(Air a leantainn).
III. Faic mar tha gràs Chriosd a ruigheadh air feum gach anam fa leith. Tha tabhairt air a thaobhsan a co-fhreagradh do dh’iarraidh air ‘ar taobh-ne ris gach anam tha e ag radh “ciod is àill leat!”
Tha e iongantach agus maiseach a thoirt fainear cho iomadh fillte is tha guthan saor ghràis. “Tha tart orm” deir neach. “Thig a chum nan uisgeachan” tha gràs ag radh. “Tha ocras orm” deir neach eile. “Tth an ni ta maith agus gabhadh t-anam toilnntinn ann an cuilm shoghmoir,” tha gràs ag radh. “Ach tha mi bochd, gun ni agam leis an ceannaich mi.” “Thig ceannaich fion agus bainne gun airgiod agus gun luach” (Isaiah lv. 1.) “Tha sinn sgith” deir an luchd-saoithreachaidh anns a mhachair far an robh iad fosgailte do theas na greine. “Thigibh am’ ionnsuidh-sa agus bheirr mi suaimhneas dhuibh” deir gràs a’ tighinn mar ghaoith, ùrair bho na h-uisgeachaibh. “Tilg air an Tighearna do churam, agus cumaidh esan suas thu” (Salm lv. 22.) Cainnt gràis ris an fhear-turuis a tha fannachadh air an t-slighe. Tha i ag eigheach ris a chiontach. “Feuch an tobar tha air fhosgladh air son peacaidh agus neo-ghloine” (Sech. xiii. 1.) Dhoibhsan tha air seacharan tha gràs ag radh: “Is mis’ an t-slighe”; do’n mhuintir aineolach; “Is mis’ an fhirinn”; agus riu-san tha bàsachadh: “Is mis’ a’ bheatha.” Nach farsuing a cuireadh do’n pheacach, nach misneachail a comhfurtachd dhoibhsan tha ri bron; nach mor an neart tha i toirt dhoibh-san tha fànn an cridhe! Cha’n ‘eil eucail air son nach ‘eil leigheas aig gràs, cha’n eil feum air son nach ‘eil ulluchadh, agus feumaidh gach neach a thig ‘na h-eisemail aideachadh fadheoidh—”Is leoir e; tha mi air mo bheannachadh mar gu’m biodh uile hordean agus uile shaobhreas gràis air ulluchadh dhomhsa nam aonar!”
IV. Tha a cheisd so a teagasg, ged is aithne do Chriosd, ‘ar feum, agus ciod a ni e rinn, is àill leis gu’n deanamaid fein ‘ar feum aithnichte dha.
Cha’n e aobhar urnuigh gu’n deanamaid aithnichte do Dhia, ni air an robh e aineolach; cha’n ‘eil feum aig uile-fhiosrachadh air sin, ni mò tha e ag atharrachadh a thoile; cha’n fhuiling a neo-chaochluidheadh sin (Seumas i. 17).
Cha’n ‘eil e a dusgadh a ghràis, oir tha sin o shiorruidheachd: ni mò tha e ga mheudachadh oir tha a ghràs neo-fhiosrachadh air sin, ni mò tha e ag atharrachadh a thoile; cha’n fhuiling a neo-chaochluidheadh sin (Seumas i. 17).
Cha’n ‘eil e a dusgadh a ghràis, oir tha sin o shiorruidh-eachd; ni mò tha e ga mheudachadh oir tha a ghràs neo-chriochnach. Ach tha e fosgladh slighe air son gràs a shruthadh a mach a reir na h-innleachd shiorruidh. Is e freagradh a chreidimh e do chèist Chriosd, “Ciod is àil leat mise a dheanamh air do shon?” Cha’n ‘eil fior urnuigh ann gus an doirt Dia a mach an Spiorad naomh, Spiorad nan gràs agus nan athchuinge (Sech. xii. 10.) Is e air tùs e Spiorad nan gràs, a suidheachadh ‘san anam aignuidhean naomha, agus an sin Spiorad nan athchuinge, a tionndadh nan aignuidhean sin a chum durachd bheò, a tha ag analachadh a mach o’n chridhe ann an urnuigh, eadhon mar tha an Spiorad a deanamh comhnadh le ‘ar n’annhuinneachdan (Rom. viii. 26).
“Thubhàirt an duine dall ris: A Thighearna mi dh’fhaotainn mo radhairc!” Nach ullamh, iomchuidh am freagradh so. Foghlumeadh peacaich agus naomh bhuaith aithne bhi aca air am feumaibh agus am feumaibh is mò bhi ac’ an uachdar. Bha Bartimeus a dh’uireasbhuidh iomadh ni, agus dh’fhag freagradh Chriosd raon farsuing dha ach ‘se a mhàin tha sinn a cluinntinn bhuaith “Fradharc! Fradharc!”
Nach beag ionndrainn tha ann am moran de dh’urnuigh-hean bhitheas sinn a cluinntinn gu minic. Tha iad ‘gun chuimse. Feudaidh e bhi na àm cul-sleamhnachaidh, no na àm ath-bheothachaidh, feudaidh e bhi na latha taingelachd, no an latha trasgaidh, feudaidh e bhi na aoradh teaghlachd no ‘na choinneamh fhollaisich, cha’n ‘eil e air son stà, cluin-nidh tu aig gach àm dhiubh sin an aon urnuigh aca. Agus ma thig thu air d’ais an ceann chuig bliadhna, gheibh thu an duine math ud leis na briathran ceudna, mar nach biodh an eaglais, no an saoghal no e fein air adhartas ‘sam bith a dheanamh, no atharrachadh ‘sam bith fhulang.
Nam biomaid gu ceart an ceann na h-urnuigh, feumaidh feum sonruichte bhi againn beo air ‘ar spioradaibh. Feumaidh sinn aithne bhi againn air ar n-uireasbhuidhean, mothachadh a bhi againn orra, agus an cuir an cèill. Feumaidh gnòthuch a bhi againn chum na Righ-chaitreach. Chuala mi am focal ud uair aig seann tràill dhiadhaidh. Chaidh fheoraich dheth cionnus a bha urrad do bheothalachd spioraid aige gun sgrur ann an dleasdanas na h-urnuigh. “Oh,” thubhàirt e, “tha gnòthach agam a ghnath ann an dol a dh ionnsuidh na Righ-chaitreach, tha mi an sin ag innseadh do’n Tighearna an aobhair air son an d’thainig mi, agus tha mi feitheamh air son freagradh.” Is ann mar so mar an ceudna a bhuiineadh dhuiinne feitheamh air son freagradh. Saoil nan do thionndaidh Bartimeus air falbh
o Chriosd, as deigh dha cromadh ‘san duslach, agus an eigh shearbh ud a chuir suas “A Thighearna gu’m faighinn mo radharc,” agus gu’n d’hubhairt e’, “Bho’n a rinn mi an urnuigh ud; theid mi nis taichdan a dh’iarraidh na deirce,” agus mar sin ag eiridh bh’air a ghluinean, tha e dol am measg n t-sluaigh a dh’iarraidh deirce. Nach toilleadh e gu’n deanadh an Slanuighear dha’n d’thug e masladh tair air urnuigh, agus a thoirt seachad do dhoille shiorruidh. Ciod ach so, tha sinne a’ deanamh, ‘nuair a’s deigh samhladh durachd ‘nar n’uirnuighibh a thiormaicheas sinn ar suilean agus a theid sinn gu seachranach a’s deigh gach buannachd is toilintinn thalmhaidh, gun fheitheamh air son freagradh? Tha eadhon an t-eunadair tha coma air son an eoin a leanntuinn na saighead le a shuil, gus am faic e i a dol an sas. Ach nach lionmhor iad nach d’thoir aon suil a’s deigh an urnuighibh.
Ach cha do phill is cha robh e comasach gu’m pilleadh Bartimeus air falbh bho Chriosd. Mar ‘eil a bhilean fathast ag eigheach, “mo radharc! mo radharc!” tha urnuigh ni’s doimhne na’s urrainn bilibh a chuir an ceill a dol a mach o chridhe. Chi thu so anns an duine gu lèir, na làmhan ‘gam fàsgadh, an ceann air a shineadh a mach, a ghnuis air a tionndadh suas ann an sbairn iarrituis, an ànail luath na uchd, air a bhualadh an taobh a stigh dheth le cridhe claoidhte, clach nan sùl gu diomhain ag oidhearpachadh air an latha fhaicinn, agus air an stiuradh a dh’ionnsuidh Iosa, mar gu’n ruigeadh e air solus le ainneart!
Cha’n ‘eil thu gu feitheamh fada an diomhain, a dhuine dhoill! Tha a mhaduinn a teachd. Tha a ghrian air eiridh ort le leigheas ‘na sgiathaibh (Mal. iv. 2).
VIII.
“Ghabh Iosa truas dheth, agus bhean e ri shuillibh agus thubhairt e ris. Faigh do radharc; imich; shlanuich do chreidimh thu.”
“Ghabh Iosa truas dheth,” gu cinnteach cha’n ann an sin air son na ceud uair, ach bha e air a dheanamh soilleir an. sin bha a dhearbhaidhean air an toirt. Bha fàile cubhraidh ‘sa bhocsa alabasteir mu’n do bhriseadh e le neart graidh, ach bha an sin an oladh air a dortadh a mach, agus lion a cubhraidheadh luachmhor an seomar (Marc xiv. 3.) Tha a leithid so, do dh’ainneart naomha ann an urnuigh, agus is ann mar so tha beannachdan tasgaidh Dhé air am faotainn. Tha truas uaigneach Chriosd a gintinn athchuingean annainne, a tha a thrus fhollaiseach fein a ris ag aideachadh agus a freagradh. Ghradhaich Iosa Martha, agus a piuthar, agus Lasarus; ach ‘nuair a sheas e
aig an uaigh ghuil e (Eoin xi. 5, 35.) Agus feudaidd sinn a chreidsinn ‘nuair a bha toraidhean uaigneach a pheacaidh mar so ‘na fhianuis gu’n do thaisbein a ghnuis an ni a bha na chridhe. Bha an sin an gràdh a thug e gu h-ùir a bhàis, a ‘chum agus gu’n saoradh e peacaich air a ghlusad ni bu chumhachdaiche ann na anam, agus bha e sruthadh thairis ann na ghnuis, na bhriathraibh agus ann an gniomharaibh truais. ‘Sann aig a leithid so do dh’àm a bha Mata air a ghlusad gu chuir sios “ghabh Tosa truas dheth.”
“Is bhean e ri shuilibh.” Cha robb so ‘na ni do-sheachinte mar nach b’urrainn a bheannachd-san sruthadh thuije gun mheadhoin, ach bha e air a dheanamh ann an irioslachd, agus ann an caoimhneas.
B’urrainn dha a leigheas le focal a mhàin, agus nam b’e sin a thoil gun fhocal, agus sin fad às cho maith, is fagus do laimh. Ach rinn e mar bu tric feum do mheadhonaibh. Chuir e criadh air suilibh an duine bha dall a rugadh e, agus chuir se e a dh’ionnlad ann an lochan Shiloam (Eoin ix. 6, 7.) Dh’àithn e a chlach bhi air a glusad bh’ar uaigh Lasaruis mu’n do dh’eigh e’, “Thig a mach” (Eoin xi. 39.) Is iad na builbhinnean is na h-eisg a bha aca ‘nan laimh a lionmhoiraich e, ann an aite iognadh a chur air an t-sluagh le biadh ulluchadh à neo-ni.
Tha a spiorad iriosal ri bhi air fhaicinn ann an so; oir bha na miorbhuilean a dh’oibrich e air am falamhachadh mar so do mhoran dhe’n ghloir a lionadh an t-suil fheoilmhoir le iognadh. Chuimhnich e ged a b’e e fein dluth-chompanach Iehobhah (Sech. xiii. 7), gu’m b’e nis a Sheirbheiseach e’ agus rinn e gu glie (Isaiah lii. 13.) Ged a bha e os ceann nan uile, Dia beannaichte gu siorruidh, bha e nis air fhoillseachadh ‘san fheoil (I. Tim. iii. 16), agus mar a b’iomchuidh dha, chuir e sgàil mu ghloir neo-chruthaichte, agus dh’oibrich e oibrbh gloirmhoir gu ro iriosal.
Ach am feadh a chuir e sgàil air a chumhachd ò shuil a mhoir-shluaiagh, thaisbein e ni bu ro phailte a chaoimhneas thaobh na muinntir euslan. ‘Nuair a thuig an lobhar nach ro eagal, air Criosd gu’m bitheadh e air a shalachadh leis (Marc i. 41); ‘nuair a mhothaich an duine bodhar, nach b’urrainn a bhriathraibh a chluinntinn gu’n robb a mheur na chluasaibh (Marc vii. 33), ‘nuair a chunnaic a bhean bhochd, a rinn Sàtan a chromadh cho an-iodhdmhor rè ochd bliadhna deug lamh bu chumhachdaiche na lamh a seann fhir sàruchaidh air a leagail gu cairdeil oirne (Lucas xiii. 13, 16), gun teagamh chaidh faireachadh aoibhneach tre’m feoil, ‘nuair a bhean e riu, agus bha an creidimh air a neartachadh gus an ni a gheall e a chreidsinn.
Rì leantainn.