, gath coguis, mothachadh anama air corruich Dhé, piantan eu-dochais. Ach co thainig riamh ann an truaighe nach d’fhuair aoibhneas an sin? Cha’n ‘eil mi a bruidhinn air aoibhneas na saorsa dheireannach, ‘nuair tha solus neamh a sruthadh troimh an anam, ach air aoibhneas is saorsa na muinntir tha ga ‘m faotainn fein am fagus do Chriosd.

Tha na h-uile ceum tarruing am fagus do Chriosd gu maith. ‘Nuair is e an lagh a mhain tha ag obair, cha’n ‘eil am peacach ach a mhain a’ fulang. Tha e faicinn creagan beinn Shinai a’ tuiteam air. Tha tairneanaich o’n dorchadas thigh far am bheil Dia a chomhnuidh a briseadh a chridhe. Ach tha an soisgeul a tabhairt sithe. Tha sinn a’ deanamh aoibhneas ann an Dia tre ar Tighearna Iosa Criosd, tre an d’fhuair sinn a nis an reite (Rom. v. 11.) Tha a ghrian a’ soillseachadh agus a cur gairdeachais air na h-uile a dh’amhairceas oirre, ged a thigeadh iad a mach a uamhaibh dorcha salach. Agus tha Criosd na Ghrian. Bheir e gras agus gloir do’n pheacach is truaighe, agus do a namhaid is guiniche, ma dh’amhairceas iad ris tre chreidimh (Salm lxxxiv. 11.) Mu tha an cridhe bruite goirt air a thoirt à dh’ionnsuidh gathan soluis a chroinn cheusaidh, theid na gathan-sa troimh, agus lionaidh iad e le ùrachadh uaigneach. Tha comhfhurtachd anns an rùn teicheadh a dh’ionnsuidh Chriosd, comhfhurtachd ann an teicheadh, comhfhurtachd ann an tuiteam aig a chosaibh. Thu mi creidsinn nach robh Bartimeus riamh roimhe cho sona, ach tha e gidheadh ag iarraidh na deirce fathast, na luidhe dall anns an duslach aig cosaibh Iosa o Nasaret.

Aig cosaibh Iosa! Tha am peacach a faotainn ann an sin na ni suas uil’ fheumaibh anam na h-uile ni tha an lagh agus buadhan Dhia ag iarraidh. Tha e faicinn ann an sin an Ti a bha na samhluidhean uile a samhlachadh. Brigh nam failleasan gu leir. Coimhlonadh nan geallaidhean gu leir. Ann an sin tha a chionta air a mhaitheadh a thruailleadhachd air a glanadh, a phearsa air a dheanamh taitneach. Oir tha ann an sin araoon an Sagart, agus an iobairt, fuil a chrathaidh, agus an t-slighe a dh’ionnsuidh an ionaid a’s ro naomha (Eabh. ix. 11—14; x. 19—22.) Ann an sin tha an fhior Chathair-throcair agus an Shecinah-gloir fhaicsinnich Dhé eadar na cherubim (Es. xxv. 22.) Ann an sin tha Dia air fhoillseachadh ‘san fheoil (I. Tim. iii. 16).

Aig cosaibh Iosa cha ruig a leas eagal a bhi air neach ‘sam bith. Tharruing am fear-iarraidh deirce so am fagus. Ann-san tha againn dànachd, agus slighe gu dol a steach ann am muinghin tre a chreidimh-san (Eph. iii. 12.) Tha e eucomasach a theachd tuilleadh is fagus air Iosa. Ann an Dan Sholaimh tha a chèile air a faicinn teachd a nuas o’n fhàsach le a taic air fear a graidh (Dan. viii. 5.) Mar Eoin aig an t-suipeir feudaidh sinn ‘ar taice a leigeadh air uchd (Eoin xiii. 23.) Is caomh leis a Bhuachaille mhaith a chaoirich fhaicinn ‘nan luidhe aig a chosaibh, agus ‘nuair tha na h-uain sgith giulainidh e iad ‘na uchd (Isa xl. 11).

Ann an laithibh fheola b’e a chuireadh a ghnàth, “Thigibh am’ ionnsuidh.” Bha an lobhar aonaranach air dha an cuireadh a chluinntinn a briseadh a steach chum teachd ‘na fhanuis, agus tuiteam aig a chosaibh (Lucas v. 12.) Chuala am mor-shluagh agus a ris, is a ris dhumbaich iad e (Lucas viii. 19—45.) Ach an aite diomb a bhi air, ged a bha iad bochd, is comhdaichte le gàlaraibh, gràineil ri’m faicinn agus ri’n laimhseachadh, leighis e iad uile (Mata xii. 19.) Chuala cis-mhaoir agus peacaich, agus eadhon ‘nuair a shuidh e fein agus a dheiscioibuil aig biadh, thainig iadsan, is shuidh iad maille riu (Mata xi. 19.) Ghabh e dha ionnsuidh iad cho saor agus mheasgaich e leo is gu’n do ghaireadh dheth, Caraib chismaor agus pheacach. Thilg iadsan sin air mar mhasladh, ach ghabh esan dha ionnsuidh fein e mar ghloir, Chuala an diobarach bochd e bha air a meas na h-anabas nan uile nithibh, agus co dha’n urrainn an sealladh gràsmhor ud a dhi-chuimhneachadh far an do sheas e coir agus an do bheannaich e a bhean bhochd, a thainig ann an searbhadas a h-aithreachais, gun chuireadh a dh’ionnsuidh cuirn an Phairisich uabharraich, agus coma do dh’iongantas is do thàir an luchdamhaire a thoisich air a chosaibh a nigheadh le a deoir, agus an tiormachadh le folt a cinn, agus phòg i a chosan, agus dh’ung i iad le oladh ungaidh a mach as a bhocsa bhriste alabasteir (Lucas vii. 35—50.) Agus co a dhi-chuimhnicheas, le iognadh taigneil na briathraibh so leis am feud am peacach is graineile teachd am fagus do a chridhe. “Ge b’e ni toil Dhé, is esan fein mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair” (Marc. iii. 35).

Ach ‘m bheil thu ag radh, cha’n ‘eil Criosd ni’s faide air an talamh, agus cha’n urrainn dhuinne teachd am fagus dha air a mhodh so.

Tha e gu firinneach air a dhol a steach do na neamhaibh agus ghabh iadsan e gus an d’thig aimsir aisig nan uile nithibh (Gniomh iii. 21.) Ach thug e a chridhe caomh leis. Tha sagartachd neo-chaochluidheach aige, agus is E an Ti ceudna an dé an diugh, agus gu siorruidh, a nis na ardshagart trocaireach agus dileas, a nis comasach air comh-fhaireach-duinn a bhi aige ri’r n’ anmhuinneachdan (Eabh vii. 24; xiii. 8: ii. 17; iv. 15.) Nuair bho shean a bha suil clann Israel air an ard shàgart air latha na reite, an do bhàsach an comhfhurtachd ‘nuair chaidh esan as an sealladh taobh stigh an roinn-bhrat? Nach do chuimhnich iad le aoibhneas gu’n robh esan ann an sin a coimhlonadh obair mhor na réite air son am peacaidh gu’n robh an ainmean sgiobhta air uchd-eididh? agus am feadh a sheas e an lathair na cathair-throcair air an robh an fhuil air a crathadh am fianuis na gloir uamhasaich sin, air a chomhdach, ach gun a bhi air a bhualadh sios leis, sheas e mar fear-ionaid sluaigh a bha gu saor air am fireanachadh (Eabh ix. 24.) Eadhon mar sin tha Criosd air a dhol a steach do neamh fein, am fior ionad a’s ro-naomha, chum e fein a thaisbeineadh a nis an lathair Dhé air ‘ar son-ne. Uime sin tha e comasach air an saoradh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide mach a thig a dh’ionnsuidh Dhé trid-san, oir tha e beo gu siorruidh chum eadar-ghuidhe a dheanamh air an son (Eabh vii. 25).

Bliadhnachan a’s dèigh dha aite-suidhe a ghabbail, a Righchaitthir, ‘nuair a bha e toirt sgiobhadh a Bhiobuil gu co-dhunadh, agus nuair a bha na h-uile nithibh ullamh a reir coslais air son mallachd eagalach Dhé a chur an ceill an aghaidh an neach a chuireadh ri briathraibh an Spioraid Naomh, no a bheireadh bhuaitha, shin esan a mach a lamh, agus chùm e air ais am mallachd, gus am biodh aon chuireadh làn, beannaichte, agus air a thoirt do na h-uile, air a dhortadh a mach bho a chridhe. Tha an Spioraid agus a bhean nuadh-phòsda ag ràdh, thig. Agus abradh esan a chluinneas, Thig. Agus an neach air am bheil tart, thigeadh e: is ge b’e neach leis an àill òladh e de dh’uisge na beatha gu saor (Taisbean. xxii. 18).

“Agus ‘nuair a thainig e am fagus fhireagair Iosa.” Tha Bartimeus a nis air son na ceud uair, a faotainn an fhocail, bho bheul an Tighearna fein. Tha e aig Tobar na beatha, agus mar a tha e cromadh sios a dh’òl, tha an sruth a ruith d’a ionnsuidh.

Is ann mar so tha e ghnàth. Nam biodh co-chomunn againn ri Criosd, feumaidh sinn tarruing am fagus dha. Nan cluinneamaid a ghùth feumaidh sinn tuiteam sios aig a choisibh. Is ann an sin a mhain, tha e comasach gu’n coinneachd neamh agus talamh ann an sith. Is e Criosd fior phalluinn a choimhthional (Ex. xxxiii. 7), oir mar a dh’fheudadh am focal sin bhi air eadar-theangachadh “pal-luinn a choinneachaidh,” an t-aite coinneamh a dh’ulluich an Tighearna; an toiseach agus gu sonruichte, far an coinneachd Dia ri a shluagh; agus mar sin an coinneachd iad a cheile. A teachd bho uil’ iomallaibh Israeil, ann an sin choinnich iad, agus fhuair iad, iad fein nan aon, aig an aite coinneachaidh naomh ud, soillseach le gloir, fhaicsinnich na Diadhachd, agus samhluidhean soilleir air gras saoraiddh an Tighearna.

Cha’n ‘eil ann do Chalbhari ach cnoc beag do’n t-suil, ach is e an t’aon spòt air thalamh e, a tha ruigsinn neamh. Tha an crann-ceusaidh na amaideachd do reuson feolmhor, agus na cheap-tuislidh do fhein-fhireantachd (I. Cor. i. 23), ach is ann an sin a mhàin, tha trocair agus firinn a coinneachd a chèile, a tha ceartas agus sith a pògadh beul ri beul (Salm lxxxv. 10.) Bha Iosa Criosd na dhuine ann an staid iosoal, agus bhàsuich e bàs nàrach air a chrann mhal-laichte, ach cha’n ‘eil slàinte ann an neach air bith eile. Cha’n ‘eil cathair-throcair ‘sa chrùinne-chè ach a mhain aig a chosaibh.

Ach ma gheibhear ann an sin sinn, cha’n e mhain gu’n gabh e ruinn, ach a thuilleadh air sin cha bhi sinn gun fhoical gràsmhor fhaotainn o a bheul. Ann an sin cluinnidh an cridhe briste an ceol is fearrguth ceol ciuin feudaidd e bhi, ach bithidh Dia anns a ghùth, agus bithidh an spiorad brùite air ath-bheothachadh.

“Ciod is àill leat mise a’ dheanamh air do shon?” Focal tasubhach, gu firinneach. Ciod nach d’thugadh anam na eiginn ann an doimhneachdaibh agus ann an ribe a pheacaidh air son a chluinntinn bho a Thighearna? Faiceamaid an so lànachd gràis. Tha gràdh caomh Chriosd do dh’anamaibh caillte ‘na dhoimhne mhor, gun ghrunnid, gun tràigh. Cha’n urrainn sgiath aingearl ‘sam bith, a ghiulan cho ard, is gu’n urrainn dha amharc thairis air fhad is a leud. Cha d’fhuair cionta anam peacach riabh a mach a dhoimhne gu lèir. Cha d’rinn an aireamh do aireamh a bha air an nigheadh na uisgeachan, a lànachd a lughdachadh, no fhear-tan a lagachadh.

Thubhairt righ Ahasuerus ri ban-righ Ester aig cuilm an fhion. Ciod e d’iarrtus is bheirear dhuit e; agus ciod e d’athchuinge is eadhon gu leth mo rioghachd nithear air do shon e (Ester v. 6.) Agus ghabh righrean na h-aidr an ear tlachd ann an labhairt air an doigh so. Ach b’e an geal-ladh bu mhò leth na rioghachd, agus bha an rioghachdan saoghalta croichnach agus neo-mhairsinneach agus bha an aideachadh air faluidheachd gu tric a sruthadh o anamiann ò ardan, no ò mhisg.

Ach cha’n ‘eil Iosa cur croich roimh a thairgsean. Iarraibh agus gheibh sibh, chum is gu’m bi ‘ar n’aoibhneas lan. Ciod ‘sam, bith ni, a dh’ iarras sibh am’ ainm-sa, ni mise dhuibh e (Mata vii. 7; Eoin xvi. 24; xiv. 13.) Ann-san tha uile ionmhasan a ghliocais, agus an eolais (Col. ii. 3). Tha na h-uile cumhachd air a thoirt dha air neamh, agus air talamh (Mata xxviii. 18) Is e Ceann na h-uile cumhachd (Col. ii. 10.) Bha na h-uile nithibh air an cruthachadh leis is air a shon (Col. i. 16.) Ann-san tha uile iomlaineachd na diadhachd a gabhail comhnuidh gu corporra (Col. ii. 9.) Fosglaidh fhocalsan neamh do’n pheacach is gràineile; tuileadh fòs, ni dealradh a ghnuis neamh anns a chridhe is bronaiche. Tha mir bhuaithe-san na fheid, agus a chuirm a sgaolcas e ann an neamh air son a naoimh, sasuichidh i an t-anam tre’n t-siorruidheachd. Is esan oighre nan uile nithibh, agus aig gairm chreidmheach a pheacaich is suaraiche, ni se e na chomh-oighre maille ris fein, air oighreachd, neo-thruailidh neo-shalaich agus nach searg as, eadhon tròm-chudthrom gloire agus sir-mhaireannach (I. Peadar i. 4; II. Cor. iv. 17.) ‘Nuair is le Criosd sinne, is leinne Criosd, agus an sin is leinn na h-uile nithibh abstoil; am Biobul, frithealaidhean, ordughean, beatha, bas, an saoghal ta làthair, agus an saoghal ri teachd; is leinn iad uile (I. Cor. iii. 21—23). Bu mhaith a b’fhiach do’n abstol na h-uile ni a mheas na chall air son Chriosd (Phil. iii. 7.) Tha a leithid sin de chall na bhuannachd shiorruidh. Ach an Tighearna Iosa Criosd, a bhi againn, tha amhgharan’ nam beannachd, tha nàire na h-onoir, tha tinneas ‘na ‘shlainte, agus bàs na bheatha siorruidh a mach a anmhuinneachd tha sinn air ar deanamh laidir, ann an aonaranachd tha a chuideachd is fearr againn; tha ‘ar bochduinn air a tionndadh gu saoibhreas firinneach, ‘ar draghan gus a chomhfhurtachd a’s milse; tha nàdur a geilleadh do ghràs, agus tha gràs a croichnachadh ann an gloir shiorruidh.

II. Thugamaid fa’ near mar an ceudna, cho saor is tha taigsean, Chriosd air an tabhairt do pheacaich chàillte.

Tha saorsa na taigse a srùthadh ò lànachd a ghrais. “Ciod is aill leat?” Roghnaich dhuit fein a Bhartimeuis. Mar giulain thu air falbh tiodhlac luachmhor, is i do choire fein tha ann. Cha’n ‘eil mise a cur crioch roimh fharsuingeachd d’iarrtusaibh. Tha an t-ionnhas neo-chriochnach, is tha e agad uile ri taghadh as.

Cha’n èil Spiorad an Tighearna air a chuingealachadh, agus tha sinne, is ann annainn fein (II. Cor. vi. 12). Cha’n ‘eil lamh an Tighearna air a giorachadh, ni mò tha a chluas mäll, ach rinn àr n’aingidheachdan, a ghnuis fholach, ah! is e sin àr truaighe. Agus cha’n eil peacadh ‘sam bith a folach gnuis Dhé ni’s luaithe na ni as-creidimh. Tha gràs Dhé aig gach àm ni’s saoibheir na iarrtus an duine, agus ni’s saoire na creidimh an duine (Eph. iii. 20.) Tha feum againn a ghnàth air an earail bha air a tabhairt do dh’Israel. Fosgail do bheul gu farsuing, is lionaidh mise e (Salm lxxxii. 10.) Tha aon urnuigh ann a bhuineadh bhi a ghnath, ‘nar beul. A Thighearna, meudaich ‘ar creidimh (Lucas xvii. 5.) Mu tha ‘ar lomradh tioram an diugh cha’n ann do bhrigh nach ‘eil druchd ‘sna neamhaibh, no do bhrigh nach do thuit a bheag an raoir (Breith. vi. 40.) Ma bheir sinne soithichean beaga dh’ionnsuidh an tobair, is e beag uisge bheir sinn as. Ged tha an soitheach òir làn de dh’ oladh chùbraidh, cha dhi solus an lochrain ach mäll, mu tha am feadan oir cumhang no air a thachdadh suas. Cha chomasach do’n chuan fein ach sruthan beag a dhortadh tre chladhan cumhang. Agus ‘nuair a dh’eigheas peacaich cha’n ‘eil gràs agam, is ann do bhrigh gu’n d’rinn as-creidimh an cridhe a dhamadh suas. Oir ‘nuair a their sluagh Dhe’ mo chaoile! Mo chaoile! is ann ‘nuair nach ‘eil an creidimh lag leigeadh leo ach blasad far am feudadh iad suidhidh sios leis a chloinn aig a bhord agus itheadh de na nithibh matha a dh’uillaich Chriosd dhoibh. Tha an dà fhocal luachmor “ciod ‘sam bith,” agus “co ‘sam bith,” gu tric ann am beul Chriosd. “Co ‘sam bith leis an àill thigeadh e.” (Eoin vii. 17.) Ciod ‘sam bith a dh’arras sibh ‘na ainm ni mise dhuibh e” (Eoin xiv. 13). Tha “co sam bith,” taobh a muigh a gheata agus a leigeil steach na h-uile leis an aill. Tha “ciod ‘sam bith,” air an taobh a stigh agus a toirt cothrom air uile raon agus ionnhas grais. Tha “co ‘sam bith” a deanamh slàinte saor, tha “ciod ‘sam bith” ga deanamh sin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice